ORAN MU ’N EIDEADH GHAIDHEALACH
Air fonn: Marbhrann na h-Aigeannaich
THA mi cràiteach tinn
’S tha mi sgìth làn dochair,
Ceangal air mo bhuill,
Cha dean mì ceum coiseachd;
Mallachd air an rìgh
Thug am breacan dhìnn,
Guidheam air beul sìos
O ’n a shìn e ’n t-osan.
Ged tha ’n stocaidh fada
’S i ’n a cochull farsaing,
B’annsa ’n t-osan geàrr
Nach biodh réis o ’n t-sàil an gartan.
Luthaig thu ar còta
’N a sgeòl fharsaing,
’S luthaig thu ar brògan
Na ’s leòr phailte;
Mheudaich thu ar cìs
’S lughdaich thu ar nì,
’S dh’fhàg thu sinn gun phrìs:
Chan ’eil dìreadh againn.
Thug thu dhuinn a’ bhriogais,
Theannaich thu ar n-iosgaid:
B’annsa ’m breacan sgaoilte,
An t-aodach aotrom sgiobalt.
’S olc a’ chulaidh oidhche
Bhith ’n lùib na casaig;
Chan fhaigh mi cas a shìneadh,
Chan fhaigh mì cadal;
B’fheàrr an sòlas inntinn
Na deich slatan singillte
Chan ’eil culaidh shamhraidh
As feàrr na ’m breacan;
Tha e aotrom fonnmhor
An am an t-sneachda;
Bha e cleachdt’ r’ an cùmhdach
Aig na gaisgich lùthmhor:
’S acaid air an giùlan
Nach ’eil e aca.
Chulaidh bha cur fasgaidh
Air na Gàidheil ghasda,
Rìgh, gur mór am beud
Le pléid a chur a fasan.
Chan fhaca tu mac màthar
Air sràid no faithche
’S deise na mac Gàidheil
Le shàr phearsain:
Breacan air am féile
’S a chlaidheamh air cùl sgéithe,
Le dhagachan cho gleusda
Nach éisd iad sradag;
Sgiath air gual’ a’ ghaisgich
Cuilbheir caol ’n a achlais:
Chan ’eil Gall ’s an t-saoghal
Nach aognaich roimh fhaicinn.
’S math thig boineid ghorm
Air chùl borb an cocadh,
Còta geàrr is féile
Air sléisdean nochdte,
Dhol an làthair cruadail
Gu fuilteach nimheil buailteach,
’N uair chruinnicheas na Gàidheil
An làthair troda
Le ’n geur lannan Spàinneach
’S an deàrrsadh chlogad,
Pàighidh iad gu daor
Ann am fuil ’s an gaorr,
’S cha bhi bonn gun dìoladh
De bhlàr Chùil-lodair.
Chan ’eil urra chaidh a chreachadh
No urra chaidh a ghlacadh
Nach fhaigh iad luchd am mìoruin
Gu ’n rogha dìol thoirt asda.
’N uair chluinneas fir na h-Alba
Do dhearbh chaismeachd,
Théid iad gu neo-chearbach
Fo d’ dhealbh-bhrataich;
Domhnallaich bu dual,
’S dàine théid ’s an ruaig,
Tàilleirean clò ruaidh,
Gar nach fuaigh ach sracadh;
Le ’n cruaidh lannan sgaiteach
Snaidheadh chluas is chlaignean,
’S gum bi àireamh cheann
Air a h-uile ball ’s a’ bhreacan.
Nach doimheach dhuinn ar n-aodach
Bhith air chaochladh cumadh,
Chluinn sinn bhith ’g a dhìoladh
Math dh’fhaoidt’ an Lunnuinn,
Leis na fleasgaich bhòidheach
Chluicheas mar na leómhainn,
’S ionann ’s a bhith ’m prìosan
Bhith dhìth a’ bhreacain;
Nì sinn ùrnuigh dhìcheallach
’S gheibh sinn taice:
’N uair thig iad a nall oirnn,
Cóig ceud mìle Frangach,
Bidh Teàrlach air an ceann,
Bidh am ball fo ’n casan.
Siod an sluagh beachdail
Chuireas an gleò reachdmhor,
Armailteach gu leòr,
A luaidheas an clò Catach;
’S ’n uair théid a’ mhuc a dhaghadh,
’S a cuid uircean fhaileadh,
Air claidheamh no air breacan
Cha bhi tuilleadh bacaidh.
title | Oran Mu ’n Eideadh Gàidhealach |
internal date | 1778.5 |
display date | a1779 |
publication date | 1938 |
level | |
reference template | Songs of John MacCodrum (1938) %L |
parent text | The Songs of John MacCodrum |