[1]

I

NA BANA-MHARAICHEAN

AG ULLACHADH AN ÈISG

(1) Ga smocadh

Chaidh sinn anns amhadainn, aig h-ochd uairean sa mhadainn gu yard Patterson. Bha Patterson acreic an t-iasg, gabhail an t-iasg bho na daoinibh is creic e ruinn. Agus thiginn dachaigh is bheirinn na cinn diubh agus an cnàimh asta agus dhèanainn spealltagan. Is rèist, shaillinn iad, smocaigeadh iad, cur air spitachan iad, smocaigeadh gu uair sa mhadainn is uair sa mhadainn. Sa mhadainn, a-rèist, dhèirinn, rachainn mach gus an kiln, bheirinn an t-iasg do na spitachan agus chuirinn anna mo sgùil iad, rachainn gu Inbhir Pheofharain leotha. Rachainn, nis, a-null ag iarraidh an t-iasg agus bhiodh an t-iasg air am bid. Corr uair bhiodh iad gu daor, corr uair eile cha bhiodh iad cho daor. Thiginn dachaigh, bheirinn na cinn bhuatha is ghlanainn iad agus spealltainninn iad, chuirinn salainn orra, thogainn air spitachan iad agus smocaiginn iad. Agus bhiodh uair sa mhadainn ann mum biodh iad deis, a rèir aghaoth. A-rèist sa mhadainn, rachainn mach sa mhadainn, bheirinn do na spitachan iad, chuirinn san sgùil iad, rachainn air falbh dhInbhir Pheofharain a chreic iad.

Nis, dar thigeadh fagais air aChallainn, bhiodh an t-iasg cho daor nach burrainn duinn dhol a chreic e. Corr uair rachadh e air am bid, bhiodh am bid cho cruaidh gum biodh iad fagais air còig notachan am bogsa, na h-adagan aig abhliadhna ùr. Agus bha aon diubh bidigeadh airson ceithir no còignear diuinn [dinn] .


[2]

Agus nis, dar bhiodh iad cho daor is iad air am bid is h-uile , is sinn air na sàrachadh [air ar sàrachadh] , agus bàbhaist duinnbu chaomh liuinn [linn] dhol a-mach aig aChallainn airshon is gum faigheadh sinn rudeigin bheireadh sinn dachaigh, aiteal a ruigeadh na cridhe [ar cridhe] agus cake mòr, brèaghabheireadh sinn dachaigh e. Ach nis, dar nach fhaigheadh sinn iasg, bha sinn deis agus chuireadh an sa air abhid e agus chanadh i, ‘An rud nach tig steach air a’ hurdy-gurdies, thig e steach air am merry-go-rounds!’

(2) Ag obair aig an taigh

Bha mi faighinn an t-iasg Diluain. Bha mi, nis, cur ceart [.i. ag obair air an iasg] Diluain ach an tigeadh e uair sa mhadainn is uair sa mhadainn. Bha agam, nis, aig còig uairean sa mhadainn ri èirigh a-rithist agus na spealltagan thoirt às an kiln, lìonadh mo sgùil. Rèist, thiginn steach, dhèanainn aiteal biadh. Bha agam ri dhol gu Patterson airson iasg bheireadh an ath- mi. Mar sin bha mi dèanadaich.

Bha mi glè mhath dar bha mo mhàthair beò ach bha mi air mo mhurt dar chaochail i: bhiodh h-uile feitheamh rium dar thiginn dachaigh. Bha i aig muinntireas is, nis, thàinig i dachaigh is bhiodh i dèanamh an t-iasg domhse. ’S i thog Doilidh, chan e mise. Cha robh Doilidh faicinn mise ach air an t-Sàbaid. Bha mi ag obair. Cha robh tìm agam a choimhead rithe.

*

Ò, dhfhimireadh tu thoirt na cinn is an guts às an t-iasg is a spealltadh is a ghlanadh is a shailleadh agus, rèist, chur anns am bothan, làn am bothan. Bha mi agam fhìn, bha mi dèanamh h-uile mi fhìn – [gun] neach, body, air an t-saoghal. Ach bha am màthair [Leugh a’ mhàthair] aig John, bha sinn mar phiuthar. Bhiodh an coire goil dar thiginn dachaigh. Agus dhèanadh i h-uile ach cha do bhean i ris an t-iasg riamh: cha burrainn di dhèanamh.


[3]

Bha mise faicinn aig feadhainn eile e ged nach drobh mi dol mach le sgùil. Dar phòs mi bha mi faicinn e. Chunnaic mi spealltagan nàbaidhean, an fheadhainn bhiodh dol mach leis an t-iasg timcheall seo fhèin. Cha drachadh iad air trèan ach an rachadh iad a chreic e anns aMhanachainn is àitean mar sinPortmahomack, an t-àite nach d’ robh iasg.

(3) Pollaich a bha mar magenta

Chaidh mi aon chuairt gu Inbhir Pheofharain agus fhuair mi hundredweight a phollaich geal agus dhfhalbh mise mach sa mhadainn. Agus bha eoidhche Disathairne a bha ann agus chuir mo mhàthair cover dearg air uachdar na pollaich. Bha iad air an sailleadh againn airson dhol mach a-rèist Diluain leotha. Agus thàinig air an t-Sàbaid ach uisge, làn an saoghal a dhuisge! Aguss ann a chaidh an dath aig an cover dearg anns an t-iasg. Is dar chaidh [mi] mach sa mhadainn riutha [thuca] air Diluain: ’s ann bha iad mar magenta, a bheil thu cluinntinn?

Siud a dhfhalbh mi. Cha robh fhios agam bho Dhia dhèanamh leotha. Siud smocaig mi iad is chunnaic mi achiad fear bha feitheamh rium, an signalman an Inbhir Pheofharain. Thuirt e,

A bheil pollach brèagha agad domh?’

Tha,’ thuirt [mi] , ‘gu dearbh!’ – Bha iad cho dearg ris an fhuil. Is thuirt e,

bhios sin domh?’

Tha, leth-chrun.’

Is thug mi da am pollach. Nis, chreic mi na pollaich uile, sgùil mòr iasg do phollaich. Nis, bha caileag anns an restaurant an Inbhir Pheofharain is thuirt mi rithe,

An fhaca thu— ?’ ’S e signalman bha anns an duinean tug mi an as miosa uile gu lèirbha i cho dearg! – is thuirt mi ris an sa, ri Teeny,

An fhaca thusa an signalman an-diugh? An fhaca thu idir e?’

Chunnaic, bhail tha e shiòs sin.’


[4]

Teaghlach às na bailtean-mara agus an t-iasg ri tiormachadh

Isbeil Anna adeasachadh nan spealltagan agus atadhal oirre.


[5]

Ò uill,’ thuirt mi rium fhìn, ‘dar nach eil eise marbh, chan fheagal don fheadhainn eile!’

(4)A’ smocadh iasg le seann bòtan

Davina? Fuirich ach an innis mi dut airson [mu dheidhinn] an sin. ’S e ceann-an-aghaidh innseas e! Dar thàinig i an toiseach, thòisich i dhol a-mach leis an t-iasg, aguss e an duine bha dèanamh an t-iasg ach bha ise creic e. Agus nis, bha mise dol riamh gus an taigh sa ann am Baile Dhubhthaich, creic an t-iasg leis an sa. Agus dar thàinig abhean-uasal thugamsa, thuirt i,

Mrs MacAngus, tha thu smocaigeadh an t-iasg leis?’

Le tuirceanan agus fiodh cruaidh agus sawdust,’ thuirt mi rithe.

Eadh,’ thuirt i, ‘bha seo agus bha i bruidhinnbhuineadh i do Obar Dheathain air rathadeigin,’ thuirt i. ‘Bha i cantainn gur e seann bòtan bha sinn cur anns na h-òcrachan.’ Bòtan, smaoinich!

Fuirich thusa! Fhuair mise i aig abhus.

Thuirt mi rithe,

Mistress Woods, tha an duine agad dèanamh smocaigeadh an t-iasg?’

Ò, Thighearna, chan eil nichein aig an duine agamsa. Tha e cur an dath air.’ An dath! ’S e sin bha dol dhèanamh an t-iasg aice, cur an dath air.

Agus thuirt an duine aig a’ bhean [-uasal rithe] ,

Chan eil fhios agamsa. Cheannaich thu spealltag an sin is thug thu domhse i. Chan e bho Mistress MacAngus fhuair thu an spealltag sa.’

À, bha an sa,’ arsa ise, ‘tighinn gus an doras. Bha nàire orm is thog mi na dhà, aon domh fhìn is aon dut fhèin.’

Ma-thà, gabh thusa mise air gur e an dath tha orra. Chan urrainn domhse ithe sin.’

(5) A bhean nach d’ robh giùlan

Bha sinn aon chuairt an Edderton ag iarraidh tuirceanan agus dar


[6] bha sinn ag iarraidh tuirceanan thàna ach stoirm mòr. Is cha burrainn duinn fuireachd anns achoille le cho dona is bha an stoirm: sneachd is uisge is sneachd! Agus bha triùir againn ann. (Tha an dithis marbh nis.) Agus bha sinn sin agus aon do na boireannaich bha còmhla rium, ’s e bàrd [.i. èibhinn] a bha inntegheobhadh tu gàirechanadh rud sam bith thigeadh à ceann, cha robh diofar aice.

An duine a chuir sinn gu Edderton, thàinig e, nis, ag iarraidh sinn, smaoineachadh, nis, gum biodh tuirceanan againn no .

Thuirt e, ‘Lord! You dina do any tuirceans. How am I going to charge you?Agus thuirt an diabhal sa, Bellag,

Ò, cha burrainn duinn tuirceanan no rud eile a thional. ’S ann bha leanabh dol bhith aig an sinanns achoille.’

Ò, Thighearna,’ arsa an duine, ‘bithibh tighinn air ais ach an tèid i còmhla ruinn!’

Eadh, dhfhalbh e, nis. Thàinig sinn dachaigh agus chuir an duine eadar na dhà no thrì phocan bha falaimh ann, chuir e am boireannach na shuidhe [Leugh na suidhe] . Thuirt e ri Mistress Mackay,

Dèan thusa suidhe sin!’

Agus cha robh i tuigeil gun robh e cur pocan is dèanamh blàth i. Dar thàinig i gus an duine [aice fhìn] air cùlaibh an taigh sin, thuirt an duine rithe,

fo Dhia tha cur bhuat?’ arsa eise. ‘Tha thu làn [.i. air do chòmhdachadh le] pocan tuircean is chan eil tha na pocan falaimh. tha ruibh?’

Ò!’ thuirt MacAoidh, am fear. ‘Ò,’ arsa eise, ‘nach eil fhios agadsa,’ arsa eise, ‘gun drobh cloinn dol bhith aice?’

Thighearna,’ arsa eise, ‘cha dchuala mise do sin [de sin] aice.’

Chan eil mi tuigeil sin,’ thuirt an duine.

Bha fhios aig an duine gur breugan a bha i cantainn. Ò, God! cho dona is a bha i! ’S ann a thuirt i gur e cloinn a bha dol bhith aig abhean. Cha robh fhios aig an duine bochd a bha leis an càr nach e an fhìrinn a bha ann. Agus Bellag an donais! Ò, bha i gu dona.

titleAg Ullachadh an Èisg
internal date1982.5
display date1967-83
publication date2007
level
reference template

Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p

parent textI. Na Bana-mharaichean
<< please select a word
<< please select a page