[103]

Oran mhorbhair Mhic-Siomon, Cenncinnidh na Frisealach, deis a chuir go bás ann Sasgunn.

Air fonn, Hap me with thy petticoat.

’S Lionor blanc a thaguinne
Am Brittin suas ri lionadh,
Nach déantair gun ghníomh chláidhin,
Go ceart go brách a scriobhadh;
Gur h ann diu ar n áilliugan,
Ard ármunn sin a rioghachd;
Mac-Siomoin mór a bhásaicheadh,
Le P–d na mio-ruin.

Mo chion an úrla bhlá-mhaiseach,
Bha cruaigh is tlás na tiomabh;
Air réirs mar bhiogh an t abbar ann,
Ba staillin ba phriomh mheinn duit:
Ba bhras ri h uchd do námhad u,
Nuair tháirnte na lainn líobha;


[104] Ba bháigheoil caoin ri dcháirdibh u,
Gun árdan ach uiríosul.

Ba bheirtich an tigh stórois sin,
Do ghliocas córr bha príosoil;
So scar tuagh an Rogaire,
On choluinn choir bha rioghal:
Braon do laod do thrócaireachd,
A dhórdaich Dia na fírinn
Chan eil an uchd an F–r,
Mac D–sa ris an st—ch.

O bhalaich sin Dhunbalaich ad!
Searbh shaileir non cam ghiúdun,
Gon stúr un Reulla-lainnireach,
Fa thuath ba bharrand iuil duinn;
Ma gheibh usa mathonas,
Na dpheaca-brath gun sgiursadh,
S cinteach lium gon shabhaladh,
Do lan dearbh-bhrathair Judas.

T fhíor mhaighisteir cliú-thoiltiunnach,
Le foill gon drinn u phógadh,


[105] Go smal chuir air na foinealabh,
An diamond sin dheagh Lobhit:
Ochs Judasach an tsloitereachd,
A rinn u air bhríob óir oirn!
Gur h ioma neach a dh’ fhoineachdas,
Co ’n troiteir rinn an dóibheirt.

O Léug na buaghan soilleire!
Fhíor chainniull gach deagh sheanchais!
Ba líonor cuimhil ghoireasach,
Chinn sgoinneoil ann a t inchinn:
Ri cogadh bha u misneachoil,
Deagh-ghiftiunnach áird-mheanmnach;
An sioth ba torrthach gliocas duit;
’S b’ fhior phiosochoil do leanbhainn.

Fior mhire geal na cruaghach u,
S a chruadal nach drinn lúbadh;
Gun dad do mheasgadh truaillidh,
Na dmhéinn uasuil deis na fúirneis;
Ba choimh-sean do bhualadhs’,
Agus suaichiontas do chuinnidh,
Nach Criostuine chuir tuairgnidh ort,
Ach sluagh sin Bhelsibúba.


[106]

O Reulla geal na cuirteolachd!
Chinn lan do shúrd garg rioghoil;
Thug gradh don T—St—ch,
S bha dúrachdach da shínsreadh;
Gon thuit u a dmhairteoir cúramach,
Ais-leath a chrúins do rioghachd:
S t anam glan air úbhlachadh,
Thug u do Dhia na firinn.

Gur grinn am bás rin dfhuirich u,
S a dhfhuilig u go ciatoch;
Gur mór na gifte bunailteach,
Séamh, furusach, thug Dhia dhuit,
Nuair liobhair u go furanach,
Do chorp da ghuin, ’s da riasladh;
Le dchreidimh daingiunn curaidseach,
Do mhuineal do na biastamh.

Och, och! na leoghain thréidheach sin!
S na spioraid thréuna chruaghach,
Nach bogaich bás go h éugcoir iad;
Croich, géurogan, no tuaghan:
Ochs glórmhor, glan, aird-eibhneasach!
N ais-éri san Dialuain sin,


[107] ’S d—h ’s crith le déisdin orr’,
A réicill as na h uaighibh.

’S líonor caochan cubhrai mear,
S bras shiublachain na t fhion-fhuil,
Nach rig me leas bhig urachadh,
Scríobh úghdair síos do fhriobhach;
Fuil Stiubhartach a Chrúin ad,
Air a dúbladh na dchorp príosoil;
S gach fuil as uaisle flúrana,
Go léirs fius an rioghachd.

Gur Baroil a measg mhuccairion
Nach bheil biadh mhucs an tsaoghal,
A dhfhágas comh-lom-luchdor iad,
S chomh-sultor ri feoil dhaoine:
Tha D—s’ is a chuid U—c—n,
Déis na mhurt e dhuaislibh,
Am muineil cho’ -garbh sturronda,
S gur gann is urra tuagh unt’.

Tha scairteachdg glaodhach diubhultais,
Ard dlú, mar bha fuil Abel,


[108] O chreuchd na Mairteoir cliuiteach ad,
Thig gort, is sgiurs, is pláigh oirbh:
Air gach ball don t júry ad,
A shuidh an cuirt dan díteadh;
Gach fianais fhallsa dhúbuilte,
Go sgiursar é trí-filte.

O! ’s garbh a dhiular fást so,
Air abhaichibh nan Réubal,
Nuair thig am P— —sa flathachas,
S fearg chathanach na éadann;
Le faobhar a lann crathanach,
Go sgathar síos go féur iad;
Bidh croich, is tein’, is claidheamh ribh,
Gun fhaidhidinn dar céusadh.

Car deas don chuibhill bhasorsa,
S na fuilig ár na Críostui;
Thoir as an Epheid sglabhaich sinn,
Go fonn Chanáan priosoil;
Air neo, sgrios Riogh P—sa,
Le claidheamh, plaigh, is griosach;
S cuir Maois is armailt thábhachdach,
Thoirt bairlinn da bheir cíos deth.


[109]

Tha sinne déis ar sáraiche,
Ar náraich’ ’s móran sgíos oirn;
An drábhag a tair márruinn dinn,
Air feadh nan cárn air síothladh;
Le mheads tha dhfhíobh ror naimhdibh oirn,
G ar sealg a ghnás na h ínseabh:
Go ’n d’ rinn iad tráille grána dh’inn.
O Th—ch fair reliobha.

titleOran Mhorbhair Mhic-Siomoin
internal date1751.0
display date1751
publication date1751
level
reference template

Mac-Dhonuill Ais-Eiridh %p

parent textAis-eiridh na sean chánoin Albannaich
<< please select a word
<< please select a page