I. LON.
Tha mi a’ gairm ’ur n-aire a chum an ni so, anns a cheud ait, airson gur e ceud ni feumail na beatha e, agus airson gu’m faod sinn gu h-iomchuidh, gun bhi buailteach do chuir dad sam bith as ar leth de gheocaireachd, sinn fein a chleachdadh ann an cosnadh a bheathachaidh sin air am bheil n-ar slaint, ’s eadh, n-ar dearbh bheath, an crochadh. Faodaidh ’bhi gur e an doigh a ’s fearr gu mineachadh mu lon, sealltuin ris na cearnaidhean ud, anns am bheil ri fhaotainn an luchd-cosnaidh a ’s treise agus a ’s saothraicheile; agus air a phuinc so, cha ’n urrar dearbhadh ni ’s fearr a thoirt na meud agus cumhachd ar caochladh Reisimeidean Feachd-duthcha, a chionn gum bheil na Reisimeidean so uile air an cuir suas le crann-thilgeadh, anns na caochladh chearnaidhean no shiorramachdan air leth, gun choi’mheasgadh le gach a cheile, agus is ni aithnichte an fheadh a ta Feachd-duthcha Mhiddle-secs air a deanamh suas de dhaoine meanbh, tha iadsan bho Shiorramachdan Obareun agus Lanca a’ cuibhrigeadh ni ’s mo de thalamh, agus uime-sin tha iad ni’s farsuinn ’sa chliabh, agus ni’s treise na Reisimeid sam bith eile ’san t-seirbhis.
Ma rannsaicheas sinn, a reisd, lon na’n Siorramachdan deireannach so, agus gu’m faigh sinn a mach gu’m bheil a chuid a ’s mo dheth de mhin choirc, bainne, ’us de bhuntata, tha mi’ga mheas mar fhirinn do-aicheadh, gur iad min choirc, bainne, agus buntata ann an tomhasan-freagarach na nithe a s’ beathachaile ’sa ’s slainteile de lon dhaoine.
Gun amharus tha’n duine, ann a staid shiobhalta* na bhith a tha de ghnathan mhi-nadurach, agus gu tric fo chaithe-beatha mhi-nadurach a’ ruigheachd air araon slaint agus beath fhada. Ach an uair a sheallas sinn ri aimrideachd, meud agus aogais ar n-ard-uaislean a tha air am beathachadh ’sa chumantas air feoil air a h-ard spisreadh, tha e gu soilleir a’ feuchainn nach h-urrainn doibh, leis na h-uile cothrom a tha beartas a’ cuir ’n an comas, teachd a suas ann an neart cuirp riu-san a ta cleachdte ri lon ni’s simplidh.
Gu dearbh, ’sa ta neart cuirp ar sinnsearan, do ’n robh an lon ach gann ’an coimeas ris na tha a nis air a mhealtuinn, a’ feuchainn nach ’eil sinn cho mor an eisimeil na stamaic ’sa tha iomadh a’ creidsinn; gidheadh cha ’n ’eil mi idir toilichte leis
* Rianail, riaghailteach.
[14]an lon ris am bheil sibhse air n- ’ur cumail agus tha e tur iomchuidh gu’n deanadh sibh n- ’ur dichioll, gun sibh-fein a dheanamh n’ur traillean do ’ur n-ana-mhiannan, gu ruigsinn air lon, cha’n’ e mhain beathachail ach fos taitneach do na bhlas; oir tha iomadh dhe ’ur n-easlaintean ag eiridh bho laigse na stamaic, agus tha so gu cumanta air aobh’rachadh le easbhuidh caochladh lon beothachaidh gu leoir.
Na’n robh mise air an aobhar sin gu comharrachadh ’mach n- ’ur lon, mholainn dhuibh lit le bainne, no treacle, no leann airson ’ur biadh-maidne, aran coirc us buntata airson diatmhoir, agus buntata no brochan le uinneanan, garlic no creamh, no peabar airson ’ur suipeir, agus an leithide sin cha’n fhaod san la so a bhi air am meas ailgheasach: Gidheadh ann an ainmeachadh earrainnean araidh ’ur loin feumar a chuimhneachadh gu’m bheil iomadh leasachaidhean ’us ath-arrachaidhean beaga a tha ’n ’ur comas a dheanamh a tha cha’n’ e ’mhain taitneach ach slainteil. Tha iasg, a bha anns na h-uile linn air a mheas na ailgheas, gu cumanta ’n ’ur comas ruigsinn air, agus is luachmhor an leasachadh e. Faodaidh uibhean, eoin, im, cais, mil, muicfheoil, muiltfheoil, agus mairtfheoil a bhi le toigh an drasd ’sa risd ’an comas gach neach aig am bheil eadhon mir gle bheag a dh’fhearuinn ri aitheachadh. Cha mho bu choir toradh lis a bhi air a dhi-chuimhneachadh: Oir ged dh’fhaodadh nach b’ urradh gu leoir de mhin choirc ’us de bhuntata ’bhi ann gu teaghlach uile ’chumail ’n aird, tha mi cinnteach, le deagh riaghladh air na urrar fhaighinn dhiubh sin, gu’m bu choir do thoradh an lis easbhuidh sam bith a dheanamh ’n aird. Cia iomadh trath bidhe ghasda, (airson eisimpleir) a dh’fhaodar fhaighinn bho chal geal air a bhruich ’s air a phronnadh min, ’sair a chrathadh thairis le salainn ’us peabar, maille ri lan an duirn de mhin, no sliseag mhuicfheoil. Thoiribh fainear a chosd; —Min, bonn-a- sia, peabair fairdin; salainn fairdin; cairteal a phuind de mhuicfheoil ma shaillear aig an dachaidh i, tri fairdin, cal bho n- ’ur lis fein, burn bho n’ur tobar fein, agus moine bho n- ’ur mointeach fein a mhain airson a gearradh. An so ma ta tha deagh shuipeir airson teaghlach uile, ’s na chosdas i a dh’ airgiod cha ’n urra’ e ’bhi os ceann tri boinn-a- sia, aig a chuid a ’s mo, ni a dh’fhaodas aon de n- ’ur clainn, ag oibir airson tri sgillinn ’san la, re thri laithean ’san t-seachduin, a chosnadh gun ghairm airson cobhair na’m paraintean. Gu dearbh tha uinneanan ’us garlic gle luachmhor, agus tha
[16]sluagh Uales agus na Spainn, a tha a’ caitheamh pailteas dhiubh, comharraichte airson an coslas laidir agus slainteil.
A thaobh dibhe cha’n urra’ amharus a bhi nach e burn, fion ’ar ceud sinnsir, a’s fallaine de na h-uile. Faodaidh leann neach a dheanamh reamhar, agus ann an cor sgios no mhor laigse faodaidh uisge-beatha saorsa ghoirid a thoirt, ach fhad ’sa tha millionan de na chinneadh dhaoine air tuiteam na’n iobairt do mhisg, agus do ghalaran a bha air an aobharachadh le cus oil de dheochan laidir, tha burn no uisg a’ seilbheachadh glainead a tha cha ’n ’e a mhain a’ bacadh, ach gu minig a leigheas iomadh de ghalairean a thoisich a cheana, agus tha e air a lan-dhearbhadh gu’n aisig glainne bhuirn’ blath neach lag sgith gu neart ’us beothalachd ni’s fearr na deochan laidir beothachaidh. Gun teagamh faodaidh deochan teinteach a bhi air an ainmeachadh puision; agus ged tha am Freasdal, ann a chaoimhneas, cuid a dh’ uairean a’ deanamh fonn-cuirp a mhisgeadair comasach air seasamh ’an aghaidh ionnsuidhean air e-fein a mhurtadh, agus eadhon gu sineadh a bheath gu sean aois, gidheadh gu cinnteach cha ’n iad aois ’sa shlaint toradh a mhi-stuamachd: cha mho bu choir dhuinn earbsa cho mor a chuir ann am buaidh neartachaidh dheochan laidir na bracha ’sa tha n-ar coimhearsnaich Shasuinneach a’ cuir annta; oir a dh’ aindheoin an cleachdaidhean gniomhach agus an ard mhisneach ann am buadhachadh air amlaidhean cha ’n ’eil mi ’n amharus nach e an Swiss no an Gaidheal a ’s freagairiche gu buan-sgios fhulang na an Lunnainneach a’s fearr a th’ air a bheathachadh. Thug ar Gaidheil chruadalach air bhochd arach dearbhachd neo-dhona air so anns a chogadh Pheninsularach, agus tha mi a’ smuaineachadh gu’m b’ann re teicheadh Chounna ’s an Spainn a bha cuid de na Reisimeidean Gaidhealach, ann an dol a Seachad air ceudan de shaighdearan Sasuinneach a bha a’ basachadh air an rathad le fannachd, a’ gearan gu truasail gu’m biodh easbhuidh maraigean na aobhar do ’n crioch thruagh. Mar eisempleir a ’s taitniche faodaidh mi a luaidh gu’n do leig an Sasuinneach, a ghabh os laimh Drochaid Chonain a thogail, ris dhomh mu’n iongantas a bh’air ri dichioll mhuinntir an aite a dh’ oibrich dha, agus air dha ghabhail os laimh Canal a chladhach ’an Sasuinn gu’n do thuarasdlaich e
[18]mu fhichead dhiubh gu dhol maille ris do’n taobh deas. Dh’eirich caochladh dheasboireachdan eadar iad ’us muinntir an aite, agus bha iomadh beum air a thoirt dhoibh a thaobh an lon (aran ’us bainne) air an robh iad toilichte ’bhi beo, a’ caomhnadh a chuid bu mho de na choisinn iad gu thoirt dhachaidh gu’n cairdean ’san teaghlaichean.
Gu stad a chuir air an aimhreit so, chaidh a shuidheachadh geall suim mhoir airgid a chuir nach b’ urrainn do dha-fhear-dheug de na Gaidheil aireamh air leith de shlatan a chladhach ’san aon uin ’san cladhaicheadh an aireamh cheudna de na Sasuinneach, b’ fhear a bh’air am biadhadh an aireamh cheudna de shlatan. Air do gach ni ’bhi suidhichte bha bord air a chuibhrigeadh le feoil ’us leann airson an dara phairtidh, ach aig a phairtidh eile cha robh ullachadh sam bith airson urachaidh ach soitheach de bhuirn fuar: Gidheadh an deigh la throm oibir bha a bhuaidh aig na Gaidheil, agus an fheadh a bha na Sasuinnich tur fann le trom oibir, bha na Gaidheil gu smiorail a’ dannsadh ri an ceol dhuthchasach mar chomh arradh air am buaidh.
Tha mi ’toirt na’n eisempleirean so gu dhearbhadh nach ’eil an neart a tha feumail airson oibir an crochadh air biadh soghail, ach gidheadh tha pailteas de lon simplidh beathachail gu gle fheumail a chum n-ar cumail suas, agus gu so a dheanamh cinnteach, tha moran ann ’ur comas fein. Cha’n urrainn duine air bith ’na dheagh shlaint maille ribhse a bhi dh’easbhuidh na’n nithe feumail airson lon fallain, ma ni e uiread ri dichioll chuibheasach gu’n cosnadh, —agus ’nuair a tha mi a’ cluinntinn na’n gearainean a th’air an deanamh gach earrach leibh-se uile air easbhuidh leoir loin gu cumail taic ri n’ -ur neart ann an oibrichean cumanta, agus a’ faicinn an neo-churam leis am bheil sibh ag ullachadh air chinn ath-thachairt an leithid a dh’uilc, tha mi ’gaideachadh gu’m bheil mo thruas airson ’ur cor cuid a dh’ uairean air lagachadh: Oir ’s urrainn fear sam bith a chleachdas e-fein gu dichiollach ann ’ur suidheachad-sa le pailteas de dh’fhearuinn bhan aig iarrtas agus air mhal gle bheag an deigh 3 no 4 bhliadhnachan de shaothar, a bhi aige iomadh co’fhurt a tha an tras neo-aithnichte dhuibh. Cha ’n ’eil mi a’ labhairt gu baraileach. Tha e gach la air a dhearbhadh ann an uile earrainnean deas Albainn, ann an duthaich Obareun, agus air machraichean Bhainf, Mhoraidh, Inbherneis, agus eadhon ann ’ur duthaich fein, Ross, far am bheil a Mhaoile-bhuidhe, a bha roimh lom, a nis a’ toirt a mach comhfhurtan do a luchd-aitich dhichiollach. Tha mi ’cuimhneachadh air dhomh a dhol a steach do thigh comhnuidh fear-oibre ’nam oibir fein air earrainn air leth de’n Oighreachd so,
[20]’n uair a bha min gu gann ri fhaighinn, agus b’e cheud ni a thaisbean dhomh, a chlann a’ ruith mu’n cuairt le lan an duirn de mhin a thug iad as a phoc a fhuair e an la roimh sin ann am paidheadh airson an oibir a bha e gu dheanamh. An so, ma ta, bha uireasbhuidh an cois ana-barr ana-caitheimh; oir bha a chlann a’ caitheamh lon a bha mar sud neo-fhallan, ni le gle bheag deasachaidh a dh’fhaodadh a bhi air a dheanamh beathachail ’san tomhas a b’airde; oir dheanadh leth an tomhais mhin’ amh a chaith iad-san gun bhi sasaichte, le dheasachadh gu toigheach biadh-maidne cho’ fhurtach do’n teaghlach uile.
Gun dhol a steach do mhion labhairt air cocaireachd, ni theagamh nach biodh cho chumanta air a thuigsinn, faodaidh mi ’luaidh gu’m bheil mhin choirc, air a gnathachadh mar bhrochan no lit ni’s beathachail’ agus ni’s caontaich’ na ’n uair a tha i air a fuineadh na bannaich; agus gu’n toir saluinn uinneanan, seibheas, no pairslie, agus beagan peabar dubh le ’ur buntata no cal air a phronnadh, cha’n’ e ’mhain blas gle thaitneach, ach gu’m bac e gaoth cuime agus na h-easlaintean ud a tha ’geiridh bho chus cleachdaidh loin luibheach, am feadh bu choir ’ur n- ’im ’sa chuid a ’s reamhra de n- ’ur muic-fheoil a bhi air an gleidheadh airson an cuir thairis air buntata proinnte air a chaoineachadh fa chomhair an teine, agus na seorsan uisgidh de iasg a dh’ ithear ur a rostadh ann an aghann, oir ma bhruichear iad cha bhi iad cho beathachail. Tha feoil air a h-ith fear ni’s neo-chaontaich na ’nuair a dh’ithear teth i, agus ma nithear brot no eanaraich dh’i theid i da chuairt cho fada agus dearbhas i a bhi ni’s beathaicheil na le bhi air a rostadh, &c. Tha na h-uile bhrotan, stobhan, ’us feoil phroinnt; air am measgadh le luibhean ’sair an deanamh blasda cubhraidh le pairslie, seibheas no uinneanan, salainn ’us peabar, ni’s fearr, ni’s saora, agus ni’s solasaiche airson fear-oibrich no iasgair na tha feoil air dhoigh eile. Ma bhitheas ’ur n- ’iasg truisg saillte, ’s fhearr dhuibh a dheanamh n aird air a phronnadh ’sair a mheasgadh le buntata, uinneanan, no seibheas, ’us peabar, na ith air a bhruich’ leis-fein: no ma ’s urrar beagan blonaig no ime a sheachaineadh, agus a mheasgadh ’n aird leis, agus a chumail fa chomhair an teine gus am bi e donn air an taobh muigh, gheibh sibh e gu mor ni’s fearr. ’Nuair a dh’ithear iasg geal air bith ur, bu choir e bhi air a ghlanadh ’sair a chutadh gu maith, air a ghearradh na mhirean ’sair a chuir sa phoit, air a chuibhrigeadh thairis le burn agus beagan buntata sgribte no ruisgte, tearc de dhuilleagan pairs-
[22]lie, seibheas no uinneanan air am pronnadh min, agus peabar ’us salainn; agus fhad ’sa bhios e ’goil, an sgum a thoirt gu toigheach dheth gus am bi e tur glan. Isgasd’ am biadh e so, agus air ith comhla’ ri aran coirc ni e deagh shuipeir: ach bhiodh a leth air chall na’n robh an t-iasg air a bhruich’ leis-fein. ’Se jam de dhearcan dubh lis an aon sogh a mholainn dhuibh, agus tha mi ’ga luaidh a chionn gu’m faod sibh le meas bho n- ’ur lios fein 4 puind dheth a dheanamh le 3 puind shiucair donn aig 6 sgillin am pund, agus a chionn gu’m bheil e, cha ’n ’e ’mhain feumail airson amhaichean goirt agus teasaichean, ach gu’m faod e bhi na chuirm do na chlann, agus am misneachadh gu cosnadh uiread ’sa cheannaicheas an siucar. Mar so ionnsuichidh iad gu moch gu’m bheil saothar a ghna a’ toirt ’na coisa duais fein.
Ciod-sam-bith doigh an deasaichear ’ur biadh, biodh an aire a ’s mo air a thoirt do ghlainead, oir d’a easbhuidh bithidh am biadh a ’s fearr air a dheanamh mi-fhallan. Bu choir a bhean-tigh’ a ’s neo-sgilear a bhi air a deanamh fiosrach air an tur fheum a tha airson pailteas buirn ur’ a chleachdadh ann an glanadh na’n soithichean agus na’n innealan cocaireachd; oir air a phuinc so cha ’n urrainn i ’bhi ro ghrinn, —agus bu tric a thainig e ’n am inntinn gu’m bheil snuadhan aogaidh iomadh o’ sruthadh cho mor bho easbhuidh toigh, sgil, ’us glaine ann an deasachadh a bhidhe ’sa tha bho thur uireasbhuidh na’n nithe feumail beatha fein. Cha ’n ’eil ach aon bheachd eile ag eirigh dhomh air a phuinc so: tha mi ’ciallachadh ullachadh leis am faod nithe feumail na beatha ’bhi air am faighinn ann an sean aois, ’n uair a bhagras uireasbhuidh ro thric an cosnach ann a h-uile uamhasan. Gu ullachadh air chinn cor cho truagh rinn an Comuinn Gaidh’lach follaiseach cloir-innsidh fhior cheart a tha ’a dearbhadh, le duine do phaidheadh suim 8 puind Shasuinneach, 10 tastain, ’us 9 sgillinn, aig aois 28 bliadhna, gu’m bi aige coir air 10 puind ’sa bhliadhna ma bhios e beo gu aois 68. Le e do phaidheadh 16 phuind ’us 6 tastain aig aois 28 gu’m bi e cinnteach a 5 puind ’sa bhliadhna airson a bhantraich ge b’e am an tachair a bhas-sa. Agus le paidheadh 5 puind ’n uair a ruigeas gach leanabh aige aois bliadhna, gu’m bi coir aig a leanabh air 3 tastain ’san t-seachduin ’n aird gus an ruig e 15 bliadhna na’n tach’radh bas athair roimh an am sin. An so, ma ta, tha meadhonan ann an comas gach duine og air bacadh ainnis. Theagamh gur e suim bliadhnail na bantraich bu choir an toiseach a dheanadh cinnteach an ath chuid airson na
[24]clainne, agus mu dheireadh airson an duine, oir mur faigheadh e am feasd e, bu choir do a theaghlaich, air an togail gu maith a bhi na dhion a b’fhearr ’us bu chinntiche dh’a.
Bha na riaghailtean airson riaghailt’chadh Comuinnean de’n t-seors air an tarruing a mach leis a Chomuinn Ghaidh’lach, agus bu choir doibh a bhi ann an laimh gach neach, agus chuir mise iad aig deireadh an leabhair so airson ’ur seolaidh. Do dh’iomadh faodaidh e taisbeanadh do-dheanta an leithid ’shuimean a chaomhnadh, leis cho beag ’sa tha prisean ’us cho iosail ’sa tha tuarasdalan; ach tha fhios aig iomadh gu’n robh eigin a cheart cho mor re nan ard phrisean bho na bhliadhna 1812 gu 1818 ’sa tha i an tras’, agus nach do dhearbh pailteas a bhi na bhrosnachadh sam bith gu caomhnadh, ni a tha feuchainn gu’m bheil ni’s mo an crochadh air ’ur dichiollan fein na tha air ard phrisean ’us mor thuarasd’lan. Tha iomadh aig am bheil na meadhonan ’sa chail gu caomhnadh, aig nach eil an cleachdadh, agus sin a mhain a chionn nach d’fheuch iad a riamh ris, agus cha’n’ eil mi ’giarraidh ach sibhse do thoiseachadh a dh’fheuchainn cia iomadh 6 sgillinn ’us tastan a ’s urrainn sibh a chaomhnadh ann an aon bhliadhna, agus creidibh mi, theid an duilcheadas ann an tomhas mor as an t-shealladh. Cuimhnichibh gu’n tig da thastan air a chaomhnadh gach seachduin le riadh ann am Banc caomhnaidh ann am 20 bliadhna gu 157 puind, agus gun riadh gu 104 puind ’us 12 tastain. Thig 2 thastan ’san t-seachduin re chuig bliadhna a mhain gu 28 puind, 3 tastan, ’us 3 sgillinn. Thig 1 tastan ’san t-seachduin re 7 bliadhna gu 20 puind, 10 tastain ’us 8 sgillinn. Na earbaibh an leithide de chaomhnaidhean a bhuannaicheadh gu h-onorach aon chuid ann an lamhan dhaoine uaigneach no ann ’ur gleidheadh fein: Aig a cheud seors, faodaidh e ’bhi air a chall le an tubaistean na an ana-caitheamh: Ann ’ur gleidheadh fein faodaidh e ’bhi air a ghoid, no faodaidh sibh a bhi air n- ’ur buaireadh gu cuid dheth a chuir an sas ’an duil fhaon a chuir ’na aite fein a rithist Bitheadh e air a chuir gu tearuinte ann am Banc caomhnaidh, agus na bithibh air n- ’ur buaireadh le tairgsean ard-riadh gu ruith cunnairtean a dh’fhaodas n- ’ur toirt gu ainnis. C’ait’ am bheil an duine, dh’fheorraichinn, nach h-urrainn, le ’bhi ’cosnadh eadar 18 ’us 25 bliadhna, 6 sgillinn gach seachduin a chaomhnadh, ’us 10 puind ’sa bhliadhna ’dheanamh cinnteach mus ruig e aios 70? no co a dh’fheuch ris ann an diomhanas?
A’ labhairt bho m’fhiosrachadh fein ’s urrainn dhomh a radh cia-air-bith cho aindheonach ’sa bha mo sheirbheisich fein ’sa chumantas gu toiseachadh ri caomhnadh cuid dhe an tuaras-
[26]dal, agus cia laidir air bith am barail an tos nach b’urrainn iad dad sam bith a chaomhnadh, gidheadh cha do choinnich mi ri aon neach air an do spar mi toiseachadh ri caomhnadh nach deach an neach sin air adhairt gach bliadhna a’ cuir ris an stoc agus a’ deanamh tuilleadh dichiollan caomhnaidh. Chuir gach aon de mo sheirbhisich-tighe, a dh’fhan re tearc de bhliadhnaichean ann mo sheirbhis, ri ’cheile suimean nach bu bheag, agus tha iad a nis ’gam faireachdan fein saor, ged nach do chaomhan iad tastan ann an seirbhis sam bith eile a roimh, agus so cha b’ ann bho ard thuarasdalan, ach de bhrigh gu’n d’ thug mi orra feuchain ris, cia-sam-bith cho beag ’sa dh’fhaodadh an tasgaidh a bhi air tus, agus a chionn, mar a gheibh sibhse gu cinnteach le cleachdadh, gu’n teid an duilcheadas caomhnaidh as an t-shealladh cho luath ’sa thoisicheas sibh gu ceart leis sin ris an abairear gu cumanta ’ur n- ’ubh neid. San ath ait thoiream dhuibh beagan bheachd-chomhairlean mu thimchioll ’ur slainte agus na h-easlaintean a’s cum anta do ’r duthaich.
title | Lon |
internal date | 1838.0 |
display date | 1838 |
publication date | 1838 |
level | |
reference template | Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p |
parent text | Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ’us Choitearan |