SALM XLVII.
A Phobul is a shluagh gu lèir,
ar basa buail gan cháird:
Le guth ’sle gáirdeachas do Dhia
suas togaibh iolach àrd:
2 Oir Dia ro àrd is uathmhunn è;
rìgh mór oscionn gach tír’.
3 An pobul cuirfidh se far smachd,
far gcois na slóigh gu léir.
4 Mórdhachd Jacob da ntug se gràdh,
mar oighreachd dùinn do thagh.
5 Chuaidh Dia le gàrthaibh buadh a náird’,
le trompait is mór-bhladh.
6 Sinnaibh do Dhia, sinn moladh: sinn
dar rígh, sinn moladh binn.
7 Os rìgh Dia mòr oscionn gach tìr,
sinn dó gu heólach grinn.
8 Tá Dia na shuigh na chathair naomh:
sè ’s rìgh ar finaibh ann.
9 Prionnsuidh na nsluagh do chruinnigh siad
pobul Dè Abraham;
Ar son gur le Jehobha ’mhain
sgia dhìdean do gach tìr:
Se fèin is áird’ ’s is urramigh,
’s do dhlighear moladh fìor.
title | Salm XLVII |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |