SALM XXXIV.
JEhobha beannuigham gu hárd
gach aimsir is gach trá:
A chlù ’sa mholadh ann mo bhèul
gu hiomraiteach do ghnà.
2 Is ann san Tighearna ro thrèun
ni manam uaill a chean’;
Tra chluinnid sud na daoine sèimh,
biaidh aoíbhnas orr’ is gean.
3 Mór-mholaibh leamsa Dia na mfeart
ainm árduighmid le chèil’.
4 Do iarras Dia, chual è, is bhuin
me as gach gábhadh gèur.
5 Damhairc siad air, is dhealrigh iad,
is nior ghabh náir’ a ngruaidh.
6 Do ghlaodh an bochd, is d’èist ris Dia,
is dfuasgail as gach truaidh.
7 Ta aingeal Dè ag campughadh
man droing dan eagal è,
Dan bhfuasgladh is da nteasairgin
on dtriobloidibh gu lèir.
8 O blaisaibh agus faicaibh so,
gur maith ’s gur milis Dia:
An fear sin beannuight è gu beachd
a dhearbas as an triath.
9 Fìor-eagal Dé, biodh oirbh a naoimh:
oir uireasbhuidh no dì
Ni bhfuil air a luchd eagailsan,
fíor-chràbhadh dhò do ní.
10 Biaidh easbhuidh ar na leomhnuibh òg,
is ocras mòr gu seth:
Acht ar an droing a dhiarras Dia
ni nceilar éan ni maith.
11 Tigaibh a chlann, is éistibh riom:
dhuibh muinfam eagal Dè.
12 Cia ghrádhuig~heas láith, ’s ler b’àill bheith beo,
chum maith gu bhfaicadh sé?
13 Coimhed do theanga féin on olc,
’s o labhra ceilg’ do bhéul.
14 Seachain an tolc, is déan an maith:
iarr sìthchaint, ’s lean gu gèur.
15 Ta súile De ar fíreunaibh,
’s a chluas re nglaodh gu fíor.
16 Ta gnùis Dè ’naghaidh daoi, do chum
a ngcuimhn’ a sgrios a tìr.
17 Do ghlaodh na fírenidh re Dia,
is d’èist se riù gu grad,
Thug furtachd agus fuasgladh dhoibh
on amhgharaibh ar fad.
18 Don druing sin ga bhfuil croidhe brùit’
is dlù dhoibh Dia gan cheist:
Do nì se furtachd fòs don dream
ga bhfuil an spiorad brist’.
19 Is lìonmhur triobloid agus teinn
thig air an fhíreun chóir:
Acht ast ar fad ni Dia na ngrás
a theasairgin fadheoidh.
20 A chnàmhan coimhdidh sè gu lèir:
ni bhfuil a haon dibh brist’.
21 Acht marbhidh olc an duine daoi,
is claoithar è gun cheist:
Is luchd an fhormaid, bheiras fuath
do dhaoinibh còir is ceart,
Mòr chiontach fágar iad na nlochd,
dimhilltéar iad gu beachd.
22 Anam a shearbhantadh gu lèir
saor-fhuasglidh Dia gach am,
Cho mhilltear idir neach dhiobh sud
chuirfios an dòchas ann.
title | Salm XXXIV |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |