MARBHRANN DO CHAIPTEAN FEARGHUSTAN
THÀINIG naidheachd oirnn o ’n lear
Le gaoith an ear o Chuan Sgì—
Na thill an naidheachd air n-ais;
Na thig an t-athsgeul a rìs:
Caiptean Fearghustan ’s a long
Fo ainmeinn nan tonn gu dian—
H-uile neach do ’n adhbhar thùrs’
Bior ’n a shùil gu cùl a’ chinn.
Thuirt Ruaidheabhal le guth àrd,
“Ma rinn e ’n teàrnadh cho cas,
Ma tha e ’m broinn muice no ròin
Cha tig e mar Iònah as.
“ ’S iomadh tìr ’n do thog e smùid,
Talla mùirneach chuir e dhìth.
Gum b’aotrom leam clach-mhuilinn mhór
Mar acaire g’a chumail shìos.
“An torc nimh’ nach tugadh bàidh,
Nochd a làmh an àr ’s am murt,
’S ait leam claban do chinn mhaoil
’G a chagnadh fo chraos na muic’.
“Far an cuidhtichear an t-olc
Ris gach droch dhuin’ théid a null,
’N tomhas stràic a thug thu uat
Gheibh thu ’n tomhas suas a nall.
“ ’S éibhinn leo ’s an tìr ud thall
O thug thu do cheann fo ’n mhuir;
Gum b’aotrom leo Cruachan Beann
Fhaicinn ’n a mheall air do mhuin.”
Thubhairt Eubhal mhór a’ cheò,
“Cha b’e sin an sòlas leam;
’S àirde t’eanbhruith na t’fheoil
O ’n là thòirleum thu ’s a’ ghrunnd.”
Thubhairt Teach an Triubhais fhiadhaich
Chrotach chrom nam fiadh ’s nam molt,
“ ’S buileach a dh’fhàg thu do chiall;
’S fada do cheann liath ri olc.”
Sin ’n uair thubhairt Lì bho Dheas,
“Easbhuidh ort a bhean gun chéill,
Chan ’eil aon bheinn air an t-saoghal
Bhios ’g a chaoineadh ach thu féin.”
Sin ’n uair thubhairt Beinn MhicMhuirich,
“Cluinneam ’g a thuiream a nis thu.
Chan ionann caoineadh is càineadh—
Caoineadh àsan ’s càinidh mis’ e.
“ ’S ann shìos ud a bha ’n an tàmh
Luchd dhèanamh nan dàn gu binn;
Ann an sìothshaimh fhuair iad bàs—
Cha robh phlàigh ud ann ri ’n linn.
“Gum b’aithne dhomhsa Niall Mór,
Domhnall Geàrr, ’s Niall còir a mhac,
O Dhomhnall eile gu Niall—
D’ ur fianntachd a ghabh mi tlachd.”
title | Marbhrann do Chaiptean Fearghustan |
internal date | 1778.5 |
display date | a1779 |
publication date | 1938 |
level | |
reference template | Songs of John MacCodrum (1938) %L |
parent text | The Songs of John MacCodrum |