A’ CHOIMHSTRITH
GE fada cian ’s na beannaibh mi,
Nach tìm ri triall na Hearadh dhomh?
Gu neartadh Dia mo bharanta—
Cha bhi mo mhiann ’s na glaineachan
Co fad ’s a dhìolas drama mi.
Mo Leòdach as mór urram thu,
Gun tigeadh airm a’ churaidh ort,
Gur ann ort féin nach guileadh iad,
Gur sgaiteach geur a ghuineadh iad,
Bhiodh dath an deirg far ’m buineadh iad.
Chan e dhùisg mo sheanchas domh
Chùis mu bheil mi dearmalach—
Gach Hungaireach ’s gach Gearmailteach,
Gach Frangach an rùn marbhaidh dhuinn:
Muir no tìr cha tearmann duinn.
Tha mo dhùil-s’ gur fìrinneach—
Gach mùiseag tha mi cluinntinn deth—
Nach dèan iad unnsa dhìreadh oirnn,
Nach buinnig iad na h-Innsean oirnn,
Gu sguir iad far ’n do dh’inntrig iad.
O chuaidh na h-airm an tasgaidh oirnn,
Ge tric a’ ghairm gu faigh sinn iad,
Nach foghnadh claidhean maide dhuinn
Gu seasamh a’ chrùin Shagsonaich,
Mar thug an Diùc a dh’fhasan duinn.
Ge mórdhalach Rìgh Phruisia
’S na rìoghraidh mór’ tha ’n trioblaid ris,
’S co neònach leams’ am Frisealach
’S am Bàideanach le m’fhiosrachadh
Bhith dèanamh rèit’ ’s nach brist iad i.
Guma slàn dh’ an àrmunn cheanalta
Nach d’ chuir an ràbhard eallach air,
Thug dhomhsa càil gun mhearachd dheth;
Ge ta cha tug e barantas domh
’N rèit’ ud c’ fhaid a mhaireadh i.
Bha mise uair gu faca mi
Nach creidinn uaithe facal deth
Gum bithinn suas ’n uair thachradh e—
A liuthad gruag is m— —n
Bha ’m fuasgladh anns an t-sabaid ud.
’N uair dh’inntrigeadh an t-ascaoineas
Is àrd a chluinnte ’m Pabaidh iad,
Fhreagair coill is creagan daibh,
Cha bhiodh bean an àite faicinn daibh,
Iad fhéin ’s mac-talla basbhualadh.
’N uair bhiodh iad sgìth ’s na tagraidhean,
’S e crìochnachadh bhiodh acasan
Ag iarraidh iasad bhatachan,
Gach tuaraisgeal ri chlaistinn ann
Nach cualas riamh o bhaisteadh sinn.
Gur mairg a bhiodh ’s an ùbarraid
’N uair ghabhadh iad gu tùirneileis:
Bhiodh fasgadh air na sùilean ann,
Bu lìonmhor dùirn is glùinean ann,
Air bhreaban cha bhiodh caomhnadh ann.
Bhiodh ròcladh air na claigeannan,
Bhiodh sgòrnanan ’g an tachdadh ann,
Bhiodh meoirean air an cagnadh ann,
Bhiodh cluasan air an sracadh ann,
Bhiodh spuaicean air an cnapadh ann.
’N uair thuiteadh iad gu mìcheutamh,
Bhiodh rusladh leis na h-ìongnan ann,
Bhiodh piocadh leis na bìdeagan,
Bhiodh riobadh air na cìreanan,
Bhiodh cus na h-uile mìoloinn ann.
Mu ’m biodh a’ choimhstrith dealaichte
Bhiodh dòrnagan ’g an tarraing ann,
Bhiodh sgròbagan am malaidh ann,
Bhiodh beoil ri sileadh fala ann,
’S na ’s leòr aig fear g’a aithris ann.
’N uair theirgeadh giuthas Lochlannach,
’S a’ choill an déis a stopadh oirnn,
Bu mhath na h-airm na botrachain,
Bu sgiobalt’ e na ’m bogsaigeadh,
Cha bhristeadh e na coguisean.
Mac Fhionnlaigh a bha ealant’,
Tha dà iarann deug as teallach aig’,
Iad uile dìolta garaidh aig’,
A fear a bheir e tarag dhiubh,
Chuid eile dhiubh cha bhean e dhaibh.
’S ann d’ an tìr bu shàmhach so,
Bu shòlas inntinn bàillidh e,
Bu lìonmhor fear gun àiteach ann,
Dol gu fianais ’s fiamh a bhàdhaidh air,
Cuing mu mhnaoi ’s mu phàisdean ann.
Bha Uibhist air a nàrachadh,
Bha iutharn air a fàsachadh
Le guidheachan na càraid ud,
Bha sòlas air an Adhbharsair,
Bu neònach leis nach tàinig iad.
Chluinn MacCuinn an toiseach e,
Chluinn a rìs an Dotair e
Mar chrìochnaichear na portaibh ud,
Cha tairg e làn a’ chopain domh—
Gum bàraig e dà bhotul rium.
Innsidh mise dh’ Uisdean e,
Dh’ Fhear Bhàlaidh pàirt de ’n t-sùgradh ud,
D’ an Bhàillidh air an dùthaich e,
Air chàch cha dèan mi caomhnadh air,
Bheir iad bàids’ is dùrachd dhomh.
title | A’ Chomhstrith |
internal date | 1778.5 |
display date | a1779 |
publication date | 1938 |
level | |
reference template | Songs of John MacCodrum (1938) %L |
parent text | The Songs of John MacCodrum |