A’ CREIC AN ÈISG
(6) An adag gun spot
Bha mise aon chuairt an Inbhir Pheofharain creic iasg. Agus dar bha mi creic iasg, thàinig an tè sa ag iarraidh iasg is cha b’ àbhaist di thighinn thugamsa. B’ àbhaist di dhol gus na Crombaich. Is thuirt i rium,
‘Thoir domhse aon mhòr, bhrèagha. Chan eil diofar agam dè phàigheas mi air a shon.’ – A bheil thu cluinntinn?
Is thug mi sin di is thuirt i rium,
‘Chan e adagan thug thu domh. Chan e adag thug thu domh. Chan eil spotachan air.’
‘Ò, Thighearna,’ I said, ‘cha robh tìm aca spot a chur air h-uile one.’
(7) Na muirceanan
Bha mi creic iasg ann an Inbhir Pheofharain agus thàinig an duine-uasal sa thugam is chunnaic e muirceanan – agus dar bha an craicinn diubh bha iad mar salmon. (Is bha iad fasta ris na creagan; bha boineid orra.) Agus a-nis, dar a chunnaic e an fheadhainn sa anna mo sgùil-sa thuirt e rium,
‘What’s that?’
‘Rock turbot.’
Anns an t-seann tìm bha an t-iasg anns a’ gheamhradh uamhaidh duilich fhaighinn. Cha robh sgoth dol a-mach leis an droch aimsir – gaoth is uisge is gaoth is uisge uile ann – agus bha na càrnairean a-muigh. Chaidh mi sìos gu ceann an t-sràid agus fhuair mi poc muirceanan. Bha bicycle agam agus chaidh mi gu Baile an Todhair is fhuair mi poc eile sin is rinn mi filletigeadh iad agus chaidh mi gus an t-Srath leotha.
Dar ruig mise, thuirt e,
‘Dè tha thu ag iarraidh airson iad? Dh’ith mise na ceithir is, Ò, bha iad beautiful.’
Agus thuirt e rium,
‘An dèan sin fòghnaidh dut?’
Thug e còig notachan domh is cha do phàigh mi nichein airson na muirceanan – agus còig notachan a dhèanamh às! Agus innsidh mi sin dutsa, bha mi ann am flathanas leis na còig notachan.
title | A’ Creic an Èisg |
internal date | 1982.5 |
display date | 1967-83 |
publication date | 2007 |
level | |
reference template | Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p |
parent text | I. Na Bana-mharaichean |