[43]

Oran a Gheamhruidh.

Air fonn, Tweed side.

THarraig grian riogh nam plainéds na réull’,
Go sign chancer Diaceadaoin go beachd,
A riaghlas comhthrom man criochnaich é thriall,
Da-mhios-déug na bliaghna ma seach;
Ach gur h e an darra, Diasathurn na dhéigh,
A ghrianstad-shamhraidh, aondéug, an las faid;


[44]S a sin tiuntaidh e chúrsa go séamh,
Go ses-ghrian a gheamhruidh gun stad.

S o dhimeich énois uainn mancuairt,
Gom bi fuachd oirn gom pill e air nais,
Bidh gach aon la dol an giorrad go feim,
S gach oiche do reir dol a fad:
Struighidh luibhion, is coill, agus feur,
Na fais-bheo ion-éuguidh iad as:
Teichigh snodhach go friobhaich nan crann,
Suighfidh glaoghain an suigh-bheatha asteachd.

Seachdaidh géagan glan cúbhrai nan crann,
Bhas an tsamhradh trom-stráichtle meas,
Go toirleim an toradh go lár,
Go sgriosair am bárr fár gach lios.
Guilidh feadain is creachuinn nam beann,
Sruthain chriostoil nan gleann le trom sproc,
Caoi na fuarain ri meacuinn gon cluinn:
Deoch-thunta na maoiseachs nam boc’.

Luidhigh brón air an talamh go leír,
Gon aognaich na slébhtis na cnoic:


[45] Grad dubhaidh caoin-uachdar nam blár,
Fal-ruisgte, ’s iad fáillinneach bochd.
Na h eoin bhuchullach bhrec-iteach, ghrinn,
Sheinnidh baisgeonta, binn, am barr dhos,
Gon teid a ghlas-ghoib ar am béul,
Gun bhodha, gun téud, ’s iad nan tost.

Sguiridh búirdeiseach sgiathach na spéir
Dan ceileiridh grianach car treis,
Cha seinn iad a maidnengo h árd,
Na feasgurrain-chrábhachs an phres:
Codul cluthor gon dean anns gach cós,
Gabhail fasgadh ann frógamh nan creg’;
S iad ri iuntrainn nan gathanan blá,
Bhiodh ri dealaradh o sgáileadh do theas.

Cuirir daltachan srian-bhoi na rós
Far mhin-chioch nan óir-dhithein beag,
Sinion guccagach lili na lón,
Na fluran, ’s gheal nóinein nan eug:
Cha deobhlair le beachainn nam bruach,
Cróghaidh fuarachd car cuairt iad na sgep;
S cha mhó chruinnicheas seillein a mhál,
S thar gheal-úr-ros chrann garraidh cha srep.


[46]

Téarnaidh bradan, is sgadan, ’s gach iasg
O t iarguinn go fiaghrunt nan loch;
S go fan air an aigen dubh-dhonn,
Ann an doimhneachd na fonn is na slochd:
Na bric tharr-ai-ghealach, earr-ghobhlac shliom,
Leumadh mearradha, ri usgraichion chop,
Nan cairtealamh geamhraidh gon támh,
Meirbh, sábhach, o thámh u fan ghlób.

Chas is ghreannaich gach tuluch, ’s gach tom,
S doite lom chinn gach fireach, ’s gach glac
Gon dobhraich na síeinfeoir,
Ba lusanach, feoirneanach brat:
Thiórmaich maodhunnan, ’s ruaghaich gach fonn;
Bhéic an fhairrges ro thonn-ghreannach gart;
S gon sgreitich an duldachd gach long,
S theid an camhlach nan long-phort a steachd.

Néalaich paircion is meadoir go bás,
Thuit gach fásach, ’s gach aite fa bhruid;


[47] Chiaraich monaidh nan íosuils nan áird:
Theirig dathanan grasor gach luig:
Dhfhalbh a faileadh, a musga, ’s a fonn;
Dhfhalbh a maise far lompar gach buig;
Chaidh an éanlai go caoithioran truagh,
Uiseag, smeorach, is cuach, & druid.

A fhraoich bhadanaich, ghaganaich úir,
Dam bolas dam bfhudar a mhíl,
Be bhlá ghrian do bhalets gach uar,
Go giollachd do ghruaige le sgil;
S am mhaidin thiughairnuair bhoisgidh a ghnúis
Air bhuidhinnin driuchdach nan dril,
Bfhior chúbhrais gom béibhinn an smúid
So dheiridh far chuirnein gach bil.

Gon theirig sudhtalmhunn nam bruach;
Dhfhalbh an cruasach len trom-lubadh slat,
Thuit an t ubhull, an t siris, ’s a phéur,
Chuireadh bodha ar a ghéig anns a bhad.
Dhfhalbh am bainne on eallach air chúl,
Mam bi leanaba ri ciucharan bochd;


[48]S gom pill a grian go sign thaurus nam buagh,
S tréun a bhuaghaichis, fuachd, & gort.

Theid a ghrian air a thurus mancuairt,
Do thropic chapricorn ghruamaich gun stad,
On tig ferrinn chruinn, mheallanach, luath,
Bheir a mullach nan cruaitichion sad;
Thig tein’ -aeir, thig torunn na dhéigh,
Thig gailliunn, thig eireadh, nach lag,
S cinnidh uisge na ghlainechimh cruaigh,
S na ghlas-léugamh, mín, fuairlicneach rag.

A mios nuarronta, garbh-fhrasach dorch’,
Shneachdach, cholgurra, stoirmshionach bith;
Dhísleach, dhall-churach, chauthach, fhliuch, chruaigh,
Bhiorach, bhuaghurra, ’s tuathghaothach cith;
Dheigheach, liath-rotach, ghlíbshlemhin, gharbh,
Chuireas sgiobairion fairrge na rith:
Fhlichneach, phuntuinneach, ghuineach, gu tlás:
Cuiridh t anail gach cáileachd air chrith.


[49]

A mios crattanach, casadach, lom,
A bhios trom air an tsonnbhrochan dubh;
Churruiceach, chasogach, lacunn is dhonn,
Bhrísneach, stocainneach, chom-chochlach, thiugh;
Bhrógach, mheattagach, pheiteagach bhán,
Iomacach, aranach, chaiseach, gun ghruth;
Le miann bruthaiste, mairt-fheoil is cál;
S ma bhios blá nach dean tair air gné stuth.

A mios brottogach, toitteneach sóigh;
Ghionaich, stróthoil, fhior gheocoil go muic;
Littich, lághanaich, chabbaistich chórr,
Phoitich rómasaich, róiceoil go sult:
S an taobh-amuigh go do thudh sinn ar com,
Air an fháilidh gheur-tholltach gun tlus,
S féadar dram ol mar línnige cléimh,
A ghrad fhadas tein’ -eibhinns an uchd.

Bidh greann dhubh air cuid mor don Roinn-eorp,
O lagaich sgéamh órdha do theas,
Do sholus ba shólas ro mhór,
Air fragharc air lóchrann geal deas;


[50] Achnuair thig e go gemini a rís,
S a lainnirs gach ríoghachd gon cuir,
S bui soilsen nan coireins no meall,
S riochdoil fiobh nan oir-pheall air a mhuir.

S theid gach salmadair ball-mhaiseach úr,
An crannaig chúbhrai chraobh-dlúdhuilleach cas,
Len seol féinn a sheinn hymnss a thoirt cliu,
Chiunn a phlanaidsa chúrsadh air nais:
Gom bi coishir air leth anns gach géig,
An dascabh éibhinn air -shlios nan slat,
A toirt lag íobuirt len ceileirdan triadh,
Air chaol chorrabh an sgiath anns gach glaic.

Cha bhi créatair fa chupan na spéir,
Sin nach tiuntaidh ri spérids rin dreach,
S gon toir Phébus le buaghan a bhláis,
Anam-fás doibh is cáileachdan ceart;
S ni iad ais-éridh choitcheann an uaigh,
For na mhiotaich a fuachd iad asteachd,
’S deir iad (guiliog-doro-hidola-hann,
Dh’fhalbh an geamhradh ’s tha ’n samhradh air teachd.)

titleOran a Gheamhraidh
internal date1751.0
display date1751
publication date1751
level
reference template

Mac-Dhonuill Ais-Eiridh %p

parent textAis-eiridh na sean chánoin Albannaich
<< please select a word
<< please select a page