SALM LVII.
DEan tròcair’ orm, a Dhia na ngràs,
déan tròcair’ orm gach rè,
Oir ionnadsa ta manam truadh
ag cur a dhòigh gu léir:
Is gabhaidh me fuidh sgáil do sgè
mo thearmunn is mo neart,
Gu nuig’ a nuair an rachadar
na huilc od uile thart.
2 Eighfe me ris an Dia is àird:
re Dia ta làidir trèun,
A chuirfeas leam gach cùis gu crìch,
mar chì se ormsa fèim.
3 Cuirfidh se neart o neamh, dom dhìon
o bhèum a nfhir ler b’àill
Mo shlugadh: cuirfidh Dia amach
fhírinn ’s a ghrás gan dáil.
4 Ta manam bochd a ngcomhnuidh fós
am builsgen leomhan garg,
A measg na druing’ am luigh atáim
ar lasadh tà le feirg’:
Daoine, ga bhfuil a bhfíacla fós
mar shleadh ’smar shoighde gèur,
Mar chloidheamh guineach, ’s amhluidh sin
an teangthasan gu lèir.
5 Os cionn na neamh, Dhia tog thu fèin:
os cionn gach tír do ghlóir.
6 Dom chèmanaibh do ghlèus siad líon,
chrom manam síos gu lár:
Slochd romham thochail siad, is thuìt
iad fèin san tslochd do rinn,
7 ’S Gléusta mo chroidhe, ’s glèust’, a Dhé;
dhuit canfam moladh binn.
8 Mosgail mo ghlòir, ’sa shaltuir fòs
a chláirseach dùisg gun cháird’:
Ar maidin mosglam fèin gu moch,
is sinnam ceol gu hárd.
9 Dhia, ’measg a phobuil, molfam thù:
dhuit sinnam measg an tsluaidh.
10 Oir tfìrinn is do thròcair’ mhòr,
gu neamh na nèul do chuaidh.
11 Ar hárdug~hadh bios, a Dhia na mfeart,
os cionn àrd-neamh na nspéur:
Is togbhar suas do ghlòir gu hárd,
os cionn gach tìr gu léir.
title | Salm LVII |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |