Tha aig a mheur so de thuathanas moladh sonruichte anns co-mor as ged burradhuibh anabar barra a thogail thar na dhfheumadh sibh fein a chaitheamh, feumaidh gum bi cosdas a ghiulan gu feill bhour n-aitean fad as-sa a ghna na tharruing air ais gle chuideamach. An fheadh a ta cuirur toraidh ann an cumadh Mart-fheoil agus Muilt-fheoil bheo na dhoigh giulain a reir coimeis de bheag cosdais.

Si bho an t-ainmhidh arosach as feumaile as eol duinn. Tha i cumail bainne ruinn re a beatha, agusnuair a mharbhar i chaneil earrainn dhi, co dhiubh is feoil, geir, cnaimhean, seich, no adhaircean nacheil air an deanamh feumail dor n-uireasbhuidhean. Tha na caochladh seorsan a thann gun aireamh, ach chan ainmich mi ach a dha mar a bhi freagarrach do n- ’ur suidheachaidheansa, ge be ait am bheil feurach an eatorras mhaith agus beagan sneipean airson a gheamhraidh, agus a reisd faodar an crodh a chuir a steach ann an tighean. Mholainn gu laidir seors maol Obareun; tha iad nan ainmhidhean briadh mor, nan deagh chrodh bainne, gu furasda air am biadhadh, agus gne am feola a leithid as a tharruingeas fagus air 2 sgillinn am pund os cinn feoil sam bith eileam feill Lunnuinn. Tha iad so uile nam beachdan luachmhor, ach ge be ait am bheil an luibhearnach bochd agus gur fhendar do na chrodh luidhemuigh, agus cosnadh air-an-son-fein fad a gheamhraidhse an seors Iar-Ghaidhealach a thaobh an cruadalachd as ionmholta. Tha na beachdan so a leanas gidheadh abuntuinn ri seors sam bith dhiubh, oir earbaibh air, mar is fearr a riaraichear iad, ciod air bith an seors, ’sann as fearr a phaidheas iad sibh. Aig an am so tha mi toirt aire gum bheil sibh gu coionannan seilbh air cus stoc anns na h-uile seors bheathaichean a ta agaibh, agus air lorg sin tha aimriteas annur beathaichean boirionn uile (gu minig le laogh amhain gach darna bliadhna), prisean truagh airsonur beathaichean caol og, gu tric gun fhoighneachd air an soncaoraich abasachadh le euslaintean, agus eich air bheag comais gu tarruing troimh bheagan oibir earraichus fhoghair, ged bhiodh iad diomhan cach de na bhliadhna. Chaneil so idir na mheudachadh air a chuis, agus comhairlicheam dhuibh uileur stoc a laghdachadh le creicnam beathaichean as suarraiche ge beuair a thairgear deagh phris, agus tha i na deagh riaghailt air a leantuin leis a chuid as fearr agus as liughe de thuathanaich, gu dealachdainn ris an aireamh

[148]
[149]

iomchuidh gach bliadhna agus gabhail ris a phris a bhios adolsan tiom sin, a roghainn air cumail air adhart ann an dochas air eirigh: Oir cuimhnichibh le cumail cus stoc de aon no da cheann, de bhrigh nach toir iad an taobh stigh do 5 no 10 tastain de na phris a shaoileas sibhse, tha sibh alughdachadh luach gach ainmhidh eile air n- ’ur gabhail, agus ma leanas sibh an doigh sin re fad tearc de bhliadhnaichean millidh eur stoc uile. An ath ni cuideamach an deigh aireamhur cruidh a dheanamh a reirur n- ’ionaltradhsur fodair, ’se deagh bheathaichean firionn a thaghadh airson leasachadhur seorsain. A dheasbhuidh aire chonbhalach don so theid na h-uile ainmhidh am measad air cho maithsa bhios an t-ait, agus mas ann mar sin a bhios a chuis aims na h-ionaltraidhean as fearr, ciod a bhios e maille ribhse fo chaochladh chuisean? Feumaidh e sior chuir a steach de dheagh fhuil, agus bu choir duibhse a bhi gle thoigheach annur roghainn, agus gun thalach air leasachadh cosd; oir bithidh e air a phaidheadh le riadh 50san 100. Mar so air baile fearuinn de 10 no 20 ghabhailean far am bheil 50 de chrodh air an saoilsinn de ghne mheadhonach, cha toir na gaimhne a gheibhear le tarbh a chosdas 8 puind shasuinneach, do reir na prisean a tha a nis adol, os-ceann 2 phund shasuinneach an aon, no 100 puind uile: ach ma gheibhear iad le tarbh as fearr, a chosdas 40 puind, bheireadh iad aig a chuid as lugha 3 puindus 10 tastain, no 175 puind uile, mar so apaidheadh nis mo na a cheud chosdsan cheud bhliadhna. Tha e an t-aon ni a thaobh reithe, stalanan no beathaichean firionnsam bith eile, agus mur urrainn tuath bheaga gu goireasach tairbh no stalanan a chumail iad fein, bu choir dhoibh a ghna sireadh airson an fheadhainn as fearrsa choimhearsnachd agus paidheadh airson am feumsa bhliadhna gu fialaidh, a roghainn air cuir gu droch aon shaor; oirsa chuis mu dheireadh caillidh iad gu truagh, agus anns a cheud chuis buannaichidh iad gu mor air. Cha choir do dhuine air bith talach air 2 thastan gach bo a phaidheadh airson deagh tharbh; oir is fhiach a laogh 5 no 10 tastan nis mo na laogh air fhaighinn le tarbh as suarraiche a bhios saor. Mar so buannaichidh e 3 no 8 tastansan aon chuis, agus caillidh e 3 no 8 tastansa chuis eile. Mar riaghailt choitchion thoir an toiseach a ghna do tharbh no stalan a thig bho stoc a tha fo dheagh mheas, eadhon ged nach biodh e cho sealltuinnach ri aon bho stoc as neo mheasaile, oir tha deagh fhuil cinnteach gu innseadh fa dheoigh. Bhon aobhar so tha sibh gu minig afaicinn Beathaichean cumanta

[150]
[151]

afaighinn stoc agus eirigh bhriagha, agus tha so tha sibh afaotainn ag eiridh bho bhuaidh nam parantain a theagamh bho chian ginealach no dha air ais. Taghaibh uime-sinur beathaichean firionn, tha mig radh a rithist bho na stoc as fearr agus gu h-araidh bhon t-seors as mo cho maith as den t-seors as fearr cumadh, oir chan eol domh amaideas as mo na sin a chuala mi gu triceadhon deagh bhreitheamhan ag radh mar gur crodh beag amhain a tha iomchuidh airson nan cnuic chas againn. An ceart aghaidh sin tha an crodh as finealta agus as truimesan Roinn-Eorpa air an arach air na beanntaicheanan Suitserland a tha 5 chuairt choarda agus moran nis casa na cnuic sam bith anns a Ghaidhealtachd againn. Is iongantach a bhi afaicinn nan creutairean mora leathan-dhruimeach briagh ud afeurach air cliathaichean nam beann chas ud, agus cha bu ni air bith ach toigh agus taghadh tairbh bhriagha a burrainn linn chruidh cho finealta a mhairsinn ann. Cairson ma ta nach feuchadh sibhse ri togail no arach chruidh as truime a chionn gum bheil an luchd-deiligidh chruidh bho dheas a ghna atoirt pris nis airde airson stoc og a tha ataisbeanadhbhi agealltuinn fas mor agus trom, —agus ma reiceas sibh og bheir iad cuideamn uair a ghluaisear iad gu ionaltradh as fearr ma bhios iad de sheors mor eadhon ged dhfhaodasur crodh a bhi rud-eigin beag. Faodaidh moran a bhi air a dheanamh le uachdranan fearuinn ann an leasachadh seors an cruidh air an Oighreachdan le ceannach tairbh airson an cuid tuath an dara cuid gun toirt dhoibh a nasgaidh no aig a leithid a phrissasurradoibh a thoirt air an son. Luaidh mi so uaireigin ri Uachdran aon de na Eileanan as mo a thasa Ghaidhealtachd, far am bheil an crodh den t-seors as truaighe agus nan gabhadh e mo rabhaidh dheanadh e feum dha-fein cho maith as do a shluagh. Gun amharus chaneil cothrom airson tuath an leithide sud de shuidheachaidhean gin faighinn deagh thairbh, agus eadhon ged gheibh eadh, theagamh nacheil meadhonan aca gu cumail suas an sultsa gheamhradh. Be an ni a chuir mi an aire gun cordadh an Sealbhadair ri fear-arach ainmeil chruidhe airson 10 tairbh da-bhliadhnach air an arach bho na chrodh dubh as fearr aige gach bliadhna, agus a burrar fhaighinn airson 12 ghinnidhean gach aon diubh; do bhrigh leis a chordadh a bhi re 12 no 13 bliadhna, ’gan arach gach bliadhna, agus an fheoghainn bu bhriagha air an gleidheadh gun creic airson bho 20 gu 50 puind shasuinneach gach aon, an fheadh a bhiodh an fheoghainn bu taire, air dhoibh a bhi de fhuil cho glan ri cach,

[152]
[153]

maith gu leoir airson crodh thuathnaich bheaga. Dhfheudadh an lethide de thuathanaichsa burra, an fheoghain a bfhearr fhaiginn aig a cheud chost, no dhfheudar an toirt doibh airson coig bliadhna agus a bhi a reisd air am pilltinn, no a cheud chost a phaidheadh. Dhfheudar an fheoghainn eile a thoirt don tuath bu lugha aig 2 thastan no leth-chrun gach bo; abair bho 2 gu 4 puinnd gach Tarbh, agus a reisd a bhi air a gheamhrachadh leis an Uachdran, a thaobh nach biodh coiteirean dhfheudadh comasach gu chumail ann an deagh staid aig an am sin. Ciod-sam-bith doigh an toirear a chuis fainear cha burrainn an t-Uachdran a bhi na fhear calla mor eadhon anns a cheud chost. Cinnichidh laoigh nisfearr le deoghal nanuair a bheathaichear iad bho shoitheach, ach mur urrar gu leor a bhainne a sheachainneadh, bu chor meog, ’us min pheasrach, no litus bainne, a ni biadh gast a thoirt dhoibh. Ann an Esecs, a tha ainmeil airson a laoigh-fheoil, tha mir cailc a ghna air a chuir ann an ait goireasach gu cothromthoirt doibh air imleach aig na h-uile h-am. Cha thiond laogh goirteach gu brach a mach maith, ge air bith cho gasdsa dhfhaodas an seors a bhi, no ge air bith cho maithsa dhfhaodas e a bhi air a bhiadhadh an deigh sin.

Bainne. —Buinibh riur crodh a ghna le caoimhneas, agus seachainnibh na h-uile chruas cainnte fein gu h-araidh aig am bleodhainn. An comhnuidh tarruingibh na sinean an deigh don laogh an deothal, air chors nach fagar boinne de na bhainne. Chan urrainn cleachdadh a bhi nis mearachdaiche nabhi afagail beagan bainne an duil ri meudachadh an tomhais aig an ath am bleodhainn. An ceart aghaidh sin, mar is mo a dhfhagas sibhsann as lugha aig gach am a gheibh sibh. Agus tha e na fhirinn aithnichte gur e am bainne mu dheireadh a tharruingear moran as reamhra na a cheud bhainne: an reamhrachd amairsinn ameudachadh air aghart gus a bhoinne mu dheireadh. Ma bhios am bainne tiughus reamhar taomaibh beagan uisge ann agus bithidhur tomhas barra agus ime gu gle phailt air a mheudachadh. Bleodhainnibhur crodh dlu ri tigh-a- bhainne air chors gum faod am bainne a bhi air a chuir ann an soithichean gun fhuaradh no a bhi gu mor air a chrathadh, agus aithnichear a ghreanntachd agus a ghlainead as mo airur n-uile oibre banachaigeach, agus biodh agaibh siolachan gaoisteghna aig laimh gu sioladh troimhe a bhainne agaibh. Air do mhasladh ime salach roinneagach a bhi cumanta do na Ghaidhealtachd, tha min duil gun labhrar gu h-aithghearr uime mar ni a bha a mhain ann an laithean na boirbeachd. Bu choir am bainne a shioladh troimh shiolachan gaoiste. ’Siad soithichean iaruinn air an staoineadh, air neo soithichean

[154]
[155]

criadhaich as fearr arms na h-uile seadh airson bainne. Ma gheibh am bainne blas shneipean, cail, no bidhe air bith eile, cha bhi agaibh ach tomhas beag natair a thilgeadh ann gu toirt gu h-iomlain am blas sin deth. Bu choir an t-im a bhi air a thilgeadh ann an uisge fear air ball an deigh a chrathaidh a chum gum fas e de dhath nis finealta. Tilgibh beagan salainn anns an uisge gu togail dath an ime, agus a reisd biodh e air a shailleadh annur soitheach gun dail. Crathaidhur barr nis furasda an uair a bhios e meadhonach blath: biodh aigur tigh-bainne air an aobhar sin fosgladh ri tuath le pailteas de aileadh uir ann an aimsir bhlath. Suidhichibhur muidhe ann an tuba bhuirn fhadsa dhoibricheas sibh i, agussa gheamhradh, noan aimsir fhuar, faodaidh sibh crathadh ann an seomar blath, ach gun a bhi laimh ris an teine. Than t-im as fearr air a shailleadh le measgadh de aon earrainn de shiucar donn no eamh, aon earrainn de natair, agus da earrainn den t-sallainn chumant as fearr, air am measgadh gu maith cuideachd, agus air an deanamh gu toigheachnam fudar gle mhin. Tha aon unnsa dheth gu leoir airson 16 a dhunnsaichean ime. Chan urrainn at t-im a bhi air a dhluthachadh ro theann anns an t-soitheach, no ro churamach air fholach an aird, gu druideadh a mach an ailidh, agus an uair a shaillear mar so e, cumaidh e milis airson iomadh bliadhna, agus bithidh deagh bhlas reamhar aige.

Cais. —Tha cais Albainneach gu gnath-fhoclach dona, agus bu choir dhuinn a bhi nis curamaich gu airmseachd air meadhonan air chor-eigin gu leasachadh a bhuaidh; oir mar dhearbhachd gum burradh dhuinn le toigh a bhi a naird riur coimhearsnaich Shasuinneach mun ni so. Dhith mise cais a rinneadh ann an Duthaich Rois, agus le Banachaig bho sgire Ghearloich cuideachd a bha coionann ri cais Stiltonach sam bith ann am blas no aileadh. Tha mi acreidsinn gur ann a tha an diubhras ag eiridh bho nacheil sinne abuileachadh nis mo na bainne gun bharr airsonar caise, achan Sasuinn tha an cais as fearr air a dheanamh bho bhainneus bharr cuideachd: ach tha an seoladh so a leanas iongantach airson deanamh chais. Air do thomhas gu leor de bhainne a bhi air a chuir cuideachd gu deanamh a mheudachd a tha air iaraidh, tha e, an deigh a bharr a thoirt dheth, gu bhi air a bhlathachadh air an teine gu staid teas na fola, agus gruth air a dheanamh dheth leis a Bhinid. Faodar a reisd barr a chuir ris do reir reamhrachd a chais a dhiarar, agus bheir tomhas beag de bhlathach air a chais fas gu luath gorm. Oibrich an gruth

[156]
[157]

gu h-eutrom an toiseach le a riachadh le sgian agus an deigh sin, a bhriseadh nis mine, ach gu h-athaiseach air chors gu dealachadh uaithe a mheoig gu tur, —an deigh sin cuir leth unns sallainn ris gach punnd cais agus cuir e fo na bhruthadair. Bu choir na h-oibreachaidhean so uilebhi air an giulan air adhart air cho bheag dailsas urrar, agus gidheadh gun ro chabhagach. ’Nuair a bhios e 2 uairsan fhiodhan biodh e air a thoirt as, air a thionnda’ ’sair chuir air ais gu tric agus acaochladh an aodaich 3 no 4 chuairtsan la re da latha, an deigh sin faodaidh e seasamh anns an t-seomar shuidhe re fad seachduin, ’ga thionndadh gu trice. Cho luathsa chruaidhicheas e beagan, faodar a ghluasad don rum chais, agus a thiondadh gus am bi e tur thioram; agus tha sruth meadhonach gaoith gu gle bhuannachdail. Roimh chodhunadh mo bheachdain banachaigeach is maith leam aire a thoirt do aon chlaon-bhreith a tha mi a toirt fainear a tha cumanta; ’se sin gum bheil crodh atoirt nis mo de bhainnenuair a dhionaltrar iad nanuair a bhiadhar iadsan tigh Tha a leithid de bheachd-smuain tur mhearachdach; oir mar as lugha an sgios fon cuirear bo ann am biadhadhsann as mo de bhainne a bheir i, agus tha abhaistbhigam fagail a muighsan fhuachd air oidhch, nogan rusgadh do mhor theas, agus dobhi air an lotadh le cuileagansan la, ’san t-samhradh, gle neo-thoinisgeach. Ann an aimsir iochdmhor gu dearbh faodar leigeadh leo am falbhan nadurach a ghabhail, agus agaibhse ann an iomadh suidheachadh feumaidh iadbhi air am fagail a muigh a chionn ged is dona an caramh e, cha tharar a sheachnadh a thaobh suidheachaidhur n-ionaltraidh, ach ge be uair a cheadaicheas cuisean, agus a ghna far nacheil ach teirc de bheathaichean gu sealltuinn nan deighe, biodhur fodar no feur air a ghiulan dhachaidh, agus air a thoirt dour crodh bainne a stigh, afagailur stoc ogus cruadalach gu ionaltradh a muigh. Ann an Suitserland, a tha nis beanntaicheil na agaibhse, agusan aitean far, a thaobh arda, nacheil arbhar ag abachadh, agus an luchd aitich ag earbsmhain air toradh an cruidh, tha aca an crodh as briagha agusis truimesan t-saoghal, amhain bhon churam a thair a ghabhail aig an toiseach ann an tarsuinnicheadh nan seorsan, agus an deigh sin ann am biadhadh le riaghailt agus aire a stigh. Tha nis mo na leth na fearuinn (a bhiodh agaibhse air fheurach, a thaobh a mhoir chaisead) ann an sud air uisgeachadh no air a dheasachadh agus a ghna am feur air a ghearradh gu biadhadh a stigh, far am bheil feur air ur ghearradh air a chumail riu,

[158]
[159]

agus than tomhas inneir a thair a thionail uath airson deasachadh an talamh fheoir an ath earrach an irebhi do-chreidsinn. Bu mhaith leam gum faicinn tighinn dlu do an doigh so agaibhse. Feumaidh curam nis mobhi air a ghabhail mu n- ’ur cruidh namhain an tionndadhmach gu criomadhnaird an lon, agus an ruagadh le coin air an ais a chum a ghrunna a chuirear air leth dhoibh, cho luathsa dhiarras iad pilltinnus iad-fein a thilgeadh air trocair an seilbheadairean airson fasgadh agus lon nis fearr. Chan urrainn sibhur crodh bainne a chus laimhseachadh, non caramh ro chaoimhneil, no idirur spreidh uile: oir tha fiadhaichead nadurach ar cruidh Gaidhealach ann an tomhas mor faoin-bharaileach mar a tha air a dhearbhadh le Mr. D. Stiubhartsna Heribh, a tha cho caoimhneil ri a chrodhs gum faca mise a tharbh atighinn direach le taitneas chuige gu faighinn a chaidreamh. Cheannaich mise fein bo a thug fo chaidreamh toigheach an fhir aig an robh i a roimhe 16 phintean bainnesan la, ach agamsa, le a h-ionaltradh colari treud chruidh, thuit i dheth sin gu 10 no 12 gun dail.

Ann an arach spreidh og na leigibh leo an sult a challsa gheamhradh, ach a ghna biodh agaibh beagan shneipean an tasgaidh, ged nach biodh iad ach gu cumail am mionaich fosgailte, agus gu bacadh tinneis, agus gheibh sibh e na chleachdadh gle luachmhor a thoirt do gach aon de n- ’ur beathaichean mun cuairt do 10 laithean an deigh an toirt bho fheur, agus an cuir a steach dour garadh fodrach nour bathach, mu lan an duirn de shalainn air a chuir a siosnan sgornan, ni a dhoibricheas mar phurgaid sheimh agus a bhacas droch thoradh chaochladh obuinn biaidh. Gu dearbh cha bu choir dhuibh a bhi idir a dheasbhuidh caoban air chor-eigin de shalainn chreag air an aitreabh a thaobh gun imlich na h-uile chrodh, chaoraich, agus eich e gu gionachail, agus tha e air leth feumail. Bheir cus shneipean do spreidh og taisbeanadh tana aig an am, agus uime-sin feumar an tomhas a riaghailtchadh le cuisean: Ach ainmhidh aig an robh beagan shneipean regheamhraidh, cinnichidh agus fasaidh e nis fearr air feur an ath bhliadhna, na aon air a bhiadhadh air feur saoidhe a mhain, ge air bith cho reamharsa dhfhaodas e a bhi aig an am, agus mar riaghailt choitchion dhainmichinn 3 no 4 shneipean meadhonach mor do gach damh gach la.

Nan robh mise gu tairgse comhairle a thaobh creicchruidh cho maith as a thaobh an arachchomhairlichinn do gach tuathnach beag a chuid beathaichean a chreic, aig bliadhna

[160]
[161]

dhaois ach an leithid a Bheathaichean boirionnsa dhfheudas a bhi feumail airson eumail an aird an stoc, agus gu h-araidh ma bhios a laogh air fhaighinn le deagh tharbh, mur bi e goirteach, ach afaighinn an tomhas feumail de bhainne, mhin, no lon eile aig an toiseach agus aire cheart a thoirt air an deigh sin; ’se sin, a chumail bla agus a leor shneipeansa bhuntata a chumail rissa gheamhradh, is coslach gun tiond emachna ainmhidh grinn, ma chuirear e air deagh fheurachsan Earrach; ach ma leigear leis fantuinn annur n-ionaltraidh mhall-fhasach eadhon an deigh deagh gheamhrachadh, ni annur suidheachadh-sa, as urrar nis ealamh a thoirt do aon no dha de spreidh nanuair a chumar aireamh mhor cuideachd, tha fhas air a stad agus gheibh e leis sin suidheachadh mhall-fhasach nach bi am feasd air a leasachadh. Ma bhios ma ta pris mheadhonach air a tairgsesan Earrach, mholainn gu laidir creiceadh; agus mur bi, mholainn feurach far am bheil an ionaltradh pailt, an t-aite blath, agus far am bi am fois neo-bhruailleineach le coin, a tha mi ameas a phlaigh as sgriosaile as urrar a smuaineachadh do na h-uile ainmhidh, agus cha leig mi-fein le cu a dhol idir am fagus do mo chrodh. Cha robh agam a riamh cu air mfhearuinn araich, a tha gun gharaidhean, le 50 bo bhainne agus an luchd-leanmhuinn, agus air mfhearuinn aig Conan tha agam am bliadhna 80 chiun spreidh, os cinn 20 a dheich, agus 650 a chaoraich gun aon chu air na laraichean. Thug mo bhuachaill ur leis 3 choinna chois, a shaoil leis a bhiodh air leth feumail da gu riaghladh an stoc, ach thug mi air gu grad 2 dhiubh a chuir air falbh uaith, agusam beagan sheachduinean an deigh sin dhaontaich e fein ris an fhear eile a chuir uaith, a chionn gun robh e dearbhte as ebhi ni bu mheasa na bhi neo-fheumail. ’Sen fhirinn, ged dhfhaodas cu a bhian uairean feumail, tha e, le cuir eagal air crodhus caoraich, ag aobharachadh iad a bhi da uair cho fiadhaichus ullamh gu dhol air seacharansa bhiodh iad air dhoigh eile. Ann an taghadh bo, tha na puincean a tha rin toirt fainear mar a leanas, agus tha micuir a chuid as feumaile air thoiseach; leud agus fad a droma oir leo sin a mhain imridh ibhi feumaila reisd luirgnean goiridus cliathaichean fadaceann beag, adhaircean finealt bog, uaine no buidhecoat tiugh laidir de fhionnadhan craicean fuasgailte, bogus sideach ri a laimhseachadhagus an t-earbal tana agus finealta aig a bhun.

titleCrodh
internal date1838.0
display date1838
publication date1838
level
reference template

Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p

parent textCrodh, Eich, Mucan, ’s an Euslaintean
<< please select a word
<< please select a page