[223]

Bu choir Fliuraichean a bhi nan comharradh eadar-dhealaichte air gach lios, oir chaneil mi a toirt an ainm sin do spot chail a mhain no do spot chraobhan mheas. Ach gidheadh mar nacheil mi airson cus uin a chaitheamh air na briaghachdan nadurach neo-bheathail as maisiche cha luaidh mi ach a mhain tearc fhliuraichean cruadalach a gheibhear gu furasda, a dhfhaodas a bhean nochlann a chumail ann an rian, agus a dhuaisicheas iad aig na h-uile h-am de na bhliadhna le dos fhliuraichean gu iongantas a chuir air an coimhearsnaich uile. A streap thairis airur sgail-thigh feumaidh planntan no dha den op a bhi airson a chleachdadh ann an deanamh leanna, agus rose dubailt dhuthaich Air airson fasgaidh agus sgeimh. Ros dorch agus glas chumanta China ri oisinnean an tighe no an coisur n-uinneagan air am measgadh le pris Lauristinuis, arbutuis, agus piracantha; ’s na bithibh a dheasbhuidh lus-a- chraois agus Solanum-dulcamara ann an cuid de dhoisinnean der balla. Biodh agaidh planntanan den ros cheud-bhileach, agus de na caochladh rosan eile ann an oisinnean as dluithe dor tigh. Anns na h-iomalan cuiridh fluir-an-t sneachd, Hepaticas, aconite gheamhraidh, tulipean dearg, Butanan-gealaus buidhe an t-sheana-ghille, prime-ros, fluir na-gaoith, narcisus, crocus, couslipean, polianthus, lili gheal, lili bhuidhe, Dahlias, phlocs ioncuill, brog-na-cubhaig, agus nas urradh sibh fhaighinn de fhliuraichean bliadhnail. Cuiribh oir de na seorsan cruadalach de auriculas measgte tiomchiollur lios fhliuraichean, agus is tearc laitheansa bhliadhna air nach bi fliur bhriagha bheag air choir-eigin ann a neochiontas agus mhais a chumur buaireadh gu sealtuinn oirre, agus an toileacheas so uile air gle bheag dhragh. Oir ni da uair a thiomsan t-seachduin bho aon der clann am blath lios na dhealbh beag de mhaise. Mas urra sibh, biodh agaibh craobh chuilinn, laurel, rhohodendron air a shuidheachadh an ait sam bith; oir fasaidh iad fo n- ’ur craobhan mheas, uirichidh an sior dhath uana agus am fliuraichean boidheach n- ’ur suilean eadhon anns na laithean as tiomhaidhe no as cianailesa gheamhradh. Ni iad sibh toilichte sona aig an dachaidh, agus bithidh smuaintean umpa na thoil-inntinn duibhnuair a bhios sibh fad as air falbh aig iasgach, agus creidimh mi, cha

[224]
[225]

choir dhuibh an leithide de chuideachdas a chuir suarach, oir ni iad maith do na chridhe, bheir iad tionnda caoimhneil finealta dha, tha iad cumant ach beag do na h-uile dhaoine maith agus diadhaidh, agus gu radhnis lugha, tha iad acumail a mach na droch smuaintean ud a tha cridhe dhuine ann a staid thruaillidh nadurach ro ullamh gu altrum. Misnichibh, ma ta, n- ’ur clann ann an deigh air fliuraichean. Teagaisgibh dhoibh gu suidheachadh no cuir an silsam freumhan anns a choille a tha dlu dhuibh, no ann am bruachan nan uildsnan aibhnichean; oir an uair a dhfhasas iad sean, gabhaidh iad tlachd ann an dol a shealtuinn air aitean taghald an leanabaidheachd neo-chronail, agus bheir ath-chuimhneachadh nan laithean a chaidh a seachad air ais am fogarach bho thirean fad as gu a thalamh nadurach fein a chum gum faigh a sheann fhalt aite foiseachaidh ann an tir an sinnsearan.

Mu Sheilleinean. Tha na biastagan so chanemhain luachmhoir airson an riarachadh de lon gle fhallan no shogh, a tha iad atoirt air bheag cosd, ach mar an ceudna airson an leasan chonnbhaileach a tha iad a teagasg len cleachdaidhean dichiollach, a thaga n-ar treorachadh gu beachdachadh nis trice air gliocasus maitheas a Bhith Uile-chumhachdaich sin aig am bheil a Fhreasdal riaghladh agus aseoladh eadhon na biastan as suarraiche a ta ann.

Is tearc comharradh a tha na dhearbhachd nis mo air teaghlach a bhi soirbheachadh na sreath de sgeipean sheilleinean ann an oisinn bhlath den lios air a chumail grinn, agus ged a tha e air a shaolsinn gum bheil an cumail ceart aig iarraidh mor sgil no call uine, chan urradh nibhi nis amaidiche. Tha air a shaoilsinn fos gum bheil an aimsir air an iar-mhachar ro fhliuch airson iad do chinneachadh ann. Theagamh nach freagair iad cho tur mhaith annsa fhreagras iad ann an tir thioram bhlath na Frainge no Bhohemia. ach cinnichidh iad cho maith as gum faod sibh an comhnuidhbhi cinnteach a uiread de mhilsa bhios na chuirm dor clann fada na bliadhna, agus ann am bliadhnaichean shoirbheachail bithidh agaibh nis mo na dhethn urradh sibh feum a dheanamh a dheasbhuidh a creiceadh, agus so air chosduis a cheud sgaoith, is coslach a dhfheumas sibh a cheaunach. A chum riaghladh gu ceartur seilleinean ni aire do na bheagan riaghailtean so a leanas. sibh comasach air an uile sgil a dhfheumar airson iad do chinneachadh.

1. Cothromaich do sgeap a roimhe, agus an deighe an sgaoith a chuir innte, agus cum cunntadh air a cuideam. Bithidh tu a reisd comasach gu breith a thoirt air an tomhas meala a bhios inntesan fhoghair.

[226]
[227]

2. Feumaidhur sgeapaichean a bhi air an dion bho na ghaoth le dige, no balla, callaid, no streath chraobhan no eirigh nadurach grunna. ’Sen reuson airson so, gum bi na seilleinean’ ’nuair a bhios iad atighinn dachaidh sgith le itealaich fhada agus le bhi trom luchdaichte le mil, neo-chomasach gun curs a stiuireadh gu doras na sgeapa le socair ma bhios osagan gaoith ann asguabadh mun cuairt di; agus tuitidh moran diubh air an lair mun cuairt do na sgeap, bho nach h-urrainn tearc dhiubh am feasd eirigh roimh theachd fuaralachdus aitidheachd an anmoich orra a chum am milleadh.

3. Feumaidh uisgebhi am fagus dor sgeapaichean, a chionn gun ol na seilleinean oibrichidh moran uisgesan earrach; agus tha iad gle dheigheil air imeachd an cois fodair air a chuir air uachdar an uisge, agus air ol uiread sa dhfheumas iad, gun chunnart tuiteam ann.

4. Is coir doras na sgeapa bi an taobh am bhi a ghrian bho deich gu da uair-dheug mheadhon-la, agus cha choir an sgeap a bhi air a togail os oeann 18 eorlaich bhon lair. Agus a nis saoileamaid gun do thaisgur seilleinean a naird an storas geamhraidh, agus gur maith leibh-se cuid dhethghabhail maille riu. Tha migradh cuid dhethghabhail, oir cha shaoil mi gum bheil sibh nur leithid a dhamadanan as gu marbh sibh n- ’ur seilleinean. Cha chan mi dad sam bith mu dheighne ain-iochdmhoireachd mhi-fheumail an doigh aibhisteach air toirt uatha na meala le ceo, ach a mhain fheoireachd ribh mur biodh duine air a mheas na amadan nam marbhadh e a bho gu faighinn a bainne, agus nach burrar feum sam bith a dheanamh deth a closaich?

5. Mar as mo bhios agaibh de sheilleineansann is mo bhios agaibh de mhil: tha sin cinnteach; oir muinntir aig am bheil mil, gad mharbhadh iad an seilleinean, bhiodh aca gu cinnteach nis mo nan cumadh iad beo iad, direach mar a bhiodh agaibh ni bu mho bho 10 na bho 5 sgeapaichean, agus chaneil doilcheadas sam bith no diomhairachd anns a chuis mar a chi sibh.

6. Mu chiad no dharna seachduin de mhios mheadhonach an Fhoghair tha blath an fhraoich thairis agus tearc de fhliurachean air fhagail airson na seilleinean gu faighinn mil dhiubh. ’Se so ma ta an tiom as fearr gu dheanamhmach ciod an tomhas meala asurrainn doibh a sheachaineadh: cothromaichibh gach sgeap agus thoiribh bho na cuideam sin

[228]
[229]

an sgeap fhein agus na seilleinean mar a rinneadh a machnuair a chaidh an sgaoth a steach innte an toiseach.

7. Ma tha duil agaibh ri sgeap a bhi beo fad a gheamhraidh, feumaidh si aig a chuid as lugha, 16 phuinnd, le 16 unnsainn gus a phunnd, de mhil, agus ma tha duil agaibh gun tilg i gu luath, is coir di 20 punnd a bhi aice, ach na bithibh atalach air 25 no 30 puinnd fhagail aca; oirs ann as fearr a chinnicheas iad. Feumaidh sibh a chuimhneachadh gur coir do sgeap de bliadhna dhaois no nis mo, a bhi air a cheadachadh dhi mu 30 no 36 phuinnd os ceann ciad chuideam na sgeapas nan seilleinean, ach do sgeap na bliadhna so, bithidh 16 no 20 puinnd gu leoir de ludhaigeadh; de bhrigh gun cothromaich seann chirean uiread nis mo nan te uir. Cinnichidh sgeap le leoir meala mar sud nis fearr na aon aig am bi na cirean air an lionadh, de bhrigh, san Earrach, nach bi aig na seilleinean copanan falaimh gu leoir gu cumail aireamh gu leoir de dhuibhean, air chors nach bi iad laidir a leoir gu tilgeadhsa bhliadhna sin.

8. Anns na h-uile bliadhna cha bhi aig cuid de sgeapaichean air a thasgaidh gu leoir meale gu mairsinn dhoibh gus an ath Earrach: ma bhios aca bho 10 gu 14 phuinnd, is fearr dhuibh a chuir ris uireadsa chumas taic riu. Mureil an uiread sin aca, thoir uatha na tha aca agus cuir iad fein anns a sgeap aig am bheil gu leoir. Bheir sibh, uime sin, ’ur mil bho sgeapaichean aig am bheil os ceann 20 puinnd no nis lugha na 10 puinnd; ach cha choir a mhil a thoirt bho sgeap aig nacheil ach direach gu leoir, eadhon ged a thearuineadh sibh na seilleinean, do bhrigh leis sin gun lughdaich sibh ur stoc de sgeapaichean airson an ath bhliadhna, agus chaneil eagal gum bi agaibh cus sgeapaichean, no nach bi gu leor de fhliuraichean airson nan seilleinean uile air an urrainnur sgil sibh a dheanamh n- ’ur maighstirean.

9. Asaoilsinn a reisd gun robh agad 3 sgeapaichean, 1. 2. 3. a chiad 1 de na bhliadhna mu dheireadh, an 2 agus 3 de sgaoithean na bliadhna so. Cha do thional a chiad aon ach beagan meale a thaobh an 3-aщh te bhi cho anamoch air teachd dhi; abair 9 puinnd, agus aig an 3-amh 10 puind. Tha aig an 2-amh 47 puinnd. Ma dhfhagas tu iad uile gun bheantuinn riu, faodaidh gum mair a chiad te agus an 3-amh gus an Earrach, ach gu cinnteach basaichidh

[230]
[231]

iad an uair sin, no eadhon ged nach basaich iad, cha mho a thionaileas iad mil gu leoir gun cumail fein a suas tren ath gheamhradh, ’s cha toir iad dhuit sgaoithean. Anns a chas so, ma tha thu gle dheigheil air na 3 uile a chumail air chors gum meudaich do stoc, gabh an 2-amh te agus gearr air falbh gu toigheach mu 20 puinnd de na mhil aice mar a sheolar anns an 10-amh riaghailt, agus roinn i air a chiad agus an 3-amh te. Ach a thaobh gum bheil e coslach gum bheil thu fein no do bheans do chlann deigheil air beagan meala an deigh fuireach cho fada air a son, thor a mhil uile as an 2-amh te, agus thoir do na chiad te agus an 3-amh te uireadsa dhfheumas iad di, agus bithidh cach di agaibh fein, agus cuir seilleinean an 2-amh te anns an 3-amh te, (mar a sheolarsan 11-amh riaghailt) agus mar sin fasaidh i laidir airson an ath bhliadhna. Tha an doigh cheudna gu bhi air a leanmhuinn ciod-air-bith an aireamh sgeapaichean a dhfhaodas tu a bhi agad, agus se so an t-aon uaigneas ann do sheilleinean cinneachadh, “ a leigeadh leo gu leoir loinsan fhoghair.” Cha dhean en gnothaich a thoirt doibhsan Earrach, agus air cho do-chreidsinnsa dhfhaodas e taisbeanadh gun dean an t-aon tomhas meala a chumas a suas aon sgeap foghnadh airson 2, no eadhon 3 sgaoithean eile air an cuir cuideachdsan aon sgeap.

10. ’Nuair a shuidhicheas tu ma ta air toirt air falbh na meala bho sgeap, an darna cuid gu iomlan airson dfheum fein, no airson a roinn ri sgeapaichean eile, a chiad mhaduinn bhriagha chiuin, an deigh do am tionail na meala a bhi thairis siubhail a dhionnsuidh do sgeap, armaichte le piopa tombac ann do bheul, mias mhoir airson na meala ann an aon laimh, agus sgian fhada leis an rinn lubte (mar an dealbh) agus ite geoidh no pulaidhsan laimh eile. Seid 2 no 3 sheidean ceo a steach air an doras, a reisd tionnd an sgeap bun os ceann air an lair air chor’ ’s gun seas i gu socrach, agus gu grad thoir do na seilleinean (a thionaileas air iomail nan cirean a dhfhaicinn ciod a tha adol air aghairt) beagan tuillidh ceo. Cuiridh so nam paisean iad cho mors nach bi os ceann aon no dha comasach gu itealaich a mach, agus bithidh iad cho tinns nach togair iad do lotadh. Toisich aig aon taobh de na sgeap agus gearr a mach cir, air dhuit an toiseach seideag

[232]
[233]

cheo a chuir a sios gu thoirt air na seilleinean a dhol air falbh gus a mheadhon agus gus an taobh eile. Rach air daghairt mar mar so (asguabadh nan seilleinean de na h-uile cir leis an ite air an ais do na sgeap) gus an tig thu gus a chir mheadhonach, acuir gach cir mar a ghearras tu i mach na luidhe anns an t-soitheach air a chomhdach le aodach. A reisd toisich aig an taobh eile, agus mu dheireadh uile, gearr a mach am meadhon. ’Sann a tha an t-aon seoltachd a cosheasamh ann an seideadh air falbh nan seilleinean gu cumail moran dhiubh bho bhi air am pronnadh. Chunnaic mise an obair gu trice air a dheanamh cho grinn sgiobalts nach robh os ceann dusan sheilleinean air am marbhadh uile-gu-leir. Gabh an sgeap a nis agus suidhichi mar a bha i a roimhe.

11. An ath cheum, is e, an doigh air ceangal nan seilleinean ri sgeap air bith anns bu mhaith leinn goireas a bhi aca; anns an fheasgar le sealltuinn a steach do na sgeap gheibh thu na seilleinean uile an crochadh anns a mheadhon, direach coslach ri sgaoth uir. Thoir an sgeap am fagus don te ris am bheil iad gu bhi air an ceangal. Faigh mu 8 lain spain-buird de mhil a ruith, no sirup cho tana as gun doirt e gu furasda, agus biodh e agad ann an siuga ri taobh na sgeapa a tha gu gabhail nan coigrich. Seid beagan sheideagan cheo a steach air an doras, a reisd tionnd a naird i, den te lan, thoir dhoibh seideag eile nodha agus taom a mhil non sirup as an t-siuga thairis orra uile eadar na cirean air dhoigh gum bi iad gu tur air an smiuradh thairis. Sgaoil aodach glan anairt air an lar air beulaobh ua sgeapa le aon iomail air a thogail anaird air an fhiodh no air a chlach as lair don sgeap. Cuir da chlach bheag air a chumas e bho thuiteam a rithist agus an sgeap a chumail bho luidhe dlu ris an lair mar a bha i a roimhe. A nis suidhich an sgeap air dhoigh gum bi an t-aodach foidhe, an fheadh a chumas na clachan a beulaobh mun cuairt do eorlach (no nis lugha) air a thogail anaird. Thoir anaird an sgeap anns am bheil na seilleinean, giulan i gu socrach thairis air an aodach, agus le aon seid buail a mach nan seilleinean uilenam meal lair an aodach. Toisichidh iad gun dail ri streap a suas agus a dhol a steach don te lan, agus ged a dhfhaodas cuid fantuinn a muigh ren fheasgair theid na h-uile a h-aon diubh a steach roimhn mhaduinn, ’nuair a dhfhaodas tu an t-aodach a thoirt air falbh, agus bithidh an da sgaoth an deigh sin beo cuideachd mar nach biodh a leithid a dhaonachd ach na bhruadar. Nan robh iad gu bhi air an aonadh a

[234]
[235]

dheasbhuidh an toiseach an smiuradh le mil, theagamh gum biodh leth gach sgeap no sgaoith air am marbhadh le sabaid.

12. An doigh as fearr air uidheamachadh sgeap eutromsan fhoghar le foghnaidh meala gun cumail gus an ath-bhliadhnase so e, mar a leanas. Gabh mirean de chir meala ann am mias, agus air bord beagan nis leatha no leud na sgeapa; ’seid beagan de sheidean ceo an tombac a steach air doras na sgeap eutrom, tionnd anaird i, thoir dhoibh beagan tuille ceo, agus gearr a mach cho liugha de chirean falamhsa lionas do mhirean lan. ’Nuair a chuireas tu a steach uiread de mhilsa dhfheumas iad, cuir am bord air bonn na sgeapa, agus tionnd i gu toigheach thairisga suidheachadh air a stol. Ann an 2 na 3 laithean ceanglaidh na seilleinean na h-uile mhirean de chir fhuasgailte ri an cirean fein, agus faodaidh tu am bord a thoirt air falbh. Anns an Earrach, ’nuair a ni iad falamh na copanan, tionnd a naird a sgeap, agus thoir air falbh na cirean falamh, agus cuiridh iadsan gu luath feadhain uranan ait. Mureil agad cir no mil gu thoirt dhoibh, dean uiread de shirup siugar as uisge air an goil cuideachdsa dhfheumadh iad de mhil, no treacle agus uisge air tiuighead na meala, agns cuir a steach amaran fada fiodh aig an doras leis a bhiadh so. Cuimhnich, mas maith leat do sheilleanan cinneachadh, feumaidh tu so a dheanamhsan Fhoghairs chan annsa Gheamhradh nosan Earrach

13. Anns a Gheamhradh; abair bho thoisich a Gheamhraidh gu toisich a Mhairt, bu choir do sgeapaichean a bhi air an suidheachadh len aghaidh air tuath, no co dhiubh cha choir leigeadh leis a ghrian idir soillseachadh orra, a chionn gum brosnaich i aireamh de na seilleinean a mach, agus gun caile iad an lus leis an fhuachd, ’us gun teid iad a dhith, agus ann an laithean blath grianach ithidh iad a dha uiread den storas geamhraidhsa dhitheas iadnuair a bhios iad fo sgail.

14. Faodaidhur sgeapaichean a bhi an dara cuid de fodar no fiodh. Cinnichidh seilleinean cho maith ann an aon air bith dhiubh; ach mairdh am fiodh cho mor nis fhaide, agus tha mhil cho mor nis fhurasda fhaighin a mach asda na as an fheadhain fhodaireachsgur iad a rireadh as roghnaichte. Bu choir don fhiodh a bhi eorlachus leth eorlach a thiuighead aig a chuid as lugha, airson cumail a mach araon teas agus fuachd.

15. Is coir caochladh meudachdain sgeapaichean a chumail,

[236]
[237]

agus sgaoithean anamoch a chuir ann an sgeapaichean beaga, an fheadh a chinnicheas sgaoithean luathrach nis fearr ann an sgeapaichean mora.

16. An deigh sgaoth og a chuir ann an sgeap, ma bhitheas an aimsir fad bheagan laithean fliuch, feumar am biadhadh gu riaghailteach le sirup siugair no treacleus uisge, air neo is coslach gum basaich iad.

17. Na cuir idir maidean ann do sgeapaichean gu cumail taic ris na cirean; tha iad tur neo-fheumail, agus cuiridh iad bacadh air thu do ghearradh a mach nan cirean gun mhor dhragh nuair a bhios an oibir sin feumail.

CHA ruig sibh a leas innealan airsonur liois, annur staid-sa, a bhi lionmhoir no cosdail. Feumar an spaide, an racan, an sgribean, am bacan, a bhar chuibhle aig an fhearuinn. Faodaidh am faradh goirid a chleachdar mu thimchiollur tighsur cruaichean a bhi gu leoir airson toirt a mhan mheas le tol a chuir anns gach taobh dheth aon cheann di, agus mar an ceudna ann ann da mhaide den aon fhada rir faradh, agus maide a ruith troimh na ceithir tuill air dhoigh gun dean na maidean puist no pruip agus cumair direach anaird ri aghaidh nan craoibhean anns ciod air bith an t-ait am feumar i. (Faic an dealbh.)

Ma bhios ann trughail no spain-aoil chlachair airson cladhach mun cuairt do na fliuraichean, ni a dhfhaodas a bhi feumail ann an caochladh ghnothaichean teaghlaiche, tha sibh ann an seilbh air buill-acfhuinn gu leoir airson uile fheumasan an liois. Mar so faodaidh a bhi aig gach tuathnach cofhuirtean agus taitneas a liois gun chuir-a- mach air bith ann an airgiod, agus le gle bheag de chaitheamh tiom, mu chleachdar gu curamach e. Siad so na h-uile bheachd-chomhairlean a tha an trathsag teachd nam bheachd, mar bhi gle fheumail a thaobhur loin, ’ur n- ’aodaich, ’ur tighean, agus airneis, bataichean, lin, tuathanas, agus acfhuinnean, spreidh agus an euslaintean, liois, luibhean, fliuraichean, agus measan; agus, aithghearr mar a chomhnuich mi air gach ceann, cha’ ’neil mi gun dochas nach faighchuid as liugha dhibh chan emhain rud-eigin nuadh, ach gun ionnsuich sibh rud-eigin feumail as urrainn sibh gun dail a chuir an cleachdadh; oir mar cuirear na thuirt mian cleachdadh chan fhiach e.

Chane gubheil mi an duilur faicinn uile toiseachadh

[238]
[239]

ri atharrachadh an t-iomlan den doigh a thagaibh an tras, agus ri gach ni a riaghailteachadh do reir mo bheachdan-sa, ach gum bheil mi gearbsa nacheil neach sam bhi nach airmis, ann an leughadh thairis an iomlan, air rabhaidh air chor-eigin so fhreagarrach dha-fein, agus as urrainn e air ball a ghabhail, no aig a chuid as lugha don urrainn e deuchainn chothromach a thoirt. Chan urrainn reuson a bhi airson dearmad air cuir cuid an cleachdadh a chionn nach h-urrar an t-iomlan a choimhlionadh; oir an uair a tha cus air oidhirpeachadh an aon uair, tha tuisleadh no briseadh gu tric aleantuinn, agus air an aobhar sin cia air bith cho donasa bha cleachdadh linnean a chaidh a seachad, bheirinn rabhaidh dhuibh an aghaidh oidhirpeachadh ri ath-leasachadh an doigh uile ro obainn. ’An ceart aghaidh sin bithidh mi nis earbsaiche a soirbheachadh mu dheireadhnuair a chi mi gach aon atoiseachadh ri leasachadh ann an aon ni air chor-eigin agus aleanmhuinn sin a suas le ni eile an deigh do bhuaidh a cheud oidhirpean a dhuaiseachadh. Agus cha choir duibh thoirt thairis ged a bhiodhur ciad oidhirpean air an comharrachadh le faillneachadh.

Thaur cleachdaidheansan am so cho mor an aghaidh iomadh de mo bheachdan-sa agus staid ath-leasachaidh ann an duthchan eile, ’s gur ann as coslaiche gum fairich sigh bhi mi-thoilichte leur ceud oidhirpean air doigh nuadh. Ach toisichibh an toiseach ris na leasaichidhean ud a tha atairgse nis lugha de dhoilcheadasan, agus as lugha a chuireas a dheis oirbh anns na doighean a thagaibh; agus na bithibh gu furasda airur mi-mhisneachadh, oir tha tuathanach dichiollach cinnteach gun coinnich e ri misneach bhon uachdaran aige, ’an darna cuid ann an cumadh duais, aoil, no ni-eigin air leth eile, an fheadh a ni an leisgean le a neo-churam gach uile chofhaireachdan airson a chruaidh-chas a bhathadh. Cuimhnichibh gur e leantuinn gu seasmhach an inneal as cumhachdaiche a thagainn, agus feumaidh gum buadhaich e.

title2
internal date1838.0
display date1838
publication date1838
level
reference template

Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p

parent textLios
<< please select a word
<< please select a page