[164]

ORAN DO MHACIC AILEIN

MO mhìle beannachd ort Iain Ghrùdair,
Dhùisg thu mi le tuirigleadh;
Baisling caillich mar a dùrachd
Tha min dùil a chunna tu;
Bha thu dìcheallach gu leòr
Ga mheòrachadh nam burrainn thu,
S na dhfhàg thu féin gun chur air dòigh,
Cha bhi an còrr dha uireasbhuidh.

Cuiman déis a dholn a dhàil
Nach drinn thu pàirt a chumadh dheth?
Nam bu bhàrd thu dhèanadh dàn
Mo làmh gun éireadh luinneag leat
Air daoine treubhach euchdach sàrmhaith
Fialaidh fàilteach furanach,
S nach faca nàmhaid latha blàir
An sàil air raon na h-iomanach.

S e bun mo sgeoil an tighearna òg
Cha dèan do ghlòir-sa tuireadh dha;
Cha stad an cainnt no teanga mhall
A dhèanadh rann don duine sin,
Dham bheil na càirdean lìonmhor làidir
Anns gach ceàrn gu cruinneachadh,
As tric thug beàrna air an nàmhaid,
S bhiodh an àireamh diombuanach.

Ma thig air Macic Ailein éiginn
S eòl domh féin am furan air,
Na chaisgeas fheums gach tòir is déidh
A chuireadh éis no mulad air;


[166] An Albainn fhéin tha sluagh nach géill
Is cunntas cheud de dhiomadh treubh
Nach diùltadh éirighn am na teugmhail,
S thig o Eirinn iomadaidh.

N uair nochdar ri crann do shìoda
Chluinntear pìob is drumaichean;
Bhiodh suaicheantas taitneach gu leòr
Aig Domhnallaich na curaidhean:
Fraoch nan garbhbheann air mac meanmnach,
S craobh nach searg an duilleach aic’,
Long is bradan is làmh dhearg
Is leómhann feardha furachail.

S leat air thùs do chinneadh féin
Gu làidir euchdach urramach,
Doln an éideadh bhualadh spéicean
S cruaidh am beums gur guineach e;
S an iomairt lann chaneil iad fann
Gur lìonmhor geall a bhuinnig iad,
Ri siabadh cheann bhàrr chorp nan Gall,
Is tart an geall air fuil orra.

nach neònach, ’s leat Clann Domhnaill,
Na laoich chròdha churanta,
Garbh an comhrag, searbh an tòrachd,
Garg mar leómhainn chuileanach,
Ri sgathadh chluasan, spealtadh ghuaillean,
Sgoltadh chnuac is mhullaichean,
Théid brass an ruaig, nach tais ach cruaidh
S e fear nach buan fuireach riu.

Thig fir Chnòideart mar na seobhgaibh
Air am foghlum tuilbheumach,
Làidir eòlachs feargn an srònaibh
Leònaidh iad gu cunnartach;
S nàimhdeil beurrtha iad creuchdadh
Cha téid léigh an urras orr’;
Bidh caonnag chaoich an gnùis gach laoich
dhfhaodas dol a dhiomairt riu?


[168]

Thig Clann Iain leat an òrdugh
S bòcain a gheibh urram iad;
Bidh fuilg a dòrtadh leis na leómhainn,
S gum bi feoiln a culagaibh;
Len claidhean cruadhach asìor bhualadh,
S luathaireach na curaidhean;
Gun leòn gun sgìos, gu bràth cha till
Gun téid na gill a chur leotha.

Thig na Ceapaich, ’s mi nach fàg iad
S math an àit achunnairt iad,
Feardha dàicheil calma làidir
Tàmailt riamh cha dfhuiling iad;
Ceum air adhart aig gach diùlnach,
S ionnsaichtiad air gunnaireachd;
Sgriosar càch gu grad gu bàs
Le gàirdeanan nan curaidhean.

Thig Clann Donnchaidh leatn an comhlan
S meanmnach am pòr urramach
Tighearna Shrùthain agus Leoid
Len daoine comhnard cumadail;
Théid neo-sgàthach ruagadh Spàinneach
Deagh gheur stàilinn Lunnuinneach;
Leagaidh iad na thig rin aodann
Leis na faobhair fhulangach.

Eiridh fiùrain fhallain ùra,
Stiùbhartaich gu dunmharbhadh,
Iarla Bhòid le chomhlain chliuiteach
N uair a dhùisgears duilich e;
Thig o Athall na fir bhorba,
Colgarra ro iomairteach,
Gach aons an Apuinn an iar,
S an am dhaibh triall bidh bhuinnig ac’.

S leat na Leòdaich pailt de stòras,
Dream nach sòradh builleannan
Thoirt na tòrachd gu do chomhnadh,
Stròiceadh seòlta cunbhalach;


[170] Làn de chruadal mar bu dual,
Cha teich, cha luaidhear thionnail riu;
Bidh cuirp air fuarachadh gun uaigh
Le luaidhe luath ur gunnachan.

S leat na h-Ailpeinich le cinnt
Chan iongnadh iad a chruinneachadh
Gu do dhìdean o luchd mìoruin
N am na strìth cha chuirear riu.
S làidir treun gach conspull féil
Nach éisd ri bhith ’g ad dhiomoladh;
’N uair chruinnicheas iad uile comhla
Bidh na ’s leòr ’s na h-uiread ann.

titleOran do Mhac ’Ic Ailein
internal date1778.5
display datea1779
publication date1938
level
reference template

Songs of John MacCodrum (1938) %L

parent textThe Songs of John MacCodrum
<< please select a word
<< please select a page