ORAN A’ BHONN-A- SIA
SOIRIDH slàn do ’n duin’ uasal
Thug dhomh ’n duais nach robh mìodhar,
’N déidh do ’n ghréin dol ’n a suidhe
’S greis air tighinn de ’n oidhche,
Gus an d’ ràinig mi ’n teine
Mo chridhe mire ri m’inntinn
Ann an dùil gur e ginidh
A rinn an duine dhomh shìneadh.
Haoi o haoi ri
Hó ro thall
Haoi o haoi ri
Hó ro thall
Haoi o haoi ri
Hó ro thall
Cha cheil mi air càch
Nach ’eil am bàidse leam gann.
Rinn mi fichead troigh sguaidhear
Agus barrachd a sgrìobadh,
Uiread eile ’s na ’s motha
De mhodhanna sìobhalt’,
A’ faighneachd le onair
Ciod am moladh a b’fhiach e:
’N uair a chunncas am bàidse
’S ann bu nàr e ri innse.
B’ann ’s an tigh air an laimrig
Fhuair sinn tearmad na h-oidhche;
Dh’fhaighneachd Aonghus MacAmhlaidh,
“Ciod a th’ ann a cheart rìribh?”
Thuirt mi fhìn le guth fosgarr’,
“Uam am botul beag spìocach!
Cuim’ a bhiodhmaid ri bhochdainn,
Cuim’ nach cosgamaid pinnt dheth?
Falbh thusa, bi tapaidh,
Thoir an clachan ud shìos ort,
Gabh rathad na Leacaich,
Fàg do chaisbheairt, cuir dhìot e.”
’N uair a ràinig e Teàrlach
An àiridh nach dolach,
A bha shliochd nan daoin’ uaisle
D’ am bu dualach an onair,
’N déidh na botuil a lìonadh
’S ann bha trìleach an donais:
’N uair a dh’fheuchadh am bàidse
Bha dà fhàrdan ’s an sporan!
’N sin leag Teàrlach a mhala,
’S thug e creathnachadh mór dhi:
“Cha robh mise ’m bhall-bùirte
Bho ’n là ghiùlain mi còta;
Bonn-a- sia air son ginidh—
Cha ghabh duine tha beò e,
Fhaic thu cùinneadh na ban-righ,
’S dealbh na clàrsaich fo thòin air.”
Labhair Aonghus an tràth-sa,
“ ’S ann tha nàire sin domhsa,
Na bi rithist ’g a shumadh,
’S sinn ’n ar urrachan còire;
Far am faighte duin’ uasal
Cha b’e Ruairidh an dròbhair,
’S mura deachaidh mi ’m mearachd
Gura balach gu bhròig e!
“’N uair chluinneas Tormod a Uinis
Agus Uilleam a Os e,
Tormod eile ’s an Siorram
Far an cruinnich iad comhla,
Their iad fhéin nach duin’ uasal
A thug uaith’ as a dhòrn e,
Ach fìor shèamanach balaich,
Fear gun aithne gun eòlas.
“Their Fear Fearann-an-Léigh,
‘Tha mi ’g éisdeachd na ’s leòr dheth,
Thig an gnothuch gu solus
Le onair ’s le comhdach;
’S math a dh’aithnicheadh e ’n copar
Air a shocair fo mheoirean,
Ach chuir an donas glas-làmh air
Mar tha meàirleach fo chòrdail. ’”
’S tìm dhuinn nis bhith dol dachaidh
Gus ar cairtealan còire,
Sinn gun dram gun tombaca,
Gun dad againn a dh’òlas;
Bonn-a- sia eadar ochdnar,
Cha bu choltach an lòn e:
Dh’ith e fhéin a’ mhin choirce
’S cha tug moisean dad dhomhsa!
title | Oran a’ Bhonn-a-Sia |
internal date | 1778.5 |
display date | a1779 |
publication date | 1938 |
level | |
reference template | Songs of John MacCodrum (1938) %L |
parent text | The Songs of John MacCodrum |