[75]

Oran rioghoil a bhottuil.

Air fonn, Let us be jovial, fill our glasses, &c.

BIdhmit súbhach, ’s ólair deoch linn,
Osnaichn ar fochur cha támh,
Na smaointichmit ar bochdainn,
Fhads a bhios an copan lán.

S airticil mór do chreud Bhachuis,
Creidsinn go ceart anns an dram;
S leanailt air bhig ól go súrdoil,
Gos an cinn stúirdeins a cheann.

Olaimit glainichion lána,
Air slainte an tSeumuis ata uainn;
Cuirimit da shlaintan cáraid,
Tosda a T— stráic a chuach.

Mata stamac anns a chuideachd,
Nach díleidh a chuidsdar míann,


[76] Siapadh émach as ar carabh,
Mar go caruinnichd e síol.

Cuireadh ar cupachan farsta:
Aisig cas an corn mancuairt:
Faicir éibhinneachd air lasadh,
Le fíor sgairtn ar beachd, ’sn ar gruaigh.

Biodh ar crioghachan a damhsa,
Linn an dramsa dhol na thruaill,
Mar gom bímits a cheart amsa,
Dol don champ a dhfhaotainn buaigh.

Don dighbhrioghor, neartor, bhlasda,
S mílse no mil bheach go póit,
Líon a soidheach sin amach dhuinn,
Don stuth bhlasdor sins a stop.

Seinnir órgain, béumar stuic dhuinn;
Crúnaimit le cup an ;
Canain gach dainginn a béicill,
Bidh tein’ -éibhinn anns gach tír.


[77]

Don iocshlainte naomha sin, Bhachuis,
Cuir buideal pailt dar coir,
Gon tairgimit íobuirt thaitneach,
Do Dhia creachach sin an óil.

S ioma fearsta salachi tlachdmhor,
Tham mac na brach ri luaigh;
Rinn sin e na leannan do mhíltion,
S na mhilsein príseil don tsluagh.

Sgolaidh e ghruaim far a mhuigein;
Ni e fiudhuntach fear cruaigh;
Ni e cruadalach fear gealtach,
Gos an teid e feachd non ruaig.

Ni e cainteach a fear tostach;
Ni e brosgulach fear dúr;
Ni e suireach a fear nárach;
S fágaidh e dána fear diuid.

Nuair theid es a mhala shoisgeil,
Tairnidh e moisein go cliu;
S fosglaidh e na glasa díobhuir,
Deir mac a mhiothuir nach fiu.


[78]

Ni e pogach a fear ailleont
Nach fuilgeadh cailin do chóir;
Sparraidh e damhsanns na cassabh,
Nach drinn riabh aon stap dan deoin.

Fagaidh e neamhshantach acrach;
Toinnidh e cas a fear slim;
Bheir e caitein air fear slemhin;
S ni e spreadhoil a fear tiom.

An t airgid a bha da sticleadh,
S a sporan na chripleach riabh,
Bheir a relíof dha a príoson,
Le fuasgladh cruaigh-shnim nan iall.

Ni e aoigheoil a fear doichleach;
Ni e socharach fear teann;
Ni e duinuasal don bhalaoch;
Ni e fathromach fear fann.

Ni e saor-chriodhach fear duinte,
S faoisididh e rún a chrí;
Creididh an lag gur a laidir,
Gos an dearbh e chails a strí.


[79]

Tairnidh e mulad go aiteas;
Tiuntaidh e airsteal go fonn;
Mionach na sporan go spiol e
Le ghob biorach chriomas lom.

Thigeadh meanmna, ’s falbhadh airsteal
Air chairstealabh auinn don Róimh;
Seinnmit órain cheolor, ghasda,
Shuntach, bhras, nach lappach gloir.

Nuair bheirir a bottul a staippeal,
S a chromar ri cap a cluas;
S eibhinn a ghogoil la earraich,
Cogur searraig ris a chuaich!

S milsno ceilearadh smeoraich,
Le luinneag ceolor air géig,
Creattraich shrideagach do sgórnain:
Crattan as bóiche fan ghréin!

S binne na luinneag eoin-búchuinn,
Bhiodh ri túchan am barr thonn,
Guilig do mhuineil is giuig ort;
Cuisle-chiuil a dhuisgeadh fonn.


[80]

S binne no cluig-chiuil ad Ghlascha,
T fhuaim le bastul dols a chórn;
Sid an fhailta ghleusadh maignidh,
Mac na brach a teachd le póig.

Líon a suas an tslige-chreachainn;
Chan ion a seachnadh go dram:
S olc a Ghailic orran creachann;
An tsliga chreach sinne a tann.

S binne t easraich dols a chupan,
Copadh usgraichion go dbhéul,
Na coimh-sheirm organis chruition,
An talla druite len cuid téud.

S binne no ceol coillich choille,
Bhiodh ri coillig air an tom,
Dúrduil a bhottuil ri glaine;
Crónan loinneoil thailleadh bonn!

Teicheadh liun-dubh as ar communn;
Falbhadh gainne; ’s pailt ar n ór;
Na biodh spéuclair oirn go ganntar,
Fheadhs a bhios an dramn ar sróin.


[81]

Olaimit sinn-shín a h ainbhfhioch,
Le macmeanmna brandi fhuair,
Dhain-deoin ceannaichd, ’s asgul earraich,
Cúram sparraimitn a h uaigh.

S an tobar shlánaiche sin Bhachuis,
Fathraigmit uile ar ciall;
Cha spioraid bheag, bhochda, chruipt
S dócha cuid bhi acas fíoch.

Biodh ar ceannaigh uile an ceart-uair,
Chomh-ruiteach ri dreach nan rós,
Nuair a theid ar fuil air ghabhail,
Le beirm ladhaich Mhic-an-toís.

Gur dionnsaireach, spiosuirneach, t fhaileadh,
S teas-ghradhach do shnag roimchliabh;
Fadadh bláis air feadh mo mhionaich;
Gur ro mhioragach do thriall.

Gur guccagach, coilleagach, brisg-gheal,
Bruicheoil, neimh-mhisgeach do thuar,


[82]N a dshlamhruinnibh criostoil a dórtadh,
Ri binn-chronanaich am chluais.

Sgaoilimit o altair Bhachuis:
A chleirich taisg a chailis uat;
Dhfhalbh ar fuachd; ’s ciod eta dhí oirn?
Thugaimit baidse crion don tsuain.

Ach fresdil sinn air ghairm na maidne,
Le t ioc, ’s le dbhalom lan bhuagh,
S thoir dhúinn aon ghloic-nidn ar leaba,
A bheir crith-chlaiginn oirn mancuairt.

titleOran rioghoil a bhottuil
internal date1751.0
display date1751
publication date1751
level
reference template

Mac-Dhonuill Ais-Eiridh %p

parent textAis-eiridh na sean chánoin Albannaich
<< please select a word
<< please select a page