An so, theagamh, gum bu choir dhomh mo pheanachuir a seachad, gidheadh chan urrainn domh cumail air ais bho ni-eigin a radh air an ni buannachdail sin, Foghlum; oirsann air sin a tha an crochadh chan emhainar seasamh agusar sonasan so, ach fosar sonas neo-bhasmhoir. Chaneil mi aciallachadh an t-ainm foghlum a chleachdadh anns an doigh chumantam bheil e air a ghabhail; oir tha mi abreithneachadh gnm bheil sinn comasach air tomhas arda de dhfhoghlum mhodhail, am foghlum as fearr le arach churamach thrathail air na cailtean gun eadhon ionnsachadh leughadh no sgribh-

[240]
[241]

eadh. Thu sinn afaighinn iomadh cosnach bochd neo-ionnsaichte ann am foghlum litireil, a tha nis diadhaidh, nis dleasaile, nis foighidniche, nis fialaidh, nis fein-aicheile, chane sin a mhain ach ann an seilbh air nis mo de dhfhior dheagh oilean uasal na tha cuid a dhionnsuich aig Ard-thigh-sgoile, no-colaisde. ’Surrainn domh, tha mi subhach a radh, fheuchainn bho mo shluagh fein, muinntir a tha gu tur neofhoghluimte ann an litirealachd, a bheir barrachd, anns gach buaidh ion-ghraidheach as an urrainn duineachd uaill a dheanamh, air samhlaidhean chumantar sgoilearan a dhionnsuich aig Oxford no aig Dun-eidin, agus tha so ag eirigh nis mo bho ionnsachadh gu moch agus dheagh eiseimpleir pharantan thoigheach, na tha e bho mhaitheas nadurach chailtean no an olcas. Gum bu fada uime-sin a chumas sibhur n-onaireachd dhuthchasach, ’ur spiorad fialaidheachd, agusur n-oilean uasal. Gum bu fadachuimhnicheas sibh nacheil fior oilean uasal na thraillealachd, agus gum bann nach di-chuimhnich sibh am feasd gum bheil borbachd chane mhain acuir an di-mheas, ach mi-chriosdail, —agus gum bann a dhearbhas sibh do dhuthchan man cuairt duibh gum bheil spiorad modhalachd gu nadurach asruthadh bhon t-saorsainn agus an fhein-chomas sin a bha riamh agaibh, mar Ghaidheil, na oighreachd. Ciod na dreuchdan arda agus eadar-dhealaichte a reisd gus an togadh an leithid sin de mhuinntirsa tha mi a faotainn annur measgsa iad fein nan robh iad air am beannachadh le Foghlum soillsichte? Bhiodh iad gun amharus nam maise do na chomuinn. Ach feumaidh ebhi air a dhrughadh oirbh, gur ann a tha foghlum litireil, a dheasbhuidh tomhas arda de dharach modhail luath ag eirigh bho fhaireachdainnean dhiadhaidh pharaintean agus luchd-teagaisg, ’na mhallachd, agus chan ann na bheannachd. Ach ma thaur n-inntinnean gu ceart air an ulluchadh airson gabhail eolais, togaidh e sinn os cinnur cochreutairean an ire mhaith cho morsa tha duinesa chumantas air a shuidheachadh os cinn bruidean an achaidh. Am measg nan iomadh ath-leasaichidhean a dheirich bho chian ghiorid a naird, agus a tha uile ag aomadh gu toirt air aghairt a chinnidh-dhaoine gu staid siobhaltach mhodhail a bha air a chreidsinn bho chian bheagan cheudan bhliadhnaichean mach biodh sinn comasach air a shon, chan aithne dhomh-sa ni air bith a tha cho choslach ri cuir air aghairtar turuissa tha riaghailt Sgoil Naoidheinean, ris an do thoisicheadh an toiseach le fior chairid sin a chinnidh-dhaoine, Mr Uilderspin cairdeil geur-chuiseach Lunnuinn.

Chan aithris mian so a dhoigh (leis am bheil clann nach

[242]
[243]

eil nis mo na 6 bliadhna a dhaois cha ne mhain nis ionnsaichte na iomadh a tha de dhubailt na h-aois sin, a chuir seachad an tiom aig na sgoilean cumant’ ), a chionn gum faic sibh e air a chleachdadh aig aon sam bith deth a chuid-sa sgoilean annur duthaich fein nis fearr nassurrar an trathsaithris. Achnuair a dhinnseas mi dhuibh gum bheil, le a dhoigh-sa, naoidheanan bho 2 gu 6 bliadhna a dhaois, cha nemhain air fas ionnsaichte, ach gum bheil na droch aomaidhean nadurach a bha annta gu deanamh bhreug, gu goid, mi-run, boirbeachd, &c. air an sgrios, agus firinn, onoireachd, seimheachd, &c. air an cuir nan ait. Thuirt mi tha mi asmuaineachadh gu leoir cha ne mhain gu thoirt oirbhur naoidheanan a chuir do leithid sud de sgoil, ach gu dusgadh annur broillichean run gu leithid de sgoil a bhi agaibh annur dluth choimhearsnachd fein. Amhain smuainichibh air an diubhar eadar aon der clann fein aig aois 6 bliadhna, cha nemhain comasach gu leughadh, gu cunntadh, aithris laoidhean lionmhor, eolach air moran de eachdraidhean an t-saoghail, &c. ach uile dhroch thograidhean air an smachdachadh, agus deagh thograidhean air an cuir nan ait, agus leanabhur nabuidh air a leigeadh air a rian fein bho ghradh mearachdach, gun ionnsachadh, agus air a cheadachadh gu ruidhtearachd ann an diomhanas an fheadh a ta gach droch thogradh afas mar a tha e fein afas; agus an urrainn sibhse stad car mionaid bho chleachdadh gach uile dhichioll gu ruigsinn air a bheannachd so airsonur sliochd ionmhuinn fein? ’Sann do bhrigh nach eil aig iomadh pharaintean aon chuid comas, no gu minig uine agus cothrom airson teagasg an cloinne, a sparrainn orra iad a bhi air an earbsa ri curam maighstir agus bana-mhaighstir aig aois anfhann naoidheanachd. Aig an dachaidh faodaidh an leanabh iomadh de a dhroch thograidhean nadnrach a chumail a chionn nacheil aig a pharaintean foghnaidh neart, talant, agus leantuinneachd, no theagamh eadhon deon gu togal an cloinne gu ceart, thaobh nacheil eadhon an fheadhainn as fearr air an teagasg a ghna comasach air copairteachadh an fhoghlum ri muinntir eile, an fheadh a ta fo dheagh fhear-teagaisg aingidheachd gu tur air a mhuchadh, agus na cleachdaidhean as fearr air an drughadh cho laidirsnach h-urrainn iad a bhi air dhoigh chumanta air an dubhadh a a machsa bheath an deigh sin. Ach a thaobh gum faod iomadh dhibh a bhi gun chothrom feum fhaighinn de a leithid sud de sgoil, faodaidh na beachd-chomhairlean so a leanas a bhi feumail airsonur seoladh fein. Toisichibh og leur teagasg.

[244]
[245]

Tha mathar tur chomasach air a leanabh a theagasg ann an umhailteas agus ann an irioslachd, steigh na h-uile fhoghluim, an fheadhsa ta i fathastga arach ris a bhroilleach. ’Surrainn mathar thoigheach a theagasg do a leanabh a bhi glan. ’Surrainn i a theagasg da comharraidhean thoirtnuair a tha a cobhar air iarraidh airson a chubhaidheachd phearsanta; agus tha e taitneach ri smuaineachadh gun urrainn a cheud teagasg le gach deagh bhan-altrum no mhathair a bhi an toiseach air a thoirt le oid-ionnsuich cho chaomhs cho nadurach. A risd tha fhios agaibh uile gur e umhailteas dhleasail aon de na buaidhean as taitnichesan oige; agus tha aig mathar ann a comas an togradh so a thoirt leis na meadhonan as simplidhe, a mhain le a leanabh a chumail bho bhian uireasbhuidh cho fadasgun eignich nadur e gu eigheach gu h-arda airson biadh; oir mas esan deigh lasan ghrad de chaoineadh gum bi a chail air a riarachadh, mar a dhimreas a chuis a bhi, ionnsaichidh an leanabh gu luath gur ann le braiseachdus le sior-iarraidh as urrainn e ailgheas fhaighinn; agus tha sibhse aleagadh steigh ladurnais nach urrar gu furasda a mhilleadh. Thoiribh air an aobhar sin an ni tha feumail cho luaithsa dhiarrar e, ach na toiribh dad idir gus an sgurur clann de chaoineadh air a shon, oir an leigheas agaibhse le toirt sin a tha air iarraidh le caoineadh air a shon, ’sann a tha e ag altrum a ghalair. Gum bu fearr leat leigeadh le do leanabh abhi acaoinedh re seal, a reisd tionnd aire air falbh beagan, agusnuair a bhios e samhach faodar a ni a dhiarras e thoirt da.

Anns an doigh so teagaisgidh sibh umhailteas aig aois mhoch-thrathach, agus chane mhain gum biur dragh an deigh sin air a lughdachadh, ach bithidh sibh gu pailt air n- ’ur paidheadh le briodalan sliochd gradhachus dleasail.

Sann le cocheangal a chaomhalachd as gradhaiche ris an t-seasamhachd as daingne ann an diultadh an ni a dhfhaodas a bhi mi-iomchuidh, a ni sibh cinnteach chane mhain sonasur leinibh, ach tha sibh aig earalachadh irioslachd chriosdail, agus ag ullachadh airson am maith shiorruidh; oir ma thaur clann-sa mar so gu moch air an teagasg le leasanan na so-ionnsaichidh, bithidh an oibir an deigh sin ann an coimeas furasda. Dhfhaodainn mile riaghailt a thoirt a chumur seoladh ann an teagasg naoidheinean, ach bha a chuis sin cho chomasach air a laimhseachadh le Mr Uuilderspin ann a dhoigh teagaisg naoidheinean, agus le Mrs Childs ann a leabh-

[246]
[247]

air na mathrachs nach h-urrra dhomhsa nis fearr a dheanamh na am moladh gu laidir dhuibh ri leughadh. Nan robh an te mu dheireadh dhiubh air a chleachdadh aig sgoilean Sabaid, agus earrainn air a leughadh do na parantan, dhfhaodadh gum biodh e cho feumail ri teagasgsam bith a dhfhaodar a thoirt dour clann; oir burra dhuibh aig an dachaidh riaghailtean ionmholta gidheadh fhurasda Mrs Childs a chleachdadh, agus bhiodh sibh gu luath dearbhte nacheil deagh ghiulanur clainne an crochadh air n- ’ur cruas-sa, agus an uair a tha fearg an cois peanasachadh, gum bheil e nis measa na bhi neo-fheumail; dhfheuchadh sibh fos, tha mi saoilsinn, iarrtas nis mo airson iad a dhol do sgoil gu puncail riaghailteach; oir aig iomadh dhibh, tha eagal orm gum bheil leisgeulan am bochdainn agus seirbhisean fheumail tuathanais no iasgaich ro thric air an cleachdadh agus a cumail n- ’ur sliochd bho fheitheamh air am fear-teagaisg. Ach theid an lethide sin de leisgeulan gu luath as an t-sealladh roimh iarrtas threibhdhireach airson an teagasg. Faodaidh cabhaig oibir an Earraich no an Fhoghair a bhi na leisgeul iomchuidh, ach am bheil sibhsegan cumail dlu ris an sgoil aig aman eile? Nacheil sibh afaireachdainn neo-churam co dhiubh a bhios no nach bi iad air an teagasg anns an leabhar sin air am bheil nis mo na sonas saoghalta air a chrochadh; ma tha a rireadh an speis sin agaibh dor clann a tha sibh a gabhail oirbh, cair son nach suidhicheadh sibh clas feasgaireach mar ann an iomadh aite eile, ’nuair a tha iad air am feitheamh le ceudan a tha ag urachadh an inntinnean le eolasnuair a tha an cuirp air an sgitheachadh le saothor troimh an la? Ni feitheamh air fear-teagaisg ri fad 2 uair gach feasgair aon sam bith aig aois 12 no 15 bhliadhnaichean a theagasg cha’ ’nemhain gu leughadh, ach gu sgribheadh agus gu cunntadh anns nis lugha na 3 bliadhna, agus an urraneach air bith a chreidsinn nacheil e agaibhsenur comas a bhi maille ri maighstir aig a chuid as lugha le lamhanus aodainn air an nigheadh, eadhon ged a bfheudar duibh a dhol ann le ur n-aodaichean salach oibrichidh bho leth-uair an deigh 6, gu leth-uair an deigh 8 gach feasgar a dheasbhuidh a mhi-ghoireas as lugha, agus gun bheantuinn rir curaman laitheil. Ann an athghearr, chaneil leisgeul airson tur aineolas ach an leisgeul ro chumant agus nadurach, ar leisg dhualach fhein. Agus gidheadh an

[248]
[249]

urrar aicheadh gum bheil cho mor a dheadar-dhealachdan eadar buadhan neo-ionnsuichte balaich a tha air fas na dhuine gun fhoghlum, agus inntinn an Fheallsanaich sin a tha atuigsinn agus asurra dhearbhadh gluasadan na greine, na gealaich, ’snan reultain, ’sa tha eadar meinn neo-fheumail an iaruinn gun chladhach bho a mheinn nadurach agus cumaidhean spring chruaidheach uaireadir ag comharrachadh tiom ann an uaireadair le poncalachd a than ire bhi miorbhuileach? An urrainn neach air bith a bhian amharus ciod an diubhar faireachdainn a bhios eadar an duine ainmhidheil acolionadh oibir lathail anns an fhalaimheachd inntinn a bhuineas do bhithean neo-thoinisgeil agus esan a thag eutromachadh sgios na saothair le inntinn air a cleachdadh re fad nan amain feumail airson lasachadh bho oibir leis ciod air bith a chuir aire an sas theagamh an raoir, agus a tamh air an fhirinn mhor mhodhail a bhuainnaich e? Co am bith as sona dhiubh? Co dhiubh as coslaiche ri deanamh oibir leis a churam, an aire, agus an t-seoltachd as mo?

Co dhiubh as coslaiche ri bhi taitneach do na Bhith mhoir sin a thug dhuinn buadhan reusoin gun aobhar air bith eile ach a chum an aiteach; agus nach h-urrainn a bhi toilichte an fheadh a ta sinn atilgeadh air falbh a thiodhlaicean as taghte? Tha fhios agaibh ro mhaith gum bheil foghlum na bheannachd bu choir a shireadh, agus ma dhaidicheas sibhse gu h-onoireach, ceadaichidh sibh gur i an lunadaireachd sin a tha ro thricg anar buaireadh gu dail a chuir air deagh oibrichean, a thasan t-seadh so cuideachd acuir eis oirbh bho mhisneachadhur clainne ann am feitheamh aig sgoil, agus aleigeadh leo fas anaird anns an staid aineolais sin a tha chane mhain na pheacadh ach na mhasladh don duthaicham bheil sibhthamh.

Chane foghlum gidheadh a chrioch ach na meadhonan (oir sin ris an abrar gu cumant foghlum tha e ann an aithghear gun luach), afosgladh agus a meudachadhar n-inntinnean, ag ionnsachadh maitheas iongantachar Cruathaighear thoirbheartach, ameudachadh ar taingealachd airson uile chaoimhneas, ’ga n-ar deanamh comasach gu bhi feumail dor cochreutairean, agus gu colionadh nis iomlaine na ruintean glic ud airson an robh sinn ar n-ar cruathachadhSiad so na criochan air am feumar ruigsinn le meadhonan an fhoghluim.

[250]
[251]

Tha na h-uile fhoghlum air an drainig an duine a bfhoghluimte bha riamh ann gun fheum mur dean e sinn nis fearr ann ar daimhealachdan mar pharantan, chlann, chompanaich, mhnathan, ’an aithghearr mur ionnsuich sinn a chuir an cleachdadh ann an seadh as lana, reachd luachmhoir sin a chreidimh chriosdaidh, “Gradhaich do choimhearsnach mar thu fein;” ach gur coir do gach aon aig am bheil toinisg fhallan ruigsinn air a chrioch so le deagh fhoghlum, tha e cho chinnteachsa tha gum bheil sinn ann. Agus na saoilibh gum bheil so aluidhe nis lugha ris a chuid bhoirionn natha e ris a chuid fhirionn deth n- ’ur clann; oir ma tha eadar-dhealachadh air bith ann, tha e na luidhe am fabhar a cheud chuid dhiubh a cbionn gur ann air cumhachd mhnathain a tha an crochadh araon sonas beathteaghlaich agus fonn cliu righeachdail nis mo na air na h-uile aobhar eile air an cuir cuideachd. Tha sinn air n-ar stiuradh bho na chreathail gus an uaigh leis na drughaidhean a tha mathair acuir air ar naoidheanachd, agus sin museil aig athair (ge-air-bith cho chiallachus cho deigheil sa tha e) cumhachd a dheagh ruintean a dhrughadh oirnn. Faodar eisdeachd ri comhairl athair le deoin, ach chan urrar cuir an aghaidh deagh eiseimpleir mhathair air a dheagh ionnsachadh, agus ann am beath na h-oigenuair a the an cliu agabhail cumadh cha bhiodh searmonachadh aingeil ach mar neo-ni dha. Cuimhnicheadh a leithids air am bheil eagal roimh fheachd-imeachd na tuigse ann am firionn no boirionn gun robh clodh-bhualadh bho chian bheagan linnean ann an cainnt ginealach shaobh-chrabhach air ainmeachadhinnleachd dhubh,” agus iarram orra-san air am bheil an eagal so, fheuchainn dhomh an reuson airson am biodh fear-ceirde ni bu neo-dhichiollaiche de bhrigh e a bhi cho ionnsaichte ri Neuton. An ceart aghaidh sin tha mi acuir an ceill nan robh ar n-uile shluagh cho soillsichte, cho chomasach air reusonchadh rir daoine as mo foghlum dhfhaodadh sinn a reisd duil a bhi againn ri tomhas de dhiomlanachd inntinneilus lamh-ghleusachsa tha fathast neo-aithnichte; oir co an sin a chuireadh an gniomh na h-amaideasan ud a tha a nis nan aobharan mi-sheilbh do na chinneadh dhaoine? Co a bhiodh ciontach a eucoirean a tha a nis ach beag gu cinnteach a coinneachadh ri peanas eadhon anns an t-saoghal so? No co a reisd a bhiodh aineolach air na doighean as measaile air deanamh a ghnothaichean? Agabhail oirnn a leithid de staid foghluim agus air lorg sin gliocas a bhi ann, bhiodh olc neo-aithnichte, agus gus am bi e air a dhearbhadh gum bheil aineolas na bheannachd, gur iad a mhuinntir as foghluimte buill chomuinn as measa namhuinntir as aineolaiche, na

[252]
[253]

biodh neach air bith sasaichte leis na fhuair ar n-inntinnean de dheolas, no sguir do chleachdadh gach uile dhichioll airson a shliochd fhoghlum gu ceart.

Asaoilsinn gum bheil feumalachd deagh fhogluim air a dhearbhadh oirbh, gun dfheithur clann air sgoil naoidhein, agus an deigh sin air sgoil chlainne as seana, gun robh iad air an toirt air an aghairt cho fada anns na caochladh mheoir teagaisgsa tha feumail airson gnothaichean na beatha so airson an do chomharraicheadh iad. Am bheil sibhse asmuaineachadh gum bheil e neo-fheumail air n- ’ur son-sa mar pharantan earrainn air bith a ghabhail ann am foghlum modhail? Am bheil sibh asmuaineachadh gun drinn sibh gu leoir le cuir a mach paidheadh sgoile, agus nach eil ni-eigin fathast air iarraidh dhibhse don robh sliochd air a thoirt for curam le an Cruthaighear? Am bheil sibh asmuaineachadh nach faodur clann, eadhon an deigh na h-aithntean as fearr a bhi air an ionnsachadh, dhol an cunnairt truaillidheachd bho eisempleirur droch chleachdaidhean fein? Ma ni sibh miodal ribh fein gun urrainur droch bheusan a bhi folaichte bhour teaghlaichean, cha robh sibh a riamh nis mo air n- ’ur mealladh. Tha a bheothalachd breithnichidh a tha ann an clann gu nadurach afaicinn troimh na mhealladh leis am bheil sibhse ag oidhirpeachadh airur truaillidheachdan fholach. Mase leis na briathranna dean goidannur beul, gun ruig sibh thar a choir annur bargainean, ma ni sibh feum deth ni sam bith nach leibh fein, no ma ghabhas sibh cothrom no buannachd mhi-dhligheach de shimplidheachd mhuinntir eile, tha sibh gu cleachdail ateagasgur clann a bhi mi-onoireach. An urrainn sibhhse duil a bhi agaibh gum bi aca-san oillt roimh mhisg ma chi iad sibh deigheil air deochan laidir, no ma gheibh iad gum bheil leusgeul air a dheilbh le an athar airson gairm aig tigh-osdasa choimhearsnachd, agus gun labhrar mu dheighne an drama mhallaichte mar chusbair toilichidh? Ma mhisnicheas sibhur leanabh le geallaidhean caoimhneil gu aideachadh coire, agus an deigh sin a pheanaschadh, nacheil sibh gu cleachdail ami-mhisneachadhfhirinn? No ma chumas sibh mar ghnath-fhocal nach coir ni air bith innseadh as urra dolaidh a dheanamh dor buannachdan fein, agus ma chiur leanabh ni air bith neo-iomchuidh air a dheanamh, agus gun abair sibhse cuimhnich nach h-innis thu e, air neo bithidh tu air do pheanaschadh, an urrainn sibhse a bhin duil nach dean e breug ge be uair a fhreagras e do dheanamh mar sin a ruintean fein? Ma tha sibh neo-stuaim annur cainnt, ro smachdail air a mhuinntir

[254]
[255]

as ilse inbhe na sibh fein, no uaibhreach riu-san as airde inbhe, am bheil e gu bhi air a shaoilsinn nach truaill sibhur muinntir bheaga, ’snacheil sibh apronnadh anns a ghucag an t-seimheachd sin, a chaomhalachd sin, agus a charthannas sin a tha nan comharradh eadar-dhealaichte air fior chriosduidh?

Chaneil mi atilgeadh oirbh sibh bhi mi-onoireach, no gur caomh leibh a bhi og ol dhramaichean a tha cho maith air aithris: —Thamhisg acuir a mach an reuson, acuir ghalairsa chorp, alasadh na fola, amilleadh na cuimhne, na bana-bhuids do na mothachaidhean, na deamhain do an anam, na bana-mheirleach do na sporan, na bana-chompanach don deirceach, na h-an-aoibhin do na bhean, na bron do na chlann, na dealbh bruid, na fein-mhurtair, a the ag ol do shlaint mhuinntir eile, agus amilleadh a shlainte fein, cho maithsamilleadh sonas nam muinntreach bu choir da a dhion, a ghradhachadh, agus altrum. Cha mho a the sibh ciontach de dheanamh bhreug agus de dhroch bheusan eile ann an tomhas gle mhor, ach tha miradh gum feum sibh an t-iomlan a chuir uaibh mur maith leibhbhiguilan air n- ’ur gualainnean, a tha cheana luchaichte, peacadh treoraichidhur clainne gu peanas bith-bhuan.

Gum bheil staid an t-shluaidh afas nis siobhalta, gum bheil an creideamh criosdaidh gach las gach bliadhna a meudachadh a chumachd ann an ciuneachadh, mureil asgrios n-ar tograidhean as measa, gum bheil sith agus deagh-ghean a gabhail an airde a bha roimhan seilbh dioghaltais le cogadh, agus a chuid uamhasan, the e gun amharus fior; agus an cuir sibhse ma ta an aghaidh ruintean Dhe le suidheachadh a leithid a dheisempleir do n- ’ur clannsa bhacas an t-ath-leasachadh sin a dhfhaodas sibh a chuideachadh air aghairt, nom bheil sibh gu aicheadh dhoibh am foghlum sin air am feum iad so uile a bhi suidhichte? Tha mi gu dianan dochas nacheil, mo chairdean, agus dhoibhsan ris am bheil air earbsaur teagasg diadhaidh-sa, tha mifagail oibir sparraidhnis mo nas urradhomhsaam feum a tha air deadh eisempleir le parantan gu deanamh cinnteach toradh sona bho shochairean an fhoghluim.

Tha da ni araidh cocheangailte ri diadhachd agus modhalachdan, a tha cho dluth air am figheadh maille rir sonas saoghaltsgun imir mi, roimh chodhuineadh, beantuinn gu h-eutrom orra. Tha miciallachadh smugailgeadh no cis-sheachnadh, agus posadh luath mhi-chiallach, agus tha iad araon, tha mi doilich, annur cleachdadh-sa, mo chairdean, ann an tomhas ro mhor. Nacheil sibh ag aideachadh gum bheil sibh ceangailte gubhi umhailt do na laghan a thaan aghaidh

[256]
[257]

smugailgeadh cho maith ri uile laghan eile dhaoine, a reir earail an Abstoil, 1 Peadar ii, 13 14, “Umhailtichibh sibh fein do gach uile ordugh dhuine air sgath an Tighearna,” agus, Rom. xiii, 7, “Thoiribh, air an aobhar sin, do na h-uile an dlighean; cis dhoibh-san dom bheil cis dligheach,” anns an reachd sin lean an t-abstol a Mhaighstir Diadhaidh, a dhorduich do na h-Iudhaich aThoirt do Chesar na nithe bu le Cesar,” Mat. xxii, 21. Agus nacheil laghan ar duthch-ne air am briseadh leis gach smugailear, co dhiubh a tharruingeas e uisge-beath annur creagansur mointichean, no ghiulanas e an t-opium mhi-laghail do China, an Iompair neamhaidh, mar a theirear rithe? Nacheil cursa an smugaileir na cursa mhealltaireachd, ’us dheanamh bhreug, agus mheirle, anns an t-seadh as treise de na focail so; mealltaireachd, do bhrigh gum bheil e a gabhail air taisbeanadh onorach, an fheadh a ta fhios aige gum bheil e fein na chiontach, —deanamh bhreug, do bhrigh nach dana leis an fhirinn aideachadh, agus a ghniomhairean dorchadais fhoillseachadh, —meirle, do brigh gum bheil gach tastan a bhuannaichear leis a mhalairt mhallaichte so atoirt rud-eigin bho phocaid gach duine onorach a tha cuideachadh le cis uireasbhuidhean na Staide. Ciod na h-uamhasan a reisd a tha smugailgeadh ataisbeanadh ann am beachd mhodhail? agus gidheadh chan eil iad nis mo na an call a tha e a deanamh air n- ’ur buannachdan shaoghalta fein.

Cha chiallaich mi an so a mhalairt mhi-laghailsa chumantas, ach iarram oirbhse a chochuir anns a chuis as fosgailte dour n-aire fein, tarruing uisge-beatha. Seallaibh mun cuairt, agus coimeasaibh aite taimh an smugailear ri aite taimhe a nabaidh as onoraiche agus as dichiollaiche. Nacheil sibh afaotainn eadhon annur dlu choimhearsnachd, mases gum bi air fortan faoiltre seal, gur ann a chum a ghruaimean a dheanamh nis cruaidhe an deigh sin? Nacheil aonan ceud a mhaireas beo gu mealtuinn a bhuannachdan mhi-onorach? no ma mhaireas, gun teid e sios a dhionnsuidh a chlainne le mallachd, atoirt mi-shealbh a chum gach uile a ghabhas iad os laimh, agus adearbhadh firinn an t-sean-fhocailGur e onorachd an steornadh as fearr.” Cait am bheil luchd-aitich uair-eigin shona Sthrath-bhrain a dhionaltair re fada cheudan bliadhna an treudan ann an sith gus an deach smugailgeadh coslach ri plaigh a steach, agus an do sguab air falbh chan emhain an cofhuirtean, ach an sluagh fein,

title1
internal date1838.0
display date1838
publication date1838
level
reference template

Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p

parent textFoghlum, Modhalachdan, &c.
<< please select a word
<< please select a page