TIGHEAN AGUS AIRNEIS.
’Siad so na nithe gus am bheil mi ’san ath ait a’ seoladh ’ur n-aire, agus ged a thaisbean cho liugha cumadh ghasd thighean bho chian ghoirid ann an caochladh leabhraichean; gidheadh an uair a bheirear fainear n- ’ur corsa fa-leth, feumaidh ni-eigin a bhi air a mholadh, a’diubhraigeadh ann an iomadh puinc bho na bhiodh freagarach ann an cearnaidhean a tha a cheana air teachd air an adhart ni’s mo ann an ordugh agus ann an comhfhurt.
A’ toirt fainear na bothanan suarrach anns am bheil iomadh dhibh a thamh bhiodh e mi-chiallach a bhi ’g earbsa airson fhaighinn an aon uair ’nan ait, leithid tighean sgiamhach Suiseach no Sasuinneach, no iaraidh uibhse glainead thlachdmhor dhuine bhochd Dhuitseach. ’Se na h-uile a tha mise a’ moladh dhuibh ’sa cheart am, beagan leasachaidh air na seors tighean a th’agaibh, agus ged a tha mi ag earbsa gu’n tig ath-leasachadh air adhart le a leithid de shinteagan chabhagach sgu’n dean e na tha mi an trath-s’ a’ cuir an ceill na aobhar ghaire beagan bhliadhnaichean an deigh so; gidheadh feumar ’a chuimhneachadh gur ann a tha mi a’ sgribheadh le beachd ri toiseachadh cleachdail a mhain, agus gu’m biodh seolaidhean orail neo-fheumail an uair a dh’ fheumas sinn a bhi gun earbsa ann iad a bhi air an cuir ’an cleachdadh.
Ann an tigh-comhnuidh ’se a sgath-thigh a tha a’ teachd an toiseach fo thoirt fainear; oir feumaidh mi an aon uair fianuis’chadh an aghaidh clann daoine agus crodh a bhi a’ dol a steach cuideachd ’san doigh a th’agaibh ’san am so air an aon doras. Tha an duine a tha a’ roghnachadh a bhi a chomhnuidh maille ris na h-ainmhidhean bruideil’ ni’s mo na ’tha tur fheumail a dol gu deonach a sios fodha ’n t-suidheachadh a chomh’raicheadh dh’a le a Chruthaighear, ’ga chuir fein ’an co’ inbhe ris na bruidean, agus cha’n’ e mhain a’lughdachadh a mheas fein, ach ’ga dheanamh fein taireil ann an suilean saoghail siobhalta. Tha doras air leth uime-sin
[52]airson an tigh chomhnuidh tur iomchuidh, agus tha sgath-thigh gle fheumail mar leasachadh blathais, glainead, agus co’ fhuirt chumant’ an tighe. Tha e feumail cuideachd mar aite-gleidhidh airson iomadh de na buill bheaga oibre ’bhithear a ’cuir am feum cho maith as airson nan seacaidean fliuch, nam breacainean, agus brogain salach fhir-an-tighe; airson a lion iasgaich agus airson nan sguaibean lair, ’no bruisean aodaich na mnaith ghlain do ’n coir aire a thoirt nach tig aodaichean salach sam bith seach an sgaththigh gu salachadh a seomraichean a tha air an cumail gu grinn glan: Oir tha a leithid so do riaghailt araon a’ leasachadh co’ fhurt agus slaint a companaich, agus a’ bacadh an t-shalchair ’san rapaireachd a tha easbhuidh aire do’n leithide de nithe beaga cinnteach gu aobhrachadh; agus ann am baile beag Duitseach Bhruc’ tha bean fhir-chumail-cruidh’ cho toigheach mu a seomar suidhe beag ’s nach fag i e idir gu sealltuinn an deigh a cuid cruidh (a tha gu briadha glan air an cumail) gun cuir dh’i a cuid brogan tighe agus cuir oire brogan fiodha na duthcha sin a tha a ghna na’n luidhe aig an doras.
Tha a cheud dealbh tighe agus oifigean a tha mi a’ moladh dhuibh, bheir sibh an aire, de’n t-seorsa ’s ilse, agus a’ co-sheasamh a mhain ann an 2 thigh, an leithid ’sa tha cumanta ’san duthaich; aon diubh airson tigh comhnuidh, agus an tigh eile airson oifigean tuathanais mar a leanas. Ann an aon diubh ’se P an sgath-thigh air meud 5 throidhean aon rathad agus 7 throidhean rathad eile, agus 7 throidhean a dh’ arda anns na ballaichean, le D tigh bainne, 4 throidhean aon rathad agus 7 throidhean rathad eile, fo’n aon druim. ’Se S fosgladh cruinn gu toirt soluis an ait uinneag. Bu choir an sgath-thigh so a tha mor gu leor gu cumail nan uile aodaichean ’us bhrogan oibre agus iomadh de n- ’ur innealan oibre; an t-aodach an crochadh air taruingean fiodha ceangailt anns a’ bhalla, agus na h-innealan air an cuir a seachad anns na h-oisinnean, a bhi air a thogail le ceum, aig a chuid a ’s lugha 8 eorlaich a dh’arda osceann na talmhainn, agus mur urrar clach air a deagh shnaidheadh fhaighinn, ni te gharbh 4 throidhean a dh’fhada, no a dha dhe 2 throidh gach te an gnothaich gu maith a leor airson ceum, ma bhios iad an eatorras comhnard. Air an taobh a muigh agus am fagus do na cheum feumaidh a bhi iarun sgribidh gu glanadh nam brog; —cha chosd e ach 2 thastan ann an Glaschu ’nuair a thilgear e leaghte ann an deagh chumadh, ach ma bhios neach ro bhochd gu sin a cheannach, ni mir de sheann chearcal no de sheann speal air a cheangal ann an 2 mhir fhiodha air an cuir ’san talamh an gnothaich. Tha D, an tigh-bainne a’
[54]fosgladh bho an sgath thigh le ’uinneag ri tuath agus sruth fionnar de’n aileadh air a thoirt le fosgladh beag ann am bonn an dorais, agus an uinneag a bhi na h-uinneag fhosgailte le slatan fiodha tarsuing, a mhain gu cumail a mach coin ’us cait, agus ann an aitean dustail, mir cainbe sgaoilt air uachdar. Is gann a ruigeas mi leas a radh ’san dol a seachad gu ’m bheil buaidh n- ’ur saothair uile an crochadh ri fionnarachd, glaine, agus milseachd an rum bhig so, agus ma sheilbhicheas e a mhain na 3 buaidhean ud a luaidh mi, faodaidh sibh dulan a thoirt do na h-uile shithchean a riamh a dhannsa an oidhche ann am buaile chruidh no a ghoid toradh luachmhor shoithichean bhainne ar sinnsirean. ’Se K an t-aite cocaireachd ’us an rum suidhe 14 throidhean air fada agus 12 throidhean air leud air dol a steach bho na sgath-thigh, agus ait an teine ’fagus air a bhi ri aghaidh an dorais ni a bheir air an ceo a tharuing ni’s fearr Bu choir do chul an teintein a bhi na phlat iaruin no leac leathan thana air chor as gu’m faod an teas a dhol troimhe agus gu’n cum e an seomar leapa laimh ris blath agus cubhraidh gun chosdas teine leasaichidh. Cha bu choir do’ n t-shimlear a bhi na ’s lugha na 4 throidhean air leud aig an leac thealaich agus a’ fas ni’s cuinge mar a theid e suas, ’chum an ceo a tharuing suas gu ceart. Cha thog mi gaire air n- ’ur cosdas le bhi ’g innseadh coslas n- ’ur bothainean ceo-ach an tra-s’ agus an toll ’san tubhadh le cuid a dh’ uairean seann chliabh air a shuidheachadh ceangailt air mar shimlear, ach canaidh mi gu ’m bheil simlear na ni nach gabh seachnadh far am bheil speis sam bith do cho’fhurt, do ghlaine, no do chaontachd; oir tha an ceo anns am bheil sibh a nis beo cha n ’e ’mhain a’ salachadh agus a’ milleadh n- ’ur cuid aodaich ’us airneis ach gu h-aithghearr ag atharrachadh nan gnuisean rui’teach a ’s aillte ’san t-saoghal gu preasadh roimh an am ’agus gu duaichnidheachd. Tha ’n uinneag (air a roinn na da earraiun, aon ceangailt, agus an earrainn eile a ’ruith thairis oire an uair a dh’ fhosgailear i) a’ sealtuinn ri deas do ’n lios, agus bu choir dh’i a bhi aig a chuid a ’s lugha 2 throidh a dh’ fhada ’us 8 eorlaich a dh’ airde agus air a lionadh le leosaidhean beaga gloine agus cha ’n ann le buird. Tha B an seomar leapa a fosgladh bho ’n rum shuidhe agus tha e 9 throidhean a dh’ fhada ’us 12 throidhean air leud, an uinneag de’ n aon chumadh ri uinneag an rum-shuidhe, ach ni’s lugha theagamh a sealtuinn troimh an tulchainn; air an aobhar so gu ’m bheil mir maith de bhalla air fhagail eadar uinneag an rum-shuidhe agus an oisinn ris am faod craobh mheas a bhi air a h-arach, ma bhios aig an fhear-aitich uiread de thlachd ’us de sgil. Ma ’s maith leibh an tigh so a dheanamh ni’ s mo, cha’ n’ eil agaibh
[56]ach a mhain an seomar leapa a dheanamh 3 no 4 throidhean ni ’s fhaide agus a roinn mar a tha air a chomharrachadh leis an riach phuincean, agus bithidh agaibh da sheomar cadail, 6 throidhean a dh’fhada agus 12 throidhean a leud gach aon diubh a’ fosgladh le a cheile do an rum-shuidhe Bu choir do chladhan 4 throidhean a dhoimhne agus 3 throidhean a leud agusair a lionadh gu maith le clachan beaga ruith an taic ri balla an tighe gu gabhail uisg eirigh sam bith, no uisg a thuiteas bho mhulach an tighe, agus ma bhios an cladhan so air a lionadh mus toisichear ris na ballaichean, ’surrar an togail cho dlu ris ’s nach h-urra sibh a bhi anns an tomhas a ’s ludha fo dhragh leis a cheud aitidheachd neo-fhallan sin.
Faodaidh na ballaichean a bhi air an togail de clachan tioram, na coisean air an lionadh le coinneach, agus an taobh a muigh ’san taobh a stigh air an dunadh le aol; agus cha bu choir do ’n taobh a stigh a bhi idir gun a gheal-nigheadh le aol ’us burn aig a chuid a ’s lugha aon uair ’sa bhliadhna. Tha so feumail ged nach biodh ach airson aomaidh shlainteil, oir tha ’eifeachd ann an uile ghalairean gabhaltach gu gle aithnichte gu bhi air aicheadh; ach a thuilleadh air so ni e n- ’ur seomraichean moran ni’s soilleir’, a’ toirt sealleadh-suilbhir eadhon anns an aimsir a ’s gruaimiche, agus tha eireachdas ’us taitneas ann an seomar air a dheagh gheal-nigheadh ge air bith cho neo-fhinealt ’sa dh’fhaodas an airneis a bhi, a tha ni’s fearr air fhaireachdain na a ’s urrar a chuir an ceill. Bu choir do ’n lar a bhi de thalamh dubh air a theannachadh, no de chriadh agus aol air an deagh mheasgadh agus air a thogail bho 8 eorlaich gu troidh os ceann a ghrunna. Cha bu choir do ’n mhullach a bhi ni’s fhaidhe de chumadh n- ’ur seann cheangail, ach de shailean, agus air an cuir gu ceart air na ballaichean, agus an tubhadh a bhi de fhraoch air a dheagh chuir air agus aig a chuid a ’s lugha aon troidh de thiuighead, le riadh a dh’fhodar ’sa chriadh 1 eorlach a thiuighead fo an tubhadh fhraoich. Tha ranach mar an ceudna na dheagh dhion gle mhaireanach, ach tha e rud-eigin costail, agus cha’n ’urrar ann ’ur cor-sa fodar a sheachnadh, ni ged a b’urra, cha ’n ’eil e cho saor, bla, no buan ri fraoch. Anns a bhalla-dealachaidh an ruim shuidhe bho an t-seomar-leapa feumaidh na pris a bhi, mar an t-aite a ’s tiorma airson aodaich no biadh, agus faodaidh sgeilpeachan fosgailte a bhi air an cuir an ait sam bith timchioll an ruim shuidhe, cho maith as anns an sgath thigh agus an tigh-bhainne gu cumail nithe a dh’fheumar a ghna.
Mu thimchioll ’ur n-airneis cha chan mi moran; oir ann a leithid de thigh ’sa chuir mi an ceill duibh, is leor dhuibh mat no sosag de luachar no fhraoch aig doras an ruim-shuidhe gu suathadh nan casan air, da sguab fhraoich no bheatha, bord, 2 chist ghlaiste, a thuilleadh air na pris anns na ballaichean
[58]agus na sgeilpeachan timchioll an ruim; seithear mhor ghairdean airson neach tinn, no airson deagh sheann shean-mhathair gu suidh inte ’fagus do’n teine, fuirm fada agus stolanan, an aireamh a dh’fheumar de leapaichean maille ri aodaichean leapa agus innealan cocaireachd, mar a ta poit no coire, aghann-rostaidh, agus branndair. Le saibhreas ni’s mo na a tha moran dhibh-se a’ seilbheachadh comhraichidh ’ur n-uireasbhuidh fein a mach cia mar a ’s fearr a chuir a mach ann an nithe feumail no briadh. Ach ged a tha mi ag aireamh cho gearr na h-airneis a dh’fheumas sibh, cha ’n urra dhomh a dhearmad ni-eigin a radh mu thimchioll ’ur seomraichean ge air bith cho beag no suarach ’sa ta iad, a bhi a ghna air an cumail anns an staid a ’s glaine, agus tha mi a radh a ghna a chionn gu’n comhraichinn mar mhosag bean-tighe sam bith nach toireadh an aire ach an drasd ’sa risd do a dleasnasan glanaidh ’us sguaibidh. Cha mholainn do dhuine og sam bith mar bhean, an oigh a bha gu briadh air a h-eideadh air an t-sabaid, ach aig an robh a falt ’sa h-aodain a’ leigeadh ris easbhuidh aire do a pears fein air na h-uile aobhar eile’; oir a reir coslais cha dean a leithid de bhoirionnach ach ceile shuarach do’n fhear-posd a’s fearr, agus tha mo thruas gu treibhdhireach ris an fhear aig an dean a bheann dail cho fada ’sa ’surradh dh’i air dleasnas lathail cumail a tigh ’an ordugh, agus nach cuir an ordugh e ach an uair a tha duil ri cuid a thighinn a shealltuinn, agus an uair a chuirear thuige i gu coi’lionadh a dleasnas a mhain le faireachadh naire agus ’an aideachadh a monais fein. Ciod sam bith doigh am bi cabhaig an latha, na biodh idir am biadh maidne air a h-ith gun ’ur nuinneag a bhi air fhosgladh airson aileadh uir; an rum suidhe, an sgath thigh agus an doras a bhi air an deagh sguabadh le sguab fhraoich, a dh’fhaodas t-fhear a dheanamh feasgair sam bith, agus bu choir a ghna seasamh ’san sgath-thigh: So deanaibh ’an am cabhaig, ach mar riaghailt chumant biodh n- ’ur aodaich leapa air an crathadh, na leapaichean air an caradh gu grinn an aird, n- ’ur soithichean air an nigheadh, agus an tigh uile air urachadh leis an aileadh agus air a sguabadh mar cheud dhleasnas anns a mhaduinn. Na biodh leisgeil sam bith airson easbhuidh tim airson giulain luaith, sguaibidhean no burn salach air falbh a mach a chum an otraich an ait na h-uile a sguabadh do oisinn gus am bi agaibh tuille tim, agus a’ taomadh a bhurn shalaich aig an doras do bhrigh gu’m bheil sibh ro leisg gu dhol tearc de shlatan ni’s fhaide. Feumaidh so uile ann an tomhas-eigin a bhi air a dheanamh an drasd ’sa risd leis gach aon (oir cha bhi aig ’ur muc bhochd a tigh salach ma ’s urrainn i a sheach-
[60]nadh) agus na’m biodh e air dheanamh gu riaghailteach na h-uile la bhiodh n- ’ur tigh ann a leithid de staid is gur beag an tim a dh’feumar dh’a. Gu dearbh bu choir moran de so a bhi air a dheanamh le n- ’ur clann ged nach biodh e ach gu toirt dhoibh cleachdadh riaghailt, umhlachd, agus iomchuidheachd. Cha ’n ’eil leanabh de aois 6 bliadhna nach h-urrainn cobhair gu feumail ann an leithid so a dhleasnan, agus an uair a chunntas sibh nach tog giulan a bhuirn shalach na luaith, no an fhuighlich gus an ait iomchuidh, an ait an taomadh, an ait sam bith eile, ach 2 mhionaid gach am, tha e soilleir gur diomhan a bhi a toirt leisgeul airson leisge air bhonn easbhuidh uine: Oir saoilibh gu’n sguabadh, gu’n glanadh, ’s gu’n uidheamaicheadh sibh an tigh 6 cuart ’san latha cha toir e uaibh ach 12 mhionaidean as na 24 uairean, ni gu cinnteach nach eil ro mhor gu deanamh cinnteach co’fhurt, glaine, ’us caontachd; oir cha ’n ’eil ni sam bith cho chosdail ri salachar agus cleachdaidhean rapach. Le sealltuinn air an dealbh bheir sibh an aire gu’m bheil an t-otrach an taobh a stigh a bhalla agus ’san aon ait ri n- ’ur inneir bathaich ’us stabuill a tha na ait goireasach gu leor, agus cha ’n ’eil e tur ri aghaidh doras n- ’ur tighe a chum ’s nach oilbheumaich e ’n t-suil, am feadh a ta an tigh-inneire gun a bhi ro fhad as no follaiseach, air dh’a ’bhi air fholach aig cul a bhalla bu choir a bhi air a thogail gu 6 throidhean a dh’airde, far am bheil e a’ cuartachadh an otraich ’sa ’toirt ni’s mo a dh’fhasgaith do na tighean. Is gann a tha am bathach ’san stabull air an dealachadh. Cha ’n ’eil iad ach 12 shlatain bho n- ’ur doras fein, a’ gabhail an rathaid aig 18 throidhean a leud, agus tha aca solus le toll cruinn fosgailte agus da chaol-fhosgladh anns a bhalla, 4 eorlaich leud ’us 18 eorlaich a dh’airde. Tha da dhoras air, doras beag airson a dhol a steach air bho n- ’ur tigh, air nach coir an spreidh a leigeadh a steach air neo salaichidh agus lathaichidh iad gach ni mu n- ’ur doras fein; an doras eile ni’s mo, agus a’ fosgladh do na bhuaile air am bheil mar an ceudna 2 dhoras, aon mar air a chomhrachadh, le ruithlean air n- ’ur son fein gu dhol do na bhuaile, agus airson na’m muc ’s nan cearc. An aon eile na gheat airson nan ainmhidhean uile. Ann an oisinn bhlath agus cho fagus as gu faighinn uile fhuighleach an rum chocaireachd, tha fail nam muc L, agus tha tigh nan cearc G mar an ceudna air a shuidheachadh gu deiseil le aghaidh ri deas. Tha air an t-sabhall E, 2 dhoras ri aghaidh
[62]a cheile gu tarruing na gaoith agus ga gabhail a steach an arbhair bho na gharadh agus gu toirt a mach fodar do na spreidh, agus tha sgail-thigh airson cairn C, no ni sam bith eile mar leith-cheann air a chuir suas le puist an ait ballaichean aig an tulchann iar. Dlu do gheat na buaile tha slochd-uisge airson uisgeachadh nan spreidh, ’s nan tunnagain, &c. Z agus faodar an t-uisg a thoirt d’a ionnsuidh le cladhan fo’n talamh bho ’n tobar no bho aite deiseil sam bith eile. Tha ua h-amairean TT airson gabhail uisg na buaile ri aghaidh a bhathaich agus air taobh-muigh a bhalla tre ’m bheil e a’ ruith le fosgladh beag air fhagail airson an aobhair sin, agus tha amair eile mar air a sheoladh an deigh so ’na luidhe fo an te sin.
Air cul sud uile tha an garadh airson arbhair, buntata ’us feur; gach seors air a shuidheachadh deiseil, air an cuartachadh le balla airson dion, ni bu choir a dheanamh mar an ceudna air a bhuaile air beul’aobh nan tighean, do bhrigh gu’m bheil mar X, na fhasgath agus mar aite bleoghainn ’san t-samhradh air chor ’s nach caillear a bheag de ’n inneir, agus do bhrigh gu’n cum e n- ’ur mucan, spreidh, inneir, &c. ann an doigh gle ordail, a phaidheas gu h-aithghearr a cheud chuir-a- mach ann an togail. Cha ’n ’eil fios agam am bheil ni sam bith eile gu do-sheachnaite feumail airson an tuathnaich bhig le 2 no 3 no 4 de chrodh agus each, agus tha an riaghailt so cho ghoireasach ’sa ’s urrainn domhsa a dheilbh. Ann an toirt mo dhealbhhan eile uime-sin, cha toir mi a bheag de sheolaidhean thar a leithid ’sa tha tur fheumail gu’n deanamh so-thuigsinneach, air eagal gu’n teid mi ni’s fhaide na a runaich mi a thaobh meudachd mo leabhair bheag so, air chor’s gu’m bi e feumail do neach sam bith a bhios aig iarraidh seoladh bho na dealbhan so, 2, 3, agus 4, na bha a cheana air a radh araon air a cheud tigh chomhnuidh agus na tighean tuathanais a leughadh thairis. Tha an darna dealbh a’ co’ sheasamh ann an 3 tighean agus sgail-tigh, agus tha iad uile ni’s goireasaich, ach theagamh ni’s costail na a cheud dealbh. ’Se R an sgath-thigh, Q an t-aite-suidhe do’n teidear a steach bho ’n sgath-thigh. V, seomar leapa do’n teidear a steach bho ’n rum-shuidhe, agus N, seomar-leapa eile a’ fosgladh bho an sgath-thigh. Ma bhios aite teine ri seomar-leapa N, faodaidh e a bhi air a chuir suas ris an tulchann, air dh’a ’bhi ni’s saora agus aig an am cheudna a’ toirt cothrom blathais do thigh nan cearc K, air a thogail ri chul’aobh. ’Se G an lios. Anns an tigh so aig a chuid a’s lugha bu choir a bhi aon seomar-leapa air a lathaisteachadh, air a phlastereadh, agus am mullach a bhi mar sin cuideachd, agus lar dheilichean. Anns a chitsean bu choir lar
[64]leachdain no ni a’s fearr leachdan criadhaich, agus na ballaichean uile a bhi air an togail le aol. Tha da thigh tuathanais ann ri agaidh a cheile agus ceangailt’ aig an darna ceann le sgail-thigh do na spreidh, le buaile eatorra airson innear. ’Se am bathach B a’s faisge do’n tigh, leis an tigh bhainne D dlu ris aig aon cheann. Tha an stabull F agus an sabhal C fo an aon druim dealaichte le cailbhe-bhalla, agus os ceann an sgail-thigh faodaidh aite-tasgaidh beag a bhi airson sil. Air a chul tha an garadh-barra agus air a bheul’aobh an slochd O, agus na h-amairean T. Gheibh sibh na dorsan agus na geataichean uile air an suidheachadh le beachd faighinn gu goireasach a steach. Aig W tha an coire airson goil sil, feur, moll, neipean, &c. airson a chruidh, nan each, nam muc, agus sgail-thigh chairn, aig X an cul’aobh an stabuill. Tha an tri-amh dealbh na thigh ni’s mo fathast, de chitsean ’us 3 seomraichean maille ris na tighean-tuathanais air mheud an riaghailt cheudna. F an sgath-thigh, C an citsean a’ fosgladh bho na sgath-thigh, A agus B 2 sheomar leapa, a’ fosgladh bho ’n chitsean. D seomar leapa a’ fosgladh bho na sgath-thigh, G an lios, O an tobar. Anns an tigh so bu choir lar dheile a bhi ann an cuid de na seomraichean, agus iad a bhi air an lathaisteachadh, air am plaistereadh, agus am mullach a bhi mar sin cuideachd, agus faodar tigh gast a dheanamh le cuir 5 troidhean ris an t-seomar D, agus an sgath-tigh mar air a chomh’rachadh leis an riadh phuincean, agus na ballaichean a thogail 3 troidhean ni’s airde. Le so bhiodh D na sheomar suidhe, le aite teine n’am b’aill leibh, agus seomar leapa co’fhurtach os a cheann a dh’ionnsuidh an tairear le fosgladh bho na sgath-thigh ’s le aon de na staidhreachan dubailt air am moladh le Loudon. Tha na tighean-tuathanais ’san 3-amh dealbh a’ co’ sheasamh ann an 3 tighean fa chomhair a cheile co’ cheangailte le 2 sgail-thigh spreidh. ’Se S an tigh bainne, T am bathach, Q Q sgail-thighean spreidh, P P buaileachan airson inneir, R an sabhal, L an stabull, H aite blath airson laoidh no searraich, N N sgail-thighean chairn, V tigh-inneir, X fail-mhuc, Y tigh-chearc, agus O an coire. Dh’fhoghnadh an tigh agus na tighean tuathanais so airson 100 acar fhearuinn.
Dh’fhaodainn a thoirt moran chaochladh dhealbhain goireasach, ach cumaidh mi mi-fein ri aon eile a thug mi a leabhar Mhr Smith a tha air a clodh-bhualadh le ughdarras a Chomuinn Ghaidhealaich, agus is e an 4-amh dealbh anns an leabhar ud cho maith as, an so, ach chuir mise beagan leasaichidh ris na seomraichean uachdarach a chum a dheanamh na thigh ni’s goireasaich air bheag leasaich de chost. A, sgath thigh, B, rum suidhe, C, citsean, D, aite glanaidh, E E, closaidean
[66]leapa, F, seomar loin, G, seilear, H, tigh-inneir, K, tigh-mhuc ’us luaith’. Anns an sgath-thigh tha staidhre bheag a tha a’ treorachadh gu 2 gharaid mhaith le uinneagan air na tulchainnean. Is leor na h-aon tighean tuathanais ’sa tha ’san 3-amh dealbh airson tuathanas ’sam bith do’m bheil an leabhar bheag so air a runachadh, agus b’urra’ mi leis ni’s mo thaitneas mo laithean a chaitheamh ann a leithid de thigh beag sgiobalta ’s a luaidh mi na’m biodh e air a dheadh airneiseachadh agus air a chumail grinn na bhi beo ann an tigh ge air bith cho mor ’sa bhiodh e, do nach biodh agam maoin gu leor gu ceartas a thoirt.
title | Tighean agus Airneis |
internal date | 1838.0 |
display date | 1838 |
publication date | 1838 |
level | |
reference template | Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p |
parent text | Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ’us Choitearan |