SALM LXXXI.

SInnaibh gu hait do Dhia bhur neart:
do Dhia Jacob gu binn.
2 Is glacaibh Salm, is tiompan fos:
Saltair is cláirseach ghrinn.
3 An trompait sèidibh san uadh:
ar làethibh orduight, fèill.
4 Bu lagh sud aig Dia Jacob fos:
s bu statuin dIsraèil.

5 Do Joseph dòrduigh sud mar theist,
ar dol tríd na Héipht:
Do chualas cainnt is uîrghioll ann
nach tuiginn as a mbèul.
6 O nuallach shaor me ghualasan:
o photaibh fos a làmh.



[148]

7 Do ghoir tu ann ad thriobloid orm,
s dfuasgail me ort gun támh;

A nionad dìomhair toirnanigh
do fhreagair me do ghlaodh:
Aig uisgibh constrìbh Meribah
do dhearbh me thu faraon.
8 Eisd, o mo phobul, agus dhuit
do dhearnam fiadhnuis cheart:
Ma dhèisdas tu re guth mo bhèil,
o Israèil gu beachd.

9 Ionnad na biodh aón-uair ar bith
Dia oile coigreach brèig,
Is do Dhia coimheach fos ar bith
na cromsa síoss na gèill.
10S mise do Dhia Jehobha tréun,
thug thus o Nèipht le neart,
Gu farsing fosgail riom do bhèul,
is líonfam è gu pailt.

11 Gidheadh cho dtug mo phobul fein
èisdachd do ghuth mo bhèil,
S cho bàill leo mis, an aitim ud
do ghin o Israèil.
12 Mar sin do mhiann a ngcroidhe fein
do thug me thairis doibh:
Is iona ccomhairle gun chèil
do ghluais iad fein fadheoidh.

12 O bfearr gu mbiodh mo phobul fein
tab~hairt éisdachd do mo reachd:
Is fos gu gluaisadh Israél
am shlighthibh fein gu ceart!
14 An naimhde smachduighinn gu luath
le buaidh ga nleagadh síos,



[149]

Is phillfinn air a neascairdibh
mo làmh, da ngcur fuidh chíos.

15 Luchd fuath an Tighearna mar sin
do dhèanaid umhlachd dhò:
Acht bhiodh a naimsirsan ro bhuan
is marthanach gach .
16 Is bheiradh se da mbeathachadh
smior cruineachd fos da shluadh:
Do lán-dìol bheirinn duit faraon
don mhil on charruig chruaidh.

titleSalm LXXXI
internal date1694.0
display date1694
publication date1694
level
reference template

Sailm Dhaibhidh %p

parent textSailm Dhaibhidh
<< please select a word
<< please select a page