Oran an tSamhraidh.
Air fonn, Through the wood ladie.
AN deis dho’ dusgadh ’s an mhaidin,
’S an deallt air a choill,
Ann a maidin ro shoilleir,
Ann a lagan beag doilleir,
Go ’n cualas a feadan
Go leaddurra seinn;
’S mac-talla na creugan,
D’ a fhreagra brón bhínn.
Bi’dh am beithe deaghbholtrach,
Uroil dosrach nan cárn,
Ri mao-bhlás driuchd céteoin,
Marr ri caoin-dhéarsadh gréine,
Brúchdadh barraich roi’ ghéugamh,
’S an mhios cheatochsa Mháigh:
Bi’dh gach doire dlú uaigni
’S truscan uain’ ump’ a fás;
Bi’dh an snobhach a díreadh
As gach fríobhaich a ’s ísle,
Roi’ na cuislinnin sniomhain,
Go meadachadh blá:
Cuach, is smeorach ’s an fheasgar,
Seinn a leadain nam bárr.
A mios breac-uigheach, braonach,
Creabhach, mao-rosach, aidh!
Chuirios sgeadas neamhthruailli,
Air gach áite d’a dhuaichneachd;
A dh’ fhogrus sneachd le chuid fuachda,
O gheur-ghruaim nam beann árd;
’S ag mead egil roimh Phebus,
Theid ’s na spéirimh na smál.
A mios lusanach, mealach,
Feurach, faileneach, blá;
’S moch bhio’s Phebus ag óradh
Ceap na mór-chruach ’s nam beann;
’S bidh ’s an uair sin le sólas,
Gach ean bionnfhoclach boidheach,
Céumadh mearbhuillion ceolar,
Feadh phres, ógan, is ghleann;
A chorruil chuirteach gun sgreaddann,
Ag pór is beadurrach greann!
’S an am tighin do’n fheasgar,
Coimhfhreasgradh aon am,
Ni iad coimh-sheirm, sheamh, fhallain,
Go bailleach, bionnghobach, alloil,
A seinn go luichleasach daingiunn
A measg uir-mheangain na’n crann;
’S iad fein a beichdil go foirmeil,
Le toirm na’n organ’ gun mheang.
Bi’dh gach créatair do laigid
Dol lé suigeort do ’n choill;
Bi’dh an dreathunn go balcont,
Foirmeil, talccorra, bagont,
Sior chuir fáilt ar a mhaidin,
Le rifeid mhaisich, bhuig, bhinn;
Agus róbin d’a bheusadh
Air a ghéig os a chinn.
Gur glan gaill-fheadan richard
A seinn na’n cuislinnin grinn,
Am bárr nam bilichion bláthor,
’S an dos na lom-dharag árda,
Bhiodh ’s na glacagan fásaich
As cubhrai failidh no fion:
Le d’ phuirt thriolonta, shiubhlach,
Phronnar lúthor le díon.
Sid na pairt a ’s glan gearradh,
’S a ’s ro eallonta roinn;
Chuireadh m’ intinn go beadradh,
Clialú t fheadain ma’n eadradh,
’N am do’n chrodh bhi d’a leigidh,
An innis bheittir ’s an choill;
Bi’dh bradan sen-gmhear na fior-uisg’,
Go brisg, slinnleimneach, luath;
Na bhúidhnne tarraighealach, lannach,
Go h iteach, dearg-bhallach, earrach,
Le shoislein airgid d’a earradh,
’S mionbhreac lainnireach tuar;
’S e-fein go cromghobach ullamh,
Ceappadh chuileog’ le cluain.
A bhealltuin bhog-bhailceach, ghrianach,
Lónach, lianach, mo ghráigh,
Bhainneach, fhinn-mheagach, uacrach,
Obhnach, loinnideach, chuachach,
Ghruthach, shlamanach, mhiosrach,
Mhiodrach, mhiosganach lán,
Uanach, mheannanach, mhaoineach;
Bhocach, mhaoiseach, lán áil!
O ’s fior éibhinn r’a chluintinn,
Fann-ghéum laoigh anns a chróth!
A shobhrach ghealbhoi na ’m bruachag,
Gur fannaigheal, snuaghor, do ghnúis!
Chinneas badanach, cluasach,
Mao-mhín, bagonta luaineach;
Gur tu rós is fearr cruadal
A ni gluasad a h úir;
Bi’dh tu t eideadh a ’s t earrach
’S cách ri falach an súl.
’S cúbhrai fáilidh do mhuineil,
A chrios-chomhchuluinn na ’n cárn!
Na d’ chruinn bhabbuidion ríobhach,
Lóinneach, fhad-luirgneach, sgiobhach,
Na d’ thoim ghiobbagach, drechmhín,
Bharr-bhoi, chasurlach, árd;
Timchiull thulmasan díobhair
Ma’m bi ’m biadhíonain a fás.
’S go bi froinisin boisgeoil
A thilgis foineal na ’s leoir,
Ar gach lúbhghort do neonan,
’S do bharramh shaimmirin lóghar;
Marsain is leasachan soilleir,
Do dh’ fheuda-coille na’n cós,
Timchiull bhoganan loinneoil,
A ’s tric an eilid d’ an cóir.
’Nois treigidh coileach a ghuccag,
’S caittein bruccach n an craobh,
’S theid go mullach na sliabhchnoc’,
Le chirc ghearr-ghobaich riabhaich,
’S bi’dh d’ a suiri go cúirteil
Am pillimh cúlghorma fraoich:
’S ise freagra le túchan.
(Pihuhú tha u faoin.)
A choileich chraobhaich na’n gerr-sgiath,
’S na falluinne dui’,
Tha dubh is geal air miosgadh,
Go ro oirdheirc na t itich;
Muineal lainnireach, sgipi,
Uaine, slis-mhín, ’s tric crom!
Sid an tururaich ghlan, loinneoil,
A ’s árd coilliog air tom,
’S iad ri bururus seamh, céatoch
Ann a feasgar bog céiteoin:
Am bannal gel-sgirteach, uchd-ruagh;
Mala ruiteach, chaol, chrom;
’S iad go h uchd-ardach, earraigheal,
Ghrian-dhearesgni, dhruim-dhonn.
title | Oran an tSamhraidh |
internal date | 1751.0 |
display date | 1751 |
publication date | 1751 |
level | |
reference template | Mac-Dhonuill Ais-Eiridh %p |
parent text | Ais-eiridh na sean chánoin Albannaich |