[52]

AOIR DHOMHNAILL FRISEIL

SOIRIDH slàn don Fhrisealach
Nach dfhàs a mhisneachd crìon;
S iomadh fear uiread riut
Nach burrainnna do ghnìomh;
Fhuair thu cheum onarach
Nach boineadh riut a dhìol
Céile mhic Shir Seumas,
Agus éighreachd Chloinn Mhic Cuinn.

S mise thair mo chlisgeadh
S mi air chipean anns abheinn;
Mura marbh mi Domhnall Friseal,
Marbhaidh Domhnall Friseal ;
S ma thig anns na cleipeisdean
Gur h-esan théid a dhìth,
S iomadh aon lem beag e
Théid ga ghreasad don a chill.

Chuirinn fhéin sac ùrach air
Nach giùlaineadh a dhruim,
S chuirinn clach a bharrachd air
A dhearalas nan clìc
Nach cuireadh seisreach ghearran
Aona char dhith aig a miad:
Bu mhath an càrnan mollachd i
Nam biodh a chron oirrsgrìobht’.

Nam bithinn fhéin air tfhalairidh
Cha ghearaininn cion bìdh,
Bfheàrr leam am bùrn salach ann
Na glaineachan den fhìon;


[54] Bfheàrr leam lùireach caillich ann
Na léine ghlan den lìon,
S bu bhinne leam am basbhualadh
Na caismeachd air aphìob.

S beag iongnadh leam do chéile
Bhith gu h-éisleanach bochd tinn
An deaghaidh mhic Shir Seumas
An robh maises féiles gnìomh;
Fhuair in ad bhall teaghlaich thu
Cho léirsinneach air brìb;
Bhiodh diombadh sluaigh na gréine ort
S cha bhiodh tu réidh ri dmhnaoi.

Nam faiceadh tu na consmuinn ud,
S nam biodh tu beò rin linn,
Bu mhórdhalach a shuidheadh iad,
Bu tighearnail an gnìomh;
Ge be ghabhadh ròidean
Gus an còir thoirt far an cinn,
Bu cheart cho dearbh an donas daibh
S tham marbh adol don chill.

Sinn uair thuirt am Bàideanach
Gu h-àrd air mullach ,
S eg éigheach, “Molc air mfhàgail
N uair a bhios do dhàil ri tuinn;
Bu tric aig aghaidh bàillidh sinn,
S ma bha cha bann le sìth,
S bu ghoirt a bha mo chàraid
An dhfhàisg thu air na trì.

Thug mi cóig puinnd Albannach
S deich marg dhuit os a chinn
Air son sìochairaighe
Bha an atharrais -laoigh;
Bha min dùil gum bionann tuaisle
S am fear ruadh a bhas achrìch:
Be siod dhomh féin bhith coltachadh
Dubh bhrochan ris an fhìon.”

titleAoir Dhòmhnaill Friseil
internal date1778.5
display datea1779
publication date1938
level
reference template

Songs of John MacCodrum (1938) %L

parent textThe Songs of John MacCodrum
<< please select a word
<< please select a page