[189]

EUSLAINTEAN.

Tha na h-euslaintean dom bheil na caochla sheorsan ainmhidhean-thighe buailteach lionmhor agus iomadh-fhillteach, ach ann an leithid de leabhar ghoirids a than te so, chan urrainn duinn ach beachdachadh air na h-euslaintean as cumanta dor duthaich fein, agus bheir mi steach bho chaochlaughdairean na meadhonan leighis agus na doighean as simplidhe.

EUSLAINTEAN CHRUIDH.

Tha Sgaineadh Chruidh, bho itheadh cus seamraig, no buntata, &c., chanemhain cumanta, ach gle mharbhtach. Tha cuir trompa inneal Enema Mhr. Reid, an uair a bhios e aig laimh an irebhi na leighis cinnteach. Tha probang Dhoctair Munro, mar an ceudna, na mheadhon leighis shabhailt, agus mur urrar fhaighinn, faodar laimh cuip fhada chairn, le cnap de ni bog sam bith air a ceann a chuir gu socrach a siossan scornan, a steach do na stamac, air chor as gun leig e as a ghaoth. Tha deoch laidir de burnus salainn air a thoirt, mar an ceudna eifeachdach, agus ann an cuid de choirean tha ola air a moladh, agus mur bi meadhon leighis air bith eile aig laimh, ’s urrar sgian pheanaichean gheur a chuir a steach eadar cnaimh na cruaichuinn agus an aisinn mu dheireadh air an taobh chearr, agus an deigh sin piob de it, no rud-eigin gu cumail an tuill fosgailt a chum a ghaoth a leigeadh as.

Tha Uisge Dearg, no teas ata nan airnean nis fearr air a leigheas le tric chliostairean blath, agus cuir uisge blath ris an druim agus ris na leasraidh. Feumar nithe fual-bhrosnachaidh a sheachnadh. Tha iomadh a toirt tomhasan de mheog ri ol.

Tha Breigh Laoigh gu tric cunnartach bho thighinn tarsuing. Ann an leithide sin de choirean, chanemhain maille ris a bho, ach fos maille ri laraicheanus caoraich, &c., tha na h-uile oidhirpean ainneartach gu tharuing air falbh cunnartach. Cho luathsa thaisbeanas an ni mi-nadurach, feumar[190]


[191] a chuir air ais leis an laimh gu socrach mur bi pian a lathair, agus a thionndadh gu a shuidheachadh ceart, an deigh sin faodaidh cuideachadh seimh a bhi air a thoirt, ach a mhain an uair a bhios an t-ainmhidh ann an ospagan na saothair.

Tha Lobhadh fos na ghalar cumant’, agus gu coitchionn ag eiridh bho dhroch bhiadhus caramh neo-churamach. ’Siad biadh tioram beathachail, blaths, agus an uairean tomhasan de ola Chastoir, na leigheasan as fearr, agus faodar salainn a thoirtsa bhiadh ann an tomhasan beaga le deagh eifeachd.

Tham Bracsie cumanta araon do chrodhus chaoraich, agus tha e gu minig gle sgriosail. Bu choir lan an duirn de shalainn tioram a chuir a sios ann an sgornainean nan uile chruidh og gu trathailsa gheamhradh mus cuirear a steach iad, agus ma dhfheumar, faodar fuil a thoirt dhiugh. Feumar an aitsam biadh a chaochladh, agus toigh a thoirt gu gluasad ceud thaisbeanadh teannachaidh mhionaich le toirt purgaidean, sneipean agus biadh lasachaidh dhoibh.

EUSLAINTEAN MHUCAN.

Gu fortanach chaneil na Mucan buailteach do mhoran euslaintean, agus air an aobhar sin is beag aire a bha air a thoirt don chuis so le luchd-sgribhidh mu euslaintean bheathaichean. Tha ola air a toirt an leth-stigh air a moladh, agus tha nigheadh ann am burn blath a toirt mor shaorsainn; ach sa chor so bu choir an deagh thiormachadh agus an rubaigeadh an deigh sin gu bacadh fuachd.

EUSLAINTEAN EICH.

De na h-uile ainmhidhean a bhuineas do thigh, ’s en t-each as buailtiche do euslaintean agus thubaistean de iomadh seors, agus tha eolas leighis bheathaichean atighinn air adhairt gu cabhaigeach a nis, air chors gum bheil an leighichean ach beag cho sgilear sa bhaar leighichean fein o chian beagan cheudan bhliadhnaichean. Gu sealbhach airson tuathanaich tha euslaintean eich nis buailtiche dhoibhsan a tha air an cumail airson soghalachd, agus dhoibhsan a tha airson coslais air an atharrachadh bhon staid nadurrach mar nach eil iadsan a tha air an cleachdadh ri gnothaichean tuathanais. Chanemhain gum bheil an t-each reise gearr-bheathach, achs iad tubaistean agus tinneas a luchd-feithidh chonnbhaileach, ach basaichidh an gearran air n-ar cnuic Ghaidhealach aig lan shean aois gun lanns a riamh[192]


[193] fhaireachdainn no bhi tinn le aloe searbh leighich sheolta eich. Gidheadh chaneil each sam bith nacheil buailteach do araon tinneas agus crubaich, agus beachdaichidh mi air tearc de na coran as cumanta.

Siad Teasaich agus ainteasean na h-euslaintean as cumanta, agus air an son-san tha an ioc-shlaint simplidh; tarruing fola agus cliostaradh maille ri biadh fuaraidh, ach feumaidh an tarruing fola a bhi ealamh agus gun eagal cus a tharruing di. Cum an t-ainmhidh meadhonach blath, agus biadh air biadh bog gus am bi e gu h-iomlan air a leigheas. Ma bhios ain-teas sgamhan geur-theann, bliostraig e air gach taobh direach an cul- ’aobh a ghairdeanan.

Tha Biastan mar an ceudna cumanta, agus leigheasar iad le salainn air a thoirt gach la anns a bhiadh, —le tomhasan de ola an Turpanaidh bho 2 gu 3 unnsaidhean gach tomhas, air a mheasgadh le buidheagan uibhe agus leth-mhuitshcin leanna, no gaoist eich air a pronnadh mins air a measgadh maille ris a bhiadh. Tha biastan air a leigeadh ris le rannsuchadh an inneir, no leis an each a bhitachas a thon, leis an fhionnadhbhi seasamh air a cheann, no le taisbeanadh geal no buidhe fo an earball. Tha iad cuid a dhaman gle chunnartach.

Tha Lampas, no fas thairis air na fiaclan gu tric afagail eich og lag agus caolg an cumail bho chnamh. Lot an earrainn gu maith le sgian pheanaichean air chors an fhuil do ruith gu saor an toisich, agus mar dean sin an gnothaich feumar a losgadh dheth le iarrunn teth agus a rubadh le salainnus burn.

Chaneil an Tuanalaich neo-chumanta, agus faodar a leigheas le tarruing fola air ball: —mur bi lanns aig laimh, lot uachdar a bheoil gu maith le ruinn sgian pheanaichean air chors gun sil an fhuil gu saor, agus nigh a bheul le burn an deigh sin.

Than Galar Greidh cho chumanta maille ri eich ogsa thaghruithrach maille ri clann. ’Nuair a ghlacar leis e aig feur, is tric a leighiseas e e-fein, ach mas ann san stabul a ghlacar leis e, bithidh a chuir a mach cunnartach. ’Siad plasdan teth ris na peirclean agus ris an sgornan an doigh leighis as fearr, agus biadh fuaraidh proinnte agus burn blath ri ol.

Tha Doille air a bhacadh le tarruing fola, purgaid agus biadh anmhuinn maille ri iomairt mheadhonach agns pailteas ailidhus stabuill fhionnar.

[194]
[195]

Mur toirear aire do Chasdaich tha e ullamh ga criochnachadh ann am briseadh anail; agus is coir fuil a tharruing air ball cho maith as cliostairean, blaths, agus ma dhfheumas, purgaid, a chleachdadh.

Chaneil an Greim-mionaich idir neo-chumanta aig eich oibrich, agus tha e gu minig basmhor. Tha cliostairean gle ghasd, agus deoch de uisge blath no leann maille ri da dghlainne uisge-bheatha laidir, no uisge laidir an turpanaidh, agus glainne laudanum chumanta agus peabar, gle fheumail gu beothachadhus neartachadh. Bu choir a bhroinn aig an am cheudna a shuathadh gu seimh le aodaichean blath, no le crios air a chumail le neach air gach taobh dheth.

Is coir buntainn ri Fual-euslaintean mar a tha air a sheoladh (mu Uisge dearg) airson a bho, agus tha beagan niter, uireadsasurrear a chumail air sia-sgillinn gheal air a chrathadh thairis air a chorc na leigheas shabhailt agus fheumail.

Tha Crubaicheg eirigh bho chaochladh aobhairean, ach is en t-aobhar as cumanta, droch chuir chroidhean, agus leis sin milleadh nan cos. Bu choir do na croidhean a ghna bhi cho farsuings as comasaiche, aig na sailean, ’bhi gu tric air an gluasad, na sailean air am bearradh a mhan, agus na toisichean air an giorrachadh; oir a dheasbhuidh sin feumaidh gum gum bi crupadh as crubaich gu leanmhuinn. Chan urrar crubaich bho sguchaidheans na luirgnean a leigheas ach le falcaidhean, stiom-cheangail, agus fois.

Tha Ata agus Ruith nan Sailean na aobhar ghearain chumant, agus is ann a tha eg eirigh bho charadh neo-churamach, bho dhroch-ghlanadh stabuill, easbhuidh iomairt agus droch bhiadh. ’Nuair a thaisbeanas e, feumar uimesin an airethoirt do na puincean so an toiseach agus an leasachadh. Gearr air falbh a ghaoist bho na sailean, agus tiormaich iad le suathadhnuair a bhios an oibir thairis, anigheadhmach salchar air bith asda le siapan laidir bog. Ma bhitheas iad gle olc feumar plasdan blath de chath a chuir riu, agus an uair a bhios iad afaiginn nis fearr, ma shuathar iad re fad 2 no 3 laithean le bloinig agus ma nighear iad le uisge sulphate sinc, uair mu seach bithidh iad air an leigheas.

Tha Cornan gle dhraghail agus tha iad a ghna air an aobhrachadh le droch chuir chroidhean agus gun na croidhean a ghluasad tric gu leoir. Gearr iad agus deasaich iad le tearr[196]


[197] ’us asgairt a’ toirt aire nach bi na croidhean adol a seachad air na h-earrainnean; ach is furasdam bacadh nan leigheas.

Bu choir Sgoltaidhean Gainmhich a bhi air an lionadhnaird le tearrus bloinig agus an iomalan a lomadh mhan gu tric gu thoirt orra fas nis ealamh.

Tha Ruith-ghoirteas ann an sgoltaidhean nan cas aig eich thuathanais neo-chunnartach. Nin cumail glan gu cumantan leigheas.

Bu choir Leointean fhuaigheal gu grad an aird agus am fagail gu leigheas le am fuil fein, ni sen leigheas as fearr uile. Feumaidh an lon a bhi lag, agus feumar fuil a tharruing ann an 12 uairean an deigh do an leon tachairt. Ma theasaicheas e, bogaich e le burn teth; ach ma dhiongraicheas e feumaidh tu plasd de chath, fhion-gheur, agus uisge a chuir ris. Stadar ruith ainnearteach fola le teannachadh, no mur bi e ro dhona, le lion-an-damhan-allaidh agus alum air a phronnadh. Ma thaisbeanas breothadh, cleachd alum loisgte agus cuir beirm anns na plasdan.

Spoth, is ni e a dhfheumas a chuid as lugha de eich og fhulang, agus tha e gu cumanta air a dheanamh gu maith le daoinesan duthaich a tha cleachdadh a dheanamh. Na h-aon roimh-airean is iad fuil a tharruing da la roimh an oibreachadh agus an t-each a chumail fionnar an deigh sin. Tha e nis sabhailt a dheanamh aig aois bliadhna; ach a thaobh gur doilich an uair sin na h-ainmhidhean as fearr a ghleidheadh airson stalanan a thaghadh, leiginn dail leis gu 2 no eadhon 3 bliadhna, aig an am sin foillsichidh na comharraidhean nis mo, agus is urrar an fheadhainn as neo-fhiughail a spothadh.

Se Tarruing Fola an doigh leighis as furasda agus as cumanta anns na h-uile chnatain, theasaich, agus ainteas, agus tha a bhuaidh an earbsa gu mor air abhi air a dheanamh aig toiseach na h-euslaint; oir ma chuirear dail air, tha e, chanemhain, neo-fheumail, ach cunnartach. Ceangail streang gu teannd mun amhaich, ni bheir air an fheith ata. Fliuch agus sleamnaich a sios am fionnadh, air chors nach bi stad air a chuir air an lanns, agus deanar am fosgladhsan fheith gu maith farsuing, mu leth eorlaich a dhfhada. Is coir do each mor fo ainteas bho 8 gu 10 cairtean a chall aig an toiseach, agus eich as lugha do reir sin. An deigh an fhuil a tharruing, duin am fosgladh le prine a chuir troimh gach taobh dheth, ach seachain an craiceann a tharruing air[198]


[199] falbh bhon fheith, air eagal dad sam bith den fhuil luidhe eadar an craiceann agus an fheith, agus goirteas aobharachadh. Fill snath no asgairt mun cuairt do na phrine gu teannd agus an ath la tarruing a mach am prine, air eagal gun iongraich e an amhaich.

Tha Cliostradh, mar an ceudna, gle fheumail ann an teasaichean, &c. agus cha bu choir ebhi air a dhearmad. Tha aotroman mor muic no daimh le piob fiodha ris gu leoir airson an aobhar sin. Faodar uisge blath, siabunn bog, agus ola a chuir a steach, agus ma dhfheumar, a dheanamh a rithisd, leis an tearuinteachdsa bhuannachd as mo. Ma bhios am mionach gu mor air a theannachadh, thoir air falbh an inneir chruaidh as fhaidemach le laimh chaol air a deagh shuathadh le bloinig. Mur dean uisge teth, siabunn laidir. agus ola an gnothaich, cuir salainn comhladh riu, agus ann an ainteas ainneartach cuir a steach uisge teth, ola chastoir, ’us laudunum. Bheir Bogachadh le burn blath, agus plasdan cathus burn teth saorsainn iongantach ann am bruthaidhean no sguchaidhean, agus feumar am mairsinn re seal. ’Se an doigh as fearr, bogachadh le uisge teth airson beagan uairean, agus an deigh sin plasdadh le pronn no cath thethga ghluasadnuair a dhfhuaraicheas e, agus plasd ur a chuir ris.

Cha choir Purgaid a thoirt ach ainmig, ach tha e aig aman feumail, agus is coir a thoirtan cumadh ball mar so. Seas air stol gu thu-fein a thogail, tarruing teangaidh an eich gu socrach beagan a mach as a bheul, ugus cum i le do laimh chearr air a bruthaidh gu daighean ris a charbad. Air do na bhall a bhi air oladh agus air fhasgadh caol, feumar a chuir leis an laimh dheas air bun an teanga, ’nuair, air leigeadh as an teangaidh, bhitheas e gu h-ealamh air a shlugadh. A ghna fosgail am mionach le biadh bog la roimh toirt purgaid, an deigh sin cum blath e, agus thoir dha gu tric iomairt sheimh gu toirt air an ioc-shlaint oibreachadh nis furasda. ’Sen tomhas as fearr 7 dramaichean aloe agus 1 dram de ola an turpanaidh: airson eich mhor no bheag feumar a mheudachadh no a lughdachadh do reir so.

EUSLAINTEAN CHAORACH.

Siad euslaintean chaorach gu h-araidh bracsidh, lobhadhsan leth-stigh, lobhaidh nan cas, stiurdaidh, call chaoraich le breith uain, agus cloimh no scab.

[200]
[201]

Cha’n ’eil Lobhadh ’san Leth-stigh aithnichtenur measgsa, ged tha e gle challdach ann an Sasuinn far an robh treudan iomlan air an toirt air falbh leis ann an aon bhliadhna. ’Sen t-aon ioc-shlaint caochladh gu ionaltradh tioram agus fallan, agus pailteas salainn a chumail riu. Gu dearbh bu choir mir de shalainn chreag a bhi anns gach raonam bheil caoraich ag ionaltradh, agus imlichidh iad gu h-ealamh e. Tha e gu tric air a chuir a mach air na cnuic, a chum mor bhuannachd, agus ma dhfholaichear e gu meadhonach bho fhluicheadh, mairidh e uin fhada.

Sem Bracsidhsan duthaich so an euslaint as cumanta cho maiths as calldaich do ar caoraich, agus tha e coslach ris an tinn dubh anns an spreidh. Thar a smaineachadh gur e ionaltradh saibhir a bha gu mor air a thaghalt le crodh is aobhar do an euslaint so, ach tha misen amharus gur ann a than aobhar bhon acras a bhian sin nis furasda air a shasuchadh, agus bho easbhuidh ruithsan fhuil air a thoirt orra le reamhrachd agus easbhuidh iomairt ann an rannsuchadh airson lon, agus nach h-ann bho bhuaidh phuisionach air bith ann an sileadh a chruidh. Tha na h-uainn gu nadurach reamharus lunadach aig deireadh an fhoghair, agus bu choir an ioman gu seimh socrach thairis air an ionaltradh le deagh bhuachaill gun leigeadh leo luidhe sios gu mor, agus faodar an cuir gu ionaltradh arda bochd mar chaochladh an uairean, achs en leigheas as cinntiche am mionaichean a chumail fosgailte le tomhasan salainn air a thoirt bhon laimh mu mheadhon mios deireanach an fhoghair do na h-uain uile, agus le fagail mirean salainn chreag dlu dhoibh gu imleach fo sgail thighean gluasadach. Achsiad sneipean no seamrag, ma gheibhear iad, as cinntiche gu dion bhon tinneas so, a thaobh gum fosgail iad am mionach, agus gu cinnteach bacaidh iad an tinn sgriosach so.

Tha Lobhadh nan Cas air a leigheas le glanadh sgoltaidhean nan cas, agus an deasachadh le beagan bloinig agus alum loisgte, no seors cungaidh air bith eile den nadur sin.

Chan urrar an Stiurdaidh a leigheas ach le oibir-leighis. Fairich aite bog gleidhidh an uisge, mas urrainn thu le bruthadh a chinn leis na meoirean; a reisd, sath bior gu toigheach an aird sa chuinnean gus am bris e am balg uisge. Faodar a dheanamh fos le tolladh a chlaigeinn le sgian pheanaichean no gimleid ri aghaidh ait gleidhidh an uisge, ach ge be doigh[202]


[203] dhiubh an deanar e, feumar an aire a thoirt nach deanar cron don eanchainn. Bu choir an oibir-leighis fheuchainn a ghna, air neo than euslaint ach ainmig marbhtach. Agus is coir do bhuachaillean chaoraich, no mhuinntir aig am bheil curam chaoraich, ceann caora no dha a bhios abasachadh leis an stiurdadh fhosgladh, a chum gur ann as fearr a chithear cia mar is coir an oibir a dheanamh, no gu fhaicinn aobhar failligidh na h-oibir a rinneadh air na caoraich.

Tha Breith Uain gu minig marbhtachnuair a tha na caoirich air an croiseadh le reithean de sheors nis mo, agus feumaidh iad an aire a thoirt orra mar a sheol minuair a labhair mi mu chrodh. Ma thaisbeanas na h-uainn fuachdaidhus tinn, dean am falcadh ann am burn blath, no thoir ola dhoibhsan leth stigh.

Feumar aire thrathail a thoirt don Sgab no Chloimh. Ann an aitean iosal bu choir na caoraich a shuathadh thairis uile le uisgn tombaca, agus na h-earrainnean sgabach shuathadh no rubadh le olan turpainidh, ach ann an grunn cnocach fuar, feumar an smiuraigeadh le tearr us im, ni a bha fada air a mheas a chungaidh bhacaidh a bfhearr air tinneas, ach chaneil mian teagamh nach geill i do ioc-shlaintean eile ann an uine gun fhad as.

Chaneil Gabhair buailteach do euslaint, ’scha mho a thug leigh-sgribheadairean aire do na phuinc so.

Tha Eoin-thighe air am bualadh le iomadh euslaint ma chumar ro mhor a stigh iad, far nacheil an t-uisg urail, no far am bheil an talamh fuar agus aitidh, achsiad na h-euslaintean as cumanta am piochan agus an teasaich. Leighisear am piochan le toirt an sgrath dheth an teangaidh leis an iongain, agus le fosgladh neasgaid a gheibhear air bun an earbaill agus an iongair fhasgadh a mach; an deigh sin a nigheadh le salainn agus uisge, agus meud cnodha de im a chuir a siossan sgornan, ni dhfhosglas am mionach. Leighisear an teasaich a mhain le blaths, deadh bhiadh, agus cumail tioram. Tha beagan ime saillte air a thoirtsan leth-stigh cuid dhuairean feumail, achsa chumantas ni leoir de uisge glan, deadh lon, aite tioram, blaths, glainead, agus gainmheach gu iad fein a thachas ann, slaint eoin cinnteach. Tha coirc gn cumanta ro theth air son iseanan, agus tha biadh uisgidh mar bhuntata olc airson a cheud seachduin an deigh a theachd as na h-uibhean. Coduineam a nis an ceann so le toirt fainear gur ceann e nacheil idir neo-fhiughail airur n-aire; oir[204]


[205] faodar suim mhor airgid a thionndadh thairissa bliadhna mar so le bean coitear, le beag saothair agus beag chur-a- mach. Gheibh na h-eoin, na h-uibhean, agus na h-itean luchd ceannach, agus faodaidh a bhuannachd a bhi gu h-iomchuidh air a ghabhail le boirionnaich na teaghlaich gu chuir a mach air na cofhurtan agus na feumalachdan ud a leigeas a ris an aon uair am blas agus an deagh riaghladh. Air dhomh a nis codhuineadh mo bheachd-chomhairlean air na nithe tur fheumail cocheangailte ri tuathanas, feumaidh miur n-aire a ghairm gu giorid a chum sin a tha araon feumail agus sgiamhach, a chum sin nach bu choir do dhuine bochd air bith a bhi a dheasbhuidh, agus sin a tha gach duine beartach amealtuinn.

titleEuslaintean
internal date1838.0
display date1838
publication date1838
level
reference template

Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p

parent textCrodh, Eich, Mucan, ’s an Euslaintean
<< please select a word
<< please select a page