An t-Each. —Thug mi fainear a bho ’sa mhuc an toiseach a chionn gu’m faod iad le ’cheile a bhi ann an seilbh an droing aig nach ’eil ach a mhain lios ri aiteach agus ruith ionaltraidh gu cuideachadh airson na ba: ach ge-b’ e-uair a bhios aig duine ni’s mo na aon acair, tha e do-dheanta ann an staid shiobhalta na h-oibrichean feumail a thoirt air adhart gun chobhair saothair ainmhidh. Tha mi ’radh ann an staid shiobhalta no rianail, de bhrigh ge b’e ait am bheil na boirionnaich air an cleachdadh, mar is tric a tha mi a’ faicinn, ann an traillealachd na beatha, feumaidh mi am meas mar dhaoine borb iad-san nach d’ionnsaich bho ’n diadhachd a bhi ag altrum agus a’ mealtuinn an tiodhlaic thalmhaidh a’s mo a thugadh a riamh do dhuine le a Chruthaighear fhialaidh. Am bheil mi ma ta a’ meudachadh na cuis ’nuair a deiream gu’m bheil sibh ro thrice ag isleachadh an cuspair a’s finealta de nadur cruthaichte a chum a bhi na traill agus na beathach eallaich, agus gu’m bheil mo chridhe a’ sileadh na fola ri ’bhi a’ faicinn ’ur mnathan agus ’ur nigheanan, gu dolaidh ’dheanamh do’n cuirp agus gu milleadh am maise, a’ cromadh fo shaic mhoine agus mhathachaidh, an fheadh a tha an companaich no am braithrean an sas ann an oibir a’s furasda: oir biodh fhios aig gach neach ’nuair nach toirear do na boirionnaich an speis sin a tha dligheach dhoibh—an uair nach suithichear iad mar a dh’orduich Dia anns an t-shuidheachadh shocrach, na co’ -chuidiche, tha an duine nach dean sin fo chomharraidhean fear-allaidh no an-iochdmhor. Cha’n urra dhomh cainnt ro laidir a chleachdadh air a phuinc so, a chionn gur ni e ris am bheil an duineachd fo ghris agus oillt, agus a chionn, air cho deigheil ’sa tha mi gu faicinn aineolas air a ruagadh air falbh agus siobhaltachd air a toirt air a h-adhart air feadh an t-shaoghail uile, gu’m feum mi a bhi dubailt deigheil gu fhaicinn smal air a glanadh air falbh uaibh-se ris am mo am bheil mo ghnothuich. Chuirinn uimesin le toil-inntinn failt air an nuaidheachd gu’n robh Barraichean-cuibhle agaibh-se uile an ait nan cleibh agus gu’n do cho-cheangail nabuidhean ann an cumail each beag no gearran eatorra ’nuair a bha na roinnean fearuinn beag, no gu’n robh aig gach aon each no dha do reir meud am fearuinn. Ni deagh ghearran le da chliabh (faic an dealbh) uiread ann an la ’sa b’ urradh ’bhi air a ghiulan le ceithrear bhoirionnaich, agus a reisd dh’atharraichinn ainm an eich agus theirinn ris, cairid nam boirionnaich. Labhair Martin Doile ann a litir gu a luchd-duthcha gu h-arda an aghaidh ’bhi cumail eich le
[170]Tuath-choitearan beaga, agus gu cinnteach ma chumar iad airson marcachd gu feilltean na gu reiseachd leo, do ’m bheil ’ar cairdean Eirinneach gu mor air an toirt, is beag feum a bhios annta airson tuathanas, ach do gach aon aig am bheil os cinn acair fhearuinn agus a tha deigheil air togail lon gu leoir airson a theaghlaich, tha seirbhis eich air leth feumail. Ann an iomadh choirean tha mi ’smuaineachadh gu’m biodh e iomchuidh dhuibhse na h-uiread ’sa bhliadhna a phaidheadh do nabuidh airson feum a chuid eich cho liugha de laithean aig amain araidh de ’n bhliadhna, agus na’n co’cheangladh na h-uiread de mhuinntir airson na h-uiread de bhliadhnaichean ’san doigh so, bhiodh suim air a dheanamh cinnteach a dh’fhoghnadh gu thoirt air aon tuathanach airgiod a chuir a mach ann an ceannach ’sann an cumail ’naird eich airson an toirt air dhuais do a nabuidhean. Dh’fhaodadh moran a bhi mar so air a dheanamh le seoltachd ghlic airson 20 tuathanach beag aig am biodh aig gach fear 2 acair ’us leth acair fhearuinn aitichte, b’ urrainn doibh 20 tastan am fear a thoirt, agus airson an t-suim sin mor chuideachadh ’bhi aca ann an cuir air adhart an oibre. Mar so faodar a chunntadh le 2 acair ’us leth-acair an sas agus fo dheagh thuathanas, gu’m bi leth-acair ri threabhadh ’naird bho sheamrag airson coirc, ’us bithidh mar sin 10 acairean ameasg 20 tuathanach: agus a thaobh gu’m bi na mirean rud-eigin sgapte, cheadaichinn 3 seachduinean ’an ceud mhios an Earraich airson a dheanamh, a’ tarruing chruinn a thaobh co an grunn ris am bu choir toiseachadh an toiseach, agus fagail seachduin airson treabhadh cuid fhir na’n eich fein. A risd bhiodh leth-acair eile air a threabhadh airson eoirne no coirc an deigh bhuntata ’san t-sneip an uiridh, agus dh’fhaodar so a dheanamh gu furasda ’san doigh cheudna ann am Mios a Mhairt. A thaobh gu’m biodh earrainn mhoir de ’r mathachadh ri bhi air a ghiulan a chum an raoin agus an sin a chuibhrigeadh ’naird gus am feumar e le seirbhis an eich airson ceithir la; 2 ann am mios dheireanach a gheamhraidh agus 2 ann ’mios dheireanach an earraich airson gach fear dhiubh; ni a b’ urrar gu furasda a dheanamh agus gidheadh uin a leor a bhi aig fear na’n eich gu saothrachadh fhearuinn bheag fein. Le leithid so de chobhair dh’fhaodar faighinn ’tre mhoran ni’s mo de dh’oibir na aig an am so, agus dh’fhaodar talamh bhuntata ’san t-shneip a ruamhradh leis an spaide ni a chuireas e ann an cor a ’s fearr ’s ’us glaine na b’ urrar a dheanamh mar a b’ abhaist leis a chrann. Theagamh
[172]gu’m faighear la na dha a rithist ’san fhoghair, am an fheoir, no gu toirt dhachaidh buntata; ged dh’fhaodar sin a dheanamh leis an teaghlach, cho maith ri toirt cuid de na mhathachadh ann am Barraichean-cuibhle gus a chuid a’s faisge de’ n talamh. Gu labhairt gu coitchion, chomhairlichinn each a bhi air a chumail eadar gach dithis nabaidhean, air chor’s gu’m biodh da each airson treabhadh ealamh airson fear sam bith de na cheithrear thuath. No, ’nuair a bhios na tuathanais ni’s mo, feumaidh aon each no ni’s liugha a bhi air a chumail leis gach fear. Is urrar so gu furasda a riaghladh do reir chuisean, ach cha choir aon each a chumail thar na dh’fheumar airson saothair, a thaobh gur e sin an t-aon doigh ’san urra e paidheadh airson a ghleidhidh, agus anns gach cuis biodh ’ur n-each air a chumail ann an deagh shult feola. Cha’n’ eil ni a ’s mi-bhuannachdaile na each oibreach gortach; oir a thuilleadh air deanamh beag oibir, bithidh an t-ainmhidh truagh neo-chomasach gu deanamh sin fein gu maith no gu luath. ’Se ’n cunntadh cumant gur leor da each air an deagh chumail gu aiteach 50 acairean, no 12 eich airson 350 acairean, ach is gann 2 each airson cho beag ri 50 acair, a chionn gu’m bi iomadh gnothaich fheumail eile ri dheanamh a chuireadh feum air tri-amh each: air an aobhar sin chanainn gu’m b’ fhearr 70 no 80 acair a ghabhail cuideachd, agus dheanadh tri eich a reisd an oibir aig an aon chosd ’sa dheanadh iad 15 no 20 no ni’s lugha. Ma bhios agaibh mir de dh’fhearuinn bhochd bhan dlu dhuibh cuiribh e le conasg a tha na lon comharaichte airson eich ’sa gheamhradh. Faodar a ghearradh le clann agus an deigh sin a bhualadh le suist, gu bruthadh an fhiodha, no a phronnadh min le sgionan, ni a’s fearr a chionn gu’m bi ni’s mo de’n t-suth air a chumail na ’nuair a bhruthar e le bhualadh. ’San doigh so faodar cairteal acair a bha a roimhe neo-fheumail a bhi air a dheanamh freagarach gu cumail suas each, agus le beagan fodrach a chumail reamhar agus sleamhain, an ire mhaith re fad uile mhiosan a gheamhraidh. Anns an t-samhradh ma tha ’ur n- ’eich air an tionndadh ’mach gu feurach, agus ma’s fheudar maille a chuir orra bho dhol thar chriochan le an cosan a cheangal, biodh na cuibhrichean gu toigheach air an deanamh de chraicionn, agus air a dheagh lionadh agus air a linigeadh le cloimh no a leithid sin de ni bog. Ach is e an doigh a’s fearr mir fiodha 2 throidh ’us leth throidh fhada agus 3 no 4 eorlaich thiuighead a cheangal ri aon chos, agus atharrachadh ma’s e ’s gu’m bi an craicionn
[174]air a rubadh dheth: Bhur doigh an trathsa air ceangal an cosan le ropain beatha is borb e cho maith ’us is an-iochdmhoir e, agus tha e cinnteach gu dolaidh ’dheanamh do shubailteachd na’n luidheanan le fada chleachdadh: an aite sin tha am maide a cheart cho eifeachdach agus ni’s lugha dolaidh. Ach gu dearbh is gann is coir do eich oibrich, coslach ri crodh bainne, cead idir fhaighinn gu ionaltradh, oir sgiosaichidh iad iad-fein le siubhal a’ sireadh lon, bithidh dragh air a chuir orra le uisge fuar no cuileagan, agus caillear gu tur am mathachadh luachmhor le e bhi ruisgte ris an aimsir air dha tuiteam uatha ’s na raointean; Gidheadh, faodaidh eich og dhiomhan ruith a mach aig na h-uile am; oir tha’n t-each na ainmhidh gle chruadalach: Ach feumaidh an t-each oibrich airson fois an uin am biodh e ’san raon a’ sireadh a lon, agus is deagh choirc, feursaidhe, peasar-eich, agus seamrag air a buain, an ni, mar dheagh sheirbhiseach, air am bheil coir aige duil bhi ris. Biodh ’ur coirc air a bhruthadh ’sa mhuileann, air a ghoil no air a bhogadh mus toirear e dhoibh, agus fos air a mheasgadh le moll, feur proinnte, no fodar, agus bithidh iad moran ni’s beathachaile na ’nuair a bheirear e slan agus tioram dhoibh: Tha eorna caol no cruithneachd caol mar so air a chleachdadh na bhiadh gasda airson eich agus le chrathadh thairis le salainn gheibhear e gle tharbhach dhoibh. Ann an ceannach each tha tearc de chomharraidhean a sheolas sibh ni’s fearr na beachdan foghluimte fada air bith air na caochladh puincean oirdheirceis. Ma tha aig each ceann beag agus cluasan goirid biorach air cumadh cluasan sionnaich, earb ris nach h-urrainn thu dhol dochair ann a cheannach. Gu dearbh tha an teist so cho chinnteach ’s nach luaidh mi ach a dha eile; luirgnean goirid agus aisinnean cruinn air chumadh baraild, air dhoibh a bhi cho dlu ’sa ’s so-dheanta do chnaimh na sleisd, no na cruachainn. Cha’n’ eil deagh each air bith gun aon de na puincean so, agus aig na h-eich a’s fearr tha iad uile. Anns an aite am bheil sibhse, far am bheil agaibh beag oibre ’san t-samhradh tha cumail lair-eiche gle iomchuidh a thaobh mur toirear orra cuideaman trom a ghiulan air an druim faodar an cleachdadh gus an uair am bi searraich aca, ach feumar beagan laithean fois a leigeadh leo an deigh in agus oibir ni’s eutrom. Gu dearbh cha’n’ eil mi a’ faicinn c’ airson nach fhaodadh sibh ’ur crodh a chleachdadh ’an uairean airson oibir raoin, an darna cuid ris a chrann no’n cairt, oir tha mi ’ga fhaicinn gu conn-
[176]bhaileach air a dheanamh ann an Tuscanie agus ’an Suitserland, agus ma bhiadhar gu maith iad, cha chuala mi riamh gu’n d’rinn e ’n ciuradh no am bainne a laghdachadh. Bibh gle thoigheach ann an taghadh stalain, agus paidhibh airgiod air bith airson deagh fhear a roghainn air fear suarrach a nasgaidh. Bu choir da bhi aige, ceann beag, cluasan goirid, suilean a’ seasamh ’mach, luirgnean goirid, broilleach farsuing, agus aghaidh arda. Feumaidh a ghairdeanean ’sa shliasdan a bhi leathan ’us feitheach, druim direach ’us leathan, agus a bhodhaig fada, ach gun mhor fheadh ’san loch-bhlian eadar na h-aisinnean ’us cnaimh na cruachainn.
title | An t-Each |
internal date | 1838.0 |
display date | 1838 |
publication date | 1838 |
level | |
reference template | Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p |
parent text | Crodh, Eich, Mucan, ’s an Euslaintean |