SALM XLIX.
EIstaibh a phobuil uile so,
na bhfuil sa chruinne ché:
2 Is cluinnaibh edar mhòr is bheag,
mas bochd no beartach è.
3 Smuaintig~hidh mo chroidh’ ar tuigse ghloin,
ar ghliocas thig mo bhéul.
4 Aomam mo chluas gu párablaibh:
nochdfam caint dhorch ar téud.
5 Créud damh fan eagal láithan olc
gu gcuirfinn iad an suim,
Mòr aingidhachd is lochd mo shál’
tra dhiath siad orm gu cruinn?
6 Na daoine sin na nsaidhbhreas mòr
ta dèanamh dòigh is treis,
Agus an líonmhuireachd an stóir
atà ro bhòstoil leis.
7 A bhrat~hair ni fhuasgail neach dhìobh súd
a gábhadh no a péin,
A thabhairt éraic as do Dhia
ni fhèdar leis na fhèm:
8 Oir saoradh ’n anma ’sprísoil é,
sguiridh se ’bhfeast gu beachd:
9 Gu mairfeadh sé gu sìorruidh beo,
’s nach faiceadh truaillidheachd.
10 Oir chí se chean’ na daoine glic,
’sna hamadain gan chèill’,
’Sna hùmidh, fàgail toic do chàch,
is faghail bhàis iad fèin.
11 Se ’n smuaintiughadh gu mair an tigh,
sa ngcomhnuidh feadh gach rè,
A tabhairt ar a mfearann ainm
do rèir an ainme fein.
12 Gidheadh, an duin’ an onoir mhóir,
ni mair se ann gu buan:
Acht amhluidh mar an tainmhidh truadh,
chum báis a shiobhlas uainn’.
13 An slighe sud ge gòrach ì,
taitnigh a ngcainnt ren sliochd.
14 Mar chaoirigh dol san uaimh atáid,
na mbiádh don bhás gan iochd:
Glacfidh na fìrein os angceann
árd-uachdranachd gu moch,
’S O ’n áite comhnuidh seargidh as,
’san uaimh an áill’ ’san dreach.
15 Bheir Dia do manam fuasgladh saor
o chumhachd báis is uaimh,
Oir gabhaidh sè me chuìge féin
gam theasairgin le buaidh.
16 A nuair do níthear saidhbhir neach
na glacadh faitchios thù,
’San tan a chinneas glòir a theach
na cuireadh ortsa tnù.
17 Oir nuair a reachas é don éug,
ni mbeir sè dadum leis:
’San uair do théid sé síos don uaimh,
a ghlòir ni leanann ris.
18 Is ge do bheannuigh anam fein,
ar maithrionn tra bhi sè:
Ni daoine moladh ort gu mòr
tra nì tu maith dhuit fein.
19 Gu hàl a shinnsear rachaidh sé,
solus ni fhaic gu bráth.
20 An Duin’ an onoir, ’s é gan chèill,
mar ainmhidh è gheibh bàs.
title | Salm XLIX |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |