[14]

ORAN NA H-AOISE

Air fonn: The pearl of the Irish nation

CHA tog mise fonn,
Chan éirich e leam,
Tha maigne ro throm fo éislean;
An cridha tam chom
Mar chloich bhiodhn a deann
Atuiteam le gleanns nach éirich.
Tha gaisgeach nach tìom
Oirnn ag cogadhs astrìth
Nach urrainn a chaoidh bhith réidh ruinn;
Os trease na sinn
Théid leis-san ar claoidh,
S cha teasairg aon fon ghréin sinn.

S cùis thùrsa gu dearbh
Bhithg ionndrainn na dhfhalbh
Ar cruitheachd ar dealbhs ar n-eugasg,
Ar cumadhs ar dreach,
Ar spionnadhs ar neart,
Ar cur an am gleac no streupa:
Mar a sgaoileas an ceò
Thar aodann an fheoir,
Mar a chaochleas na neoils na speuraibh,
S ann than aois ateachd oirnn,
Cumhach caointeach làn bròin:
S neo-shaoithreach ra leòn an sin.

Aois odhar gun bhrìgh
Thag ar todhar gu cill,
Dhfhàgas bodhaig achinn ro éitigh;
Aois bhodhar nach cluinn,
Gun toghaidh gun suim,
Gun char foghainteach strìth no streupa;


[16] Aois acaideach thinn,
Gun tacsa gun chlì,
Gun ghaisge gun spìd gun spéirid,
Làn airtneil is cràidh,
Gun aidmheil bhith slàn,
Gun aon neachg am bheil càs do téiginn.

Aois chasadach gharbh
Cheann-trom chadaltach bhalbh,
Ann an ions a bhith marbh gun éirt thu:
Cha ghluais thu ach mall
Agus cuaillann ad làimh,
Dol mun cuairt air gach allt is féithe;
Cha chuir thu gu bràth
Cha chubhaidh dhuit à
Geall ruithe no snàmhno leuma:
S ann tha fiabhras is cràdh
G ad iarraidh gu bàs
Nas lìonmhoirna plàigh na h-Eighphit.

Aois chianail ro bhochd
Ri caoidh na rug ort,
Dim-brìgheil gun toirt gun spéis thu;
Do luchd comuinn is gaoil
Fo chomairc an aoig,
S gun air comas a h-aon diubh éirigh;
Dhfhalbh tàirneiss do chuid,
Dhfhalbh slàinte do chuirp;
Thig ort fàilinnean tuigsis reusain;
Thig dìochuimhn’, thig bàthchd,
Thig dìomhanas ,
Thig mìoloinn do chàirdean féin ort.

Aois ghreannach bhochd thruagh,
S miosa sealladh is tuar,
Mhaol sgallach gun ghruag gun deudach,
Roc-aodannach cruaidh
Preasach craicneach lom fuar
Crùbach crotach gun ghluasad ceuma;


[18] Thusa lobhair na spìoc
Bheir na subhailcean dhìnn,
s an domhain lem binn do shéise?
Aois ghliogach gun chàil,
S tus miosa nam bàs,
S tus tric a rinn tràill den treunfhear.

Aois chiardhubh abhròin,
Gun rìomhadh gun spòrs,
Gun toil-inntinn ri ceòl da éisdeachd,
Rob-fhiasagach ghlas,
Air dhroch sheasamh cas,
Leisg seotail neo-ghrad gu éirigh;
Chan fhuiling thu fuachd,
S olc an urrthun càs cruaidh,
S e do bhuinnig an tuaths an déirce;
Chaneil neach ort an tòir
Nach e aidmheil am beoil
Gur fada leo beò gun fheum thu.

Aois uaines olc dreach,
Orm is suarach do theachd;
Chaneil tuaraisgeal ceart fon ghréin ort:
Thu gun mhire gun mhùirn,
Thu gun spiorad gun sùrd;
Far an cruinnich achùirt cha téid thu.
Aois chairtidhs olc greann,
Aois acaideach mhall,
Aois phrabshuileach dhall gun léirsinn;
Cas feargach gun sùgh,
Làn farmaid is tnùth
Ri fear meanmnach bhios lùthmhor gleusda.

Faire faire dhuinòig,
Cia do bharantas mór?
N i do bharail bhith beòs nach eug thu?
Ged than saoghals an fheoil
Co-aontach nas leòr
Air do chlaonadh o chòir gu h-eucoir,


[20] Co fhads a than dàil
Thig ort teachdair abhàis
Na creid facal gur fàistinn bhréige;
Biodh do gheàrd ort glé chruaidh,
Tha do nàmhaid mun cuairt,
Cha tigh cràbhaidh an uaigh an téid thu:

Ach àroch gun tuar
Chnoimheach dhaolagach fhuar
Anns an càirich iad suas leat féin thu;
Cho mórs tha ed bheachd,
De dstòr cha téid leat
Ach bòrdain bheag shnaidhtis léine.
S e cùram as
Bhith dol dhionnsaigh amhòid
Gu toirt cunntas an còirs an eucoir,
Far nach seasamh do
Dhuit dad dhe dchuid fiach;
S es cùis eagail bhithm prìosan éiginn.

titleOran na h-Aoise
internal date1778.5
display datea1779
publication date1938
level
reference template

Songs of John MacCodrum (1938) %L

notesSame as text #171-25.
parent textThe Songs of John MacCodrum
<< please select a word
<< please select a page