[182]

BEANNACHADH-TIGHE FIR BHAGHASDAIL

GUM beannaicheadh Dia an tùr as àilne
Gus an tàinig mim beul oidhche,
Geàrr on làrach an robh ’n t-àrmunn
Bu cheann tànach roimh na h-aoighean,

An robhn curaidh, an robhn gaisgeach,
An sàr chaiptean roimh na mìltean,
An robhn duine bu thearc samhailt
Bha ri fhaighinn anns na crìochan.

S e sàr mhac mór Mhicic Ailein
Fhuair an alladhs cha bu mhìochliu;
Cha bu dùthchannan thug cliù air
Fada shiùbhlte feadh gach rìoghachd.

........
.......
Dhaindeoin na labhair iad uile,
Cha dfhuair en t-urram a bfhiach e.

Gum beannaicheadh Dia an tùr allail
As glan sealladh, ’s e tùr Chailein,
Tùr as ainmeil feadh gach talmhainn,
Tùr air laimrig Chaolas Bharraidh.

S e tùr nan cliar an tùr fialaidh,
N tùr an riaraichear gun ghainne,
An tùr ceòlmhor am bi mhórchuis,
Fìon is beoir air bòrd gun cheannach.

Tùr an fhortain, cliuiteach cosgail,
M fàg na daoine bochdam beannachd,
Tùr an t-sonaiss am bin onair,
Ge be mholadh e mar bairidh.


[184]

S àlainn éibhinn deàrrsadh gréinair
N am bhithg éirigh maduinn earraich,
Sòlas inntinn fir na tìre,
Lainndeir oidhche do luchd mara.

Ionad reulaidh dhfhearn a éiginn
N am bhith stéidheachadh air caladh;
e soillse mar an daoimean
Solus coinnles uinneag ghlaine.

Ro mhath sgliatadh, ro mhath aoladh,
Ro mhathn t-saothair thair a bhalla,
S ro mhath ghiuthas air a dhlùthadh
Air son ùirneis bheir e barrachd.

N tigh as feàrr tha measg nan Gàidheal
n duinann as feàrr na Cailean?—
Duine gasda cneasda diadhaidh,
Cliù dha iarogh’ ’s cliù dha sheanair.

N tighs an duina réir achéile,
Mar fhuair Eamunn an t-each barrfhionn.
Gun gleidheadh Dia thu o neart nàmhaid,
O neart teines o neart mara.

Gun gleidheadh Dia am fear chuir suas e
N saoghal buans an dualchas arrail;
E féin is a shliochdn a dheaghaidh
Dhol air adhart an deagh ghnothuch
Siod mo roghainn.

titleBeannachadh-tighe Fir Bhaghasdail
internal date1778.5
display datea1779
publication date1938
level
reference template

Songs of John MacCodrum (1938) %L

parent textThe Songs of John MacCodrum
<< please select a word
<< please select a page