SALM CXLIII.
RE murnuigh èisd, is aom do chluas
re mathchoingheadh, a Dhè:
Ad tfírinn, is ad cheartas árd
gu gràsmhur freagair me.
2 Na tionnsgain ann a mbreitheamhnas
le tòglach dìleas fein:
Oir ’s dearbh nach saorthar duine beó
ad tfiaghnais ann a mbéinn.
3 Oir lean an námhaid égcorach
le tòir ghéur manam bochd,
Mo bheatha theilg se sìos le tàir,
leag ris an lár gun iochd.
Do chuir se me a ndorchadas
chum comhnuidh ann gu truadh,
Is ionann me ’s an dream gu dearbh
bhiodh fada marbh sa nuaigh.
4 Is uime sin ta manam báight
gu crádhteach ann mo chom:
Mo chroidh’ am chliabh gu muladach
ar fás gu tuirseach trom.
5 Na láith o chiàn do chuimhnìgh me,
tàim cnuasachadh gun tàmh
Toibridh gu léir: ’s is smuaintiughadh
air gníomharthaibh do làmh.
6 Mo lámhan shín me riotsa suas:
a ngeall ta manam ort,
Amhluidh mar bheithas fearann cruaidh
ar tiormachadh le tart.
7 Eisd riom, a Thighearna, gu grad,
chuaidh as do manam bochd;
Do ghnúis na ceil, deagla gu bìom
mar dhruing chuaidh síos don tslochd.
8 Toir orm gu gcluinntar leam gu moch
guth binn do chaoimhnais gràidh,
Oir ionnad chuir me fhein gu mòr
mo dhòchas is mo dhóigh,
A mbealach fos a ngluaisfar leam
tab~hair orm gu naithnigh me:
Oir riot atà me togbhail suas
mo spiorad truadh a Dhé.
9 Om naimhdibh guineach, teasairg me,
o Thighearn’ is a rígh:
Dot tionnsaidh theich me fos, do chum
gu foluight leatsa mi.
10 Do thoil do dhèanamh teagaisg dhamh,
oir ’s tu mo Dhia gu beachd,
O ’s maith do spiorad: treòruigh me
gu tìr na fìrentachd.
11 Sgà tainmsa, beothuigh me gu trèun,
a Dhè Jehobha mhòir:
Sgà tfírentachd, saor manam bochd
o thriobloid ghoirt ’s o leòn.
12 Cuir as dom naimhdibh tríd do ghràs,
is sgrios an drong gu léir
Atá cur manam truadh fuidh leòn:
oir ’s mise tóglach fein.
title | Salm CXXXXIII |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |