SALM CXXV.
TA ndream ni dóchas ann an Dia
Mar shliabh Sion a ghná,
Nach fèdir fos a chorrughadh,
ach mhairios ann gu bráth.
2 Ceart mar atà na beanntidh tric
timchioll Jerusalem,
Ta Dia mar sin, o ’nois gu síor,
timchioll a phobuil fein.
3 Oir slat luchd uilc cho ghabh si tàmh
ar chrann na ndaoine cóir:
Deagla gur sín na fírenidh
an làmh gu peacadh mór.
4 A naitim úd ta maith, a Dhé,
do mhaitheas pàirtigh leo:
Is leis an droing ta trèmhdhireach
’s na ngcroidhe tá gun ghó.
5 Acht fos an droing do théid a thaoibh
ga nslighidh chlaon le chèil,
Iomanigh Dia le luchd an uilc:
’s biaidh síth air Israèl.
title | Salm CXXV |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |