Oran do an gairir, am Breacan uallach.
Air fonn, Hei an Clo dubh, ho an Clo dubh, hei an Clo dubh, b’ fhear an Breacan.
B’ Fhear lium breacan uallach,
Ma m’ ghuaillibh, ’s a chuir fa m’ achlais,
No go do gheibhinn cóta,
Do ’n chlo is fearr thig a Sasgunn.
Mo laochan fein an t éididh,
A dh’ fheamadh an crios d’ a ghlasadh,
Cuaicheneachadh éilidh,
Déis éri go dol air astar.
Eilidh cruinn na’n cuaichen,
Gur buaghail an t earradh gaisgeich;
Shiubhlainn leat na fuarain,
Feadh fhuairbheann; ’s ba ghasd air faich u,
Fíor chulaidh an tsoigh’d- fhir,
’S neamh-ghloiceil ri uchd na caismeachd;
’S ciatoch ’s an adbhans u,
Fa shrantraich na ’m píob ’s na ’m brattach.
Cha mhios anns an dol sios u,
’Nuair scríobar a duille claisich;
Fíor earradh na ruaige,
Go luas a chuir anns na casamh!
Ba mhaith go sealg an fhéigh u,
’N am éri do ’n ghréin air creachunn;
’S dh’ fhalbhainn leat go lodhar,
Diadómhnaich a dol do ’n chlachan.
Laighinn leat go ciorboil,
’S mar earbaig go ’m briosgainn grad leat,
Na b’ ullamh air m’ armachd,
Na dearganach ’s mosgaid ghlagach.
’N am coilich a bhi dúrdan,
Air stúcan am maidin dhealta,
Ba ghasta t fheim ’s a chúis sin,
Seach mútan do thrustar casoig.
Shiubhlainn leat a phosadh,
’S far feornein cha fhroisinn dealta;
B’ i sid an tsuanach bhoidheach,
An óigbhean ba mhor a tlachd dh’i.
B’ aigiontach ’s an choill u,
D’ a m’ choireadh le d’ bhlás ’s le t fhasga,
O chathudh, is o chríon-chur,
Go ’n diona tu me ri frasachd.
Air uachdar gur a sgíomhach
A laigheadh a sgiath air a breacadh;
’S claidheamh air chrios ciatoch,
Air fhiaradh os ciunn do phleata.
’S deas a thigeadh cuilbheir,
Go suilibhiorra leat fa ’n asgcuill;
’S a dh’ ain-deoin uisg’ is urchaid,
Na tuilbheim go ’m biodh ar fasga.
Ba mhaith anns an oich’ u;
Mo loinn u mar aodaich-leapa:
B’ fhearr lium na ’m brat lín u,
Is príosoile mhín tha ’n Glas’cha.
’S bagonta grinn bóidheach,
Air banais is air mód am breacan;
Suas an éileadh-sguaibe,
’S dealg-gualainn ag cuir air fasdaidh.
Ba mhaith an la ’s an oich’ u,
Bha loinn ort am beinn ’s an cladach,
Ba mhaith am feacd ’s a síoth u:
Cha Righ a fear a chuir as duit.
Shaoil leis go do mhaolaich, so
Faobhar na ’n Gaidheal taippi;
Ach ’s ann a chuir e géir orr’,
Na ’s béurra no deud na h ealltainn:
Dh’ fhag e iad lán mío-ruin,
Choi’ -cíocrasach ri coin acrach;
Cha chaisg deoch an íotadh,
Go b’ fhíon e, ach fíor fhuil Shagsunn.
Go spíon sibh an Crí asainn,
’S ar brollaichion síos a shracadh,
Cha toir sibh asainn T— —,
Go brách gos an téid ar tacadh.
R’ ar n anam’ tha e fuaite,
Teann, luaite cho’ -cruaigh ri glasan;
’S uainn cha’ n fhaodar fhuasgladh,
Go ’m buainir a fear ad asainn.
Cleas na mnai-siula,
Gheibh tuillinn ma ’m beir i a h asaid:
An ionad a bhi ’n dium ris,
Go ’n dúbuil d’ a fear a lasan.
Go d’ chuir sibh oir’ne buarach,
Thiugh, luaite, go ’r falbh a bhacadh,
Ritheidh sinn chomh-luaith’,
’S na ’s buaine na feigh a ghlasraich.
Tha sinn ’s an tsean nádor,
A bhá sinn roimh am an acta;
Am pearsanna ’s an intinn,
’S ’n ar riogholachd cha teid lagadh.
’S i ’n fhuil bha ’n cuisl’ ar sins’ridh,
’S an insgin a bha n’ an n aigneadh,
A dh’ fhag dhuinne mar dhílib,
Bhi rioghoil. O sin ar paidir!
Mallachd air gach seorsa,
Nach deonaicheadh fós falbh leatsa,
Cia dhiu bhiodh aca cómhdach,
No cómhruist, lom go ’n craicinn.
Mo chion an t óg fearragha,
Thar farraige chaidh uainn air astar:
Dúthrachd blá do dhúcha,
’S an uirni go lean do phearsa.
’S go d’ fuair sibh lamh-an-uachdar,
Aon uair oir’n le seorsa tappaig,
An donus blár ri bheosan,
Ni feoladair tuilleadh tappaidh.
title | Oran do ’n gairir am breacan uallach |
internal date | 1751.0 |
display date | 1751 |
publication date | 1751 |
level | |
reference template | Mac-Dhonuill Ais-Eiridh %p |
parent text | Ais-eiridh na sean chánoin Albannaich |