[159]

Oran do ’n gairir, Tinneas na h urchaid.

Air fonn, Tha me-shin suarach ma ghruaman an tsean duin’, &c.

GO bheil Tinneas na h urchaid,
Ar feadh Ardna—n,
Ri sior ghabhail phurgaid,
Chuir tururaich nan cean orr’.

Na fir lan don ghalar,
Go riga smior-cailleach;
A fearrabhuill air faileadh;
Grad chaillidh iad feamm ris

Na mnain air sgiolagh;
S an airnion air sileadh;
An clap air am milleadh;
S am brilleinibh feannta:

An Cogois dan criomadh;
S am mionach da sginneadh;
A suilin dan dinneadh;
S am binid air teanntadh:


[160]

An criodha da bhioradh;
S an tilgidh da shireadh,
S a laigse da philleadh,
Go minig dan an-toill.

Teudan is gusgcuill,
Da tharraíng om bussamh;
S am meillion ro ruiteach;
S am pluicion lán sleamhnain:

An craicionn da sgreaggadh;
S an éarrach air peasgcadh;
Múir ghágach lán teasa,
Mar ghreaddagh na feanntaig.

Thig oirbh eas-shlaintibh coibheach,
Bolgach, pláigh, agus cloimhin;
G ar sgrios, isg ar clomhadh,
Mar eich bhrothach bhios seanta.

titleOran do ’n gairir Tinneas na h urchaid
internal date1751.0
display date1751
publication date1751
level
reference template

Mac-Dhonuill Ais-Eiridh %p

parent textAis-eiridh na sean chánoin Albannaich
<< please select a word
<< please select a page