Treabhadh.
Air sgath leigeadh le ’ur spreidh teirc de ghreimean gann a spionadh re a gheamhraidh, tha n- ’ur as-bhuain gu cumanta air am fagail gun tionndadh gus an earrach, ni a tha gu tur an aghaidh steidhean suidhicht’ na tuathanais. Cha’n’ eil ni sam bith a’ deanamh tarbhach fearuinn ni’s mo na a tha ’bhi ’ga fosgladh ris a ghrian ’us ris a ghaoth, agus tha eifeachd iongantach feumail aig an reothadh gu cuir an talmhainn as a cheile. Cho luath uime-sin ’sa bhios ’ur n-arbhar air a ghiulan dhachaidh, bu choir dhuibh ’ur spreidh uile a chuir gun dail gu ionaltradh air an as-bhuain cho dlu ’sa ’s urra’ dhuibh gus am bi an luibheanach air a caitheamh, ’sa reisd bu choir an talamh a bhi air ball air a thionndadh thairis gu ullachadh airson barr uaine. Ma nithear leis an spaide e, agus ma bhios e gle ghlan, ni bu choir do na h-uile fearuinn ruamhairte a bhi le aire riaghailteach, bu choir a mhathachadh
[94]aig an am cheudna gu bhi ullamh airson buntata ’chuir ann ’san earrach, agus mar so bhiodh moran saothair air a chaomhnadh; agus ged a dh’fhaodas treabhadh a bhi n’is lugha cosdais na ruamhradh air thuathnais mhora; ’se ruamhradh moran a’s tarbhaiche, agus fhuair iomadh de na tuathanaich a’s fearr an Loudaidh ’s an Sasuinn bho chian ghoirid gu’n robh, le ruamhradh an ait treabhadh an cuid raointean, (agus mar so a bhi a tionndadh ’naird talamh uir) an leasachadh cosdais air a phaidheadh le leasachadh toraidh. Ach a mhain air tuathanais mhora, ma ta, ’si an spaide anns na h-uile seadh a’s fearr na an crann, ach an doigh ’san am so air sgriobadh no riachadh ’ur fearuinn leis a chas-chrom, bu choir cuir as da gu tur; oir ged a dh’fhaodas sibh ni’s mo de dh’uachdar ea-domhain a thionndadh thairis leatha na leis an spaide, cha’n’ eil i ’dol gu ’leithid a dhoimhne ’san talamh as gu fhuasgladh gu leoir gu leigeadh le freumhan na’n caochladh bharrain sireadh airson arach, no beathachadh. Le tionndadh a ghrunna thairis gu aon taobh a mhain tha e a’ togail na’n iomairean gu neo-ionainne, agus an fheadh a tha aig aon leth ni’s mo dhoimhne na a tha feumail, tha an leth eile air a chreachadh gus am fas e ach beag neo-tharbhach. Ma gheibh sibh e do-dheanta ’ur fearuinn uile a ruamhradh gu ceart, feumaidh sibh aig aman a dhol an uidheam cobhair an eich; ach tha mi ’gradh a rithist gu’m bheil n- ’ur sean inneal gu tur neo-fhreagarach airson aiteach ’ur fearuinn gu ceart. Tha a dearbh ainm, cas-chrom, a’ ciallachadh droch chumadh, agu cha bu choir ach a mhain a gleidheadh mar chuspar iongantais airson ’ur n-iarmaid, bho nach ’eil i ach na fuighleach de na bhorbachd sin a tha, mar as ait leam a smuaineachadh, gu teann a’ dol as an t-sealladh. Ciod air bith doigh ’sam bheil n- ’ur fearuinn air a saothrachdh, biodh ’ur n-iomairean air an cumadh mu 16 throidhean ’an leud cho direach ’sa ’s urrainn duibh, air an togail beagan na ’m meadhon gu leigeadh leis an uisge ruith dhiubh. Ma bhios an crann air a chleachdadh, bu choir an sgroth a bhi air a thionndadh thairis air chor ’s gu’m bi i coslach ris an litir V, agus mar as comhnard a bhios i air a leigeadh ’s ann a’s lugha cunnard an t-sil a bhi a ira chall le rusgadh ris a ghaoth, no le bhi ro-dhomhan air fholach.
Biodh beartan ’ur crainn a’ ruith ann an streath dhireach bho na bhraid gus a bhus, air chor ’s gu’m bi an tarruing air an each comhnard, agus treabhaibh ’ur fearuinn airson barran gorm cho domhain ’sa ’s urrainn sibh a chum gu’m bi talamh uir air a leigeadh ris agus an fhearuinn air a doimhneachadh.
[96]Feumaidh na drileachan airson buntata no sneapan a bhi bho oisinn gu oisinn no fiar troimh ’ur raon, ach gun a bhi cus, ach air dhoigh, an uair a threabhar a risd e ’san doigh chumanta airson eorna gu’m faod am mathachadh a bhi air a sgaoileadh gu co’ ionann air feadh an raoin, agus gun taisbeanadh anns na sreathan ’san robh e an uiridh. A’ fagail ceann-mhag a ghna mu’n cuairt do ’ur raon, treabhaibh e cho seolta ’sa ’surrainn sibh, agus a’ leantuinn cairean air bith a tha feumail a thaobh suidheachaidh an fhearainn Na biodh oirean air bith aig na taobhan air am fagail gun bhuntainn riu, mar ait-altruim airson fathluibhean; oir ge-air-bith cho caireach ’sa dh’fhaodas ’ur ceann-mhag a bhi, ma bhios cach direach, seilbhichidh ’ur raointean a ghna taisbeanadh grinn sgileil; agus mur urrain an crann oibreachadh ’sna h-oisinnean, biodh iad air an tionndaidh ’naird leis an spaide.
Cuir-shil, ged tha e gu cumanta air a dheanamh le thilgeadh sgaoilt’ faodar, tha mi cinnt, a dheanamh ni’s buannachdaile le driligeadh, gu h-araidh ann ’ur cor-sa far am bheil, ann an coimeas, saothar air bheag mheas; oir tha caomhnadh sil ni’s mo na a’ paigheadh an leasachaidh saothair, agus mar so tha sibh air n- ’ur paigheadh airson ’ur saothair. Faodaidh boirionnaich ’us clann a bhi gu buannachdail air an cleachdadh ann a leithid a dh-oibir eutrom, agus ’se na h-uile a dh’fheumas sibh inneal coslach ri racan le a laimh a mhain mu 4 agus a cheann 3 throidhean a dh-fhada le fiaclan laidir garbh, 3 eorlaich a dha-fhada agus I eorlaich a thiuighead, air an suidheachadh, mar anns an dealbh, 4 eorlach bho a cheile. Dhuibh faodaidh so taisbeanadh ro fhada bho a cheile, air dhuibh a bhi a riamh cleachdte ri cuir tiugh, agus gidheadh rinn tuathanach ’an Susecs bho chian ghoirid cunntas a chraobh-sgaoileadh gu’n robh aige, le cuir air an doigh so fada troidh bho ’cheile, an cuigeadh earainn ni’s mo de bharr no le tilgeadh sgaoilt’ a thuilleadh air cothrom sgriobaidh eadar na planntanan agus sgriosaidh air na fath-luibhean, air chor ’s gu tearnadh leth na dragh’ an athbhliadhna ann an treabhadh. Le cuir a chois air an inneal so agus a theannachadh ’san talamh ruaimhraite no threabhte ann an sreathan riaghailteach tarsuing air na h-iomraichean tha tuill bheaga air an deanamh anns am faod clann 2 no 4 ghrainneagan sil a chuir anns gach aon diubh, agus bithidh an toradh gu lan ni’s mo na far an robh a dha uiread air a sgiotadh le thilgeadh sgaoilt. Faodar na tuill a lionadh naird le cliathadh, roladh, no doigh air bith eile
[98]a gheibhear goireasach, ach mo bhios an talamh eatrom, ’se roladh a’s buannachdaile (a thaobh gu’n dean e ni’s teannd e agus gu’n sgrios e aig an am cheudna biasdan) Maille ribhse tha claon-bhreith laidir an aghaidh cuir luathrach, a chionn gu’m bheil an tomad gu minig ni’s neo-thomadaiche na an uair a chuirear ni’s an-moiche; ach iarram oirbh sealltuinn mu’n cuairt duibh agus breithnichibh air n- ’ur son fein bho chleachdadh na’m muinntireach ud, an dara cuid an so no an earrainnean eile ’sa choimhearsnachd a’s buadhaiche. Air mo shon fein thug mi an aire gu’m bheil an tuathnach a tha mall ’na oibre: a chuireas anamoch agus air lorg sin a bhuaineas anamoch, a ghna bochd, agus gu ro thrice ’briseadh, an fheadh nach fhaigh mi comharradh a ’s fearr air soirbheachadh na faicinn gach uile sheors shaothair rudeigin air thoiseach air a chleachdadh chumanta. Agus eadhon ’san Spainn a tha uailleach airson a briadhachd ’sa’ mealtuinn cothrom blaths na greine, chunnaic mi an tuathnach bochd a’ seargadh as le uireasbhuidh agus lunadaireachd an fheadh ’sa bha an t-arbhar ruisgte gun ghearradh do stoirmean a gheamhraidh air lorg cuir anamoch. Gu dearbh ’se a th’agaibhse ’san amharc a thaobh gach seors arbhair, a chuideam a’s mo de shiol a thoirt a mach airson nan tomhasan a chuireadh, agus ma ’se fodar airson ’ur spreidh an ni a’s mo a tha ’dhi oirbh, bu choir feur agus sneapan a bhi an ait arbhair eile agus ni’s pailte air an arach. Tha fheum fein anns gach seors, agus cha ’n urradh sibhse ’bhi’n duil buaidhean mhaith nan uile a chuir ann an aon air bith an aon uair. Cha ’n urra’ sibh dochas a bhi agaibh airson arbhar tarbhach, ma mheoraicheas sibh gu faighinn ni’s mo thomad na ’s gnathaicht’ de dh’fhodair agus mur bi fas arbhair buannachdail, bu choir ’ur n-aire a bhi air a tionndadh gu meudachadh nam barrain uaine, agus feur-saidhe le cuir clobhar no searmag, no le deasachadh sean fhearuinn feoir le mathachadh gu meudachadh an toraidh, air chor ’s gu’n ruig sibh air tomhas eigin a dh’iomlanachd anns gach seors, agus cha’n urra sibh uime-sin cuir ro luath ma bhitheas an aimsir fabharach.
Ann am barradh n- ’ur fearuinn, bu choir a chuairt a bhi sin de’n goirear gu cumanta atharrachadh 5 bliadhna: ’Se sin, a cheud bhliadhna buntata no sneapan mathaichte, —an dara eorna agus siol feoir—an tri-amh, feur saidhe,— an ceithreamh fo ionaltradh, —agus an cuigeadh, corc, gun da bharr geal an deigh a cheile a thoirt as ma ’s urrar idir a sheachnadh; oir feumaidh sibh a chuimhneachadh gu’n dean sibh, le deanamh an talamh bochd, call dhuibh fein (agus tha
[100]agam ughdarras tuathanach soirbheachail airson a radh gu’m bheil aige ni’s mo de mhin bho aon bharr coirc an deigh deagh bharr searmaig na b’ aibhist do athar a bhi aige bho na tri bharran air na h-iomairean a’s fearr de’n fhearuinn.) Gheibhear gur i a chuairt ad, gu labhairt gu cumanta, a’s buannachdaile; ach tha cuisean fo ’m faodar imeachd uaithe. Foadaidh da bharr coirc a bhi sabhailt ma bhios a cheud bharr ro bheartach, no eorna an deigh coirc ma bhios an talamh glan agus proinnte gu maith, agus cradhadh de mhathachadh a thoirt d’a. Ach mar riaghailt choitchionn bu choir corc leantuinn an deigh feur; —buntata no sneapan an deigh corc; —agus eorna maille ri siol feoir an deigh barr uaine. An deigh sin, bu choir an talamh luidh 2 no 3 bliadhna ban a risd roimh a bhriseadh ’naird airson corc. An aite so ’sann a tha sibhse ’toirt a luths as ’ur talamh le barran geal an deigh a cheile gus an deanar lag e, no ach beag neo-tharbhach, an uair ged ’mhathaichear e nach toir e ach barr gann, no leigear leis neart a ghlacadh le foil bheagan bhliadhnaichean fo ionaltradh garbh agus nadurach, agus air larg sin, an uair a bhrisear a risd a naird e feumaidh gur bochd agus salach am barr a bheir e. An aghaidh sin, bu choir n-ur fearuinn a bhi an comhnuidh air a cumail ann an deagh chridhe, agus an sin faodaidh sibh a bhi cinnteach as nach h-e ’mhain gu’m bi sibh air n- ’ur duaiseachadh le pailteas ’ur barra agus cuideam ’ur toraidh, ach le mor chaomhnaidh saothair. An seors coirc a’s fearr airson ’ur fearuinn-sa ’se coirc luathrach Aonghais, agus faodaidh sibh toiseachadh ri cuir mu dheireadh ceud mhios an Earraich. Tha corc a bhuntata anns an ait fhosgailte agaibhse ro ullamh gu crathadh, ach cha’n’ eil corc Hopeton mar sin, agus faodar fheuchain. Tha’n corc odhar fos na shiol maith, ach tha na h-uile sheors ag iarraidh tric chaochladh sil, agus biodh na ghleidhear airson cuir, saor bho mheasgadh de sheorsain eile coirc, cho maith ’sair a ghlanadh gu toigheach bho eorn’ agus mean shil. Ma bheir sibh aire do chorc fiadhaich a’ fas ann ’ur raointean, spionaibh e mus abuich e; oir crathaidh e a shiol fein, agus a reisd is gann a’s urrar cuir as d’a; agus cuimhnichibh gu’n robh e air a dhearbhadh gu tric gur e corc air a ghearradh roimh e bhi marbh abuich a’s mo a bheir a mach de mhin aig a mhuileann, an fheadh a tha call bho chrathadh air a sheachnadh.
[102]Eorna, air dha ’bhi na ghrainne anmhuinn cha choir a chuir gus am bi duil ri aimsir bhlath, ach tha air a shaoilsinn gur e an t-eorna mor a’s fearr a fhreagaras do ’n ait agaibhse, agus gu cinnteach is luachmhoire an grainn e a thaobh ’bhi toirt a mach gu mor, ach tha an tomhas a dh-uisge beatha bho’n eorna bheag ni’s mo na bho ’n eorna mhor, agus a thaobh gu’m bheil a cheud seors dhiubh so a’ faighinn creic ni’s ullamh aig feilltean bhithinn subhach na’n robh e ni’s pailte air arach anns gach ait an urrar.
Sneapan, ma runaichear iad airson an tasgaidh, mar a dh’fheumadh sibhse, agus mar an ceudna far nach ’eil garadh dion mu’n fhearuinn, bu choir an cuir, aig a chuid a’s lugha, seachduin ni’s luaithe na ’s abhaist, ’se sin mu mheadhon an t-shamhraidh, agus a ghna de dha sheors; an seors mor geal, agus seors buidhe Obarean: an seors mu dheireadh seachduin roimh an t-seors eile, agus ma spionar iad aig deireadh an fhoghair no an toiseach a gheamhraidh, na duilleagan ’s na freumhan a ghearradh dhiubh, agus an carnadh anaird ri aghaidh balladh, agus an cuibhrigeadh le beagan fodair, fraoich, no talmhainn, gleidhidh iad le toigh gus an Earrach, agus dearbhaidh iad gle luachmhor do stoc og no chrodh uir an deigh laoigh a bhreith. Air do na sneapan geala bhi mor agus air cuir a mach, an caitheamh air tus, —agus na di-chuimhnichibh gu’m bheil n- ’ur barr an crochadh gu h-iomlan air an fhearuinn a bhi eutrom ’us tioram le drainearan, am mathachadh a bhi reamhar agus min le ’bhi tric air a thionndadh thairis leis an spaide. Ma shineas na sneapan nach ’eil air an tasgaidh ri fas an deireadh a Gheamhraidh, no ’n toiseach an Earraich, spionaibh iad a naird air ball leis na freumhan, air neo cha’n’ e ’mhain gu’m fas iad neo fheumail airson ’ur spreidh, ach ni iad bochd ’ur talamh le ruith gu siol.
Buntata. —Cha’n urrar buntata a shuidheachadh ro luath, ma bhios an reothadh thairis, ma’s maith le daoine iad a bhi maith agus mineil. Cinnichidh iad, tha fhios agaibh, an ire mhaith ann an talamh air bith, ma dh’aitichear gu ceart e, ach tha gach ni an earbs ri iad a bhi air an cumail glan, air iad a bhi neo dhlu’, agus air uachdar an talmhainn a bhi min le sgrioban. Cha’n urrar sealltuinn airson barr trom ma bhios iad air an cuir ni’s dluith na 10 eorlaich agus mur bi aig na freumhan cuibhrigeadh tiugh de thalamh fuasgailt. Cha d’fhuaireas fathast a mach leigheas cinnteach airson an t-sil a bhi a’ grodadh ’san talamh, ach thainig iomadh deagh thoradh bho shuidheachadh buntata beag slan agus bho shuidheachadh
[104]nam bachlaigean an uair a spionar iad dheth an t-sean bhuntata a thoisich a cheana ri cuir a mach ’san toll no ’san t-sabhal. Thug na bachlaigean so air an spionadh gu toigheach, ’sair an suidheachadh, a mach cho pailt ris na sgoilteanan no ris na suilean air an cladhach asda airson an suidheachadh, an fheadh a bha am buntata air an gleidheadh airson spreidh no mucain, agus tha mor chaomhnadh leis an doigh so. Theagamh gur e an doigh a’s fearr am buntata beag a chuir air leth aig am an togail ’san fhoghair, agus an cuir ann an tuill bheaga leo-fein, ullamh gu’n cuir a mach ’san earrach gun na bachlaigean a bhriseadh. Maille ris a bhuntata mar mailleri seorsan eile barra tha moran an earbsa air caochladh an t-sil gu minig, agus tha air a thoirt fainear gu’m bheil buntata bho thalamh fuar fliuch agus mointich a’ freagairt mar shiol ni’s fearr na ’nuair a dh’fhas iad ann an talamh ni’s eutroma agus ni’s grinne. Gu dearbh tha an aon riaghailt a’ cumail a thaobh gach seors sil, gur coir an caochladh gach dara’ no tri-amh bliadhna, aig a chuid a’s lugha, mur deanar e ni’s trice. Ma bhios ’ur talamh eutrom ceannaichibh siol a dh’fhas ann an talamh a’s treise, agus an ceart aghaidh sin ma bhios ’ur talamh trom. Ann am bruidhinn mu ghrodadh a bhuntata an uair a shuidhichear iad agus eadhon an uair ’bhios iad ’san toll, ni a tha a’ tachairt cuid a dh’aman, bheirinn fainear, a thaobh ma dh’fhagar buntata ’san talamh an deigh dha fas, cha’n fhaighear idir e air dol aog, bu choir dhuinn ionnsachadh, bho ’n leason so air a theagasg le nadur, gun iad a thasgaidh ann an saibhlean no an tional na’n dunan mora, ach tuill fhada chaol a dheanamh agus a mhain am folach air chor ’s an dion bho reothadh. Bu choir gu sonruichte an aire ’thoirt do’n so a thaobh an fheoghainn a runaichear airson siol no gleidheadh fada.
Seamrag. —Tha ’n t-seamrag na bhar gle luachmhoir agus fheumail do gach uile dheagh thuathanach cho maith do’n duine bhochd. Cha choir do aon sam bith aig am bhei’l bo agus achdar fhearuinn a bhi gun chaob beag sheamraig; oir le deagh aiteach bheir e dha cuid ri ghearradh na h-uile la bho mheadhon ceud mhios an t-samhraidh gu deireadh an fhogharaidh. Meudaichidh e gu mor an tomad bainne; cuiridh e ri tomhas agus gne no buaidh a mhathaichidh ma dh’ithear e an taobh a steach de dhorsain; no ma dhionar e mar fheur-saidhe, gheibhear e ni’s beathachail’ na sin a rinneadh bho fheur nadurach nan lon. Tha e cinneachadh ni’s fearr ’nuair a chuirear e maille ri eorna, ach freagairidh e maille ri coirc mar an ceudna; agus cha mhor cron a nithear air le ionaltradh chaoraich no spreidh bheag re aimsir thioram ’sa gheamhradh mur bi an fhearuinn gle fhliuch. Ma runaichear airson feur saidhe e, bu choir a ghearradh ge b’e uair a thig e fo bhlath, gu chumail bho ’luths a thoirt as an talamh agus gu deagh ath-bhar a dheanamh cinnteach a
[106]tha an ire ’bhi cho luachmhoir ri feur saidhe a thaobh gu’m faodar a ghearradh a ris ’san fhohair araon airson spreidh agus eich.
Ma bhitheas am feursaidhe air a mhilleadh le uisge, bu choir duibh saluinn a sgiteadh air ’nuair a chruaichear e le mu’n cuairt de pheic saluinn airson gach tunna fheoir, ni a ni e gu mor ni’s beathachaile airson spreidh, ach tha moran de a bhuaidh an crochadh air an doigh an dionar e. Faodar a ghearradh ’nuair a bhitheas e fliuch, ach cha choir idir a ghluasad bho ’n rolag ach ann an aimsir thioram an uair bu choir gu tric a thiondadh agus dunanan beaga dheanamh dheth cho luath ’sa ’s urrar agus na dunan so a chuir na’n dunan ni’s mo a rithist mus dean sibh ’ur cruaich fheoir. Tha rusgadh do ghrian ’us ghaoth ni’s mo na tha tur fheumail airson a thiormachadh a’ toirt a bhrigh as an fheur agus g’a mhilleadh, agus mar is uana an dath ’sann is fearr a bhuaidh. Ann an Sasuinn far am bheil am feur-saidhe a ’s fearr air a dheanamh, tha e a ghna air a theasachadh ’sa chruaich ni a tha a’ toirt mor leasachaidh milseachd agus beathachaidh dh’a, agus cha choir duibhse idir so a dhearmad, ach feumaidh an teas eirigh bho shugh an fheoir fein (gun a bhi air a thur thiormachadh ’naird le cus rusgaidh do ghrian ’us ghaoth) agus cha’n ann bho thungaidheachd aimsir uisgeach a tha a ghna calldach. Bitheadh ’ur darra barr feoir air a ghearradh ’sair a thoirt gu ith aig an dachaidh; cha choir duilleag dheth ith air an raon, a ’s urrar a ghearradh ’sa ghiulan a dh’ionnsuidh ’ur stabuil no bathaich; oir tha biadhadh aig an dachaidh ni’s roghnaichte leis na h-uile bharrain far an urrar a dheanamh na a muigh, ach a bhi ’g ionaltradh air seamrag tha e na thur ana-caitheamh agus brosnachail. Ach feumar an t-seamrag a thoirt ann an tomhasan beaga ’an aon am, agus beagan a dh’uairean an deigh a gearraidh a chum gu’n teich a ghaoth as na cuiseagean, air neo bithidh ’ur spreidh ’an cunnart sgaineadh.
Tha Peasair ’us Ponair mi fhreagarach do’r n’ -aitsa a thaobh doilcheadais an tiormachadh, agus bhiodh cruithneachd neo-chinnteach a thaobh an uisge aig am dh’a ’bhi fo bhlath, ach cha ’n ’eil mi a faicinn reuson airson each fheudadh corcach ’us lion a bhi air an arach ann an tomhasan beaga airson ’ur feum fein, agus chomhairlichinn dhuibh am feuchainn le ’cheile, ach gu h-araidh lion.
Tha Luibhnich ro aithnichte mar mhallachd an tuathnaich gu iarraidh mise do sparradh oirbh an curam a dh’fheumar airson ’ur fearuinn a chumail saor bho an toraidhean plaigheil. Tha iad dhe iomadh seors, ach gu labhairt gu cumanta faodar
[108]an toirt fainear fo dha roinn, bliadhnaichean agus iomadh-bhliadhnaichean. Cha mhair a cheud seors ach aon bhliadhna, agus tha iad gu furasda air an sgrios le tionndadh an talmhainn, ’us fhagail ban, agus le sgriobadh ’ur barra ’san t-samhradh; le toigh a thoirt nach cuir sibh dail air ’ur n-oibhreachaidhean cho fada ’sgu leigeadh leo an ros a thilgeadh no eadhon ruith fo bhlath ni a bhochdaicheas ’ur fearuinn. Tha Iomadh-bhliadhnaichean ni’s doilbh a chuir as, oir cha leoir an gearradh mar a thaisbeanas iad iad-fein os-cionn na talmhainn. Cha dean ach an fhearuinn a leagadh ban, treabhaidhean trice, agus an spionadh as leis an laimh, cuir as doibh gu h-iomlan. Bithidh cluaireanan air an lagachadh agus fadheoidh air an sgrios le’n gearradh thairis mu 3 eorlaich os cionn a ghrunna 3 no 4 uairean ’sa bhliadhna ma chuireas iad a mach cho trice, agus is fearr eadhon beagan arbhair a mhilleadh le cuir cloinn a steach air fheadh gu’n gearradh na am fagail gu buannachd neart le leigeadh leo fas re fad na bliadhna, no gu tilgeadh an rois. Tha Ranach mar an ceudna air a sgrios le a bhuain trice, gu h-araidh ma nithear e gu trathail ’sa bhliadhna mus tig iad a chum lan dhuilleig; ach air cuid de mhirean neo-fheumail de ghrunn, faodar leigeadh leo fas airson an giulain dhachaidh ur airson leabaidhean do chrodh ’us eich no air an tiormachadh a chum an aobhair cheudna ’sa gheamhradh; agus so chomhairlichinn a dheanamh anns gach ait an tairear, a thaobh gu’m bheil an ranach cha’n’ e ’mhain fenmail airson fodar ach tha e na mhathachadh laidir. Ach anns na h-uile ait ’sam bheil e rochosdail a thoirt dhachaidh, no far am folaich e cus de ionaltradh luachmhoir bu choir a ghearradh thairis agus a sgriosadh, agus aig gach buachaill chruidh no chaorach bu choir coran geur a bhi ceangailte air ceann a bhata leis am faodhadh e ann a uairean diomhan a bhi gu feumail air a chleachdadh ann an gearradh ranaich, oir is eol domhsa iomadh cnoc feoir far am bheil am feur a’s fearr air fholach agus uime sin air a mhilleadh le ranach tiugh gun fheum. Na’m b’urrar a thoirt air a bhuachaill a tha gu nadurach leisg, an ranach, an deigh a ghearradh, a thionail a ’naird agus a chuir gu tiugh air a ghrunn aimrite fhraoicheil dlu dha, air chinn an ath-bhliadhna mharbhadh e am fraoch agus dheanadh e gu h-iongantach an t-ionaltradh ni’s fearr, mar so a’ faighinn buannachd dhubailte. Feumar copagan a chladhach a mach le spaide fhada aimhleathan dha-cheannach (faic an dealbh) agus leis an inneal sin a chleachdadh re uair no ’dha gach la de mhios dheireanach an t-samhraidh agus de cheud mhios an fhoghair, mus tig iad fo ros, chuireadh sibh ann an 2 no 3 bhliadhnaichean as do na
[110]h-uile copag a th’air n- ’ur fearuinn. Is da-bhliadhnach an Lus-buidhe agus is urrar cuir as da le a mhain ’ghearradh thairis direach mus tig e fo bhlath, ach ma leigear le aon cheann deth siol a chuir, cuiridh e raon iomlan. Cha’n’ urrar cuir as do ’n lus-shnaimeach ach le a spionadh leis an laimh, agus eadhon an deigh a chliathaidh mu dheireadh an deigh siol a chuir; no an deigh na drileachan bhuntata no shneip a chumadh, bu choir do chlann a dhol thairis air a ghrunn le bascaidean agus na criomagan a’s lugha a thionail a ’naird a dh’fhaodadh a bhi air fhagail aig a roimh-ghlanadh. Tha ’n carran ged is bliadhnach e, na luibh gle mhillteach dhuibh-se, agus millidh e gu tur an t-sheamrag og le ’thachdadh ’nuair a bhios na planntanan maoth, gidheadh cha dhean an talamh a leagadh ban, a ghna cuir as da, agus chunnaic mise a leithid sin air a leantuinn an ath-bhliadha le barr tiugh de charran. ’Sann amhain le aol agus fois re da bhliadhna fo fheur a gheibhear saor uaithe, a’ toirt aire nach oibrichear an talamh le cus treabhaidh ’us cliathaidh airson ’ur barr, ach a roghain air sin spionadh leis na lamhan, agus sgribeadh le h-obh. Tha na doighean ceudna a’ freagairt airson cuir as do na Chearbanach ’sa thug mi airson an Luis-shnaimeach. ’Se ’n spionadh leis an laimh an t-aon mheadhon; agus cha choir a chriomag a’s lugha fhagail; oir ann an aon bhliadhna fasaidh e laidir agus tachdaidh e ’ur barr, a thuille’ air a dheanamh da chuairt ni’s doilich a ghlanadh an ath bhliadhna. Gu dearbh cha’n’ e ’mhain gu’m bu choir duibh aire a thoirt do ghlanadh ’ur fearuinn aitichte, ach ’ur n-aitean ionaltraidh a ghlanadh cuideachd bho luibhean millteach; oir tha an ros aca air a ghiulan leis gach osag ghaoith a chum ’ur raointean agus mar sin a’ deanamh ’ur saothar ach beag neo-fheumail mur gearr sibh aig a chuid a’s lugha thairis na Cluaireanan, na Copagan, agus an Lus-buidhe ann ’ur coimhearsnachd cho luath ’sa thig iad fo bhlath. Le gart-ghlanadh toigheach cha’n’ e ’mhain gu’n cuir sibh air adhart fas n- ’ur barra a bhliadhna sin, ach ullaichidh sibh deagh mhathachadh airson bliadhnaichean an deigh sin; oir le luibhean grod a mhain air an cleachdadh mar mhathachadh dh’araich mise sneapan ni bu bhriagha na le inneir stabuil no dus chnaimh. Tionailibh ’ur luibhean uile ’nan dun leis-fein, agus cho luath ’sa thoisicheas iad ri cuir a mach no ri fas, tionndaibh iad thairis a’ cuir na bha air an taobh muigh fodha, ath-dheanaibh so gus an grod iad agus an teid iad as a cheile a chum a bhi na’n talamh min, ni a dh’fheudar a chleachdadh airson sneapan no ann ’ur lios mar am mathachadh a’s fearr, Ma bhitheas cuid air bith gun chuir as a cheile le grodadh gleidhear e ’us cuirear e ri dun an ath-bhliadhna; ach bu choir duibh a theagasg do n- ’ur clann bheaga gun idir a dhol a seachad air luibh gun fheuchainn ri
[112]’spionadh an aird agus a ghiulan a chum an duin, agus bithidh iad gu luath cho toilichte ann a bhi mar so gu feumail air an cleachdadh ’sa bha iad a roimhe ann an diomhanas no ’an lochd.
Garaidhean-dion. —Tha ’bhi a’ falbh air an fhearuinn ann an aimsir fhliuch le spreidh gle challdach; tha gach lorg cois a’ deanamh lochan airson cumail uisge, agus a’ toirt a bhrigh as an talamh, no ’ga mhilleadh. A chum so a bhacadh bu choir duibh ’ur garaidhean a bhi a ghna air an cumail air an deagh charaimh; oir cha’n eol domh dearbhachd a’s cinntiche air cinneachadh na ’bhi a’ toirt aire do na bearnan a bhi gu grinn air an caramh, an fheadh air dhoibh a bhi amhain air an leth-charamh no air an duineadh ’naird leis a chrann no leis na cliathan gur aobhar amharuis e air briseadh. Ni siol a chonaisg air a chuir air mullach gharaidhean fail deagh dhion agus fasaidh e ni’s fearr ma bhios beagan criadh-ghainmh air a mheasgadh maille ris an fhal an uair a chuirear an siol. Tha conasg gu cinnteach dhe taisbeanadh neo-chomhnard agus neo-chuimir ma dhearmaidear e, ach faodar a ghearradh agus a chumail cho cuimir ri callaid chuilinn agus le aon mhaide rail air puist 2 throidh a dh’arda agus air an suidheachadh ’am measg a chonaisg air mullach na dige, tha deagh gharadh dion air a chumadh, an fheadh a bhios na meanganan oga air an gearradh ’sair am pronnadh min no air am bruthadh leis an t-suist gle fheumail mar lon de’n bhrigh a’s fearr airson eich, crodh no caoraich, agus is urrar an siol a thionail gu furasda le clann, no cheannach airson tastan am pund. Tha Callaidean dhroighinn gu cinnteach ni’s fearr, ach tha iad gle chosdail agus feumaidh iad mor thoigh aig an toiseach, agus ma bhios clochan pailte ’siad a ’s lugha dragh agus a ’s eifeachdaiche de na h-uile callaid. Tha iomadh a’ cuir an aghaidh a bhi a’ suidheachadh chraobhain ann an callaidean a thaobh a bhi ’gam milleadh le an sgail agus mar a bhi calldach do na bharr air gach taobh de na challaid; is fior, gidheadh tha iad nam fasgadh mor bho ghaoth, agus ann an aimsir theth na’n dion airson spreidh gu seasamh fodh’ ’nuair a chuirear dragh orra le cuileagan. Misnicheadh n- ’ur maighistir fearuinn ’ur deigh air feabhaschadh, le suidheachadh belt leathain de choille far am fosgailte sibh do na ghaoth, agus na deanaibh talach air ’bhi a’ dion craobhain sam bith a thairgeas ’ur mhaighstir dhuibh. Cha bu choir tigh a bhi gun chraobhan mu’n cuairt d’a airson fasgadh, agus bu choir iad a bhi air an suidheachadh ann an oisinnean ’ur raointean mur toil leibh iad a bhi ’an streath challaid, an fheadh a ta iad air leth feumail mar fhasgadh air taobhan tuath ’ur lis ’us mheas lis.
[114]’Siad Seileach, Plane, Leamhan, agus Uinnseann, na seorsan a’s fearr gu’n suidheachadh. Tha iad gu furasd’ air an dion bho spreidh le cuir clochan dlu ri am bun agus le ceangal droighean mu’n cuairt do’n stuic. Agus amhain smuainichibh air a cho’fhurt a bheir iad do ’n dachaidh ghraidh! Agus mar a thuirt Morair Logain, bithidh iad eadhon a’ fas ’nuair a bhios sibhse ’n- ’ur cadal, agus tha ’n cinneachadh an earbsa’ ri beagan curam ’us aire gun tastain a chuir a mach. Uisgeachadh, seors de thuathanas a tha gu mor air a chleachdadh ann an Sutserland agus ’an duth’chan eile gu buadhach, agus tha mise a’ smuaineachadh bu choir duibhse anns gach ait a thoirt a steach; ’se sin sruthan uisge a thoirt aig aman air leth air chor’s gu’m folaich e an t-iomlan de uachdar ’ur fearuinn agus leis sin a tarbhachd a mheudachadh. Dh’fhaodadh moran de ’r talamh bochd-sa a bhi leis an doigh so air a leasachadh ’san tomhas a’s airde, agus dh’fhaodadh sibh an t-uisg’ gun fheum a tharruing bho ’r n-iadhlainnean ann an cladhanan beaga riaghailteach air dhoigh’s gu’n cuibhrigeadh e moran de’n uachdar. Anns na cnuic aimrid faodaidh moran a bhi air a dheanamh ’san doigh so, agus dh’fhaodadh mirean de’n talamh a tha an tras ban a bhi air a chuibhrigeadh le deagh luibheanach. Taghaibh spot fhreagarach airson treorachadh uisge shruthanain beaga no earrainn de dh’allt bho a chladhan cleachdail. No duinibh a naird an struth air chor’s gu’n toir sibh air an uisge a dhol an rathad a tha sibh a dh’easbhuidh, agus a reisd treoraichibh e a chuid ’sa chuid thairis air an fhearuinn cho-cheangailt’ ris ann an cladhan le gearraidhean no meoir uaithe air chor ’s gum faod an t-uisge ’bhi air a roinn thairis air an uachdar uile. Anns an doigh so faodar aghaidh cnuic no bruaich uile fholach le sior thaom uisge a sgriosas gu luath am fraoch agus a bheir feoir a’s finealt ’na ait, agus tha e iongantach ciod a tha air a dheanamh ann an Suitserland agus Tirol anns an doigh so, ’nuair a thogas iad uisge le rothan o aibhnichean mora airson an aobhar so, agus ag’ arach barran pailt feoir saidhe le mathachadh a’s flinchadh an deigh sin eadhon cliathaichean na’n cnuic a’s casa a’ giulan a naird a mhathaichidh air am muin agus a’ buain an fheoir 3 no 4 chuairt ’sa bhliadhna. Se’n geamhradh an t-am a’s fearr airson na h-oibreach so; ach fendar a dheanamh anns gach am gu buannachdail. Agus leigeadh leis an uisge fantuinn a’ ruith thairis air an uachdar re fad chaochladh laithean cuideachd ’n uair a dh’fhaodar na gearraidhean ’san rathad sin a bhi air an duineadh, agus air am fosgladh ann an rathad eile gu leigeadh an uisge thairis air talamh uir. Cia minig, agns so gu h-araidh far am faic sibh taoibhean uilde no’n fhosglaidh gu nadurach uaine, a chunnaic mise 100 slait de shruthain le oirean feoireil a’ ruith direach a sios air ’ur leothaidean-sa far an robh na
[116]h-uile mu’n cuairt dubh agus aimrid, ach ni a dh’fhaodadh a a bhi air a threorachadh air a leithid a dhoigh air feadh aodainn a chnuic air ais agus air adhart as gu’n tionndadh e an t-iomlan a chum ionaltradh gast, agus air a dheanamh ann an iomadh ait air cost nach mo na am buachaill a bhi gu feumail a’ cleachdadh na’n uairean diamhan a tha an tras’ air an caitheamh a’ cadal anns a ghrian; ann an amharc gu mi-bhuannachdail air an fhasach mu’n cuairt da, no a’ ruagadh ’sa’ milleadh a chruidh no nan caorach le a chu dhileas ach neo-fheumail.
Rathaidean, Cha’n urrar fearuinn air bith aiteachadh gun mheadhonan ruigsinn oirre le rathaidean do’m bu choir duibh an aire a thoirt. Oir gu minig tha cosd rathaid maith air a chaomhnadh ann an aon bhliadhna le caitheamh chuirn ’us airneis air am milleadh le tarruing tre lathaich ’us chlachan ’us chlaisean. Cha’n’ eil innleachd rathaid air dhoigh sam bith doilich. Ann an duth’chan cnocach cum comhnard cho fagus ’sa ’s comasaich le dol mu’n cuairt do na cnuic a roghain air gearradh tromha; oir cha’n’ eil ni air bith a’s cinntiche na gu’m bheil a cheud doigh dhiubh so a cheart cho aithghearr agus moran nis furasda na an doigh mu dheireadh. Tha comhnard mhaireanach gidheadh sgiosail a thaobh na h-aon fheithean a bhi a ghna an sas: ach ann an rathad aig am bheil eirighean ’us tuiteaman seimh tha na feithean uile air an gairm gu cleachdadh uair mu seach, agus cuid dhiubh aig fois an fheadh a tha a chuid eile air an cleachdadh. Ma bhios leabaidh thana, de thalamh bog far am bheil ’ur rathad gu ’bhi air a dheanamh, thoiribh gu h-iomlan dheth e, ach ma bhios an leabaidh domhain mar ann am mointich, bithidh i na deagh steigh shubailte agus faodar a fagail a’ gearradh cladhanan domhain air gach taobh dhi gu ’deanamh tur thioram ’us thana, agus a chuibhrigeadh thairis le sgrath dhubailt no thri-fillt’ de dh’fhal roimh cuir gainmheach air, ni bu choir a bhigutiugh air a chuir air (mar a’s tiuighe ’sann a’s fearr) a cumail as na h-uile chlachan a bhios osceann meud uibhe. Togaibh ’ur roidean an eatorras ’sa mheadhon, a toirt dhoibh leagadh air gach taoibh air son an uisge ruith dhiubh air ball agus na bithibh ro iarrtunach air deanamh rathad briadh farsuing; oir leigidh 14 throidhean le da chairn a dhol a seachad gu furasda agus cha’n’ eil feum air tuille. Cladhaichibh cladhanan fosgailte an cois nan taoibhean a’s airde agus biodh iad gu curamach air an cumail glan. Lionaibh anaird claisean ’us tuill cho luath ’sa thaisbeanas iad, agus ma bhruchdas toll anns an earrainn mhointich, fosgailibh e uile mu’n cuairt gus an ruig sibh air an ait an do chuireadh an sgrath dha-fhillt, no thri-fhillte a dh’fhal a bhi fallan; a reisd
[118]ceanglaibh sgrath uir mar a roimh anns an t-sean earrainn gu grinn agus ath-chuibhrigibh e le gaineamhach. A dh’easbhuidh fal ur a chuir air bithidh gach oidhirp eile ’ga charamh neo-fheumail Tha mi deigheil mar an ceudna air sga n- ’ur mnathain ’s ’ur nigheanan, nach biodh ceum cois air a dhearmad. Togaibh e aig a chuid a’s lugha 8 eorlaich os ceann comhnardas a ghrunna, cumaibh e tioram le cul-chladhan ’n uair a bhios e feumail, agus ge air bith cho aimhleathan (oir tha 18 eorlaich gu leoir air leud) gheibh sibh a cho’fhurt a bhi a’ faicinn nach bi iadsan do’m fearr am bi ’ur gaol air an dochuinn le fliuchadh no air an deanamh mi-dhealbhach le brogan no aodaich shalach.
title | Treabhadh |
internal date | 1838.0 |
display date | 1838 |
publication date | 1838 |
level | |
reference template | Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p |
parent text | Acfhuinnean Tuathanais, &c. |