[59]

Oron nuagh.

Air fonn, Choille-chraggaidh.

THA deagh shoisgeul feadh nan garbh-chrioch,
Súrd air armamh comhraig;
Uird ri dairirich deanamh thargaid
Non dual ball-chruinn boidheach;
Chui na seargabh le cam earraghloir,
Sluaigh fior chealgach S—,
Os sgeul dearbha thig thar fairrge,
Neart ro gharbh dar fóirin.

Thig thar ler le gaoi anoir oirn,
Toradh deal ar dóchuis,
Le mhílte fear, ’s le armamh geal,
P— ullamh, mear, ’s é dóchaisgt:
Mac R— S—, T— S—;
Oidhre a c— th’ air fógra;
Gon dean gach Brittinnich lán ubhlachd,
Air an glúnda mhórachd.


[60]

Ni na Gaidheil bheodha, ghasda,
Eri bhras le srólamh;
Iad na ciadabh uimag iathadh,
S coltos dían chuir gleois orr’:
Gun fhíobhs iad fiata, claidheach, sgiathach,
Gunnach, riaslach, stróichdeach,
Mar chonofadh leoghannabh fiadhuich,
S acras dían go feoil orra.

Déanamh ullamh chum ar turuis,
S biobh guineach, deonach;
So an cumusg, am bi na buillion,
An deantar fuil a dhórtadh:
Och a dhuinis slionor curaidh
Is fior sturroil cóimhstri,
A leigir far eille mar chuillein,
Dhfhaotainn fuil air S—!

’S ioma neach a theid air ghaisgidh,
Tha fíor lag na dhochus,
Gos a nochdar standard bratdhearg,
An R— cheartstha óirne,
Go do bhiodh e na fhior ghealtair,
Gur cruaigh rag go bhróig e,


[61] Ceart chomhgairge ris an lasair,
A losgadh fasbhuain eorna.

Mhoir is sgairteoil, foirmeil, baggont,
Gaidheil ghasta, chrodha;
Gach aon bhrattach síos don bhaiteal
Len gruaigh laisde róis-dearg;
Iad gun fhiomh, gun fheall, gun ghaisidh;
Rioghoil, beachd-bhorb, proiseoil;
Go neamh-lapach ri rinn gaisgidh,
Spáinnich ghlas nan dórnamh.

S binn linn plapraich nam breid brattach,
Stranntraich bras ri mór-ghaoi,
An glachdamh gaisgeich nan céim staideoil,
Is stuirteil, scairteil, móision;
S lann ghorm sgaiteach, do shár-shlachdan
Geur go srachdadh shrónaige,
Air bac cruachain an fhir bhrattaich,
Go cuir tais air fógra.

S furbi tailceont, ’scumpa pearsa,
Treun-laoch spracoil, doid-gheal;


[62] Piob da spalpadh, suas na achlais,
Mhosglas lasan gleois duinn:
Caismeachd bhras bhinn, bhroddadh aigneadh,
Go dian chasguirt slóigh leis;
Chuireadh torman a phort baisgeoil,
Spioraid bhras nar póramh.

Bíobh suntach, luthor, béumach,
Sgriosach, geur go feolach,
S bidh Mars creuchdach, cogach, reubach,
Annsn speir dar seoladh:
Soirbhichidh gach ni go leir libh,
Ach sibh-fein bhi deonach:
Marsailibh gun dail, gun eislein,
Luthor, eattrom, ceolor.

Marsailibh, gun fheall, gun airsteal,
Gach aon bhrattach bhoidheach;
Cuideachd shuaicheonta nam breacan,
S maith go casg na tórachd:
Nuair a ruisgis sibh na claisich
Bidh smuis bhreac feadh feoir libh;
Gaorr, is inchinne na spaddul,
S na liath-shad feadh mointich.


[63]

Sliochdraich, slachdraich, nan cruaigh shlacan,
Freagra basgur shiunnsor;
Nuair a theid a ruaig gun stad libh
Gur a fad a chluinntir,
Feiddrich bhluillion, scoltadh mhullach,
Sios go bun an rumpuill;
Ruaig orruile mar mhoim tuile;
Chui chan urriad tiunntadh.

S ioma fear a dholadh lionta,
Slainte an R—— stha oirne,
Spealgadh ghlainichion ag gríosaich,
S é cur beinn air S—;
Achs onaraiche anois an gniomh,
Na cuigceud mile bóla;
S fearr aon siola a dhfhuils an fhrí,
No galoin fhíon air bhórdamh.

Dearbhaidh bechdi sibh bhi ceart da,
Eri grad ler slóghamh;
Gun ar mnain, clann, no beirteas,
Chuir stad-feachd nar dóchus;


[64] Ach gluasad intinneach, luath, cinnteach,
Rioghoil, liont’, a mhórchuis:
Mar an raineach a dol sios duibh,
Sgriosadh dían luchd cleóchdan.

Ar ceathairne ghruamach, niomhoil,
Lán do mhire cruadail;
S misg dhearg chatha, go bárr rath orr’,
S craobh dhearg dhath nan gruaighimh;
Iad gun athadh sios len claidhin
Ri sior sgathadh chruachdan:
Lotar dearganaich ler gaithin,
S ler sior chrathadh cruaghach.

S beagan sluaigh, as tric thug buaigh,
An iomuirt chruaigh a chomhraig:
Deanaimit gluasad gun dad uabhuinn,
S na biodh fuathas oirne:
Doirtidh uaislion an taobh-tuath,
Mac-shíom na ruag, ’s Diuc-Gordan,
Le marc-shluagh as nuarrai gruaim;
S ruaim aimhi fhuar nam poramh.

titleOran nuagh
internal date1751.0
display date1751
publication date1751
level
reference template

Mac-Dhonuill Ais-Eiridh %p

parent textAis-eiridh na sean chánoin Albannaich
<< please select a word
<< please select a page