SALM CXXX.
ON doimhneachd, O Jehobha Dhé,
do ghlaodh me riotsa suas.
2 Dhia, èisd rem ghuth gu furachair:
’Sre murnuigh crom do chluas.
3 Ma chomhar~thuighar leat aingidhachd,
a Dhé, cia sheasmhas riot?
4 Acht agadsa ta iochd; do chum
gu stríochd a teagal duit.
5 Re Dia atáim aig feitheamh, fos
ta manam feitheamh ris,
Is ann na fhocal fírinneach
mo dhòchus cuirfidh mis.
6 Ta manam bochd ni ’s furachair
aig feitheamh Dhé do ghná,
No bhíos luchd faire maidne fos
re sgarachdain na ntráth:
Ni ’s furachair, a deiram fos,
ga fheitheamhsan gun ghó,
No bhios luchd forthair’ annsa noidhch’
re teachd a steach don ló.
7 Biodh dóchas Israéil an Dia:
oir tá a thrócair mòr,
Sann aig an Tighearna gu beachd
Ta fuasgladh pailt gu leòr.
8 Is bheir se fein gun cheist ar bith
da phobul Israèl.
Lán-saoradh agus fuasgladh glan
o naingidhachd gu lèir.
title | Salm CXXX |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |