[116]

Oran a rinniadh a bhliaghna 1746.

Air fonn, Let history record, &c.

S Fuar fearrannach gach ,
Gach oiche dorcha doinshíonach;
S tursach donn gach lo,
Murti trom le ceo:
Ach mosglabh suas a shlóigh,
S ar n airsteal trusamh chum air chairsteal’,


[117]S carstamh uaibh ar brón:
Tha léig ri muirs ri spéir,
Ri bhi ag Eolus, ’s ag Neptun,
S thig gach tlachd na déigh.

Thig soin-shion leis an R—
Teichidh sneachd is éiridh uainn;
Fograr dóruinn shion,
Thig sólas falbhaidh pían:
Gach seorsa do gach fíon,
Thig on Fhr—— na thunnachabh;
S go caisg sinn uile ar n íot:
Gheibh sinn tuil dar miann,
S mar naimhde dhfhág sin uireasach,
S dlu chuiris sinn ar líon.

O sheanachainnibh nan clann,
Suas deanamh echdri éfeachdach!
O sheanachainnibhs an am,
Glacamh dubh is peann!
So a bliaghna chórr,
An tilg a ghrian le meubhlás biachor
Gaithain chiatoch oirn:
Bidh driuchd air bharr an fheoir,


[118] Bainnis mil gun luach, gun mhargadh,
Airgid agus ór.

Na gabhabh sioth o Dh— —s’,
Ler dochus neartor fírinneach;
Creidimh díans a chóir,
Gon tig reliobh nas leoir;
Na biodh ar dóchus fann,
Gur h ann air réir mar chuiris sibh,
A bhios ar buinnig ann:
O fuirichibh a Chlann,
S chi sibh ar n uiluireasan,
Da bhuinnig le cruas lann!

Ciod e do cheartsair crún,
Ach adhaircin bhi sparradh ort?
S coimh-sean ri dchóir o thús,
Bríos óir-cheard bha Renfriu:
Ach bha ion-faileis ann,
Do thrustur do dhact parlamaid,
A dhfhoil an crun ma dcheann:
Ach tog so leat na dsgé;
An t Uilliam rinn an t actsdhuit,
Gom beugcoireach e-fein.


[119]

Dean aithri thursach gheur,
S grad thoir air n ais na thagad uat;
Dean aithri ghuineachs géill,
S le Br— —bhc toilich t fhéim:
Cum agad do chuid féin,
S leig uait cóir an atharraich,
Gun chlaidheamh gun dad sréup;
Dia, daoin’, is nador tréun,
Bidh ann a léig man oidhr’,
Thoirt dachaidh, choibhris ceart a threud

Craobh-sheanchais teughlaich riogh,
Na h iochdarain bidh eolach uimp’;
Craobh-sheanchais teughlaich riogh,
Bidh map dhin iomad tír;
S ma chuirir car am foinn,
S an tsnaithen dhireach oidhreachdoil,
Gon toir fa near an fhoill:
Ach gairmidh Dia le sgoinn,
Chum an ionaid dhleasdannaich,
Ceart oidhre deas an loin.

Chan eil an leith-sgeul ann,
Ach saobhadh fann mi-dhiongbhalta;


[120]S i an éugcoir shoiller thann,
Do neach a bheirte dall:
Mas creidimh an aon chúis,
Chiunn nach dfhuair e oideachd,
Anns an teagasg a rinn Luth;
O mam be sin an cás!
Cum na chuir sibh shin-sean- ’air,
Go mio-ruineach go bás?

Chan eil ar goal dar Ríogh,
Ach mar air an tsiúrsaich choitchionta;
S cuglach staid ar Ríogh,
Cuairt thoirt das bhi sgí:
Gon dfhogair sibh a rís,
Ler n iumalas sliochd a mhairteoir sin,
Le ascaoineachd ar crí;
S na dhiaigh sin go dthug uaibh,
Do dhAnna crun a sinsiorachd,
Gon phoinseonaich sibh luath.

Os caol an teud a Dh— —s’!
Air na sheinn u go tri rioghachdabh;
Gur mealta an t act len chleóc,
Iad usa, na dR—— oirn


[121] Tha leth-cheud pearsis córr,
Is faigse fuil is tagraichion,
Na usas á Roinn-eorp;
Ba leathoireach lag, cam,
Am mear boiriunn o na bhuineadh u,
Bfhior iumullachs a chrann.

On culluch sin R—— D— —s’,
Mac na crn Gearmailtich!
S é chairdeas rinns a dhaimh,
Gaol fiaich air a chnáimh;
Gon dfheann e sinn or béin;
Ghlac is chreach an cealgaire,
S gon mharbh e sinn go léir:
Na daoine cha leis fein,
S ann uime sin gur coma leis,
Go dphronnaimit a chéil’.

An leanabh nach leis féin,
Go ddheanta da leath chomhthrom dhe,
Cha tiomaichd e le a phéin:
A chri gun tlus, gun deur:
S amhuil sin mar tha,
Go dchuirta h uile briottainneach,


[122] Gun mhein, gun chead go bás;
O nach leis fein am páist,
Cha ghluaista neach nach bathair dha,
Go fabhur no go báigh.

Greos-ort a Sh—s chaoimh,
S tus R—— ’s is a athair talmhi dhuinn
Fan athair neamha naomh’;
Gabh tlus ri dchlainns bi caoin:
S os leat féin a Chlann,
Cuir casg air croichs air géurogabh,
Tha reubadh dhinn non ceann;
S cuir do threud fa lann;
S na leig a bhi dar géurleanbhainn,
Feadh garbhlaich, sleimh, is bheann.

Mo chionsa Sls ruagh,
Ceart oidhran fhior R—— dhleastannaich;
Chad toir sinn duibhsfuath,
Gon cuirir sins an uaigh;
Cha dean croich no tuagh,
Glacaireachd, no creachannan,
Gu brách ar sracadh uat;
Than diog ad ceangailt shíos,


[123] An caigiunn ris gach anam dhinn,
Chomh-daingiunn ri Beinnshíont’.

Och a Ri nan dúl,
Na leigsneart a ghná thar cheart;
Ochoin aon Diata dthriuir,
S ann duit is lear gach cúis!
Tog dhinn a mhc is a cuing,
S a h ál breac, brothoch, oirceneach,
Len cuid chrom-shoc thar tuinn:
S cart go glan White-hall,
Air ciunn an teughlaich rioghoil sin,
Bha sinsreadh ann an tamh.

titleOran a rinneadh a bhliaghna 1746
internal date1751.0
display date1751
publication date1751
level
reference template

Mac-Dhonuill Ais-Eiridh %p

parent textAis-eiridh na sean chánoin Albannaich
<< please select a word
<< please select a page