TALADH IAIN MHUIDEARTAICH
MHOIRE! ’s e mo rùn mo leanabh,
’S tu mac oighre Mhic ’ic Ailein,
Ogha ’s iarogh’ nam fear fearail—
Chaidh ur n-alladh fada ’g a cur.
B’fheàrr leam fhéin gun cinneadh siod dhuit—
Aois is fàs is àilleachd an cruth,
Maise ’s féile ’s géire le guth.
Taing do ’n Airdrigh thu bhith fireann
Chum ’s gum meudaicheadh tu ’n fhine,
’S gum biodh tu ’d spailp air do chinneadh
’S an deagh ionad ’s a bheil thu ’n diugh.
Bhith gu sìobhalt bhuineadh siod dhuit,
Garg is mìn mar chàirte ri t’uchd,
Pailt is rìoghail ’s aoigheil mu d’ chuid.
B’fheàrr leam fhéin gun cluinneadh càch e
’N uair nach bithinn fhéin an làthair,
Iain Mùideartach bhith ’n a àrmunn
Air an làrach am bheil e ’n diugh,
’N a cheann tàmha ri tàrmunn puirt
Anns an àros an seinnear a’ chruit,
’S bhiodh do chàirdean mànranach riut.
Thaobh do sheanar is do sheanmhar,
Craobh a b’aithne dhomhsa leanmhainn,
Comunn mo rùin a dh’fhàs ainmeil,
As an ainmeinn cha d’ rinn iad bun;
Cha robh mìorun fillte ri ’n cruth,
Iochdmhor fiachail ’s fialaidh mu ’n cuid,
Cliù is ciatamh ’s rianadh le guth.
’S iomadh rìoghachd agus nàisean
’S an do mheudaich sibh ur càirdean,
Mar rinn sibh ri Prionnsa Teàrlach
’N uair bha ghràisg a’ bagairt a mhurt.
Lean an dùthchas cliuiteach ud riut,
Dol an cunnart t’anma ’s do chuirp—
’S iomadh cliù a choisinn siod dhuit.
Nan tigeadh ort càs no éiginn
’S càirdeach dhuit an t-àrmunn Sléiteach
Aig am biodh na laochraidh threun
Bu chliuiteach beum ’s an teugmhail a muigh;
Na fir ùra ’n dùsal an truid,
Leis a’ chrùn bu dùthchas dhaibh cur,
Thaobh an cùil cha tionndadh iad stuth.
Fir Chnòideart ’s ann leibh gun druideadh,
Rachadh mar sheabhag ’s na druidibh,
B’e beachd ur nàimhdean bu ghlice
Thaobh ur misnich gum b’fheàrr dhaibh sgur;
Luchd ur n-eucoir ghéilleadh iad tur,
Meud ur beuma ’s géiread ur guin,
’N déidh an léireadh b’éiginn dhaibh sgur.
An fhine mhór ’s am pòr dh’fhàs ainmeil,
Domhnallaich ’s Raghnallaich chalma,
Bha gu fuilteach stròiceach feardha
’N uair a chàirte ’n arguin ri ’n uchd;
’S e Clann Raghnaill bhoillsgeadh mar thuil,
’N am na caonnaig chraosgladh iad fuil,
Fearg ’n an aodann ’s b’aognaidh an cruth.
Càit’ an robh iad riamh ri ’n àireamh,
’S iad ’n an seasamh ri h-uchd nàmhaid,
H-aon a bhuadhaich air Clann Raghnaill?—
’S iomadh àraich ’s an d’ rinn iad brugh,
Le ’n gaoir chatha, farum an uilc,
Cinn ’g an sgathadh, snaidheadh air cuirp,
Luaidhe treabhadh domhain troimh ’m fuil.
Càit’ an cualas riamh ri ’n àireamh,
’S iad ’n an seasamh air cùl Spàinneach,
H-aon a bhuadhaich air Clann Raghnaill?—
Gnùis gun fhàilinn, stàilinn mar stuth,
Dream gun eagal sheasadh roimh ’n trup,
Cruaidh gu fearail tarraing air stuic,
Stialladh ghearran ’s fhear air am muin.
Bha Clann Raghnaill treun aig Arla
’N uair bhrosnaich Lachlann am bàrd iad;
Sheas iad dìleas mar an stàilinn
Gus an robh ’n nàmh toileach air sgur;
Na fir àlainn àireamh dhiubh thuit,
’S cha bu nàr dhaibh tràghadh air fuil,
’S b’iomadh àrmunn bhàsaich le guin.
An cuimhne leibh là blàir Léinidh?—
Bha na Frisealaich ’n an éiginn,
Cha d’ shàbhail fear as a’ cheud diubh,
’S ghléidh sibh féin bhur cuid gus an diugh.
Na fir thaobhgheal b’fhaobharach guin
Luaidheadh aodach caol agus tiugh:
Clòithean màdair ’s càrnaid ’n an cur.
Ri linn Alasdair ’s Mhontròïs
Bha sibh ’n ur caithreim an Lòchaidh;
Bu ghleusda baranta Domhnall,
Leómhann cròdh’ ’s an tòrachd a muigh.
Bha ur nàimhdean dìolta dhe ’r cluich,
Thug iad maidhm a mach air a’ mhuir,
Broinn air bhroinn a’ ruith leis an t-sruth.
B’iomadh fear cleòc’ agus abaid
Bha chòta cho fliuch ri chaiseart,
Foghlum an t-snàimh nach robh aige,
Air an aigeal laigh iad air ghur;
Cha robh daol a’ faochnadh an cuirp,
Oir bha ’n aodach caol agus tiugh,
Nì nach b’iongnadh, aognaidh ’s e fliuch.
Là eil’ ann an Coille Chnagaidh
Dh’fhalbh MacAidh ’s gun d’fhàg e bhagaids,
B’fheumail an gnìomh rinn an t-each dha,
Air na bh’ aige chuir e droch bhuil.
B’iomadh sonn a b’fhonnmhoire guth
Bh’ air Raon Ruairidh ’s fuaran o ’n cuirp,
Cinn is gruagan luaidht’ ann am fuil.
Là eil’ ann an Sliabh an t-Siorraim,
Cùis an àir a dh’àraich tioma,
Thuit Ailean an neart an teine,
Leómhann smearail ’s b’fhearail a chruth.
’S truagh an tòrachd thàinig thar muir,
Dh’fhàg siod leointe stigh sinn ’s a muigh.
Nis sin stòlda ’s còir dhuinn bhith sgur.
title | Taladh Iain Mhuideartaich |
internal date | 1778.5 |
display date | a1779 |
publication date | 1938 |
level | |
reference template | Songs of John MacCodrum (1938) %L |
parent text | The Songs of John MacCodrum |