[5]

BEACHD-CHOMHAIRLEAN, &C.

THA an Leabhair so, ged tha i freagarach do iomadh earrainn de dhAlbainn, gu sonraichte air a runachadh airson feum dhuibhse mo Thuath-Choitearan; a chionn, ged a tha agam an toileachas-inntinn a bhi gu tric acoinneachadh ribh gu pearsonta, gun robh an uin ro bheag airson colabhairt ribh air na caochladh chuisean a bhuineas dour maith-aimsireil; air an aobhar sin ghluaiseadh mi a nis gu labhairt ribh mar so, agus gu tairgse dhuibh mo chobhair airson fuasgladh oirbh o an uireasbhuidh pailteisus doigh a thanur measgsa uile ro shoilleir: Oir is tric bhuail e mi, ged bha moran Leabhraichean foghluimte air Tuathanas a cheana air an clodh-bhualadh, agus aon diubh le Dr Doile, airson an t-shluaigh chumantaan Eirean, adluthachadh ris na thaan so air fhilleadh, chaneil ni sam bith ri fhaotainn gu ceart fhreagarach riur cuisean-sa air leth; agus gum bitheadh e feumail nan robh air a bhuileachadh oirbh Leabhair bheag seolaidh annur deagh-riaghladh teaghlaich, ’s n- ’ur oibre Tuathanais. So ma ta aig a chuid as lugha oidhirpichidh mi lebhi cumadh na tha mi gu chuir an ceill duibh, cho dlusas urrainn domh ri n- ’ur cothroman agusur n-aite comhnuidh, agus ni an Clar-innsidh gu h-aithghearrur treorachadh a chum nan earrainnean fa leth as miann leibh a bheachdachadh. A bhi atoirt an iasad o chaochladh ughdaireanus ughdarasan ni sam bhith a dhfheudas a bhi cosmhuil ri bhi feumail, ni mi sin gun eagal cuir as mo leth a bhiga chuir an ceill mar mo bheachd fein, a thaobh nacheil mi agabhail orm ur-nithe a theagasg, ach gur e miarrtas a mhain a chuir annur lamhan, ann an gle bheag tomad, cruinneachadh de bheachd-chomhairlean, a tha freagarach rin cuir an cleachdadh, cho maith as feumail; agus tha min dochas gum bi an clodh-bhualadh ann am Beurlasan Gaelic cuideachd, buannachd-

[6]
[7]

ail do dhiomadh dom bheil a Bheurla na litir mharbh, eadhon anns an naodhamh ceud deug bliadhna. Ach ged nach do thoisich mi le bhi leantuin chleachdadh choitchionn do thaobh roimh-radh agus roimh-mhineachadh, faodaidh e bhi iomchuidh roimh ainmeachadh nan caochladh cinn fom bheil air a runachadh brigh an leabhair bheag so a thoirt fainear, n- ’ur cuir an cuimhne gum bheil soirbheachadh ann an ni sam bith an crochadh riur saothair fein, agus ged bhitheadh na riaghailtean as iomlaine air an cuir a sioschumur seolaidh, tha a bhuannachd a dheireas uatha gu h-iomlain an crochadh ris an doighsan cleachdar iad. Chaneil gna-fhocal as firinneach na, “far an soirbhich aon duine theid duine eile a dhi leis a ghort;” ach chaneil sibh gushaoilsinn gum bheil soirbheachadh an aon fhir, no mi shoirbheachadh a fhir eile an crochadh ri dall-thuiteamas. ’S urradh gach fear-ceirdan oibir a dheanamh anns an robh e air fhoghlum, ach tha do rireadh eadar-dhealachadh mor ann an oibir deanta leis gach neach; oir tha sin an crochadh ri seoltachd gach neach fa leth. Mar so ann an caochladh sligheanur imeachd troimh na bheatha, theid gu cinnteach leis-sa nas fearr, chanemhain aig am bheil gu nadurach nas mo de thalantan, ach a thacuir nan talantan sin an cleachdadh le aire agus sior-bhuanachadh; neach nach emhain a chothromaicheas an gnothach gu maith roimh thoiseachadh, ach a chuireas roimh nach caomhain e saothar sam bith ann an cuir a bheachdan abaichan cleachdadh.

Ma dhlu-bheachdaicheas sibhur coimhearsnach a ta asoirbheachadh, gheibh sibh e anns gach am, chanemhain ciallach, ach gu bunailteach saothrachail ann an ruigheachd air cusbair feumail eigin. Gidheadh chan fheudar an ni a chleith, gum bheil maille ris a chuid as modha dhibhse monais, leisg, ’us ana-caitheamh dearmadach air uin, abuadhachadh gu tomhas neo-aithnichte anns na duthchan ud anns am bheil nis mo de chothromus de phailteas air an sealbhachadh. Oir leis an uile leisgeul eisdeachd do thaobh airson an t-shaothair thrailleil fom bheil sibh adol aig am cuir an t-shil, ’ur curamsur dichiolls an fhoghar, agus an iomaguin leis am bheil sibh aleantuinn an iasgaich, ’n uair a thaisbeanas coslach soirbhichidhsam bith e-fein, aidichidh gach neach neo-lethbhreitheach gum bheilur n-ana-caitheamh air uin phriseil na leithid sa bhiodh ann an duthaich sam bith elie tur sgriosach.

Acumail annur beachd, uime sin, gur e diomhanas freumh

[8]
[9]

gach uile uilc, bithibh cinnteach ma bheir sibh an aire air na h-uairean, nach bi na bliadhnachan air an dearmad; cha mho as ann le dian spairn re uin ghoirid, ach le a bhi acleachdadh gu socarach connbhaileachur n-uine, as urradh sibh duil a bhi agaibh ri soirbheachadh.

Achum so a dhrudhadh oirbh nis deine; oir is cuis gle chuideamach e, faodaidh mi a dheanamh soilleir le da eisempleir air am bheil sibh fein eolach. Nacheil sibh gu cumantacodhuineadh gur e easbhuidh mathachaidh is aobhar dour barr a bhi eutrom, agus nach bitheadh tomhas ni bu mho dheth fior fheumail? Gum teagamh freagairidh sibh gum bitheadh, agus is urrainn dhomh a reisd dhearbhadh gum bheil lan phailteas dheth a ghna annur comas: Oir ged nach bitheadh ach aon lan sgulain de thomhas troidhe gach taobhs air dhoimhne de dhfheamainn air a thionail gach trathadh mara, no sia sgulanan gach seachduin, agus air a chuir ris an tomhas cheudna de thalamh, no de ghainmheach, no de chriadhach, a reir gneur fearuinn agus air a mheasgadh maille ri sguabaidheanur tighean, agus ri spruileachur n-aite-cocaireachd, nach bi ann an tigh air a dheagh-sguabadh, nis lugha na da lan cliabhs gach seachduin, seasaidh e mar so: 313 throidhean de dhfheamainn; 313 throidhean de thalamh, ghainmheach, no chriadhach, agus 104 throidhean de sguabaidhean tighe agus de luath; agus thig sin gu 26 shlatanus leth-shlat air fads air leuds air thiuighead. A nis ged thraoghadh an comheasgadh so gu leth a thomaid, bheir e dhuibh beagan nis mo na 13 no 14 shlatan de na mhathachadh mheasgte as fearr, gu leor gu mathachadh leth acair Albanach fearuinn airson buntata, agus a chum a chosnadh cha chosd e da uairsan t-seachduin den uin a thanis air a h-ana-caitheamh. An uiread so a thionail ann an uin ath-ghearr bhitheadh e na oibir ro sgiosail, ged le cuidus cuid a dhfheudas e bhi air an dheanamh gun ana-cothrom sam bith; agus gidheadh, ged tha i a reir coslais na h-oibir cho simplidh, tha moran an crochadh ris an doigh anns an toirear air a h-adhairt i. Ann an deagh-bhuileachadhur n-uine, —ann an cleachdadhur clainne mar so gu feumail, —anns an diubhar eadar suidheachadhur n-otraich ann an ait ard, no far am faod e fhaighinn an sileadh agus an fual bho n- ’ur crodh. Feumaidh gach ni dhiubh so a bhi air a thionndadh gu buil.

A risd, cia minig a tha sibh agearan gum bheilur fearuinn neo-tharbhach leis na cairn chlach a bha re linnean

[10]
[11]

air an tionail? Gidheadh cunntaibh na clachan a ta air cairteal acair a burrar gu furasda ghiulan air falbh, agus bithidh e gu luath dearbhte ciod a dhfhaodadh a bhi air a dheanamh le n- ’ur sinnsearan re an leth cheud bliadhnachaidh seachad, nan robh iad air deanamh saothar gle chuimseach ach mhairsinneach. Toisichibh fein, a gusgheibh sibh gu luath a mach le giulan air falbh aon chlach gach la, no sia gach seachduin, nach e mhain gun cuir feabhasur raointean, mus teid bliadhna seachad, iongantas airur coimhearsnaich neo-churamach, ach gun teid e thairis airur dochasan as blaithe; agus cha chus a radh; gum faodadh nis mo mar so a bhi air a dheanamh ann an aon bhliadhna na bha air a dheanamh anns an fhichead a roimh sin, leo-san is coslach a chaith da no tri uairean de na ceithir uairean thar fhichead ann an caineadh neo-tharbhachd na fearuinn a bha nan seilbh, an fheadh a bha beachd mu chleachdadh an leighis iomchuidh air a dhi-chuimhneachadh. Cha chuir mi gidheadh tuille eis oirbh le fuireach nis fhaide air a phuinc so, ach toisichidh mi le cuir an ordugh mo beachd-chomhairlean fo na caochladh chinn so, eadhon

I. LON.

II. TINNEAS AGUS IOCSHLAINTEAN

III. AODACH.

IV. TIGHEAN, AIRNEIS, &c.

V. BATAICHEAN, INNEALAN IASGAICH, &c .

VI. ACFHUINNEAN TUATHANAIS, &c.

VII. CRODH, EICH, MUCAN, ’S AN EUSLAINTEAN.

VIII. LIS, SIL, MEASANUS LUIBHEAN.

IX. FOGHLUM, MODHALACHDAN, &c.

titleRo-radh
internal date1838.0
display date1838
publication date1838
level
reference template

Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p

parent textBeachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ’us Choitearan
<< please select a word
<< please select a page