Moladh a Chaimbeulaich dhuibh.
GO beag orts’ an Caimbeulach dubh,
Gar toil liums’ an Caimbeulach dubh;
Biodh e dubh, no geal, no grísfhionn,
Grágh mo chrioghas’ an Caimbeulach dubh.
Go h inisgeach air an tseórs’ u,
Na ’m b’ aithne dhomsa do phórsa,
Chuirinn moran sios do ’n dóibheirt,
’N an dubh dhlóintibh fótusach, tiugh.
Suile coirpt’ bh’ ann an droch cruth,
Am fuair oilbheim do ’n fhear gheal-dhubh,
Do ’n dream oirdheirc ’s foirmeile fuil:
’S duilich tolg a chuir ’n a chruaigh stuth.
’S tric le madai bhi ri dealunn,
Ann oiche rot’ ris an ghealaich;
B’ ionann sin, ’s eifeachd t ealain,
Air cliu geal a Chaimbeulaich dhuibh.
’S cia mar fuair u dh’ aodann no ghnu’s,
Caineadh uasail gun mhodh, gun tlus?
Do ’n tsiol chruithneachd chuireadh go tiugh;
Cha b’ e ’n fhídeag, no ’n coirce dubh,
Ach por príseil, ’s ro sgaoilteach cur,
Feadh gach ríoghachd air tir, ’s air muir;
Lomalan brighe o bharr g’ a bhun;
Feach a rís e ma ’n dit u luibh.
Gur iongadach lium a dhuinne,
Mar roibh meirin ort air tuineadh,
Ciod man do bhuin u do ’n urr’ ad;
Curaidh ullamh, ’s cuiraidseach fuil!
Dream na ’n geurlan go reubadh cuirp,
Cruaigh ’g a feachainn air beulamh trup;
’S maith, ’s is gleust’ iad go bualadh phluc,
’N am retréata dh’ éibheach le stuirt.
’S cinteach thiotadh gheibh u do mhurt,
Ma t aoir chiottaich, mhiosguinich churt:
Go do dh’ idridh go roibh ort stuirt,
Bi’dh a bhiodag riddleadh do chuirp.
Claigiunn gun inchinn, gun mheadrach,
Ann faodadh na h iolairion niodadh:
Cia mar fuair u ghnúis do sgiodar,
Ghluasad idir an ionad puirt?
Eisg bhochd, chearbach seargaidh me tur,
Do theanga chealgach a chearbaire dhuibh,
Rinn an tsearbhag gun chair’ amuigh:
As’d a dh’ earbainn cealgaireachd cruigh.
Cha bhiorrachdaire go d’ bhiodh fearg air,
Do ’n d’ rinn us’ a dhuin’ an tsearbhag;
Ach óg faighidneach gun earraghloir;
Lan do dh’ fear-ghniomh, dhearbh e le ghuin.
Bha u mio-mho’oil a toirt dh’a guth:
Crág a chobhair go mágradh gruth:
Leobas odhar a ghlaimseadh suth,
Deis dh’a leughadh, ’s e rith na shruth.
Cha ba bheudagan go tabbaid,
Ach fior leoghann stolda, staideil,
Do ’n d’ rinn us’ an t oran prabach;
Ach fior ghaisgeah; ’s am blar ’g a chur.
Sparram cintceah ort a glas-ghoib;
Losgadh peircill, corcadh, is cuip,
Air son ascaoin caclach do bhuis;
B’ fhearr go ’m bithinns’ fagasg dhuit:
Go do bhiodh tu caineadh gháidheal,
Anns gach siorramachd a dh’ áirinn,
Seachainn muinntir Earraghaidheal,
’S gun a Cheolrai fabharrach dhuit.
’S mairg a dh’ éiridh ri siol an tuirc,
Gasraidh ghléusta nach éaradh cluich;
Cha ba bhéus dhoibh bhi ris a mhurt,
Ach cath tréun, is comh-throm r’ an uchd’.
Go beag ortsa mile cuairt e,
’S ioma sonn aigionntach uallach,
Suil na seoca, ’s ro bhochoil cur,
An ceann ró bhinn nam bachlag dubh;
Cha b’ i fróg-shuil, rógair’ a chruigh;
Fior fhiobh feodair orr’ ann a sul.
’S geal ’s a ’s dearg do leac, is t aogasg,
Go dubhuirt iad peirciull caol riut;
Cha b’ ionann as sligeas-gaoisneach,
’S fiasag pit-laoigh air nach bheil tiugh.
’S go reachadh tu ’s na spéiribh,
’G airb Caimbeulaich a dh’ éisgeadh,
Tuiteadh tusa mar a bhéisteag,
’N a t ionad féin am buachar mairt;
Esin ag eiri suas le sgairt;
Us’ a bhreinen magaran cac;
Esin ghlé-ghlan lomlan do thlachd;
Us’ a dhéistinn ’s muig ort air at,
Mar ba bhéus do dhoran no chat.
Aodann graineig, tarr-aodann tuirc;
Com a chnaimh-fhi’ch, ’s nador na muic;
Beul mhic-lamhaich, ’s faileadh a bhruic;
Spága clarach; sailibh na ’n cusp’;
Casa curra, uchd a ghiomaich;
Suile liunnach, sgamalach fliuch.
Do dh’ oirlichibh aori bardoil,
Tomhaisim o d’ bhathais, go d’ sháil u;
’S feannam do leathar a thráill diot,
Chiunn u cháineadh a Chaimbeulaich dhuibh.
Cha ’n fhear sgippi us’ ach fior ghluig;
’S beirt gun teagabh bi’dh tu fa bhruid;
T iasag failidh, t fhalt, is do ruisg;
Tuitidh t fhiocla, ’s falbhaidh do thuigs’:
’S cosail nach b’ aithne dhuit mise,
’Nuair a bha me so gun fhios dhuit;
Na ’m b’ eol, cha ghlacadh tu mhisneach,
Róinne riobbadh as an fhear dhubh.
Craimhaidh t ingne ’s maise do chuirp;
Teirgidh t insgin; seargaidh do chuid:
Dean cruaigh aithri a chaoi ma ’n luigh,
Chiunn a cháineadh a Chaimbeulaich dhuibh.
title | Moladh a Chaimbeulaich dhuibh |
internal date | 1751.0 |
display date | 1751 |
publication date | 1751 |
level | |
reference template | Mac-Dhonuill Ais-Eiridh %p |
parent text | Ais-eiridh na sean chánoin Albannaich |