SALM CXLVII.

Moluidhsi Dia oirs maith bheth seinn
árdmholadh binn dar Ndia:
Oirs tlachdmhur è, ’s is maisoil súd
bhi tabhairt cliù don Triath.
2 Suas togbhidh Dia Jerusalem;
cruinnighidh le chèil
An dream dan drinneadh díbearthoigh
do ghinoil Israéil.

3 Do naitim ga bhfuil croidhe brúit
do bheir sláinte mhór:
cheanglas suas gu faicilleach
gach cneidh ta orris leòn.
4 Na réulta lìonmhur áirmhar leis;
ga nainmachadh gu lèir.
5 Is mór ar Ndia, ’s is mòr a neart;
gun tomhas ar a chèill.

6 Togbhidh Jehobha suas gu dearbh
na daoine ciùin arìs:
Is leagfar leis na daoi le táir
gu lár ga nteilgeadh síos.
7 Sinnibh do Dhia Jehobha mór,
le buidheachas gu binn:
Sinnibh dar Ndiaine moladh àrd
air téud na cláirsigh ghrinn:

8 Noch fholchus neamh le nèulluibh tiugh,
ullmhuig~hidh fearthuinn fos
Don talamh: bheir air a nfhéur
bheth fás air slèibhtibh mòr.



[271]

9 Do nainmhidhs do gach beathach fiat
bheir eisean biadh gun :
Is do na fìachaibh ógmaraon
a ghlaodhasgiarraidh bìdh.

10 An neart a neich cho bhí a dhùil,
ge mór a lúdhs a threis’;
Cho ghabh tlachd a ngcosaibh fir
sheasmhas gu dìreach deas.
11 Ta Dia ag gabhail tlachd gu mòr
don dream da neagal è,
Chuirfas a ndóchas is a ndòigh
na thròcairsan gach .

12 Tab~hair moladh o Jerusalem,
do Dhia Jehobha mór,
Dod Dhiasa tabhair moladh fìor,
O Shioin mar is cóir.
13 Croinn-dhruididh fos do dhoirsi mòr
do neartuigh gu maith:
Do bheannuigh do shliochd gu léir
ad mheadhon fein astigh.

14 chuirfas ann ad chríochaibh fos
sìoth agus sonas mór:
le smior a chruithneachd ghloin
do shásughadh gu leòr.
15 chuirfas àithnamach air tír,
bhriathar rith gu luath.
16 Bheir sneachd mar olann; sgaoilidh
an liath- reog~hadh mar an luaith.

17 Leic-oidhre teilgidh amach
mar ghreamanna nach gann;
Agus sa nfhuachd a rinneadh leis
cia fhèdas seasamh ann?



[272]

18 Cuirfidh se bhriathar mór amach,
is leaghar iad arís:
Ar séidfadh dhó le gaoith a nsin,
sruthidh na huisgead~ha síos.

19 Do Jacob ta foillsiughadh
a bhriathra fíorghlan naomhth’,
A statuin is a bhreitheamhnuis
do Israèl gu caomh.
20 Nior dheónuigh se a maitheas ùd
daon fhineach fuidhn ghréin:
A bhreitheamhnuis nior baithnidh dhoibh.
Moluidh Jehobha tréun.

titleSalm CXXXXVII
internal date1694.0
display date1694
publication date1694
level
reference template

Sailm Dhaibhidh %p

parent textSailm Dhaibhidh
<< please select a word
<< please select a page