SALM CXXXVI.
O Tugaibh buidheachas do Dhia,
do bhrìogh gur sár-mhaith é:
Air son gu mair a thròcair chaomh
gu síorruidh feadh gach rè.
2 Tugaibh do Dhia na nuile dhia
mór-bhuidheachas le chèil:
Air son gu mair a thròcair chaomh
gu síorruidh feadh gach rè.
3 An Tighearn’ os gach triath atà
àrd-mholaibh é gu léir:
Air son gu mair a thrócair chaomh
gu síorruidh feadh gach rè.
4 Don tí na aonar fos do rinn
mor-mhírbhuilte gu trèun:
Air son gu mair a thrócair chaomh
gu sìorruidh feadh gach rè.
5 Don ti le gliocas iongantach
do chruthuigh neamh nan spèur:
Air son gu mair a thròcair chaomh
gu síorruidh feadh gach rè.
6 Don tí do shín air uachdar tuinn
an talamh tròm gu lèir:
Air son gu mair a thròcair chaomh
gu sìorruidh feadh gach ré.
7 Don tí do rinn na soluis mhór
ta soillseachadh na nspéur:
Air son gu mair a thrócair chaomh
gu sìorruidh feadh gach rè.
8 A ghrian gu huachdranachd san lò,
chum dhùinne gu budh lér:
Air son gu mair a thròcair chaomh
gu síorruidh feadh gach rè.
9 A ghealach is na réulta glan
do riaghladh oidhch’ le chèil:
Air son gu mair a thròcair chaomh
gu sìorruidh feadh gach rè.
10 Don ti rinn bualadh trom san Nèipht’
air cèidghin dhaoin’ is sprèidh:
Air son gu mair a thròcair chaomh
gu sìorruidh feadh gach rè.
11 Thug as a mbuilsgenían amach
a phobul Israél:
Air son gu mair a thròcair chaomh
gu sìorruidh feadh gach rè.
12 Le neart a gháirden sínt a mach,
’s le láimh atá ro-thrèun:
Air son gu mair a thrócair chaomh
gu sìorruidh feadh gach rè.
13 Don tì ler sgoilteadh an muir ruadh
na bhloidibh as a chéil:
Air son gu mair a thrócair chaomh
gu sìorruidh feadh gach ré.
14 Is trìd a mheadhon do thug se
gu tèaruint Israél:
Air son gu mair a thrócair chaomh
gu sìorruidh feadh gach rè.
15 San fhairge ruaidh do sgriosadh leis
Pháro ’s a shluadh gu léir:
Air son gu mair a thròcair chaomh
gu síorruidh feadh gach rè
16 Don tí da thrìd a nfhásaich mhòír
threòruigh a mhuinntir fein:
Air son gu mair a thròcair chaomh
gu síorruidh feadh gach rè.
17 Don ti do bhuail, ’s do lot gu trom
na ríoghridh láidir thrèun:
Air son gu mair a thrócair chaomh
gu síorruidh feadh gach ré.
18 Is rìoghridh uasal iomraiteach,
do mharbh le ghàirden fein:
Air son gu mair a thròcair chaomh
gu síorruidh feadh gach ré.
19 Na measg sud do bhi Sihon ríogh
na Namoriteach tréun:
Air son gu mair a thrócair chaomh
gu sìorruidh feadh gach ré.
20 Is Og air Bàsan bhí na ríogh,
do mharbh is chasgair se:
Air son gu mair a thròcair chaomh
gu síorruidh feadh gach rè.
21 Is thug se fos mar oighreachd bhuan
a mfearannsan gu léir:
Air son gu mair a thrócair chaomh
gu síorruidh feadh gach ré.
22 A noighreachd thug do Israél,
a shearbhant díleas fein:
Air son gu mair a thrócair chaomh
gu síorruidh feadh gach ré.
23 Neach, air bhi dhùinn’ ro-ísiol truadh,
do chuimhnigh oirnn nar féim:
Air son gu mair a thrócair chaomh
gur siorruidh feadh gach rè.
24 Gu sábhailt bhuin se sinn’, amach
o neart ar naimhde tréun:
Air son gu mair a thròcair chaomh
gu síorruidh feadh gach ré.
25 Ta tabhairt beatha do gach feoil
is lón do nuile chré:
Air son gu mair a thròcair chaomh
gu síorruidh feadh gach rè.
26 O tugaibh moladh agus cliù
do Dhia na neamh ’s na nspèur:
Air son gu mair a thròcair chaomh
gu siorruidh feadh gach ré.
title | Salm CXXXVI |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |