SALM XCV.
O Thigibh, sinnamid do Dhia:
thigeadh gach neach gun cháird,
Do charraig tréun ar slánuigh’ fos
togbhamid iolach àrd.
2 Is ann na fhiadhnuis tiocfamid
le buidheachas gach lò:
Togbhamid ceol gu suilbhireach
ag seinn le Salmuibh dhó.
3 Is Dia ro-mhòr Jehobha tréun:
rígh mór os cionn gach dia.
4 Doimhnachd na talmhan ta na làimh
’s leis neart na ngcnoc ’s na nsliabh.
5 Sé rinn an cuan ta farsing mór,
ta còir aig air is sealbh;
’S an talamh tirim le na láimh
do chruthuigh sè ’s do dhealbh.
6 O tigibh agus slèchdamid,
is déantar cromadh linn:
Is air ar glúinibh tuitamid
don Dia a chruthuigh sinn.
7 Oir se ar Ndia, is sinn’ a shluadh
do bheathuigh se mar thrèud,
Caorigh a láimh: ma èistar leibh
aniugh a ghuth gun bhréug.
8 Na cruaidhighar bhur ccroidhe leibh,
mar rinn san chomhstrìbh dhian,
Mar rinneadh leibh san fhâsach chruaidh
gam bhuaireadh le bhur miann.
9 ’Ntra dhfionn ’s a dhearbh bhur sinnsir me,
’s mo ghníomh do chunnaic siad.
10 An tál úd re dà fhichiod bliadhn’
chuir cámpar orm is éud;
Dubhram, gur pobul iad ga bhfuil
droch croidhe seachranach:
Is air mo shlighthibh riamh nior ghabh
siad eolus fìrinnach.
11 Da ndtug me fhein mo mhionnan mór
am fheirg ’s am chorrigh ghèir:
Nach rachadh siad a chaoidhch’ a steach
am ionad comhnuidh féin.
title | Salm XCV |
internal date | 1694.0 |
display date | 1694 |
publication date | 1694 |
level | |
reference template | Sailm Dhaibhidh %p |
parent text | Sailm Dhaibhidh |