Oran árrait.
Air fonn, Good night, and God be with you, &.
P. Mile marbhphasg air an tsaoghal,
’S carach baoghalach a dháil;
Cuibhiull an fhortoin oir’n air caochladh,
Cha do chleachd sinn moim roimh chách:
Misneach mhaith a mhuinntir ghaolach,
’S gabhaidh Dia dhinn daonnan cás:
Cuiribh dóchus daingiunn, faoilteach,
Anns an aon ti ni dhuinn stá;
’S buanaichibh go rioghoil, adhrach,
Traisceach, uirneach, caoincneach, blá;
’S biobh dilis d’ chach a cheile,
’S duinair suas ar creuchda báis.
Ach ’s feadar dhomhs’anois bhi falbh uaibh,
A ghaidhealamh calma mo ghraidh:
Ba mhor m’ earbsas’ as ar fonadh,
Go do dh’ fhonadh dhuinn ’s an ár,
’S iomad ancomhthrom a choinnich
Sinn, ’s an choinnimh bha gun ágh:
Ach gabhaidh mis’ anois mo chead dhiot,
Uine bheag; ach thig me trá.
Leasaichidh me fós ar callsa,
Churainnibh gun fheall, gun sga;
G. A mhoire sinne a t’ air ar céusadh,
Air dhí céille, sinn gun cháil:
T—— St—— Mac R—— S— —,
A bhi na eiginn anns gach cás;
Gur h e sin a rinn ar léireadh,
Gur a féadar dh’ a go fág:
Sinn na dhéigh gun airm, gun éididh.
Falbh ’n ainm Dhé; ach thig a ghráigh.
Ar mile beannachd na d’ dhiaigh,
’S Dia do d’ ghlei’gh anns gach áit’:
Muir is tír a bhi choimh-ré dhuit:
M’ uirni ghear leat fein os áird;
’S go do sgar mio-fhorton déurach
Sinn o cheile, ’s ceim roi’ ’n bhás:
Ach soiri libh a mh—c R—— S——
Shúgh mo chéille thig gun cháird.
Chaill sinn ar sduir, ’s ar buill-bheirte;
Dh’ fhalbh uainn ar n achdaire-báis;
Chaill sinn ar compas, ’s ar cairtion,
Ar reil-iuil ’s ar beachd gach la:
Tha ar cuirp gun chinn, gun chasan,
Sinn mar charcaisibh gun stá;
Ach gabh us’ a ghraidh do t astar,
Dean gleas taipi, ’s thig gun dáil.
P. Beannachd go léir le Cl—n- D— —l,
Sibh a dh’ fhoirin or’m na m’ chás,
Eidir oilenibh, is mhoir-thir,
Lean sibh deonach, rium gach trá:
’S ioma beinn, is muir, is mointeach,
A shiubhail sin air chorsa báis;
Ach theasraig Dia sinn air fuar-fhoirneart,
Na ’n con srónghao’ach ’bha ’ir ar sáil.
Sibh a rinn fa laimh na Tríonaid,
Mise a dhíon o mhio-ruinn cháich:
Mo dhearg naimhde, neartor, líonor,
Chuir a lion feadh ghleann is árd:
A mhead ’s a thaisbin sibh d’ ar dílseachd,
’S coir nach dío-chuimhnich go brách;
G. Ochan, ochan, cruaigh an dearmad,
Bhi ’g ar tearbadh uaibh gun bhás:
B’i ’n fhior éibhinneachd, ’s am beirteas,
Bhi d’ a t fhaicinn gach aon lá:
Bi’dh ar ruisg lan tim a frasadh;
Ar cri lagchúiseach gun cháil,
Go ’m pill us’ a rís air nais oir’n.
Beannachd leat le neart ar gráidh.
P. O tiormaichibh a suas ar súilin,
Chomuinn rúnaich ’fuair ar crádh,
Bi’dh sibh fás, maoineach, muirneach,
’N ar gáird dúbailt’ ma White-hall,
’Nuair a bhio’s na Reabail lúbach,
Ri bog chrúban feadh na ’n carn,
Go ’m bi síbhs’ an caithrim ciúrta,
Lasdoil, lu’ -chleasach, lán áigh.
title | Oran árrait |
internal date | 1751.0 |
display date | 1751 |
publication date | 1751 |
level | |
reference template | Mac-Dhonuill Ais-Eiridh %p |
parent text | Ais-eiridh na sean chánoin Albannaich |