ORAN DO NA FOGARRAICH
Air fonn: Air tuiteam am chadal
TOGAIBH misneach is sòlas,
Bithibh inntinneach ceòlmhor,
Agus cuiribh ur dòchas
Ann an comhnadh an Airdrigh;
O ’n as fheudar dhuibh seòladh,
Is nach ann do ur deoin e,
Do rìoghachd nach eòl duibh,
Mar a thòisich ur càirdean;
O nach fuiling iad beò sibh
Ann an crìochaibh ur n-eòlais,
’S feàrr dhuibh falbh do ur deoin
Na bhith fòdha mar thràillean;
’S iad na h-uachdarain ghòrach
A chuir fuaradh fo ’r srònaibh,
A bhris muineal Rìgh Deòrsa
’N uair a dh’fhògradh na Gàidheil.
Ma thig cogadh is creachan,
Mar as minig a thachair,
’S ann a bhios sibh ’n ur starsaich
Fo chasaibh ur nàmhaid;
Tha sibh soirbh ri bhur casgairt,
’S gun neach ann gu ’m bacadh,
Tha bhur guaillean gun tacsa,
’S na gaisgich ’g ur fàgail.
Rìgh! gur sgiolta ri ’m faicinn
’N an seasamh air faithche
Le ’n aodaichean gasda
De bhreacanan càrnaid
Na tha falbh uaibh an ceartuair
De dh’òganaich dhreachmhor,
Gun truailleadh gun ghaiseadh,
Gun taise gun tàire.
Thug siod sgrìob air Mac Dhomhnaill,
Thug e spùilleadh air Mórar,
Thug e lomadh air Cnòideart,
Thug e leòn air Clann Raghnaill:
Falbh nam fear òga,
Falbh nam fear móra,
Falbh nam fear cròdha
’N am na tòrachd a phàigheadh;
Bidh cinn-chinnidh ’n an ònar,
’S an slinnean gun chomhdach,
Gun treise gun chomhnadh
’N uair thig fòirneart an làthair:
Ur nàimhdean gu spòrsail
’G ur stampadh fo ’m brògan;
Luchd fòirneart gu treòrach
Gun neach beò gus an àicheadh.
’S truagh an gnothuch ri smaoineach’,
Tha ’m fearann ’g a dhaoradh;
Ghrad dh’fhalbh ar cuid daoine,
’S thàinig caoirich ’n an àite:
’S lag an sluagh iad ’s is faoin iad
Dol an carraid no ’n caonnaig,
Làn bracsaidh is caoile,
’S iad fo dhraoidh ghille-màrtuinn;
Cha dèan smiùradh ur saoradh
’N làthair batail air raonaidh,
No fead cìbeir an aonaich
Gnè chaochladh dhe ’r n-ànradh;
’S ged a chruinnicheadh sibh caogad
Mholt is reitheachan maola,
’S beag a thogadh a h-aon diubh
Claidheamh faobharach stàilinn.
Ciod am fàth dhomh bhith ’g innse
Gun d’fhàs sibh cho mìodhar
’S gun spothadh sibh frìghde
Far an dìreadh i fàrdan?
Dia a stiuireadh ur gnothuich
Air gach taobh agus romhaibh
A null air chuan domhain
As coimhiche gàire;
Thugadh Eölus earail
Do ’n ghaoith a bhith tairis
Gun giùlain i thairis
Ur mnathan ’s ur pàisdean;
Biodh an fhairge le mothar
Toirt an spìd as an robhairt;
Biodh Neptiun ’g a clothadh
Gun tomhas ro àrd oirr’:
Gus an ruig sibh am fearann
Gun eagal a ghabhail,
Dol air tìr mar as math leibh
Ann an calaichean sàbhailt.
Triallaibh nis fhearaibh
Gu dùthaich gun ghainne—
Cuiribh cùl ris an fhearann
Chaidh thairis am màl oirbh—
Gu dùthaich a’ bhainne,
Gu dùthaich na meala,
Gu dùthaich an ceannaich sibh
Fearann gu ’r n-àilgheas,
Seallaibh mun cuairt duibh
Is faicibh na h-uaislean
Gun iochd annt’ ri truaghain,
Gun suairceas ri dàimhich;
’S ann a tha iad am barail
Nach buin sibh do ’n talamh,
’S ged dh’fhàg iad sibh falamh
Chan fhaic iad mar chall e;
Chaill iad an sealladh
Air gach reachd agus gealladh
Bha eadar na fearaibh
Thug am fearann-s’ o ’n nàmhaid:
Ach innseadh iad dhomhsa,
’N uair théid sibh air fògradh,
Mur caill iad an còir air
Gun dòigh air a theàrnadh.
title | Oran do na Fogarraich |
internal date | 1778.5 |
display date | a1779 |
publication date | 1938 |
level | |
reference template | Songs of John MacCodrum (1938) %L |
parent text | The Songs of John MacCodrum |