Eoin Thighe.— ’Se so an t-aon chean cocheangailte ri nithe beo na tuathanais ris nach do bhean mi, agus tha an riaghladh cho cumanta do gach beanus leanabh ann an ceithir earrainnean an t-saoghail, ’s gum faodar a shaoilsinn gur beag a burra dhomh-sathairgse airsonur toirt fainear, agus gidheadhnuair a chuimhnicheas sinn an lionmhoireachd eoin a tha air an caitheamh, an luach ann an Lunnainn amhain aruigsinn gu ceud mile pund Sasuinneachsa bhliadhna, agus am mor thoradh ann an uibhean, is cuideameach a phuinc e airson gach

[182]
[183]

coitear; oir bu choir a bhi aig gach aon diubh, aig a chuid as lugha, 3 no 4 chearcain, an fheadh a dhfhaodas, ann an garaidhean tuathanais an aireamh agus an caochladh seorsan, mar thonnagan, phulaidhean, &c. a bhi a reir an tomhais sil a tha coslach ribhi gu do-sheachanta air a sgiotadh, agus a bhiodh gu tur air chall mur biodh iad-san ann, ullamh gu stad a chuir air an ana-caitheamh neo-fheumail so. ’Se so a mhain a tha leigeadh le eoinus uibhean a bhi air an creic cho saor; oir nan robh an lon uile air a cheannach, bhiodh an cosd ceithir fillt, agus chaneil min teagamh nacheil daoine uailse apaigheadh aig a chuid as lugha 5 tastain airson gach isean a tha air arachnan cuid garaidhean greadhnach fein. Ann an labhairt mu na seorsan a tha rim faotainn anns an duthaich againne, toisicheam leis an eun chumanta, mar a bhi an t-eun as luachmhoire a thagainn, co dhiubh bheir sinn fainear a bhuaidhean cruadalach no am meas cumantatha air aig gach bord bhon aon as ilse gus an aon as airde; ach tha an seors eoin a tha agaibhse cho measgte agus gu minig air am milleadhs gun comhairlichinn dhuibh thoirt nan ait na Dorcaich le luirgnean gealaus cuig meoir, air neo an seors dubh Spainneach le cireanan moraus luirgnean geala a roghainn air an t-seors bheag thruagh a thagaibhs a chumantas. Tha an da sheors so nan deagh eoin bhreith, atoirt uibhean mora, gu furasda air an deanamh reamhar, gun dhol fad as bhon dachaidh, agus atoirt pris nis airdesan fheill na seorsan air bith eile. Gun amharus, maille ris na h-uile eoin, tha iadsan aig am bi luirgnean geala gu bhi air an roghnachadh, ach tha na seorsan seilg le luirgnean uana no buidhe gu cumanta gu bhi air an seachainneadh airson iad a bhi maoth ri arach an fheadh a tha iadsan le luirgnean dubh gun a bhi cho measail air feill, airson am feoil a bhi dorcha, agus ciod air bith an dath ma bhios an luirgnean fada chan fhiach iad an cumail. Na puincean sonruichte ri thoirt fainear maille ri eoin, is iad uibhean, arach, ’us deanamh reamhair, agus freagairidh mo bheachdan do na seorsan uile a luaidheas mi an deigh so cho maith as do na chearc chumanta; oir chaneil a run orm idir sgribheadh air na muirnealachdan air am bheil cuid cho deigheil, agus faodaidh na h-uile a mholas mi a bhi air a chleachdadh le gach neach gun chosd nis mo nas abhaist a chuir a mach.

Uibhean. —Si nead a cheud ni ri aire a thoirt, agus bu choir a suidheachadhsan tigh-chearc cho fada bho an irissa tharar, air dhoigh nach bi dragh air a chuir aig am sam bith air na h-eoin, aon chuid aig breith no air ghuir. ’Siad bascaidean,

[184]
[185]

tha mismuaineacheadh, as fearr na bocsan, agus ged is beag a dhfheumar a dhfhodar, biodh e a ghna air a chumail urailus glan, oir mur toirear an aire do so, bithidh na h-uibhean air am milleadh ann an tearc a dhuairean an deigh am breith. A chum uibhean a ghleidheadh urailus maith, bu choir an cuir gun dail ann an soithichean lan de bhurn aoil, no an suathadh thairis le geir mhuilt no le bloinig, agus an suidheachadh air an cinn; oir ma chuirear air an taoibh iad, ceanglaidh am buidheagan ris an t-slige ni a mhilleas iad ma ghleidhear fada iad. Na cleachd im gu suathadh uibhean leis, oir fasaidh e gu luath grod agus millidh e iad, ’s na leig leo-san a shuathar le bloinig a bhi osceann mios gun tionndadhs gun ath shuathadh; achse uisge aoil doigh moran as saora agus as lugha dragh; oir gleidhidh iad mar so gu maith airson 6 miosan ma thionndar an uairean iad. Chaneil ni air bith as mo a chuidicheas gu thoirt airur cearcan breith gu pailte na blaths, agus ma bhiadhars ma chumar socrach deagh chearc ghearr luirgeanach, beireas i 150 a dhuibhean, a thuille air al eoin arach gach bliadhna. Is droch ghleidheadh uime-sin a bhi a cumail cus chearcan leth ghortaichte; oir bithidh 3 no 4 air an deagh bhiadhadh nis luachmhoire ma bheirear an aire dhoibh na bhios a dha uiread air dhoigh eile; agus mur bi ach 6 cearcan air an gleidheadh ri aon choileach bithidh nis siol-mhoire nanuair a bhios an aireamh chearc nis mo. Air do bhlaths a bhi cho feumail, chanemhain gur coirur tigh-chearc a bhi le aghaidh ri deas, agus a bhi saor bho aitidheachd no thungaidheachd, ach a bhi air a thogail air dhoigh gum bi blaths seimleir a ruigsinn air, agus is furasda so a dheanamh le leac mhoir a bhi an ait balla tiugh aig culaobhur n-aite teine, agus an an tigh-chearc a shuidheachadh ris sin air a chul; no mas annam meadhonur tigh a bhios an seimleir, faodar aite beag freagarach airson iris do 5 no 6 chearcan a chuir a naird ris an t-seimleir os ceann an tubhaidh, agus na neid a bhisa bhathach, far nach faod na h-eoin a bhi idir air an leigeadh gu spardan, a thaobh gun loisgs gum mill an inneir an crodh. Chanemhain gun robh aig na Eiphitich an tighean chearc air am blathachadh, ach thug iad a mach miltean a dheoin ann an aghannan blathaichte, agus tha tunnagan og luathrach a nis air an arach le steama airson feill Lunnuinn.

Than Tunnag na eun glefheumail ma tha agaibh puill

[186]
[187]

no sruthanan laimh ribh. Beiridh iad moran uibheansan earrach, agus araichaidh iad an al le gle bheag cuidichidh; ach chan fhaodar leigeadh le tunnagan og a dhol gu mor ann an uisge gus am bi iad seachduin a dhaois, a chionn gum bheil iad ullamh gu basachadh le fuachd. Ma bhios poll, no magh dlu dhoibh, far an urraiad deanamh air an son fein, cha mhor aire no siol-bhiadhadh a ruigeas iad a leas thairis air a cheud bheagan laithean, a thaobhg ur meanbh bhiastagan am biadh as annsa leo. Bhiodh 6 tunnagan, tha mi saoilsinn, ni bfheumail do theaghlach dhuine bochdsan earrach, na a ghabhar as fearr, agus ann an coimeas neo-chosdail, sgun leth a dhragh a thoirt do neach. Tha aon rac gu leoir airson 6 tunnagan.

Tha Pulaidhean nan eoin bhriagh agus luachmhoir, ach chaneil iad gu furasda air an arach, agus ithidh iad moran. Ma chuireas sibh na h-uibhean fo chearc chumant, agus a cumail a steach, aleigeadh leis na h-iseanan ruith mun cuairt agus caochladh biadhan a thoirt doibh, lem biadhadh air deanntagan prointe agus blathach no bainne goirt, gruthus min-choirc, cinnichidh iad an eatorras mhaith, ach feumar an dion bho fhluichadh cho morsa thairear, mar as coir a rireadh na h-uile eoinnuair a bhios iad gle og. Gu faighinn gruth aig am sam bith, cha ruig sibh leas ach mir a dhalum a ghoil anns an tomhas bainne blath a dhfheumar, agus bithidh e deiseil ann an uair do rabhaidh.

Cha ruig Geoidh a leas ach beagan toigh, ach salaichidh iad moran de thalamh feoir, ma bhios moran diubh air an cumail, agus tha iad gle challdach anns an iadhlann, le spionadhmach arbhair as na cruachan; ach far am bheil uisg no blar gu biadhadh air, faodar gu buannachdail an arach, agus faodaidh dusan a bhi air an creicsa bhliadhna le coitear, le gle bheag chuir a mach. ’Nuair a thig an t-al a mach as na h-uibhean, na leig ar seachran iad, ach na duin a steach am mathar. ’Se garadh no sabhal falaimh an t-ait as fearr airson a cheud seachduin, ’gan leigeadh a mach 2 no 3 uairean gu biadhadh air feur. ’Nuair a bhithear airson am biadhadh airson feill, cuiribh iad air ur n-as-bhuain, agus aig an tigh, biadhaibh iad air sneipean eamh prointe, agus uisge le gle bheag coirc no eorna.

Tha mi a nis acodhuineadh a chinn so le toirt fainear, gur ceann e nacheil idir neo-thoiltinneach airur n-aire; oir faodaibh suim nach beag a bhi mar so air a thionndadh thairis gach bliadhna le bean-tighe churamach choitir, le beag

[188]
[189]

saothar agus beag chuir-amach. Gheibh na h-eoin, na h-uibhean, agus na h-itean uile luchd-ceannach, agus faodaidh an toradh a bhi gu h-iomchuidh air a chuir a mach le boirionnaich, na teaghlaich air na goireasan beaga ud a leigeas a ris an aon uair am blas agus an deagh riaghladh.

titleEoin Thighe
internal date1838.0
display date1838
publication date1838
level
reference template

Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p

parent textCrodh, Eich, Mucan, ’s an Euslaintean
<< please select a word
<< please select a page