SALM XLV.
DEadh-àdhbhar órain naoimh is ciuil
ag deachdadh ta mo chroidh’:
Is labhram ar na neithibh sin
do rinnas fèin man rìgh:
Mar pheann an láimh deadh-chlèrigh sgríobhth’
do chuireas síos gu luath,
Is amhluidh sin, mo theanga tà
ar tonoir àrd ag luadh.
2 Is maisigh thú no clann na ndaoin’:
gràs dhòirteadh ann do bhèul:
Is ar an ádhbhar sin rinn Dia
do bheannachadh gach ial.
3 Deasigh do chloidheamh ar do leis,
o thus’ a ghaisgigh mhóir:
Led chumhachd is do mhórdhalachd,
le greadhnachas glòir’.
4 Bhrìgh fìrinn, suaircas, agus ceart,
marcuigh gu buadhach árd,
Is neithe fuathmhur teagaisgidh
do dheas-làmh dhuit ’s gach àit’.
5 Rachaidh do shoighde gèur gu croidh’
gach eascaraid an rígh:
Thríd sin an pobul tuitfid fúd,
is nídar leat a ngclaoi.
6 Gu suthain is gu sìorruidh tà
do chathair árd a Dhé:
Slat suaitheantais do righachd mhóir’
is slat ro chomhthrom ì.
7 Os ionmhuin leatsa cóir is ceart,
is thug tu fuath don olc,
Oscionn do chompanach chuir Dia,
do Dhias’ ol’ aoibhnais ort.
8 Don Alos, Mhirr, is Chassia
o téudach boladh thèid:
Leo sud do chuir siad aoibhnas ort,
od lùchairt geal mar dhèud.
9 A measg do bhantrachd onorach
ta ingheana nan rígh:
’San òr na hóphir ar do dheis
do bhainrìoghs’ seasaidh sì.
10 A inghean èisd is amhairc fós,
is cromsa sìos do chluas:
Tigh tathar, is do mhuintir fèin
na cuimhnigh as so suas.
11 Gabhaidh mar sin an rígh lan-toil
dod áille thlachdmhur fein:
O sé do Thighearn’ is do thriath,
tab~hair urram dhò is gèill.
12 Thig inghean Thìruis ort gu tric
le tiodhlacadh is gift’,
’Sna daoine saidhbhre ta na measg
ag aslug~hadh gràs is iochd.
13 Inghean an rígh gu dearbh a stigh
ta uile lán do ghlóir:
Ta culaidh éuduigh impe fos
ar oibreachadh le hór.
14 Ann mbrot do dhobair ghrèis le snát~haid
bhearthar í gus an rìgh:
Thig chugad luchd a coimheidachd,
sa maighdiona na déidh.
15 Rachaid gu cùirt an rìgh a steach,
ait, aoibhneach bheirthar iad.
16 Arson do shinnsear biaidh do chlann,
mar phrionnsaidh anns gach áít’.
17 Tainm glòrmhur do gach linn a thig,
ar chuimhne cuiridh mé:
Mar sin do bheir an pobul duit
àrd-mholadh feadh gach ré.
title | Salm XLV |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |