Mio-mholadh Moraig.
Air fhonn an cheudna.
A Mhuideortaich dhuidh dhána
Na geurfhocaill,
Sguir do d’ bhurt ’s do d’ tálmhagadh
Pleideasach;
Támh do d’ sgeig dhiom trá,
’Neo rigim Ailen Bárd,
’S gach fili go bheil cás
An Duineadann diom;
Bheir iad ort go sgáin,
’S go fail u uil’ o d’ chnaimh,
Na d’ mhaol-lóbhran granna
Maol déistinneach;
Sin an duais atá
Agadsa na d’ ghrádh,
’S na d’ mholadh magoil bá
A bhalaoich bhéulfharsuing.
Urlar.
’S maith gun bhith ’s an choill,
’Nuair bha Morag ann;
A bhainpheacach sin gun loinn,
Urlar.
’S ioma craobh ’s an choill
Tha fior loineagach,
Blath is cairt a crainn
Go fior shóghraghach;
Ach gearr i sios gun mhaill,
’S fiach i as a broinn,
’S gheibh u fioclan-goir’
Agus cóson int’:
Cha dean saor go brách,
Féum d’a bun, no bárr:
Urlar.
Shaoil me go ba mhoidiunn
A Mhorags’,
An Sírens’ a rinn m’ fhoill
Anns na sronagan;
An té s’ a bha na troit,
Ri mile fear man d’ rinn
Mise, ’s an cheart oich ad
Dad cómhraidh r’i;
B’ iad rionnagan an áigh,
Fa’n d’ rugadh mise blá,
Nach deachas fad air raidin
No feola l’é:
’S milteach fear a cháigh,
Go nach d’ fhuaír iad páist:
Feur cha chinn go brách
Air na mor-raidin.
Siubhal.
An apa ghéarr bheagnarach,
Fhreagarach, leomach;
Bharracaideach, dhreigeiseach,
Leisgeulach, dhólach;
Antlachdor, sgeigeiseach,
Champarach sheusgchorpach;
Shanntach air fleasgaichion
Bheudfhaclach, ghódoch.
Tuairneag ghorm, bhalltartach,
Stannartach, róiceach,
Bhrioscghlórach, anartach,
Ghangaideach leóiceach;
Ro uasul na barail,
’S gun int’ ach fior chaileag
’S toir a breatha fior shalach,
O fhaillein an ótraich.
Siubhal.
Cruinn aodann a mhunci
Air crupadh ri chéile;
A suilin ar lasadh
Mar laisidh na ’n éilion,
Lán cailidair prabach,
Gun mhala, gun rasg orr;
Siubhal.
Brú thana mar dhruma,
Neamhchulach air séididh;
Chomhcruaigh ris an unga,
Gun chumachd air bréine;
A da chiarsporan fhalamh,
Mar chochuill da mharaig,
Air son chioch ag an arrachd,
’Siorsan-galoir d’ an teumadh.
Corp uinsin gun soltachd,
Mar go locradh tu déile;
Choimhtioram ri clossaich;
No sean osnach air sgréubhadh;
’S bi’dh rúbail, is roccuil,
Urlar.
Ciod e so chuir am cheann
Moladh Moraigs’?
A striopach ceal na n crann,
Mheall am dhochus me;
Dhall i me le caint,
’S chlár i me gun tainc,
Go ’n shaoil me nach ro’ anns
A Roinn-eorp ach i;
Ach fuair me solus úr,
Thuit lannan far mo shúl,
Sgap ’s a sgaoil, gach dúbhradh,
’S gach ceothoireachd;
Dh’idir me bhean bhréun,
Na fior dhaithibh pféin;
’S mairg neach nach dean streup
Ris an fheolorachd.
Siubhal.
Cochdshron neamhloinneoil,
Mar fhoinn ar a h úrluinn;
’S a pluicion gorm, goilleach,
Siubhal.
A bogadh nan togradh,
Cha ’n obadh i míltin;
Bhi faircheadh a crottaig
Air fodur b’ e mílsein;
Dh’ aithnit eibhnis, is sogan,
Moran miogchuis, ’s sodain,
Na h urluinn bhric rochdaich,
’Nuair dh’ fhosglaid na brísnion.
Na ’m biodh sár shodair
Do bh—d— r maith dílis,
Siubhal.
Do dh’ oirlichion aorri
Toimh’sim baobhag na ’n Gaidheal,
O mhullach a baiste,
Sios traiste g’ a saílibh;
A fliuch-shron phluccanach roidi,
Le sean droch clap air groddadh;
A falt gadmunnach forcach,
Dóite doideach air cráiceadh;
Air pealladh, air stioradh,
’S air silidh, gun chíreadh;
Leis na sporabh d’a spioladh,
Le piorradh na ’n íngnin;
Le ochd gathair a siridh,
Lorg ’s blá anns gach innis,
Nach fag ionad gun sgioladh:
’S cuile-gine na friotha.
Urlar.
Gearr-mhattagan nan árd,
Ordag bhréun-laodhrach,
Le lorc-chuagan sáil-chuspach
Déistinneach;
Dearg-ghagach na ’n cárn,
Mhuthuirneach air crámh;
Lán ain-fheoil a da spaig
Fa na sleisnimh aic’;
Tarr breac, gobhlach, fás,
Airnion a chinn áird,
Fior shimileir na sgáth
Air na h éabhlagan;
Garbh-ghaoisneach ’s tiugh cárr;
Dubh-shradach gun státh;
Fior bhotrumaid na sárchailion
Beisteimhil.
An crúnluath.
Gaol an-abaich dona,
Le soilis an dólais,
Thug mise ann a’s droch-uair
Do rosad na h Eorpa;
Go b’fhearr lium mo chrochadh
No dol anns na rochdabhs’;
’S tú báinriogh nan cailean,
Na d’ chal ag luchd diombais;
Le daradh do phollaig
Go ’n cromadh tu síos doibh;
Sar árri go colluinn,
Dol ma oisinn do thollain,
Do dh’ fhear air a tholladh,
’S air bhoil go gibht stríopaich.
B’ e t aillein mín sgonnan,
Teth, foinni, ’s e fíor-chruaigh;
’S da dhoirneig chruinn loma,
Do dh’ ion bollachan lion leis;
’S tric bha giardharadh toman,
title | Mio-mholadh Moraig |
internal date | 1751.0 |
display date | 1751 |
publication date | 1751 |
level | |
reference template | Mac-Dhonuill Ais-Eiridh %p |
parent text | Ais-eiridh na sean chánoin Albannaich |