[261]

SALM CXLI.

O Dhia, atàim ag èighach riot,
dèan deithfir chugam fhein:
Is tabhair èisteachd fos dom ghuth,
ntrà ghlaodhas riot a mfhèm.
2 Mar bholtrach túis ad láthair suás,
mar sin biodh murnuigh riot:
Is togbhail suas mo lámh, gu rabh
mar íodhbairt fheasgair dhuit.

3 Cuir faire air mo bhèul, a Dhia:
dorus mo bhéilsa glèidh.
4 Gu drochbheart, no gu olc ar bith
na aom mo chroidhe, Dhé:
Deagla le luchd na haingidhachd,
gu ccuirsinn olc a ngnìomh,
Ge milis blasta nsòdhs a nglèus,
nior íosam fein maoin díbh.

5 Buaileadh an fíreun me le smachd,
gabhidh me sin gu caomh:
Gabhidh me uaidh an tachmhasan,
mar ola phrísoil mhaoth;
Cho bhris a mbualadh ùd mo cheann:
oir fos thèid murnuigh suas,
Ntrá bhíos a naitim ùd gu truadh
na namhghar cruaidh a nsàs.

6Ntrà theilgfar síos ar chlochaibh cruaidh
a mbreitheamhuin gu lèir;
N sin cluinnidh siad, oirs milis binn
deadh-bhriathra grinn mo bhéil.
7 Ar cnàmhan fos aig bèul na huaigh
do sgaoileadar le tàir:
Mar ghearrar is mar sgoiltear fiodh
na spealtadh air an lár.



[262]

8 Acht táid mo shùile riotsa suas,
Jehobha Dhia na mfeart:
Na fàgsa manam bochd gun treoir,
s tu fein mo dhòighs mo neart.
9 O teasairg me on rib’, a Dhè,
do leagadar dam sgrios;
S o eangaich luchd na haingidhachd,
a dfholuighdar gun fhios.

10 Acht tuiteadh luchd na haingidhachd
na nlíontaibh rinneadh leo:
An feadh bhíos mise gabhail thart,
s a téarnadh asta beo.

titleSalm CXXXXI
internal date1694.0
display date1694
publication date1694
level
reference template

Sailm Dhaibhidh %p

parent textSailm Dhaibhidh
<< please select a word
<< please select a page