[74]

ORAN NAM BANTRAICHEAN

THA na bantraicheang am àrach,
S gun agam mu dheighinn pàirt diubh;
Och! och! mo chall is mo nàire,
Falbhaidh mis fàgaidh min tìr.

Theireadh iad gur min coireach,
Min coireach, min coireach,
Theireadh iad gur min coireach,
Ged a theirinn-sa nach mi.

Ma théid mi Shannda no Sholas
Gum bi dream dhiubh anns gach dorus
Leis mar a chuir iadn am bhoil mi
Théid mi sgor am faigh mi sìth.

Thuirt dhiubh le comhradh coibhneil,
“ ’S math a bairidh e air maighdinn,
S math a cheannsaicheadh e raoine
N dorus faing ged bhiodh i strìth.”

Thubhairt eile, gu ceòl-spòrs daibh,
Ciod em fàth dhuinn bhithg a thòrachd?
Bfheàrr leis bhith falbh leis na h-òrain
Na bhith dórainn ri cois-chruim.”

Sinn uair thuirt bàillidh an tighearn,
“ ’S ann tham bàinidh ort atighinn,
G iarraidh gu pòsadh a rithist,
S tun déidh dithis chur don chill.”

Thuirt Fear Ghrìminis gu fiadhaich,
S e tarraing buiceis air fhiaradh,
Am faca sibh riamh cùis mhìothlachd
Ach fear liath gun chiall gu mnaoi!”

titleOran nam Bantraichean
internal date1778.5
display datea1779
publication date1938
level
reference template

Songs of John MacCodrum (1938) %L

parent textThe Songs of John MacCodrum
<< please select a word
<< please select a page