TUATHANAS, ’US ACHFHUINNEAN TUATHANAIS.
Tha so a’ co-chuir ri a leithid de chaochladh talmhainnean ’us bharrain ’sgu’m bheil e feumail domh mi-fein a chumail gle ghoirid ann a leithid so de leabhar, agus gun a thoirt ach cuid de riaghailtean ginearailt airson fearuinn fhas aiteachadh agus fearuinn aitichte a riaghladh, agus is urrainn domh a bhi ni’s aithghearr a chionn gu’m bheil na talmhainnean agaibhse an ire a bhi gu h-uile de dha sheors a mhain; mointeach agus uir mheasgte le gainmh-chriadh, agus tha na poir a’s freagairiche gle thearc de sheorsain; ’siad sin coirc, eorna, buntata, clobhar agus sneipean. Ann an leisgeul airson mo bheachdan a chuingeachadh mar so, faodaidh mi a chuir an ceill gu’m faod tuathanas cho maith ri ceirdean sam bith eile a bhi gu buannachdail air a cleachdadh air tomhas beag, gun eolas air bith air a dealbh-bheachdan air an teid mi uime sin a seachad gun aire a thoirt doibh ged a tha iad a’ togail aite follaiseach anns a chuid a’s liugha de leabhraichean tuathanais agus gu toiltinneach mar sin, o’n bha iomadh de n-ar ath-leasaichidhean a’s fheumaile air an toirt a steach le luchd-eolais bheachdail a bha tur aineolach air an cuir an cleachdadh: Ach faodaidh sibhse ’bhi cinnteach nach comhairlich mise ni sam bith dhuibh a ghabhail nach robh a cheana air fheuchainn gu buadhach ann an aitean ’san coirean eile coslach ri n- ’ur aitean ’s ’ur coirean fein, air chor as gu’n urra’ sibh tha mi ’g earbsa’ bho na riaghailtean a leanas a bhuannachd a dh’iarrar fhaighinn a dh’easbhuidh mi do chuir an ceill nan dealbh-bheachdan air am bheil buaidh nan oibreachaidhean tuathanais ud ’an crochadh.
Anns a cheud ait a thaobh aiteachadh talamh fas; ged a tha claon-bhreith laidir an aghaidh aiteachadh mointich, faodaidh sibh a bhi cinnteach gu’m bheil i ni’s tairbhiche na talamh sam bith eile ’nuair a ghabhar doigh cheart rithe; oir tha innte ni’s mo de bhrigh luibhean; agus ’se a cheud ni n- ’ur mir talmhainn a dheanamh comhnard le tilgeadh nan totain arda garbh anns na tuill ’s na sluic agus anns na cladhanan cama uisge, ga chumadh uile na iomairean 16 throidhean ann an leud a fagail cladhan beag 18 eorlaich a leud agus 12 eorlaich a dhoimhne eadar gach iomaire, a dh’fheumas a bhi air a deanamh ni’s airde ’sa mheadhon gu leigeadh le uisg air a h-uachdar ruith dh’i. Ma bhios moran de mhirean ruighinn mointich ann ni’s mo na a dh’fheumar gu lionadh na’n tuill an aird bu choir duintean beaga a dheanamh dhiubh agus ’nuair a bhios iad tioram an losgadh gu toirt luatha mar mha-
[72]thachadh: Oir ged a tha gearradh ’us losgadh air an diteadh leis an luchd-sgribhidh a’s fearr air tuathanas, agus gu h-araidh ’nuair nach ’eil a bhrigh luibheach air uachdar gle phailt, tha diubhar mhoir ann ’ur talamh mointich-sa, agus faodaidh an tiomlan de’n fhraoch, a choinneach, agus an fheur gharbh, maille ris a mhointich uachdair gu doimhne 5 no 6 eorlaich, a bhi gu buannachdail air an tiondadh gu mathachadh le’n losgadh; tha so ann an tir thioram gu furasd air a dheanamh le tional nan sgrathain gearrte agus tioram nan duintean agus an losgadh le teine mall smuraichidh agus ’ga chumail duinte bho ghaoth laidir a dh’fhaodadh a thoirt orra losgadh ro ghrad, le cuir tuilleadh sgrathain air. Ach agaibhse tha ’n tiormachadh ’san losgadh ag iarraidh mor aire; feumaidh na sgrathan a bhi air an cuir a suas nan streathan an aghaidh a cheile leis na taobhan feoir a stigh, agus ma dh’fhasas an aimsir gle fhliuch bu choir an carnadh no an cruachadh a naird cuideachd ged nach biodh iad ach leth thioram na’n duintean mora agus a risd an sgaoileadh a mach aig a cheud chothrom thioram a thig gus am bi aid tioram gu leoir gu losgadh. An uair a loisgear iad bu choir an luath a bhi air a cumail ann an duintean agus iad air an dion bho ’n aimsir le comhdach sgrathain gus an earrach an uair a ’s urrar a sgaoileadh gu riaghailteach air an talamh agus a threabhadh a steach ma bhios coirc gu ’bhi air a chuir, no a chuir a steach an cois an inneir no ’n fheamainn airson buntata.
Bu choir clais aig a chuid a’s lugha 6 throidhean a leud aig a beul, 2 throidh a leud ’na grunn, agus 4 throidhean a dhoimhne, a reisd a bhi air a cladhach timchioll a mhir a runaichear airson aiteachadh agus an stubh a thilgeadh ’naird air an taobh a stigh gu deanamh garadh dion a ’surra’ bhi air ardachadh le tuille de dh’fhal a chuir air, air chor as nach e mhain gu’n dion e bho na spreidh ach fos gu’m bi e na fhasgadh bho na gaoithean a tha gu minig cunnartach do arbhair ag abachadh ann an aitean fosgailte. An deigh so bu choir cuid de chriadh no de thalamh garbh grinneal de sheors sam bith a chuir thairis air a mhointeach gu tiuighead sam bith a thoilichear, agus mar a ’s mo ’sann a’s fearr, agus gheibh sibh e de mhor fheum, oir tha eadhon gaineamhach chumant na mara, no gaineamhach aimrid eile ag athleasachadh talamh mointich gu h-iongantach, ’ga dheanamh ni’s fosgailte agus aig an am cheudna a’ toirt a leithid de chuideam agus de theannachadh ’s nach sgeith e ’n aird an siol agus na plantanan ann an aimsir reoite no ghle thioram; air an aobhar sin na smuainichibh mointich fhasail air bith air a lan thoirt a steach gus an toir sibh dh’i aig a chuid a ’s lugha aon chotadh thairis le criadhach, grinneal, talamh, no gaineamhach.
[74]Anns an earrach faodar a shuidheachadh le buntata air a chuir ann le bacan, agus mur bi tim airson a chriadhach no’n grinneal a chuir air aig an toiseach, faodar a dheanamh an deigh cuir ann a bhuntata; ach cha choir aig am air bith talamh mointich a ruamhradh gu ro dhomhain; oir ma ruamhrar e ni’s doimhne na 9 no 10 eorlaich millear e. Cho luath ’sa bheirear am buntata as, bu choir cladhanan a ghlanadh a mach agus gun leigeadh le burn sam bith fuireach ’an ait sam bith fad a gheamhraidh no an spreidh a leigeadh gu shaltradh no tholladh le an casan.
Luathrach ’san earrach tha coirc ri chuir le mathachadh no gun mhathachadh mar a dh’fhoillsicheas feothas no bochdas a bhuntata, agus bithidh an fhearuinn a theannachadh le rolair fiodha air fhaotainn feumail. Ma dhearbhas am bar coirc gle throm faodar darna bar a thoirt as an ath bhliadhna gu h-araidh ma chuirear aol no gaineamhach shligean air. ’Se buntata an ath-bhar bu choir a chuir ann le mathachadh a rithist, agus mu’n am sin bithidh an talamh gu maith daingean agus faodar eorna fheuchain gu soirbheasach le cuir maille ris am fuighleach frais an fheoir bho lobhta fheoir thuathnach eigin ’sa choimhearsnachd a gheibhear airson tastan no 18 sgillinnean am buisel, agus a theannachadh le rolair cloich’ no fiodha luchdaichte. Bheir so an ath bhliadhna sgrath fheoir a dh’fhaodas aig deireadh an t-shamhraich a bhi air a ghearradh gu thioramachadh, no faodar mar dh’fheumar caoraich no laoidh ionaltradh air, air do spreidh throm a bhi gu dion air an cumail deth air eagal gu’n toll iad an talamh le’n cuideam. An deigh 2 bhliadhna fheoir, ’surrar coirc a rithist a chuir ann gun mhathachadh, agus an deigh sin bithidh an fhearuinn co’ionainn ri fearuinn sam bith ’san nabuidheachd.
Ann an aiteachadh fearuinn fhasail ann an tomhas mor, bu choir a roinn ’san aireamh raointean is freagairiche do mheudachd na fearuinn a runaichear aiteach agus a reir na cuairt bharra a ’s freagairiche. Mar so ann an tuathanas 100 acair, tha an talamh aige ag iarraidh 5 iomlaid shil, agus bu choir a roinn na dheich raointean de 10 acairean an raon, air chor’s gu’m biodh 2 raon fo choirc, 2 fo eorna, 2 fo bharr gorm, agus 4 fo fheur ’us ionaltradh gach bliadhna; no ann an tuathanas ni’s lugha de 50 acair tha 4 iomlaid shil ni’s freagairiche. Bithidh 4 raointean de 12½ acair gu gle ghoireasach, a’ toirt
[76]gach bliadhna aon raon airson coirc, 1 airson feur, 1 airson cruithneachd, agus 1 airson barr gorm. Bu choir do na raointean uile a bhi 4 chearnach, oir fhuaireas ann an raointean ceart-oisinneach gu’n dean 5 chruinn uiread a dh’ oibir ’sa ni 6 ’nuair a tha na taobhan neo-ionainn agus na h-oisinnean mi-riaghailteach. Ma bhios uisge-eirigh ann agus gu’m bi a mhointeach os ceann 3 no 4 throidhean a dhoimhne, bithidh e feumail geinn-chlaisean a dheanamh leis an acfhuinn araidh a chleachdar airson an fheum sin, no mur urrar am faighinn, ’surrar an deanamh le gearradh clais 2 throidh adhoimhne, air do ’n uachdar a bhi air a ghearradh le spaide leathan agus a chuid a ’s ilse le spaide aimhleathan agus am fal ath-shuidheachadh air chor’s gu’m bi an leith as ilse de na chlais air a fagail fosgailte. Is furasd so a dheanamh agus mairidh e iomadh bliadhna, agus cuimhnichibh, mar is cuinge a bhios beoil nan cladhanain a dhuinear gur h-ann a ’s fearr. Ma bhios a mhointeach cho bog ’s nach gabh i gearradh gu ceart, feumaidh sibh cliathaichean a chuir ri n- ’ur cladhan le maidean beaga a chuir ri gach taobh dheth agus a’ coinneachadh aig iochdar ann an cumadh V a dh’fheumas a risd a bhi air a lionadh le barrach, ni a mhaireas iomadh bliadhna. Ach thug mi gu cumanta fainear nach ’eil uisge eirigh idir cumant ann am fior mhointeach, gur ann a tha am fliucheadh gu cumanta ag eirigh bho mhi-chomhnardachd an uachdair agus bho chomas nadurach mointiche ann a ceud staid airson burn a chumail, agus ma bhios an cladhan mor aig a gharadh-dion’ domhain ga leoir agus air a chumail glan cho maith as na claisean iomair gu’m faigh ann an 2 no 3 bliadhna an talamh daingean agus tioram gun chladhanan ni’s farsuinge agus gu’n tionnd an t-uachdar grinneal no criadhaich a mhointeach gu ’bhi na talamh reamhar.
Tha talamh grinneal a thaobh a chruas ni’s doiliche agus ni’s costail’ na mointeach. Feumaidh e an toiseach a bhi air a ruamhradh gu doimhne 15 eorlaich le spaide ’us mattoc, a’ cumail na seorsan uir is fearr an uachdar, ma bhios caochladh sheorsain ann, air do na clachan a bhi air an tilgeadh air a mhullach. Abhi a’ toirt ni’s lugha a dhoimhne na 15 eorlaich tha e neo-fheumail. Chunnaic mi gu tric ni’s lugha air fheuchainn, agus air lorg sin thionnd an fhearuinn a mach bochd, tana, agus fuaranach; mar so a’ tilgeadh air falbh an uile chuir-a- mach a bhuilicheadh, an fheadh a dheanadh leasachadh doimhne de 3 no 4 eorlaich an gabhail-os-laimh
[78]buadhach. Gu dearbh gheibh sibh gu’m bi talamh bochd eu-domhain sam bith a b’abhaist duibh aiteachadh ri fad bliadhnaichean air ath-leasachadh thar duil le a chladhach thairis agus le fuasgladh beagan eorlaich de na ghrunn chruaidh a tha fodha, agus is e so an t-aobhar; gu’m bheil uisg a’dol tre an talamh gus an ruig e an grunn cruaidh an cois an ruith e a’giulan air falbh a chuid a ’s reaimhre, agus mar a ’s doimhne a tha an co-chladhan so air a ghluasad bho n- ’ur mathachadh ’s n- ’ur barra is ann a ’s fearr. ’Se so an t-aobhar airson am bheil talmhainnean domhain ni’s tarbhaich’ no talamhainnean eu-domhain.
Agus ma gheibhear an leabaidh chruaidh sin de’n’ goirear gu cumanta aghann no cobhan aig a ghrunn tha e tur fheumail a ghearradh troimhe le ruamhradh domhain mus bi n- ’ur raon air a dheanamh tarbhach. Far nach deach so a dheanamh, agus aghann fathast ann, cluinnidh sibh a ghna am fear aig am bheil e a’gearan air a dhroch bharran agus am mor fheum air a mhathachadh ni’s trice na a nabuidhean ged ma dh’fhaodte nach ’eil fios aig air an aobhar, gu’m bheil an cobhan a’ deanamh cladhan a tha a’ giulan air falbh a chuid mathaich leis na h-uile fras throm, agus nan robh e air a chladhach an aird agus air a ghearradh troimhe dh’fhaodadh e bhi cinnteach gu’m biodh e tarbhach. Gidheadh gabhaidh mi orm a radh, ged is gann a chreideas duine saothrachail bho dhuthaich Obarain m’fhacal, gar gann a tha raon ann ’ur sgire ris an deach a riamh mattoc a chleachdadh airson beagan ni’s mo de dhoimhne talmhainn a thoirt d’a ged a tha sibh a ghna a’ gearan mu a bhochdainn ’sa thanaid, cha mho gus bho chian 5 bliadhna a thiond aon tuathanach ’an Gearloch aon rod gu ceart de thalamh, an fheadh eadhon aig an la an diugh nach’eil seanar dhibh a choi’lion an oibir throm so a dheanadh deadh fhear oibrich ann an duthaich sam bith eile ann an 8 no 10 a dh’uairean, eadhon far am bheil an oibir moran ni’s doiliche.
Air do’n talamh a bhi gu ceart air a ruamhradh domhain bu choir na clachan a bhi air re bliadhna gu theannachadh agus gu grodadh an fhail a thiondar fodha. Bu choir a reisd an toirt dheth. Na clachan a’s lugha gu lionadh nan cladhanan agus an fheadhainn a’s mo gu deanamh balla dion mu’n cuairt do na raointean. Ma tha cuid dhiubh ro mhor gu bhi gu furasd air an gluasad, ’surrar am briseadh na’m mirean le cladhach an toiseach mu’n cuairt doibh agus fo gu h-iomlan agus a reisd teine fhadadh air am mullach ’n uair a bhios ann gaoth gu
[80]leor gu thoirt air losgadh gu grad agus gu seideadh air falbh na luaithe: leis so sgainidh iad an an uin gle ghoirid agus tuitidh iad ’nam mirean, —agus bhris mis mi-fein miltean ’san doigh so air gle bheag a chost. An deigh sin faodar an fhearuinn a dheanamh na h-iomarean riaghailteach 18 throidhean a leud le claisean caola eadar gach iomair, agus anns na h-uile chuis bu choir na claisean ruith tarsuing air leathad n ’ur fearuinn air chor’s gu’m biodh aca tuiteam seimh a chud’ ’sa chuid a roghainn air an tarruing direach tarsuing no ’naird ’sa mhan, mar so a’ deanamh an t-shaothar cha’n’ e ’mhain nis’ furasda ach a’ toirt air an uisg ruith dheth gun ghearradh ’sgun ghiulan air falbh na talmhainn. ’San earrach faodar a mhathachadh airson buntata re fad da bhliadhna an deigh a cheile ’nuair a dh’fhaodar measgadh de mhointeach’us aol, no gainmheach shligean, no eadhon mointeach grod leatha-fein a chuir air mar mhathachadh uachdar, agus a reisd a chuir le coirc. An ceithreamh bliadhna faodar a shuidheachadh le buntata, a risda mhathachadh, agus eorna ’us siol feoir a chuir ann an deigh sin, bithidh an talamh an ire a bhi cho maith ri seann fhearuinn sam bith.
Tha deanamh chladhanan gu tarruing uisge na aon de na h-oibrichean a’s fheumail ’san tuathanas, agus tha e a ghna air a leanmhuinn leis a bhuannachd a’s mo. Ma thaisbeanas eirigh uisge ann ’ur fearuinn mar a’s cumanta feumar a tiormachadh le gearradh cladhan fodha air mheud 3 throidhean air doimhne, agus 2 throidh air leud na mullach dlu ris os ceann an ait an taisbean am fliuchadh agus a lionadh gu 20 eorlaich le clachan beage, le comhdach fraoich, coinnich no fhodair air uachdar gu cumail a mach an talamh bu choir a reisd a thilgeadh ’sa chladhan comhnard ris an raon. ’Se so an seors a’s cumanta agus a’s buana de chladhan, ach ann an talmhainnean gle bhog feumaidh sibh barrach, fraoch, no eadhon fodar ’us luachar air an cuir na’n luidhe gu’ riaghailteach air am fada a chleachdadh, agus na cliathaichean a dheanamh mar a mhinich mi airson fearuinn mhointich. Thuilleadh orra so, tha clachan criadhaich geinn-chladhanan, agus crann-chladhanan air an cleachdadh ann an iomadh duthaich do’m bheil iad gu sonruichte freagarrach, ach dhuibhse tha mion-chuntas umpa neo-fheumail. Feumar mar an ceudna toigh a ghabh ail mu’n uachdar cho maith ris an uisge a dh’eiricheas, agus tha so air a dheanamh le cladhanan fosgailte a dh’fheumas a bhi air an cumail a ghna glan agus na beoil aca air an sguradh a mach aon uair no da uair gach bliadhna. Roimh no gheamh-
[82]radh bu choir beagan chladhanan a ghearradh le spaide mu’n cuairt do throidh leud, agus 6 eorlaich a dhoimhne no na’s mo a reir an tomhair uisge ris am bi duil, ’us iad uile tarsuing air n- ’ur raointean gu glacadh an uisge uachdair, agus iad air an treorachadh a chum cladhan mor fosgailt ann am bonn ’ur raoin le uiread de dh’aomadh sios as gu leigeadh leis an uisge ruith air falmh gu h-ealamh; agus cha’n’ eil fearuinn sam bith air a meas sabhailt le deagh thuathanaich ’gan easbhuidh eadhon ann an tir thiorum. Tha iad furasd ri’n deanamh, agus ged bhiodh iad eadhon na bu chosdaile, bithidh an dragh air a lan phaidheadh anns an ath bharr: gidheadh tha e gu bunailteach air a dhearmad, agus a cha’n’ eil agam-sa mi-fein os ceann leth barra coirc am bliadhna air cuid de dh’fhearuinn mhointich gu h-iomlan bho neo-churam ’san ni so air leth. Bu choir do na cladhanan so, agus gu dearbh do na h-uile chladhanan, aroan fosgailte agus cuibhrigte, uiread de dh’aomadh a bhi aca ’sa bhiodh a mhain beagan ni’s mo na gu leor gu leigeadh leis a bhurn ruith gu fursada; oir ma bhios an aomadh ro mhor gheibh am burn cho mor do neart as gu’n giulan e air falbh an talamh aig na taobhan, ni dh’fhaodas na cladhanan gu luath a thachdadh a naird gu h-iomlan. Ann an aon fhacal, tha deanamh chladhanan aroan fodha agus air uachdar de dh’fheum cho mor anns na h-uile aite ’sgum bheil esan aig am bheil uairean diomhan agus troidh de dh’fhearuinn gun ghuitearan ’na sheilbh a’toilltinn a bhi bochd agus truadh.
title | 1 |
internal date | 1838.0 |
display date | 1838 |
publication date | 1838 |
level | |
reference template | Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p |
parent text | Acfhuinnean Tuathanais, &c. |