Mucan. —An ath chuid do no bho tha mi ameas gur iad na mucan ainmhidhean as feumaile don choitear non tuathan-

[162]
[163]

ach beag, —gu dearbh tha a mhuc ann an seadh eigin na cuid de shoigh an luchuirt cho morsa tha i feumail airsonco-fhurt na teaghlaich as bochda, agus tha e atoirt dhomh fior thoil-inntinn a bhi atoirt aire gu m bheil sibh lion beaganus beagan afaighinn buaidh air a bharail fhaoin a bhac gus an am so iad a bhi air an cleachdadh gu pailtsa Ghaidhealtachd. Cia minig a bha mi air mfhailteachadh adol a seachad air cuid de bhothainean truagh le comhartaichus dragh 2 no 3 choin aingidh far nach robh aon fhail mhuc no comharraidhean cofhurt sam bithgan tairgse fein mar dhearbhachd air sithas pailteas don teaghlach, a dhfhaodadh a bhi amealtuinn mir muic-fheoil cuid buntata uisgidh, gun chosd sia sgillinn nis mo na na chumadh suas na coin ud a tha nan grainealachd chumanta. Tha fios agam air n- ’ur freagairt, gur iad na coin peataicheanur cloinne, ach cairson nach toireadh sibh do n- ’ur clann muc bheag mar pheat, agus an teagasg gu moch a bhi measail air sin a tha feumail, a roghainn air sin a tha aingidh? Chan urrani air bith a bhi nis grinne no nis glaine namhuc ma bhios aige gu leoir de bhiadhus leabaidh ghlan, agus bu choir dour clann a bhi gu moch air an teagasg gu bhi dichiollach ann a chumail glanus cofhurtach; oir air sin bithidh fhas agus a shult gu mor an earbsa. ’Sen seors a mholain duibh, an seors beag geal le barr nan cluasan air an tionndadhmhan, luirgnean goirid, corp co’ -dhluth agus ceann beag air dheagh chumadh. Tha e gle chruadalach, acothromachadh gu maith, agus areamhrachadh gu furasda. Tha moran dheur buaidh an crochadh air an t seors; oir tha iomadh de na seorsan fad-chasach ni sam bith ach buannachdail. Tha leth-sheorsan dhuthaich Bheirc mar an ceudna luachmhor: gu dearbh bithidh muc sam bith buannachdail ma bhios i de luirgnean goirid agus gunbhi ro fhad anns an t-soic. ’Nuair a cheannaichear og iad cha bu choir an toirt ro luath bho am mathar, a thaobh gum bheil iad an sin ullamh gu fas tinn, ach ma bhios iad laidir roimh an cuir dheth am mathar is ainnig a bhios iad buailteach do thinneasan. Cha bu choir idir an cuir dhethm mathar roimh 6 no 7 sheachduinean a dhaois, agus aig am am breith cha bu choir moran fodar a bhisan fhail air eagal gum saltrar air an fheadhainn og; no gun luidhear orra lem mathar. Gu tric feumar feitheamh air an t-sean mhuc air eagal gum mill i a h-al, agus bithidh 8 gu leor dhi gu arach. ’Secheud ni fail bhlath ullachadh a dhfhaodas a bhi beag, ach a dhfheumas aon earrainn di a bhi gu maith air a thubhadh agus am fosgladh

[164]
[165]

a bhi ris an deas ma thairear. Ni leth a bhiadh n- ’ur mucan arach ma bhios iad air an cumail glan, tioram, agus blath, ’sa dhfhoghnas ann an ait fuar, fliuch, agus salach; agus bithibh cinnteach as, ma chumas sibhur mucan cofhurtach, gum paigh iadur caoimhneas 10 fillte ann am feoil us bloinig. Is coir mar an ceudna airethoirt do larur fail mhuc, agus a chuid dhi a bhios fon tubhadh air a thogail nis airde na cach, agus leacan a chuir air a chum gum faodar ann an aimsir bhlath a nigheadh glan ma bhiosur fodar gann, a chionn nach iarr iad leabaidh an am sin. Cha mhor nach beathaich ni sam bithur mucan; rusg bhuntata, seamrag air a gearradhs air a goil, sneipean, corc, no eorna caol, agus sgribidheanur n-amairchean fuinidh; cnodhan daraich, uisge-glanaidhur poitcheansur soithichean, gidheadh cha bhi biadh as fearr air a thilgeadh air falbh le thoirt dhoibh; agus ciod sam bith a bheir sibh dhoibh biodh e air a ghoil no air a bhlathachadh an toiseach, agus a reisd a chuir a seachad re fad la no dha mus cuirear am feum e, a chionn gur firinn aithnichte gur luaithe a dhfhasas muc reamhar air biadh goirt na air biadh tur ur, agus ni leth na h-uiread de bhuntata air a ghoil, ’ur muc a chumailsa dheanadh le iadbhi eamh. Na leigibh idir leo a dhol air seachran mun cuairt a shireadh biadh, oir caillidh sibh leis sin anns na h-uile seadh; mur bi fainneachan nan sroin tionndaidh iad anaird agus millidh iadur fearuinn feoir, agus ma bhios fainneachan annta caithidh iad iad-fein ann an saothar dhiomhan gu cladhach. Tha gach labhios muc fuasgailte na chall cinnteach, a thaobh inneir a mhain a bhi de mhor luach, agus cha bu choir da uime-sin dealachadh ri fhail chofhurtach bho a bhreth gus am feumar e airson feum teaghlaich. Tha eagal orm gidheadh gum bheil e cho feumail gu toirt dhuibh cuid de riaghailtean airson doigh a chuir air n- ’ur cuid mucannuair a bhios iad marbhsan uair as beo dhoibh; oir tha e gle mhi-cheart an fheoil a ghearradhna mireansa sailleadh, ach le hamaichean a dheanamh dhisa tiormachadh an crochadh, tha agaibh annlann feumail leur buntata, &c., ach beag gach lasa bhliadhna, agus bithidh an seoladh a leanas air fhaotainn gle ghasda. Anns a gheamhradh an deigh a mhuc a mharbhadhsa ghlanadh, faodar a chlosaich a chrochadh air oidhch: air an ath la, sin i air a druim air bord laidir, no being, agus gearr dhi an ceann dlu ris na cluasan, agus na cosan cho fada fo na h-uilt as gu fagail rum airson a crochadh orra. An ath ni, roinn a chlosaich an airdam meadhon cnaimh an droma

[166]
[167]

agus le sabhadh, no gilb agus simid, gearr dheth na hamaichean. An fheadhainn dheiridh aig dara alt cnaimh an droma, agus an fheadhainn thoisich aig an aisinn as faisge don t-slinnein far am faicear feith fhola, ni mur gearrar as i tha i ealamh gumhilleadh. Thoir dheth croit gheur cnaimh an droma le do sgiansdo shimid, a reisd thoir na h-iomalan gu cruinn grinn dheth na hamaichean agus riaghailtich na cliathaichean. Feumaidh tu a nis leth cairteil peic de shalainn, aon unnsa saltpeter, cairteil unnsa de sal prunella, agus punnd de shiucar garbh a mheasgadh, agus na hamaicheanus na h-earrainnean eile a rubaigeadh leis, agus cuir an corr air uachdarleig leo luidhe mar so 3 no 4 laithean; a reisd cuir am measgadh rubaigidh ann an uiread a dhuisgesa dhfholaicheas na hamaichean, agus cuir ann salainn gus an snamh ubh ann. Goil agus siol e, agusnuair a dhfhuaraicheas e, cuir na hamaichean ann re fad ceithir oidhch deug; a reisd tionnd iad, cuir tuille salainn orra; agus bruth iad gu socrach le bord agus cuideam os an cinn. Ann an ceithir la deug nis fhaide tionnd iad a rithist, agus an deigh luidh seachduin eile no dha bu choir an crochadhnaird ann an ceo seimleir, agus na h-iomalan ri mulach rum blath gun tiormachadh. Feumar an ceann a roinn na dha leth le sgoltadh a chlaiginn, agus an uair a bheirear an eanachainn, na suilean agus an teangaidh as, tha e gu bhi air a ghreidhidh coslach ris na hamaichean. Bithidh agaibh a nis sliseag bhlasda de ham gu rostadh comhlariur n-uibhean, no thairis air n- ’ur buntata, agus sliseag mhuic-fheoil reisgte comhlariur n-aran no cal aig laimh ge be uair a dhfheumar e, agus ma bheirear an aire air gu caontach mairidh e eadhon ann an teaghlach mhor gle fhada, no faodaidh tu na caoban beaga a chaitheamh, agus na hamaichean a shailleadh, agus paidhidh iad uile chosdus biadhaidhur cuid muc. Ni na cluasan, an t-earbull, an eanchainn agus criomagan beaga a ghearrar de hamaichean ann an cumadh, deagh mhios na dha air an deagh rostadh ann an aghann le beagan peabairus salainn. Than t-athanuair a rostar e mar an ceudna gle ghasd, —agus ma ghlanar a bhloinig, le a goil no a leaghadh ann an aghan air teine caoin, agus a reisd ma ghleidhear i bho ghaoth le apacadh ann an aotroman, non soitheach criadhaich air a dhunadh dionach, chan emhain gun gleidh i fada, ach is mor gur fearr i na im ann an aghann-rostaidhur n-iasgsur buntata. Mar so tha gach earrainn den ainmhidh so air fhaotainn feumail, agus faodar gu fior a radh gur e a mhuc cairid an duine bhochd.

titleMucan
internal date1838.0
display date1838
publication date1838
level
reference template

Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p

parent textCrodh, Eich, Mucan, ’s an Euslaintean
<< please select a word
<< please select a page