[28]

CARAID AGUS NAMHAID AN UISGE-BHEATHA

Caraid

MO ghaol an colgairneach spracail,
Fear nan gormshuilean maiseach,
Chuireadh foirm fo na macaoimh
N uair a thachradh iad ris;
N uair a chruinncheadh do chòisir
Cha bi chuilm gun a comhradh
Gheibhte ruinn agus òrain
S iomad stòiridhn am miosg;
Gille beadarrach sùgach
Than a chleasaiche lùthmhor,
S ro mhath bhreabadh an t-ùrlar
Agus thionndadh gu briosg;
S e dhannsadh gu h-uallach,
Gu h-abhcaideach guanach,
Gun sealltainn air truailleachd
Ach uaislagus mios.

Nàmhaid

’S mairg a dhèanadh an t-òran
S nach dèanadh air chòir e,
Gun bhith moladh an -fhir
Bhan a rògaire tric:
Fear a sheargadh an conach,
Thionndadh mionach nan sporan,
Dhfhàgadh leanaba air aimbeairt,
Ann an carraids an drip;
An strothaire dìomhain
Tha gu brosgulach briagach,
Fear crosta -chiallach
Gun riaghailt gun mhios;


[30] Call mór tha gun bhuinnig,
Ann an sòlas ro dhiombuain,
S fear stòrais as urra
Bhith an cumantas ris.

Caraid

Mhic-an-tòisich mhic bracha,
Fhir chomhraig nan gaisgeach,
Chuireadh bòilichs na claignibh,
Chuireadh casaibh air chrith;
Bu tu cleòca na h-aiteamh
N aghaidh reòtagus sneachda,
Dhèanadh nòisean de fhrasaibh
S chuireadh seachad an cith;
Dhèanadh dàna fear saidealt’,
Dhèanadh lag am fear neartmhor,
Dhèanadh daidhbhir den bheairteach
Dhaindeoin pailteas a chruidh;
An ceart aghaidh na thaca
De mhùirn no mheadhail no mhacnas,
S tu raghainn as taitnich
De chùis mhacnais air bith.

Nàmhaid

A dhuinan cualthu nom facthu
Riamh nas miosa chùis mhacnais
Na bhithn ad shìneadhs na claisibh
Gun chlaisteachd gun ruith,
Air do mhùchadh le daoraich,
G ad ghiùlan aig daoine,
N ad chùis-bhùirt aig an t-saoghal
Far nach faodar a chleith;
S e bhith coinneachadh Rati
do lomadhn ad bheairteas:
Luchd a chomuinns a chaidreabh
Rinn en creachadh gun fhios.


[32]S i ciall-sgur a bhios aca
Bhith ri buillibhs ri cnapaibh,
Gum bi fuil air na claignibh
S bidh am batacha brist’.

Caraid

Mo ghaol an lasgaire suairce
Chleachd bhithn caidreabh nan uaislibh,
S lìonmhor tlachd is deagh bhuaidh
A ta fuaighte ri dchrios;
Biorach gormshuileach meallach,
Beachdail colgarra fallain,
Làidir caoin air deagh tharraing
Gu fògradh gaillinn achuirp;
Far an cruinnich do phàisdibh
Gum bi mirann is mànran,
Agus iomad ceòl-gàire,
S iad neo-chràite man cuid;
Bheir en t-ùmbaidh gu sòlas,
e sunndach fear brònach,
e glic am fear gòrach,
S e gòrach fear glic.

Nàmhaid

Am be sin raghainn nam macaomh
Bhith gun fhradharc gun chlaisteachd?
N uair bu toigh leo dhol dachaidh
S e thachras as mios’:
Gur en ceann as treas cas dhaibh,
Lom-làn mheall agus chnapa,
Gach aon bhall dam bi aca
Goid an neart uathgun fhios;
Iadn an tamhaisg gun toinisg,
Iad alabhairt an donais,
Iad ro lamhach gu conas
S nach urriad cur leis;


[34] Bidh an aodnaibhg an sgròbadh,
Bidh an aodachn a shròicibh,
Chan fhaod iad bhith stòlda
S iad an comhnaidh air mhisg.

Caraid

Nach bòidheach an spòrs
A bhith suidhe mu bhòrdaibh
Le cuideachda chòir
Bhios an tòir air an digh?
Bidh mo bhotul air sgòrnan
Ri toirt coip air mo stòpan
Nach toirteil an ceòl leam
An crònans an gliog?
Gum bi fear air an daoraich,
Gum bi fear dhiubh ri baoireadh,
Gum bi fear dhiubh ri caoineadh
Nach beag a shaoileadh tu siod?
e fosgailtfear dìonach,
e crosta fear ciallach,
e tosdach fear briathrach
Ach am blialum nach tuig.

Nàmhaid

Nach dona mar spòrs
A bhith suidhe mu bhòrdaibh,
No bhith milleadh mo stòrais
Le gòraich gun mhios,
Le siaraichs le stàplaich,
Le briathra -ghnàthaicht’,
Ri spiaradhs ri sàradh
An Adhbharsair dhuibh?
Bidh an donass an dòlas
De chonass de choimhstrith
S de tharraing air dhòrnaibh
Anns achomhdhail nach glic,


[36] Ri fuathass ri sgainneal,
Ri gruaidhibhg am prannadh,
Le gruagang an tarraing
Le barrachd den mhisg.

Caraid

Mo ghaol an gille glan éibhinn
Dhfhàs gu cinneadail spéiseil,
Dhfhàs gu spioradail treubhach
N uair a dhéireadh an drip.
Bhiodh do ghillibh ri sòlas,
Iad gu mireagach bòidheach,
Iad asireadh nas leòr,
S iad ag òl mar a thig;
Iad gu h-aighearach fonnmhor,
Iad gun athadh gun lompais,
Iad gu math air an rongais
N uair a banntlachd an cluich.
Cuid dam fasan air uairibh
Dùirn is batagus gruagaibh;
Dhaithnchte dhreach air an spuacaibh
Gu robh bruailleans amhisg.

Nàmhaid

Tha mhisg deomhnaidhn a nàdur,
Lom-làn mórchuis is àrdain,
Lom-làn bòsd agus spàrraig
Anns gach càs air an tig;
Tha i uamharra fiadhaich,
Tha i murtaidhn a h-iarbhail,
Tha i dustach droch-nialach,
Làn de dhfhiabhrass de fhriogh.
Gum bi fear dhiubhn a shìneadh,
Gum bi fearn a chùis mhìoloinn;
Gum bi aithlise lìonmhor,
S iad amaoidheadh nam pluic.


[38] Tha i tuaireapach foilleil,
Iomad uair an droch oilean,
S gun de dhfhuasgladh fa dheireadh
Ach— ’s i bu choireach amhisg.

Caraid

Mo ghaol an cleasaiche lùthmhor,
Fear gun cheasad gun chaomhnadh,
Fear gun cheiltinn air cùinneadh
N am bhith dlùthachadh ris,
Bheireadh tlachd as amhùigean,
Dhèanadh gealtair den diùlnach,
Dhèanadh dàn am fear diuid
Chum a chùis a dhol leis;
Fear as feàrr as tigh-òsd thu,
Fear as urbhailteach òrain,
Fear nach fuilingearn a ònar,
Ach am bòilichs an drip;
Fear tha mànranach ceòlmhor,
Cridheil càirdeach le pògaibh,
S a làmh dheas air a phòca
Sgapadh stòrais le misg.

Nàmhaid

A chinn-adhbhair achonais
S tric a dhfhadhbhaich na sporain,
Fhir nach dfhoghluim an onair,
S i bhithg ad mholadh abhleid,
Nis os buanna ro dhaor thu
Tha ri buaireadh nan daoine,
Dol mun cuairt air an t-saoghal
Chum na dhfhaodas tu ghoid.
Fear ri aithreachas mór thu,
Fear ri carraids ri coimhstrith,
Fear ri geallaims cha tòraim
Thug siod leònadh do dmhios.


[40] thum pòiteirn a strìopach,
thu strìopachn a phòiteir
S iomad mìle droch comhdhail
A than tòir air amhisg.

Caraid

Ge be thionnsgainn no dhinntrig
Air an ionnsramaid phrìseil,
S duine grunndailn a inntinn
Bha gu h-innleachdach glic:
Thug o arbhar gu sìol e,
Thug o bhraich gu s brìgheil’,
Thug a praisn a cheò liath e
Mach throimh chliath nan lùb tric,
Thug a buideal gu stòp e
Rinn en t-susbainte comhla
Thogadh sligeach an reòta
Far fir bhreoite gun sgrid;
N donas coinneamh no comhdhail
No eireachdas mórshluaigh
Gun do cheilearadh bòidheach
Cha bhi sòlasn am miosg.

Nàmhaid

Ge be thionnsgainn an aimlisg,
S olc an grunnd bhan a eanchainn
S mór a dhùisg e de dhargmaid
S de dhroch sheanchas mar ris;
Dheilbh e misg agus daorach,
Rinn e breisleachs an t-saoghal,
Bfheàrr nach beirte gu aois e,
Ach bàsn a naoidheachan beag;
Dhùisg e trioblaid is coimhstrith,
Rùisg e biodag an dòrnaibh,
Chuir e piobars an deomhnachd
N uair a thòisich amhisg.


[42] Cha chùis bhuinnig a leanmhainn,
Ach cùis ghuil agus fhalamhachd,
’S a chaoidh chan urr’ thu g’a sheanchas
Ciamar dh’fhalbh do chuid leis.

titleCaraid agus Namhaid an Uisge-beatha
internal date1778.5
display datea1779
publication date1938
level
reference template

Songs of John MacCodrum (1938) %L

notesSame as text #171-31.
parent textThe Songs of John MacCodrum
<< please select a word
<< please select a page